BUANNACHDAN LUCHD-AMHAIRC AGUS EACONAMACH AN COIS IARRTAS A THA AG ÈIRIGH AIRSON BBC ALBA NAS TREASA
Chaidh innse do Bhuill Pàrlamaid an-diugh (Diluain 18 Iuchar) gun tigeadh buannachdan, an dà chuid airson an luchd-amhairc agus eaconamaidh chruthachail na h-Alba, ann a bhith a’ cur an tuilleadh seilbh ann am BBC ALBA.
Thuirt MG ALBA – a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC – gu faodadh co-ionnanachd leis an t-seanail Chuimreach S4C cothrom buannachdan susbainteach fhuasgladh airson na roinne riochdachaidh neo-eisimeileach a thuilleadh air dìon a chur air soirbheas na seanail san ùine ri teachd am measg am prìomh luchd-amhairc.
Aig tachartas aig Westminster an-diugh, chaidh miann an luchd-amhairc Gàidhlig – gealladh fhaighinn bhon Chairt Rìoghail 10 uairean gach seachdain de phrògraman ùra airson BBC ALBA, suas bhon ìre an-dràsta de 4.2 uairean – a dhèanamh soilleir.
Bheireadh seo BBC ALBA gu co-ionannachd le S4C, a tha air 10 uairean a thìde de phrògraman ùra gach seachdain fhaighinn bhon BhBC thar nan 30 bliadhna a dh’fhalbh.
Bhiodh seo cuideachd a’ ciallachadh buaidh bhrosnachail airson na roinne chruthachail a tha a’ faighinn mòr-bhuannachd bho BhBC ALBA. Tro 2015-16 choimisean BBC ALBA 454 uairean a thìde de phrògraman bho 26 companaidh riochdachaidh eadar-dhealaichte.
Thuirt Cathraiche MG ALBA, Magaidh Choineagan: “Bho chaidh Am Pàipear Geal air ùrachadh a’ Chairt Rìoghail fhoillseachadh, tha sinn air àrdachadh fhaicinn san iomairt airson còrdadh nas cothromaiche airson BBC ALBA.
“Tha mi toilichte agus taingeil gu robh BP bho air feadh nam pàrtaidhean poilitigeach an seo an-diugh gus na h-adhbharan làidir a chluinntinn gu bheil feum air còrdadh: gus ar luchd-amhairc a fhrithealadh gu h-iomchaidh agus gus an roinn riochdachaidh ann an Alba a neartachadh.
“An-dràsta tha BBC ALBA a’ faighinn 3sg bhon chìs-chraolaidh mhìosail de £12.13, fhad ’s a tha am BBC a’ cosg co-dhiù deich uiread air S4C. Chan eil sinn dìreach ag iarraidh an tuilleadh airgid. Bu chòir gu bheil goireasan maireannach a’ BhBC air an cuir gu feum ann an dòigh nas èifeachdaiche gus an luchd-amhairc Gàidhlig a fhrithealadh.”
Bha a’ Bh-uas Choineagan a’ sònrachadh Lèirmheas Bliadhnail na h-Alba 2015-16 a dh’fhoillsich Urras a’ BhBC mar fhianais air iarrtas a tha a’ fàs airson susbaint feabhasach airson BBC ALBA.
Lean i air adhart: “Tha BBC ALBA air sàr-shoirbheas fhaicinn bho thòisich an t-seanail a’ craoladh ann an 2008 ach tha e follaiseach gu bheil an t-seanail air a thighinn gu crois-rathaid far a bheil feum air an tuilleadh ghoireasan gus dèanamh cinnteach gu bheil leasachadh comasach. Tha ìre ath-chraolaidh 74% againn agus feumar rudeigin a dhèanamh mun sin.
“Dh’aithnich Lèirmheas Bliadhnail Urras a’ BhBC, ged a tha an t-seanail a’ dèanamh nas fheàrr buileach na na targaidean luchd-amhairc a chuir sinn romhainn fhèin, gu bheil i a’ fulang bho cion-mhaoineachadh – rud nach fhaodadh a bhith seasmhach san fhad-ùine.”
“Tha sinn làn-chreidsinn gur e aon dòigh fuasgladh fhaighinn air an duilgheadas seo co-roinn a dhèanamh air stuthan bho roinnean eile den BhBC. Tha sinn air eisimpleirean air leth soirbheachail den seo fhaicinn leis an t-sreath Hebrides a bha craolta an dà chuid air BBC ALBA agus BBC Scotland.
“Chan eil sin ag ràdh gu bheil BBC ALBA a’ cur feum a-mhàin air stuthan air fhaighinn bho sheanailean eile – dh’fhaodadh gun dèanadh siostam riochdachaidh nas èasgaidh taobh a-staigh a’ BhBC comasach dhuinn obrachadh thar ghnèithean, leithid prògraman chloinne, ciùil agus aithriseach. Chan eil an t-iarrtas de àrdachadh ann am prògraman gu 10 uairean a thìde gach seachdain a’ ciallachadh gu feumadh meudachadh ana-mhòr a bhith sa mhaoin a tha a dhìth.”
Tha soirbheas dràma Gàidhlig BBC ALBA, Bannan, na fhear de na riochdachaidhean a thug togail do dh’eaconamaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus thuirt a’ Bh-uas Choineagan gum b’ urrainn togail air an t-soirbheas seo nam biodh BBC ALBA air a neartachadh leis an tuilleadh phrògraman ùra.
Thuirt a’ Bh-uas Choineagan cuideachd: “Tha buaidh thaiceil air a bhith aig an t-seanail air an roinn riochdaich neo-eisimeileach: tha timcheall air leth de choimiseanan riochdachaidh neo-eisimeileach ann an Alba air an dèanamh le BBC ALBA agus dhearbh aithisg air buaidh eaconamach bho chionn ghoirid gu bheil an ìre mhath 300 cothrom-obrach ann a-nis mar thoradh air gnìomhan MG ALBA, le 40% dhiubh stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha seo a’ gabhail a-steach Bannan, a th’ air a’ mhòr-chuid den riochdachadh aige a dhèanamh san Eilean Sgitheanach.
“Tha sinn daingeann ann a bhith a’ leasachadh seo buileach agus gum bi ùrlar aig an ath ghinealach de thàlant chruthachail. Le bun-stèidh de phrògraman ùra bhon BhBC airson na seanail – cuid a dh’fhaodadh a thigeadh tro cho-obrachadh le riochdairean neo-eisimeileach – tha an tuilleadh chothrom ann cur ri roinn cruthachail na h-Alba agus na buannachdan eaconamach a thig an cois sin”.