Preasantairean iomairt ionnsachaidh SpeakGaelic air an ainmeachadh
‘S iad na preasantairean BBC agus na rionnagan meadhanan sòisealta Joy Dunlop agus Calum MacIlleathain a bhios aig cridhe iomairt ionnsachaidh ùr, SpeakGaelic, a tha ag amas air daoine a thàladh chun a’ chànain.
Tha na goireasan ionnsachaidh ùra Gàidhlig SpeakGaelic inntinneach agus àrd-amasach a’ tabhann frèam-obrach farsaing airson na Gàidhlig ionnsachadh thairis air TBh, iPlayer a’ BhBC, BBC Sounds, an eadar-lìon, clasaichean aghaidh ri aghaidh, YouTube, a thuilleadh air meadhanan sòisealta eile.
Tha mòran luchd-amhairc BBC Scotland agus BBC ALBA eòlach air a bhith a’ faicinn Joy Dunlop, às a’ Choingheal ann an Earra-Ghàidheal, mar riochdaire na h-aimsir, seinneadair agus neach-conaltraidh air prògraman.
Thuirt Joy Dunlop: “Mar neach a tha air a bhith ag ionnsachadh fad-mo bheatha, tha làn fhios agam mun dùbhlan buadhmhor a tha an cois a bhith ag ionnsachadh cànan, agus mar sin, tha e air leth tarraingeach dhomh-sa a bhith mar phàirt de phròiseact a bhios a’ toirt air luchd-ionnsachaidh na sgilean Gàidhlig aca a chur gu feum thairis air taghadh cho farsaing de mhodhan ionnsachaidh. Tric, bidh daoine a’ faighneachd dhomh ‘dè an dòigh as fheàrr Gàidhlig ionnsachadh?’ ’S e tha cho math mu dheidhinn SpeakGaelic, gu bheil e a’ tabhann uiread de roghainnean dhut air mar a dh’ionnsaicheas tu, a’ ciallachadh gum faigh thu dòigh a tha a’ freagairt ort fhèin.”
Tha Calum MacIlleathain aithnichte air na meadhanan sòisealta airson a bhith ri cur seachadan air a’ bhlàr a-muigh, (leithid ‘dùbhlan nam meanbh-chuileagan’) agus bidh e a’ taisbeanadh ùidh ann a bhith a’ snàmh ann an uisgeachan na h-Alba anns a’ phrògram BBC ALBA Dhan Uisge.
Thuirt Calum, a bhios a’ cur pìosan bhon bhlàr a-muigh ri prògraman SpeakGaelic: “’S e urram a th’ ann a bhith a’ cur ri ionnsachadh dhaoine eile, agus a bhith a’ toirt orra tlachd fhaighinn às a’ chànan, gu sònraichte leis gur e àm air leth cudromach a tha seo a thaobh na tha sinn a’ tabhann dhaibh-san a tha airson a bhith nan luchd-labhairt Gàidhlig. Tha mi fìor dhèidheil air eòlas a thoirt seachad dhaibh-san aig a bheil ùidh ann, gu sònraichte leis gun urrainn dhomh a dhèanamh ann an dòigh a fhreagras orm fhèin, a’ fighe na Gàidhlig ris a’ bhlàr a-muigh. Tha an cànan, agus na tha cho tarraingeach mu dheidhinn do dhaoine, gu mòr stèidhte air an àrainneachd nàdarrach againn ann an Alba, agus mar sin ’s e ceum nàdarra a th’ ann an t-àm ri teachd airson ionnsachadh na Gàidhlig a bhith a’ tighinn às a sin cuideachd.”
A’ bruidhinn às leth bòrd pròiseict SpeakGaelic, thuirt an cathraiche Iseabail Nic an t-Sagairt bho MG ALBA: “Tha SpeakGaelic gu bhith mar an t-iomairt ionnsachaidh Gàidhlig as iomlan a th’ air a bhith ann fad ginealach. ’S e àm air leth inntinneach agus togarrach a th’ ann a bhith ag ainmeachadh gur iad Joy agus Calum – dithis phearsa tarraingeach agus làidir – a bhios a’ lìbhrigeadh nam prògraman. ’S ann dhaibh-san le ùidh ann a bhith a’ cleachdadh a’ chànain a tha SpeakGaelic; dhaibh-san a tha air tòiseachadh air ionnsachadh mar thà, dhaibh-san nach eil cho misneachail mun cuid comasan, dhaibh-san a tha gu tur ùr dhan chànan agus dhuinn uile a tha air turas ionnsachaidh fad-beatha. Tha sinn uile a tha sa cho-bhanntachd air ar dòigh glan mu bhith a’ cruthachadh nan cothroman seo tro SpeakGaelic airson a’ choimhearsnachd air fad an cuid Ghàidhlig a chleachdadh – #cleachdi!”
Faic www.speakgaelic.scot airson na naidheachdan as ùire agus clàradh an-àrd.