Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Prògram spòrs nam ban ùr didseatach gu bhith aig BBC ALBA

17 Lùnastal 2020

Iona Ballantyne - 360

Thèid boireannaich spòrs na h-Alba agus an cuid sgeulachdan cumhachdach a thaisbeanadh anns a’ phrògram, agus bidh e ri fhaotainn an dà chuid air YouTube BBC ALBA agus air làrach-lìn a’ BhBC.

Tha BBC ALBA ga shònrachadh fhèin mar dhachaigh spòrs nam ban ann an Alba, agus tha am prògram, 360, a’ riochdachadh tuilleadh ion-ionmhas luachmhor a thaobh craoladh spòrs nam ban ann an Alba.

Tha am fiosrachadh seo a’ tighinn goirid às dèidh dhan t-sianal aontachadh dùblachadh a dhèanamh air na bhios ri fhaicinn de lìog bhall-coise nàiseanta nam ban ann an Alba, ann an aonta le Scottish Women’s Football.

Thèid a’ chiad earrann den t-sreath ùr a chur air bhog air Diardaoin, 20 Lùnastal aig 8f.

’S i Iona Ballantyne a bhios aig stiùir a’ phrògraim, agus ’s ann air prìomh spòrs BBC ALBA – ball-coise, rugbaidh, agus iomain as motha a bhios am prògram a’ coimhead.

Thuirt Iona (26) à Glaschu; “Tha e air leth math a bhith an sàs sa phrògram ùr adhartach seo bho BBC ALBA, a’ chiad phrògram de leithid ann an Alba.

“Bhiodh m’ athair gam thoirt fhèin is mo phiuthar gu geamannan ball-coise nuair a bha sinn na b’ òige, agus mar sin tha mi a-riamh air a bhith dèidheil air spòrs.

“B’ àbhaist dha bhith gam thogail shuas gus suidhe air an rèile, agus bha triop ann nuair a thug cluicheadair dhomh am bàla gus a bhualadh air ais thuca le mo cheann, agus mar sin tha cuimhneachan snog agam bho m’ òige. Tha cuimhne ’am air dealas m’ athar do spòrs, agus chan fhàg sin mi gu bràth.

“Tha mi ’n dòchas gun toir 360 breab dha spòrs nam ban ann an Alba, gum faigh e an ùrlar air a bheil e airidh. Tha atharrachaidhean a’ gabhail àite an-dràsta gun teagamh, agus tha e mìorbhaileach a bhith mar phàirt den sin.”

Bidh 360 a’ comharrachadh an tàlant anabarrach a tha ann an Alba agus nas fhaide air falbh, agus a’ togail air cùisean an latha an-diugh.

An lùib a’ phrògraim, bidh agallamhan ann leis na h-ainmean as motha ann an saoghal spòrs nam ban Albannach, criomagan sònraichte agus sùil air cùl nan cùirtearan.

Anns a’ chiad earrann de 360, gheibhear sùil air Glasgow City agus an gèam a tha air thoiseach orra an aghaidh Wolfsburg anns a’ chairteal-chuairt dheireannach den UEFA Women’s Champions League. Thèid an geama sin a shealltainn beò air BBC ALBA Dihaoine 21 Lùnastal – an latha às dèidh a’ chiad earrann de 360.

Gheibh an luchd-amhairc facal bho Angel City, an sgioba ùr National Women’s Soccer League (NWSL) ann an Los Angeles, agus an sgiobair à Afraga a Deas Janine Van Wyk.

Aig baile ge-tà, gheibh Iona a-mach mar a tha clubaichean SWPL air a bhith ag ullachadh gus faighinn air ais a chluich agus còmhla rithe san stiùdio bithidh Gemma Fay, a bha na cluicheadair-gleidhidh do dh’Alba agus a tha a-nise os cionn boireannaich agus caileagan aig Scottish Rugby.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair MG ALBA, a tha na chom-pàirtiche air an t-sianail: “Tha sinn moiteil a bhith a’ neartachadh ar cuid susbaint a thaobh spòrs nam ban ann an Alba le 360.

“Cuiridh am prògram seo taobh beairteach eile a fhreagras air an t-susbaint fharsaing a thaobh geamannan beò na seanail, agus tha sinn gu mòr airson ’s gum bi daoine air an tàladh thuige.

“Tha àireamhan luchd-amhairc a tha a’ cleachdadh ùrlaran didseatach a’ sìor dhol am meud, a’ gabhail a-staigh YouTube, agus tha sinn gu math toilichte a bhith a’ priobrachadh barrachd susbaint spòrs nam ban anns an riochd seo.

“Tha 360 a’ toirt dhuinn cothrom inbhe spòrs nam ban àrdachadh, agus dearbhadh gu bheil susbaint BBC ALBA air ùrlaran didseatach, le stuth iomchaidh aig sàr ìre.”

Tha 360 ri fhaicinn air YouTube (YouTube.com/bbcalba) agus air làrach-lìn a’ BhBC aig bbc.co.uk/alba360.