Oifigear Dhàimhean Didseatach

Oifigear Dhàimhean Didseatach
12 mìosan stèidhte le cothrom gun tèid a shìneadh
Tuarastal – £23,854 sa bhliadhna
Deit Dùnaidh  – 21 Gearran 2021, 11.59f

PACA-IARRTAIS-OBRACH – Oifigear Dhàimhean Didseatach

Tha MG ALBA a’ fastadh Oifigear Dhàimhean Didseatach. Bidh an dreuchd seo ag obair a dh’ionnsaigh faicsinneachd susbaint didseatach na Gàidhlig a neartachadh, le bhith ag obair còmhla ri luchd-cruthachaidh neo-eisimeileach ach cuideachd ann a bhith a’ gabhail a-staigh susbaint didseatach a tha ceangailte ri MG ALBA, ar saoghal agus luchd-cruthachaidh susbaint Gàidhlig ùr.

Mar fhreagairt air Covid-19, tha MG ALBA air gluasad gu soirbheachail gu bhith ag obair aig an taigh, agus bidh an roghainn seo ri fhaotainn leis an tagraiche soirbheachail.

Bidh an t-Oifigear Dhàimhean Didseatach cunntachail don Mhanaidsear Conaltraidh fhad ’s a tha lìbhrigeadh a’ phròiseict ùir mheadhanan sòisealta aig MG ALBA ga chur gu dol. Bidh an neach cuideachd a’ toirt taic do dh’obair làitheil nam meadhanan sòisealta aig MG ALBA agus an sgioba conaltraidh nas fharsaing nuair a tha feum air.

Aig cridhe shoirbheachas na dreuchd seo, tha comas a thaobh nam meadhanan sòisealta, agus mothachadh air àrainneachd susbaint fèin chruthaichte na Gàidhlig a tha ann mar-tha.

Gàidhlig:  fileantas riatanach

Fios a bharrachd:

Cò sinn?

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC.  Tha uallach oirnn cuideachd airson FilmG, ann an co-obrachadh le Cànan Graphics Studio, agus thathas a’ lìbhrigeadh LearnGaelic ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig agus Bòrd na Ceiltis (Alba).

Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2020/21.

Càite bheil sinn?

Tha ar prìomh oifis ann an Steòrnabhagh, le oifis cuideachd ann an Glaschu, agus làthaireachd ann an Inbhir Nis. Mar fhreagairt air Covid-19, tha sinn air gluasad gu soirbheachail gu bhith ag obair bhon taigh, agus bidh an roghainn seo ri fhaotainn leis an tagraiche soirbheachail. 

Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA:

  • Air ar n-ainmeachadh air liost Broadcast Best Places to Work in TV airson nan còig bliadhna mu dheireadh
  • Creideas nar Cosnaichean (Airgead) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
  • Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
  • Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris
  • Tha sinn a’ tabhann ballrachd lann lùth-chleas gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
  • Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich againn agus tha sinn a’ tairgse sgeama bileig cùram-chloinne

Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan

Faicibh am paca-iarrtais-obrach an-seo

Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh a-steach litir-chòmhdachaidh agus ur CV le iomradh air ur sgilean, eòlas agus comasan gu hr@mgalba.com, a’ cur aire shònraichte air an Sònrachas Obrach.

Tha sinn nar fastaichean co-ionannachd chothroman agus bithear a’ cumail sgrùdadh air dàta fastaidh. Cuiribh crìoch air an fhoirm seo, a tha a rèir reachdas GDPR.

Ma tha sibh ag iarraidh còmhradh neo-fhoirmeil mun obair agus mun chothrom, cuiribh fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR, air hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh àm freagarrach airson còmhradh.

Deit Dùnaidh                     21 Gearran 2021, 11.59f

Agallamhan                        1 Màrt 2021 air Zoom