FilmG
Thig gu làrach FilmG airson tuilleadh fiosrachaidh mun fharpais agus na filmichean.
Mu FilmG
Air a stèidheachadh ann an 2008, tha a’ cho-fharpais air barrachd air 1000 filmichean fhaighinn on uair sin, a’ brosnachadh uiread de shusbaint Ghàidhlig ùr agus tarraingeach, le amas farsaing a bhith a’ cruthachadh coimhearsnachd didseatach Gàidhlig.
Le fòcas air sgoiltean agus filmeadairean òga, tha a’ cho-fharpais air tàlant ùr a shònrachadh agus a leasachadh airson nam meadhanan Gàidhlig, a’ brosnachadh dhaoine òga, ge bith dè na comasan Gàidhlig a th’ aca, a bhith a’ cruthachadh, agus a bhith a’ gabhail tlachd bho bhith an sàs leis na meadhanan Gàidhlig.
Gach bliadhna, thig a’ cho-fharpais gu ceann le cuirm cliùteach airson nan duaisean a thoirt seachad a thèid a chraoladh air BBC ALBA.
Tha a’ cho-fharpais air a lìbhrigeadh ann an co-bhanntachd le Astar Media. Bidh Astar Media a’ toirt taic dhan cho-fharpais le bhith a’ tabhann bùithtean-obrach sgoile, oideachadh fhilmeadairean agus a’ tabhann eòlaichean is uidheamachd gus cuideachadh filmichean a thoirt beò.
Leugh Measadh Buaidh FilmG 2013 an seo.