Tha ceithir prògram deug Gàidhlig bho BhBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal air an ainmeachadh air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach am-bliadhna, a thèid a chumail ann an Llanelli sa Chuimrigh bho 2-4 Cèitean.
Am measg nam prògraman telebhisein air a’ gheàrr-liosta, tha Eòrpa, le aithris sònraichte bhon Ugràin; Gàidhlig Obar Dheathain le Midas Media; agus, mu bhall-coise nam ban, Breab agus Buaidh le Matchlight.
Riochdaichte le BBC Gàidhlig, bhuannaich Eòrpa aig BAFTAs Alba o chionn còig mìosan agus bhiodh duais eile na chlach-mhìle dha prògram a tha a dh’aithghearr a’ comharrachadh 25 bliadhna.
A’ bruidhinn air a’ phrògram sònraichte a chaidh ainmeachadh, Eòrpa: Paralympian Ugrànianeach, thuirt riochdaire Rebecca NicIllFhinnein: “’S e aithris gu sònraichte pearsanta a tha seo agus feumaidh sinn taing mhòr a thoirt do dh’Anton airson an sgeulachd aige innse dhuinn. Tha seo a’ sealltainn an aithne agus an luach a th’ aig Eòrpa airson a bhith a’ libhrigeadh sgeulachdan inntinneach mar seo.”
Fhuair an companaidh riochdachaidh Bees Nees Media trì sreathan eadar-dhealaichte air a’ gheàrr-liosta, nam measg dà phrògram ciùil agus an sreath ùr Scotstar – Teasairginn Èiginneach, a bha a’ leantainn sgiobaidhean plèanaichean-eiridinn a bhios a’ toirt cùram beatha-shàbhalaidh do dhaoine ann an cuid dhe na h-àitichean as iomallaiche ann an Alba.
Thuirt Iain MacLeòid bho Bees Nees: “Tha sinne a’ dèanamh toileachas mòr gu bheil trì sreathan – Port, Seirm agus Scotstar – againn air a’ gheàrr-liosta aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach. ’S e urram dha-rìribh a th’ ann dhuinne agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri na duaisean anns a’ Chuimrigh”.
Chaidh Gàidhlig Obar Dheathain le Midas Media ainmeachadh air an liosta airson prògraman eachdraidheil agus e a’ sgrùdadh eachdraidh a’ chànain sa bhaile le bhith a’ bruidhinn riuthasan a tha ga bruidhinn agus iadsan cuideachd a tha a’ seasamh an aghaidh a’ chànain.
Thuirt an riochdaire, Patricia NicLeòid: “Sa chumantas, chan eil an Ear-thuath aithnichte mar àite sa bheil Gàidhlig làidir agus tha e cho tlachdmhor prògram a dhèanamh a tha a’ dearbhadh, chan ann a-mhàin gu bheil a’ Ghàidhlig a’ soirbheachadh ann an Obar Dheathain, ach gu bheil eachdraidh fad linntean aice san sgìre.”
Sa ghnè airson prògram aithris spòrs b’ e Breab agus Buaidh le Matchlight aon de na prògraman a chaidh ainmeachadh. A’ leantainn sgioba nam ban fhads a bha iad a’ dèanamh deiseil airson Euro 2017, bha am prògram seo a’ togail air an dlùth-chàirdeas a th’ ann eadar ball-coise nam ban agus BBC ALBA. Bidh Breab agus Buaidh a’ farpais an aghaidh Rocky Ros Muc, prògram eile a chunnaic sinn air BBC ALBA, air a dhèanamh ann am com-pàirteachas eadar diofar dhùthchannan is chompanaidhean eile.
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA: “Tha e na thlachd gu bheil prògraman le sùil eadar-nàiseanta leithid Seirm, Port agus Eòrpa a’ cosnadh aithne mar seo – a’ sealltainn gu bheil BBC ALBA a’ cur luach air, agus luachmhor cuideachd gu, farsaingeachd eadar-nàiseanta. Tha na prògraman Albannach aig cridhe na tha sinn a’ dèanamh agus tha e brosnachail gu bheil prògraman mar Gàidhlig Obar Dheathain air a bheachdachadh ri taobh prògraman sgoinneil eile bho ar com-pàirtichean Ceilteach.”
Sa ghnè rèidio, chaidh Seumas Dòmhnallach bho naidheachdan Gàidhlig ainmeachadh air geàrr-liost Neach-lìbhrigidh Rèidio as Fhèarr agus bidh Radio nan Gàidheal a’ strì a-rithist airson Stèisean Rèidio na Bliadhna.
Thuirt Marion NicFhionghain, Stiùiriche Deasachaidh BBC Gàidhlig: “Tha mi cho moiteil às na sgiobaidhean a tha a’ cruthachadh agus a’ lìbhrigeadh prògraman air leth. Bhiodh sinn cho toilichte duais no dhà a thogail mar theisteanas dhan luchd-èisteachd dìleas a th’ aig BBC Radio nan Gàidheal.”
Am measg nam prògraman rèidio a chaidh ainmeachadh tha Balach à Borghastan agus Canada 150 a’ strì an aghaidh a chèile air a’ gheàrr-liost airson prògraman aithriseach; tha Mac Ille Mhìcheil (Sorbier dha Radio nan Gàidheal) agus Rapal a’ strì airson prògraman ciùil; agus tha Beag air Bheag agus Coinneach MacÌomhair a’ farpais airson prògraman iriseach.
Tha an dà chuid Lisbon ’67 agus Spòrs na Seachdain air a’ gheàrr-liost airson spòrs rèidio, le Spòrs na Seachdain a’ sùileachadh an duais a chosnadh airson an treasamh turas ann an trì bliadhna.
Airson tuilleadh fiosrachaidh thèid gu www.celticmediafestival.co.uk