Tha Nollaig air tighinn tràth airson FilmG, farpais nam filmichean goirid Gàidhlig, leis an àireamh as motha de dh’iarrtasan bho fhilmeadairean air feadh na h-Alba agus nas fharsainge.
Gu h-iomlan, chaidh 162 film a chuir a-steach thairis air farpaisean 2023, a’ ciallachadh gu bheil an àireamh as motha de thagraidhean ann on chaidh a stèidheachadh ann an 2008.
Tha FilmG ag iarraidh air filmeadairean de gach aois filmichean goirid a chruthachadh sa Ghàidhlig stèidhichte air cuspair eadar-dhealaichte gach bliadhna, ’s e ‘Mo Shealladh’ cuspair na bliadhna-sa. Bidh an fharpais, na bùthan-obrach agus na tachartasan aca a’ brosnachadh leasachadh sgeulaichean Gàidhlig, a’ toirt slighe do fhilmeadairean ùra a dhol a-steach do shaoghal nam meadhanan Gàidhlig.
Thuirt Megan Dale, Manaidsear Pròiseict FilmG:
“’S e seo an dàrna bliadhna a tha Astar air a bhith an sàs ann am FilmG, agus b’ e ar n-amas cothrom a thoirt do dhaoine film goirid Gàidhlig a chruthachadh agus na farpaisean a dhèanamh cho tarraingeach ’s a ghabhas do dhaoine òga. Ag obair còmhla ri eòlaichean gnìomhachais, chuir sinn air dòigh còrr air 50 bùth-obrach FilmG ann an Alba agus nas fhaide air falbh, a’ toirt innealan agus misneachd do choimhearsnachdan agus sgoiltean an sgeulachdan fhèin innse tro na filmichean goirid aca.
Seo an àireamh as motha de bhùthan-obrach a rinn FilmG a-riamh, agus chì thu a’ bhuaidh a th’ aig na bùthan-obrach seo air càileachd agus àireamh thagraidhean FilmG. Bidh tòrr de luchd-ainmichte agus buannaichean FilmG a’ dol air adhart gu bhith ag obair gu proifeiseanta taobh a-staigh gnìomhachas film agus TBh, agus mar sin tha e na mhisneachd a bhith faicinn a leithid de mhiann airson sgeulachdan Gàidhlig. Tha coltas gu math soilleir air àm ri teachd nam meadhanan Gàidhlig.”
Thuirt Alison Dhòmhnallach, Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean:
“Meal an naidheachd air a h-uile filmeadair a chuir iarrtas a-steach airson FilmG am-bliadhna. Tha an ìre fìor àrd agus tha e math tagraidhean fhaicinn bho air feadh na h-Alba. Tha sinn cuideachd air tagraidhean fhaighinn bho Eilean Mhanainn agus Canada, a’ sealltainn gu bheil barrachd ùidh eadar-nàiseanta agus a’ daingneachadh ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig thall thairis. Gun teagamh, ’s e cuirm dhuaisean FilmG16 an tè as motha gu ruige seo agus chan urrainn dhuinn feitheamh gus tàlant nam meadhanan Gàidhlig a chomharrachadh còmhla ri caraidean agus co-obraichean sa Ghearran 2024.”
Tha sgioba FilmG a’ dol tro na tagraidhean mus bi iad rim faicinn air làrach-lìn FilmG nas fhaide air a’ mhìos. Taghaidh pannal de bhritheamhan neo-eisimeileach an uair sin na geàrr-liostaichean de luchd-ainmichte san Fhaoilleach 2024, le buannaichean gan ainmeachadh aig duaisean FilmG ann an Glaschu air Dihaoine, 23 Gearran 2024.