Greis-gnìomhachais agus obair samhraidh airson oileanaich

Ma tha sibh san sgoil, no ann an colaiste no oilthigh agus airson ur sgilean a leasachadh agus eòlas-obrach fhaighinn aig teis-mheadhan nam meadhanan Gàidhlig, tha cothroman ann dhuibh aig MG ALBA. Ged nach bi sibh a’ faighinn pàigheadh airson nan greisean-gnìomhachais, bu chòir gu faigh sibh tòrr a-mach àsta agus gheibh sibh sgilean agus eòlas fhad ’s a bhios sibh còmhla rinn.

Ceistean

Dè seòrsa greisean-gnìomhachais a tha sinn a’ tabhainn?

Tha sinn a’ tabhainn:

1) Greisean-gnìomhachais fad seachdain airson sgoilearan sa cheathramh bliadhna den àrd-sgoil (gun phàigheadh);

2) Greisean-gnìomhachais, a rèir feumalachdan pearsanta an neach, airson oileanaich aig colaiste no oilthigh (gun phàigheadh); agus

3) Obraichean Samhraidh (pàighte) gus pròiseactan sònraichte a lìbhrigeadh. Am measg pròiseactan a rinn sinn a-cheana bha a bhith a’ cur stuthan tasglainn ann an riochd didseatach, a’ catalogadh agus a’ rèiteachadh tasglann de sgrìobhainnean, obair preseantaidh air BBC ALBA, agus obair stiùidio.

Cò bhiodh freagarrach?

Tha sinn a’ sireadh dhaoine brosnachail, cogaiseach le ùidh ann an MG ALBA agus an obair sa bheil sinn an sàs. Feumaidh sibh a bhith fileanta sa Ghàidhlig no nur neach-ionnsachaidh a tha airson ur sgilean a leasachadh.

Dè thachras air a’ ghreis-gnìomhachais?

1) Greis-gnìomhachais airson sgoilearan

Bheir greis-gnìomhachais airson sgoilearan sealladh air na raointean-obrach air fad sa bheil MG ALBA an sàs. Am measg seo, bidh obair-gearraidh, obair-camara, obair-fuaim, preasantadh, obair air clàr nam prògraman, margaidheachd agus na meadhanan sòisealta. Gheibhear cothrom cuideachd, ma bhios sin iomchaidh, eòlas fhaighinn ann an gnothaichean cunntasachd agus ionmhais, F.T. agus gnothaichean corporra. Dh’fhaodadh gum biodh na còig là a’ coimhead rudeigin mar seo:

Là 1 Inntrigeadh agus an uair sin ùine còmhla ri sgioba phrògraman BBC ALBA
Là 2 Obair-preseantaidh – là a’ sgriobtadh agus a’ clàradh stuthan BBC ALBA
Là 3 Margaidheachd – planadh air ‘promo’ prògraman agus na meadhanan sòisealta
Là 4 Stiùidio – obair-camara, fuaim agus gearradh
Là 5 Ionmhas, F.T., rianachd no obair-fàilteachais

2) Greis-gnìomhachais airson oileanaich aig colaiste no oilthigh

Bidh sinn toilichte coimhead ri ur tagradh a rèir ur feumalachdan pearsanta.

3) Obraichean Samhraidh

Thèid na h-obraichean seo fhoillseachadh air ar làrach-lìn. San fharsaingeachd tha sinn a’ sireadh dhaoine brosnachail agus cogaiseach a tha airson an cuid sgilean a leasachadh, aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig agus sna meadhanan Gàidhlig agus aig a bheil na comasan pròiseact sònraichte a lìbhrigeadh.

Dè na sgilean a leasaicheas mi?

A thuilleadh air sealladh fhaighinn air gnothaichean teicnigeach, phroifeasanta agus seanail, gheibh sibh cothrom sgilean eile a leasachadh fhad ’s a bhios sibh còmhla rinn aig MG ALBA: conaltradh, rianachd-ùine, fèin-earbsa, obair-sgioba agus a bhith a’ faighinn fuasgladh air trioblaidean.

Càite bheil na cothroman?

Gu cumanta, tha na cothroman aig ar prìomh oifis ann an Steòrnabhagh. Tha cuideachd cothroman san oifis againn ann an Glaschu, le sùil air tachartasan, PR, làrach-lìn agus na meadhanan sòisealta.

Cuin a bhios na greisean-gnìomhachais a’ ruith agus cia mheud a bhios ann dhiubh?

Sa Ghearran, Am Màrt, An Sultain agus An Dàmhair. Cha ghabh sinn barrachd air 2 neach gach mìos.

Ciamar a chuireas mi a-steach airson greis-gnìomhachais?

Cuiribh tagradh, sa Ghàidhlig ma tha sin comasach, gu hr@mgalba.com agus sgrìobh “Greis-gnìomhachais” air. Dèanaibh cinnteach gu bheil cead bhon sgoil, colaiste no oilthigh san tagradh agaibh.

Cuin a tha na h-obraichean samhraidh agus cia mheud a th’ ann dhiubh?

Ògmhios gu Sultain. Sa chumantas eadar 2 is 4 obraichean, a’ pàigheadh £200 gach seachdain. Bidh na cothroman seo air an làrach-lìn againn nuair a bhios sinn gan tabhainn.

Fiosrachadh feumail

Bu chòir gu bheil sibh an ìre mhath faisg gus siubhal gu oifis Steòrnabhaigh no Ghlaschu no comasach ur siubhal agus àite-fuirich fhèin a chur air dòigh. Thoiribh an aire nach eil tagradh a-mhàin a’ ciallachadh gu faigh sibh greis-gnìomhachais. Bidh seo a rèir nan cothroman a bhios ann. Tha e riatanach gu bheil cead na sgoile/colaiste/oilthigh air fhaighinn, le ainm-sgrìobhte bho chuideigin air a thoirt seachad. Às aonais seo, cha tèid coimhead ri ur tagradh.