Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Tha SpeakGaelic a’ neartachadh dhàimhean ann an Alba Nuadh air turas thall thairis rè “Mìos nan Gàidheal”

16 Cèitean 2024

Tha sgioba SpeakGaelic air tòiseachadh air turas foghlaim gu Alba Nuadh gus ceanglaichean cultarail a neartachadh san sgìre.

A’ comharrachadh Mìos nan Gàidheal, air neo ‘Mìos Gàidhlig na h-Alba Nuaidhe’, bidh an sgioba a thair cùl SpeakGaelicbrannd ionnsachaidh na Gàidhlig aig MG ALBA – a’ siubhal mun cuairt sgìre Alba Nuaidhe a dh’ionnsachadh bho mhuinntir an àite agus a’ brosnachadh a’ chànain do dh’fhileantaich agus daoine a tha ùr don Ghàidhlig.

Thairis air an turas 10-latha, tadhlaidh SpeakGaelic air Halifax, Antigonish, Mabou, Judique, Iona agus Sydney gus dàimhean a thogail le diaspora nan Gàidheal ann an Canada, a’ comharrachadh nan rudan a tha coltach – agus eadar-dhealaichte – a thaobh cultar agus dòigh-beatha shònraichte thall thairis. Le bhith ag ionnsachadh bho chèile agus a’ taisbeanadh nan goireasan a tha rim faotainn, thathar an dòchas gum bi an turas cuideachail ann a bhith a’ stèidheachadh lìonra ùr de luchd-conaltraidh le Gàidhlig air taobh eile a’ Chuain Siar.

Thuirt Muireann Bhochanan, riochdaire air-loidhne aig SpeakGaelic, a bha a’ co-òrdanachadh a’ phròiseict thall thairis: “Chan e dìreach cànan a th’ anns a’ Ghàidhlig ach cultar le dualchas beartach de cheòl, beul-aithris agus antroipeòlas, agus mar sin s e cothrom air leth inntinneach a th’ ann dhuinn tadhal air na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Alba Nuadh a dh’fhaicinn mar a thàinig seo gu bith agus cò ris e a tha e coltach, nam beatha làitheil.

Le goireasan iongantach SpeakGaelic a-nis againn ri làimh – agus rim faotainn do dhaoine air feadh an t-saoghail – tha sinn an dòchas gun urrainn dhuinn luchd-ionnsachaidh agus fileantaich de gach aois ann an Alba Nuadh a thàladh agus a bhrosnachadh gus an cuid sgilean Gàidhlig a thogail no a leasachadh.”

Thuirt Sionainn Nic a’ Mhaoilein, bho Oifis Iomairtean na Gàidhlig aig Comhairle Cheap Bhreatainn: “Is e Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh a th’ anns a’ Chèitean, a tha na àm airson a bhith a’ comharrachadh agus a’ brosnachadh mothachadh air eachdraidh, cultar, cànan agus soirbheachasan nan Gàidheal air feadh na sgìre, le taic bho Oifis Iomairtean na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhlig.

Is e Gàidhealach nar Cridhe!’ cuspair na bliadhna-sas mar sin dè an dòigh as fheàrr gus eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig, a tha gu math beò san latha an-diugh, a chomharrachadh na le taic bho sgioba SpeakGaelic a bhios a’ taisbeanadh cho furasta s a tha e a dhol an sàs sa chànan agus sa chultar. Tha sinn an dòchas gum brosnaich an sreath de bhùithtean-obrach agus thachartasan, a tha sinn air planadh air feadh na sgìre, muinntir Alba Nuaidh air fad a dhol an sàs sa Ghàidhlig rè mìos a’ Chèitein agus nas fhaide.”

S e amas aig SpeakGaelic togail agus cleachdadh na Gàidhlig àrdachadh le bhith a’ toirt seachad structar soilleir agus co-fhillte airson ionnsachadh na Gàidhlig – an dòigh-obrach as coileanta a chunnacar ann an ginealach.

A bharrachd air a bhith a’ toirt taic do luchd-tòiseachaidh, tha na goireasan a’ toirt taic do luchd-labhairt na Gàidhlig aig diofar ìrean de dh’fhileantachd gus misneachd a thoirt dhaibh Gàidhlig a bhruidhinn. Tha an stòras ionnsachaidh brosnachail is àrd-amasach a’ tabhanndiofar sheirbheisean do luchd-cleachdaidh ann an Canada, agus air feadh an t-saoghail, bho ionnsachadh air-loidhne fèin-stiùirichte gu susbaint mheadhanan a tha ri fhaighinn tro YouTube agus na meadhanan sòisealta.

Faigh a-mach tuilleadh mu SpeakGaelic agus tòisich an turas Gàidhlig agad fhèin an-diugh aig https://speakgaelic.scot/.