Tha BBC ALBA a’ taisbeanadh pailteas de phrògraman thar àm na Nollaige agus na Bliadhna Ùire le clàr de shàr phrògraman bhon taigh agus bho air feadh an t-saoghail.
Tha Seòid a’ Chidsin air ais! Tha na Seòid a’ còcaireachd a h-uile rud a dh’iarradh tu ann an dìnnear na Nollaige ach le tionndadh sònraichte Gàidhealach air cuid de na cùrsaichean – gu h-àraid an Yule Log!
Tha Alleluia na Nollaige, air a lìbhrigeadh le Iain MacFhionghain, a’ comharrachadh leughaidhean agus laoidhean na Nollaige. Cluinnear bho Alasdair Whyte, Mischa Nic a’ Phearsain agus bhon chòmhlan a chaidh a stèidheachadh gu sònraichte, Caireall.
Còisirean gu leòr ann an Eurovision Choir Gothenburg 2019, le sgeulachd chòisir Alba a bha a’ co-fharpais son a’ chiad uair ann an Gothenburg am-bliadhna.
Ann an Macleod MP/Maclean KGB tha Cathy NicDhòmhnaill a’ sealltainn dè threòraich an dithis gu slighean cho fad’ o chèile. Rugadh Dòmhnall MacIlleathain agus Iain MacLeòid san aon bhliadhna ann an 1913. Dithis le freumhaichean sna h-eileanan a chaidh gu oilthigh Chambridge, ach sin far a bheil na comasan cha mhòr a’ tighinn gu crìch.
Ann an Sgoil nan Sagart/Priest School, gheibhear sreath de thrì prògraman a’ leantainn Raghnall Caimbeul à Beinn nam Faoghla a tha anns a’ bhliadhna mu dheireadh de chuid oideachaidh airson na sagartachd ann am baile eachdraidheil na Ròimhe. Aig deireadh na bliadhna-sa, cuiridh Raghnall a chùl ris a’ Ròimh, thèid e dhachaigh dha na h-Eileanan agus thig e a-mach mar shagart.
Às dèidh pòsadh ann an Uibhist a Deas aig deireadh 2018, chaidh Gemma Steele, a choisinn duaisean airson a h-obair dhaonnachd, agus an duin’ aice Sean MacFhionghain, air turas shònraichte aig toiseach 2019 airson beannachadh pòsaidh le a teaghlach eile ann an Kenya.
Tha 2019 a’ comharrachadh 130 bliadhna bho chaidh am Moulin Rouge a stèidheachadh. Bidh Cathy NicDhòmhnaill a’ leantainn triùir nighean Albannach a tha mar phàirt de dh’eachdraidh iomraiteach an taisbeanaidh chliùitich seo. Itean, grìogagan agus maise-gnùis – tha a h-uile rud san taisbeanadh seo, agus bidh Cathy na theis-mheadhan!
Ann an Curaidh na Coille/Birdman of Pollok, gheibhear sealladh air beatha Chailein Mhicleòid a thog fianais an aghaidh leudachadh an M77 tro cheann a deas baile Ghlaschu tràth sna 90an.
Ann an 1949, chaidh Millicent agus Sydney Richardson à Hertfordshire an Sasainn gu ruige Tolstadh bho Thuath, Leòdhas, airson saor-làithean an t-samhraidh a chur seachad còmhla rin sean-phàrantan. Cha robh iad ach òg is dh’fhalbh iad gun chead. Cha do cheannaich iad tiocaidean-siubhail sam bith, is ged nach robh aon inbheach còmhla riutha, cha deach an glacadh. Seachdad bliadhna às dèidh làimh, seo an sgeulachd iongantach nam faclan fhèin – Sgeulachd Syd Agus Millie/Two Go to Tolsta.
Tha FUNC air ais airson Oidhche Challainn le prògram ùr loma làn sgeidsichean luath is èibhinn. Bidh aoighean aithnichte a’ nochdadh is rudan air leth neònach a’ tachairt – dìreach mar a shaoileadh sibh bhon phrògram a ghlèidh duais RTS nas tràithe air a’ bhliadhna!
