Chaidh farpais nam filmichean goirid Gàidhlig, FilmG, a chur air bhog le aodann aithnichte bho shaoghal nam meadhanan Gàidhlig, a’ toirt seachad comhairle, cleasan, agus fiosracahdh mu chur a-steach airson farpais na bliadhna-sa ann am prògram a chaidh a shruthadh beò air loidhne.
‘S i neach-lìbhrigidh prògram ath-cleachdaidh BBC ALBA Dreach Ùr Shona Masson a bh’ aig stiùir an tachartais YouTube, anns an robh seisean Q&A bho sgoilearan a tha an dùil pàirt a ghabhail anns a’ cho-fharpais, sùil air ais air an cuid as fheàrr bho FilmG sna bliadhnaichean a chaidh seachad, agus foillseachadh ìomhaighean air leth brèagha airson cuspair na bliadhna-sa.
Tha 2020 air a bhith na bliadhna gun shamhla, agus bha aig cuspair FilmG na bliadhna-sa ri seo a fhreagairt – tha Èirich ag amas air filmeadairean a bhrosnachadh gus iad fhèin a thoirt an àrd a dh’aindheoin dùbhlain nam mìosan a chaidh seachad.
A bharrachd air an fharpais fhèin ga chur air bhog, dh’inns sgioba FilmG mu dheidhinn an t-sreath ùr FoghlamG, a tha na sreath de chlasaichean air leth bho phroifeasantaich a’ ghnìomhachais, a bheir an t-eòlas agus an stiùireadh a tha a dhìth orrasan a tha an dùil pàirt a ghabhail anns a’ cho-fharpais, gun fheum air uidheamhachd proifeasanta. Tha FoghlamG ri fhaotainn air seanail YouTube FilmG.
A bharrachd air seo uile taobh a-staigh fèill mhòr a’ phrògraim beò, thug sgioba FilmG an cothrom dha sgoilearan bho air feadh Alba ceistean a chur air Shona, a bhios cuideachd a’ stiùireadh prògraman air BBC ALBA, mu dheidhinn na Gàidhlig, a’ cruthachadh film, agus na meadhanan san fharsaingeachd.
Thuirt Shona Masson, a tha i fhèin air a bhith an sàs le iomadach film FilmG thar nam bliadhnaichean, an dà chui na h-òige agus na beatha proifeasanta: “Tha deagh fhios againn gu bheil e math dhuinn a bhith a’ cruthachadh agus a’ feuchainn rudan ùra, agus bheir FilmG an cothrom dhan a h-uile duine a dhol an lùib pròiseact cruthachail le bhith dèanamh film goirid. Tha sgeulachd aig a h-uile duine ri innse, mar sin, ma tha ùidh agaibh tha mi ‘n dòchas gum feuch sibh air film a dhèanamh airson FilmG am-bliadhna.”
Tha FilmG air a lìbhrigeadh le MG ALBA agus companaidh riochdachaidh CGS, a tha stèidhte air an Eilean Sgitheanach, gus fàs a bhrosnachadh ann an tàlant Gàidhlig sna meadhanan. Tha a’ cho-fharpais a nise anns an treasamh bhliadhna deug aice, agus tha i air a bhith na ùrlar do mhòran a tha a-nise ag obair taobh a staigh gnìomhachas nam meadhanan Gàidhlig.
Thuirt manaidsear a’ phròseict aig FilmG, Eoghan MacIllEathain: “Tha FilmG na rud cho mòr air mìosachan nan Gìadheal, agus gu h-àraid dh ana sgoiltean leis a bheil sinn an sàs, agus mar sin tha e na thlachd dhuinn gu bheil e air a bhith comasach a leithid a rud a lìbhrigeadh a-rithist ann na 2020.! Tha e cho cudromach do fhilmeadairean òga cruthachail a bhith a’ faicinn cò ris a tha e coltach a bhith ag obair nad phroifeasantach, agus gum bi cothrom aca ceistean a chur orra mun ghnìomhachas.”
Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Conaltraidh aig MG ALBA: “Tha sinn air leth moiteil às a’ bhuaidh maireannaich a th’ aig FilmG ann a bhith a’ piobrachadh is a’ toirt leasachadh air filmeadairean òga gus susbaint Gàidhlig a chruthachadh. Tha FilmG cho cudromach dhuinn agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri toradh na bliadhna-sa, oir tha na filmichean a’ sìor fhàs nas fheàrr gach bliadhna.”
Tha a’ cho-fharpais fosgailte suas gu 11 Dùbhlachd 2020. Faic barrachd aig www.filmg.co.uk agus air na meadhanan sòisealta FilmG.