Tha MG ALBA agus am BBC air ainmeachadh gun tabhann BBC ALBA cruinneachadh de phrògraman às aonais fo-thiotalan air iPlayer a’ BhBC, a’ leantainn soirbheachas greisean deuchainn.
Ann an 2019 chaidh an t-sreath dràma aithnichte Bannan air fad a chuir air an iPlayer san dreach seo, agus tro Covid-19 tha goireasan foghlaim na seanail air a bhith rim faotainn san dòigh seo cuideachd. Togaidh a’ cho-bhanntachd air sin gus tuilleadh phrògraman gun fo-thiotalan a chur air an iPlayer.
Bidh seo a’ tabhann barrachd roghainnean do luchd-amhairc BBC ALBA fhad ’s a tha a’ cho-bhanntachd cuideachd a’ gabhail cheumannan a dh’ionnsaigh fo-thiotalan roghainneil tro ghoireasan teicnigeach, iPlayer a’ BhBC nam measg.
Thuirt Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt: “Tha sinn a’ sireadh fuasglaidhean air an iPlayer do luchd-coimhid gus a bheil roghainn aca fo-thiotalan a chur dheth an sin. San eadar-ama, faodaidh sinn iPlayer a’ BhBC a chleachdadh airson cruinneachadh de phrògraman gus barrachd roghainn a thoirt chun luchd-amhairc. Thathas ga chleachdadh aig an àm seo airson stuthan Foghlaim gus taic a thoirt do theaghlaichean tro Covid-19 ach bidh sinn ga chleachdadh airson stuthan eile às aonais fo-thiotalan cho luath ’s a ghabhas, mar a rinn sinn le sreath iomlan Bannan ann an 2019.”