Tha Ramsay MacMahon ag innse mu na còig àitichean as fheàrr leis ann an Alba air thoiseach air sreath 7 de Mach à Seo.
Bho Cataibh gu na Campsies, bhon bhaile mhòr gu na Crìochan, bidh am preasantair Ramsay MacMahon gar toirt còmhla ris a-rithist air na tachartasan deireadh-sheachdain aige a’ rannsachadh Alba ann an Mach à Seo’, air a riochdachadh le Caledonia TV.
Tha Ramsay ag innse mu na còig rudan as fheàrr leis bho na tursan aige, a thaobh rudan ri dhèanamh is rudan ri fhaicinn.
1. A’ cìreadh na tràghad – Tràigh Naoimh Fionan – Sealtainn
‘S e cabhsair mòr gainmhich nàdarra a th' ann an tràigh an Naoimh Fionan le muir air gach taobh. Gu tric air a nochdadh air stuthan sanasachd Shealtainn, tha an tràigh bhrèagha nach bu chòir seachnadh. Tha Ramsay a’ toirt iomradh air ‘tràigh glòrmhor’ agus ‘àite nàdarrail iongantach’.
2. A’ feuchainn na ‘smokies’ – Obar Bhrothaig
Gnìomhachas teaghlaich den dàrna ginealach, chaidh Iasgaireachd Obar Bhrothaig a stèidheachadh ann an 1969, agus tha iad gu sònraichte a’ cruthachadh ‘Arbroath smokies’ no adagan slàn air an smocadh. Taghadh eile air liosta Ramsay, thuirt e: “Tadhail orra gus faicinn an t-iasg a’ smocadh, agus ceannaich e fhad ’s a tha e fhathast blàth. Tha e nas fheàrr nuair a tha e teth le tòrr ìm!”
3. Whisky Galore – Taigh-seinnse agus taigh- tasgaidh ‘Am Politician’ – Èirisgeigh
Tha Am Politician a’ faighinn ainm bhon eathar a chaidh a bhualadh – An SS Politician – air tìr far Èirisgeigh ann an 1941. Anns a’ bhàr, lorgaidh tu cuid de na stuthan a chaidh a shàbhaladh a chaidh a dhèanamh ainmeil anns an fhilm chlasaigeach Whisky Galore. Thuirt Ramsay: “Tha an gàrradh-lionn as fheàrr air a’ phlanaid aca, le sealladh air dol
fodha na grèine agus tha e cho faisg air an tràigh.” Tha an t-eilean làn eachdraidh, agus tha eileanaich fhathast a’ lorg botail bhon long-bhriste, le cuid dhiubh a chaidh a lorg an-uiridh nuair a ghluais fear a-steach do thaigh ùr!
4. Amar airson sròn-adharcach – Pàirc Safari Blàr Dhruiminn – Sruighlea
Thug ‘Dot’, an sròn-adharcach gràdhach, buaidh mhòr air Ramsay nuair a fhuair e an cothrom amar a thoirt dhi aig Pàirce Safari Bhlàr Dhruiminn, Sruighlea. Thuirt Ramsay: “Bha fios aice dìreach dè bha a’ tachairt. Às dèidh nan taobhan aice a nighe, thionndaidh i timcheall gus am b’ urrainn dhomh sgrìob bheag a thoirt don tòn aice cuideachd!”
5. A’ luasgadh a’ chlaidheimh-mhòir – Baile Meadhan-aoiseil Dùn Charran – Gleann Charran
Mu dheireadh, tha Ramsay air a’ Bhaile Meadhan-aoiseil Dùn Charran a chur air an liosta de na h-àitichean a dh’fheumar fhaicinn. Bidh Ramsay a’ tadhal an seo agus abair gur e turas inntinneach a th’ ann.
Chuir e seachad am feasgar ag ionnsachadh mar a nì e sabaid claidheimh còmhla ri Chick Allan. Tha Chick a’ nochdadh anns an fhilm Gladiator 2000, agus cuideachd tha e air ‘Combat International’ a stèidheachadh, a bhios ag ath-chruthachadh stoidhlichean sabaid agus coltas ghaisgich bho iomadh linn. Tha am Baile Meadhan-aoiseil na dhachaigh do acadamaidh trèanaidh airson a h-uile seòrsa sabaid, agus tha Ramsay air a chuir tro na ceumannan aige.
Tòisichidh an t-sreath ùr de Mach à Seo Diardaoin 21 Sultain air BBC ALBA. Bidh a h- uile prògram rim faighinn a-rithist air BBC iPlayer airson 30 latha às dèidh sin.