Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach

8 Màrt 2017

DUSAN PRÒGRAM GÀIDHLIG AINMICHTE AIR GEÀRR-LIOST FÈIS NAM MEADHANAN CEILTEACH

Tha dusan prògram Gàidhlig bho BhBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal air an ainmeachadh air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach am-bliadhna, a thèid a chumail ann an Eilean Mhanainn bho 3-5 Cèitean.

Am measg nam prògraman air a’ gheàrr-liosta bha Hamish, film aithriseach mun duine shuaicheanta ann an cultar na h-Alba, Hamish Henderson, agus Jimmy Johnstone, film a’ dèanamh luaidh air beatha fear de na sàr thàlantan ann an eachdraidh spòrs na h-Alba.

Tha BBC Radio nan Gàidheal aon uair eile ainmichte airson duais Stèisean Rèidio na Bliadhna, le prògraman leithid Mac ‘Ille Mhìcheil agus Spòrs na Seachdain air a’ gheàrr-liosta.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha sinn a’ dèanamh toileachas mòr gu bheil na meadhanan Gàidhlig air aithne a chosnadh, ann an fharpais le sàr phrògraman bho air feadh nan roinnean Ceilteach, aig fìor thoiseach na roinne chruthachail.

“Tha na tha de phrògraman air an ainmeachadh bho BhBC ALBA agus bho BBC Radio nan Gaidheal, a’ toirt aithne agus taing, airson an dà chuid am mac-meanmna agus an oidhirp a tha na proifeiseantaich nar roinn a’ sealltainn gu cunbhalach. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri na duaisean air Eilean Mhanainn agus dòchasach gum faic sinn cuid de na prògraman air a’ gheàrr-liosta a’ cosnadh duais”.

Prògraman BBC ALBA a th’ air a’ gheàrr-liosta:

Cùisean làitheil
Eòrpa Irish Babies (Riochdaichte le BBC Scotland Gàidhlig)
Prògram sònraichte mu mhòr-uaidh a thathar ag ràdh a tha stèidhichte aig seann dachaigh Màthair is Pàiste ann a Tuam, Co. Gaillimh an Èirinn – far a bheil e air a ràdh a chaidh suas gu 796 leanabh an tìodhlacadh eadar 1925-1961.

Dhibhearsain Fìrinneach
Port (Riochdaichte le Bees Nees Media)
An dàrna sreath de Phort – am prògram aithriseach ciùil air a lìbhrigeadh le dithis a tha nan deagh charaidean agus nan sàr luchd-ciùil – Julie Fowlis is Muireann NicAmhlaoibh. A’ taisbeanadh nan ceanglaichean dualchais a tha eadar Èireann agus Alba, fhuair luchd-amhairc craic agus ceòl air leth!

Sreath Fìrinneach
An Lot (Riochdaichte le MACTV)
Ghlac sgeulachd croiteir òg à Nis ann an Leòdhas, Dòmhnall MacSuain – no Sweeny mar as fheàrr a dh’aithnicheas mòran e – agus an oidhirp aige beòshlaint’ a dhèanamh à croitearachd làn ùine, aire luchd-amhairc BBC ALBA an-uiridh. Tha sinn a-nise a’ tilleadh dhan chroit son faicinn mar a tha a’ dol dha leis na planaichean aige airson an dàrna bliadhna de An Lot.

Prògram Aithris Singilte
Hamish (Riochdaichte le Bees Nees Media)
Bha Seumas MacEanraig na dhuine shuaicheanta ann an cultar na h-Alba, fear le spionnadh gun chrìoch. Tha a bhàrdachd fhathast a’ toirt togail agus a’ brosnachadh na dùthcha. Tha am film seo a’ dèanamh luaidh air a’ bheatha ioma-fhillte a bh’ aig MacEanraig; bàrd, saighdear, fear tulchuiseach, iomairteach, sgrìobhaiche òrain agus na chùl-taic do ath-bheothachadh ceòl traidiseanta na h-Alba. Bho thaigh nan dilleachdan agus trannsaichean Chambridge gu bhith os cionn ghnothaichean nuair a ghèill feachdan na h-Eadailt anns an Dàrna Cogadh agus sgrìobhadh “Freedom Come Aa’ Ye”, ‘s e seo sgeulachd beatha MhicEanraig air a h-innse leis an fheadhainn a bha eòlach air agus a bha measail air. Tha luaidh ga dhèanamh air sàr Albannach, a’ fighe seann fhilmichean agus àrd-mholaidhean bho chàirdean agus bho charaidean.

Prògram Aithris Spòrs
Jimmy Johnstone (Riochdaichte le purpleTV)
Deich bliadhna às dèidh a bhàs, tha ‘Jimmy Johnstone’ a’ dèanamh luaidh air beatha fear dheth na sàr thàlantan ann an eachdraidh spòrs na h-Alba, ag innse soirbheas is doilgheas cluicheadair ball-coise sònraichte nach tèid à cuimhne gu bràth, laoch aig sgioba Celtic, cèile agus athair a chaill a bheatha air sàilleabh tinneas motor neurone aig aois 61.

A thuilleadh air a bhith ainmichte airson duais Stèisean Rèidio na Bliadhna, tha cuideachd prògraman bho BhBC Radio nan Gàidheal air a’ gheàrr-liosta:

  • • Fianais (Prògram Aithris Rèidio) – Iain Moireasdan a’ bruidhinn ri Dòmhnall MacLeòid a tha a’ bruidhinn airson a’ chiad uair mu thubaist Lockerbie ann an 1988 agus a’ bhuaidh a thug, agus a tha seo a’ toirt air.
  • • Tormod a’ Bhocsair (Prògram Aithris Rèidio) – bha Dail ann an Nis, agus a’ Ghaidhealtachd air fad, a’ caoidh sa Chèitean 2015 nuair a chaochail Tormod a’ Bhocsair – call air leth don teaghlach, a’ choimhearsnachd agus cultar na Gàidhlig. Sa phrògram seo tha Mairi NicAmhlaigh a thuilleadh air caraidean, co-obraichean agus nàbaidhean a’ toirt sùil air a bheatha agus an dìleab a dh’fhàg e às a dhèidh. Uncail, bràthair, athair, caraid, sgrìobhaiche, tidsear agus gu seach àraid, Niseach
  • • Beag air Bheag (Prògram dhibhearsain Rèidio) – An aona phrògram air rèidio airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, le Iain Urchardan
  • • Caithream Ciùil (Prògram Ciùil Rèidio Beò) – beò bho Thalla Eaglais Cuimhneachan Mhàrtainn ann an Steòrnabhagh aig Fèis Cheilteach nan Innse Gall 2016.
  • • Mac ‘Ille Mhìcheil (Prògram Ciùil Rèidio Beò) – Iain Mac Ille Mhìcheil agus a chàirdean a’ cur an deireadh-seachdain air a chasan le còmhradh, craic agus ceòl!
  • • Spòrs na Seachdain (Spòrs Rèidio) – prògram seachdainneach de spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, le Iain Moireasdan.