Agus bidh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire a’ tighinn beò à Talla Thobar na Màthar ann an Siorrachd Lannraig, còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach. Le Peat & Diesel, Mànran, Còisir Alba, Mairead Stiùbhart agus an Glenfinnan Cèilidh Band, lìonaidh sinn drama agus cuiridh sinn fàilte air deichead eile!
Agus chan eil cùisean a’ stad an sin! Air Là na Bliadhn’ Ùire, bidh rionnag BBC ALBA air cùl na cuibhle airson sreath ùr de cheithir phrògraman. Às dèidh Costa a Tuath 500 a dhèanamh, tha an craoladair Anne Lundon air ais air turas-rathaid shònraichte eile. Tha slighe Costa an Iar na h-Èireann an-diugh a’ tàladh dhaoine bho air feadh an t-saoghail agus gheibh Anne a-mach carson.
Cuideachd air Là na Bliadhn’ Ùire, gheibhear sgeulachd am Park Bar far am bi sinn a’ feuchainn ri faighinn a-mach carson a tha an taigh-òsta ainmeil seo a’ maireachdainn mar phrìomh àite cruinneachaidh nan Gàidheal ann an Glaschu.
Air 2 Faoilleach, bha BBC ALBA a’ cur eòlas air an teaghlach air cùlaibh Crodh Gàidhealach Àird Bhàin air eilean faisg air Uibhist a Tuath anns na h-Eileanan Siar. Tha am film seo a’ siubhal an cois Ena, a mac Aonghas agus a theaghlach thairis air bliadhna.
Bidh seann eòlaich a’ tilleadh thugainn san Fhaoilleach le An Lot, Farpaisean Chon Chaorach / Sheepdog Trials agus bidh sinn a-muigh an cois Ramsay ann an Mach à Seo!
Agus abair prògraman chloinne air BBC ALBA aig àm na Nollaige!
Tha BBC ALBA a’ taisbeanadh pailteas de phrògraman spòrsail chloinne thar àm na Nollaige le clàr a tha a’ taomadh le stuthan ùra airson an fheadhainn òga.
Air Là na Nollaige tha seudan sònraichte rim faicinn, nam measg tionndaidhean seunta de dh’obair Julia Donaldson – An Fhaochag agus a’ Mhuc-mhara agus Gleann na Mùmain.
Cuideachd chithear dà film bhon EBU, dràma chloinne agus prògram-aithris ghoirid air an dèanamh le Sorbier Productions à Glaschu, le maoineachadh bhon YACF, a tha air a ruith leis am BFI.
’S e dràma-comadaidh neo-àbhaisteach a th’ ann an Rùn, mu bhith ag èisteachd agus ag ionnsachadh. Chithear mar a tha saoghal balach òg, bodhar, a’ sìor atharrachadh ri linn caraid ceithir-chasach a tha toirt dha a’ chlaisneachd nach robh a-riamh aige.
Ann am Balach aig a’ Mhullach cuideachd bho Sorbier Productions gheibhear sealladh air leth air oidhirp balach sreap beanntan co-ionnan ri àrd Everest – beann as dèidh beann ann an Alba.
Bidh na prògraman seo cuideachd rim faighinn air iPlayer a’ BhBC bho 9m madainn na Nollaige, dìreach an dèidh na tiodhlacan fhosgladh!
Agus bhon Mhòd Nàiseanta Rìoghail tha cothrom ann airson teaghlaichean an cuid cloinne fhaicinn le cuid de stuth ùr bho bhuanaichean tachartas na Dàmhair.
Agus ma dh’fhuiricheas an fheadhainn bheaga an àrd anmoch gu leòr air oidhche Challainn, bidh na balaich fhèin, Peat & Diesel, a’ toirt a-steach na Bliadhna Ùire cuide ri rionnagan BBC ALBA Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach.
Thuirt Bill MacLeòid, Deasaiche Coimseanaidh BBC ALBA:
“Tha BBC ALBA a’ taisbeanadh cuid de na prògraman chloinne as fheàrr san t-saoghal. Le preseantairean òga, èasgaidh ann an stiùidiothan CBeebies agus CBBC thathas a’ gealladh fealla-dha thar làithean na Nollaige agus fad na làithean saora – an dà chuid air BBC ALBA agus air an iPlayer.”
Gheibhear tuilleadh fios mu na prògraman an seo
Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr bho BBC ALBA!