Tha MG ALBA toilichte fàilte a chur air ceathrar bhuill ùra chun a’ Bhùird aca. Tha Ofcom air ainmeachadh gu bheil ceathrar Bhuill ùra air an suidheachadh air Bòrd MG ALBA, am buidheann le uallach airson dèanamh cinnteach gum bi prògraman telebhisein aig àrd-ìre rim faighinn ann an Gàidhlig do luchd-amhairc.
Bidh Daibhidh Byrne, Catriona Mhoireach, Lachlann Peel agus Calum Steele a’ dol an sàs mar buill a’ Bhùird bho 1 Cèitean, 2024. Tha fios mu gach ball den Bhòrd ri fhaighinn gu h-ìosal.
Chaidh na dreuchdan aontachadh le Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Sgilean aig Riaghaltas na h-Alba, Jenny Gilruth BPA, às dèidh pròiseas fastaidh farpaiseach air a stiùireadh leis an riaghladair conaltraidh Ofcom ann an Alba.
Tha Lisa Annette, Màiri Kidd, Ceit-Anna NicLeòid agus Iain Mac a’ Mhaoilein a-nis air na teirmean aca a chrìochnachadh.
Thuirt Iain Moireasdan, cathraiche MG ALBA:
“Bheir Daibhidh, Catriona, Lachlann agus Calum raon farsaing de thàlantan, sgilean agus eòlas bho na meadhanan, craoladh, na roinnean poblach is prìobhaideach, agus tha sinn air leth toilichte fàilte a chur orra chun a’ Bhùird.
Tro ar n-obair air BBC ALBA, FilmG, LearnGaelic agus SpeakGaelic, tha àite air leth cudromach aig MG ALBA, chan ann a-mhàin ann a bhith a’ cuideachadh nam meadhanan Gàidhlig, ach cuideachd a’ brosnachadh leasachadh, trèanadh agus cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba agus nas fhaide air falbh – a’ toirt a-steach buannachdan sòisealta is eaconamach mòra.
Mar Bhòrd, tha sinn den bheachd gu bheil sinn deiseil agus comasach air togail air a’ chùis seo le tuilleadh seilbheach agus goireasan agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri seo a dhèanamh le beachdan ar ceathrar bhuill ùra.
Às leth a’ Bhùird agus luchd-obrach agus co-obraichean air feadh na roinne, bu mhath leam cuideachd taing a thoirt do Lisa, Màiri, Ceit-Anna agus Iain a chuir crìoch air na teirmean aca leinn. Tha na h-oidhirpean aca air a bhith anabarrach luachmhor ann an soirbheachas ar n-obair sna bliadhnaichean a dh’fhalbh agus tha sinn nan comain airson an ùine agus an dealas ann a bhith a’ frithealadh ar luchd-amhairc.”
Buill ùra – Sgeulachdan beatha
Daibhidh Byrne
‘S e neach-tionnsgain agus neach-deasachaidh siubhail seasmhach 360° a th’ ann an Daibhidh, à Inbhir Nis. Tha an t-eòlas aige cuideachd a’ sìneadh gu obair craolaidh leis a’ BhBC, ITV, agus LBC, leis an sgrìobhadh aige a’ nochdadh ann am pàipearan-naidheachd leithid The Sun agus The Scotsman. Tha e na alumnus iar cheumnachaidh de Shabhal Mòr Ostaig, far an robh e cuideachd ag obair ann an obair leasachaidh mus deach e gu BBC Scotland, ag obair air a’ phrògram cùisean làithreach, Eòrpa, a th’ air iomadh duais a choisinn. Tha e a-nis na iar-chathraiche air Urras Cuimhneachaidh Cogaidh Àrd-sgoil Hillhead.
Catriona Mhoireach
Craoladair ag obair air a ceann fhèin, riochdaire agus neach-deasachaidh le còrr is 35 bliadhnaichean de eòlas riochdachaidh aig a’ BhBC le creideasan an dà chuid mar riochdaire agus preasantair air grunn phrògraman air litreachas, na h-ealain, ceòl, eachdraidh agus cànan. Tha Catriona cuideachd na h-ùghdar foillsichte Gàidhlig agus bha i na Cathraiche air Comhairle nan Leabhraichean bho 2017 – 2021. Tha Gàidhlig aice bho thùs, is i stèidhichte ann an Glaschu.
Lachlann Peel
Mar thoradh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, tha Lachlann a-nis ag obair aig JP Morgan ann an Dùn Èideann an dèidh dha ceumnachadh bho Oilthigh Oxford le ceum ann an Eachdraidh. Fhad ‘s a bha e san sgoil, bha Lachlann a’ farpais ann am farpais film goirid, FilmG, far an do choisinn e ‘Film Oileanach as Fheàrr’ agus ‘Cleasaiche as Fheàrr’ agus bhon uair sin tha e air a bhith a’ toirt taic don iomairt mar bhritheamh.
Calum Steele
Àrd-stiùiriche aithnichte a chuir seachad còig bliadhna deug mar Rùnaire Coitcheann sa Chaidreachas Poileas na h-Alba gu 2023, far an do leasaich e agus a thug e buaidh air poileasaidh, an dà chuid, ann an Alba agus air feadh na cruinne, a’ gabhail a-steach an aontachadh a stèidhich Seirbheis Poileis na h-Alba. Ron seo, bha Calum na chonstabal poileis agus tha e fhathast air Comhairle Eadar-nàiseanta Chomainn Riochdachaidh a’ Phoileis. ‘S e neach-labhairt dùthchasach na Gàidhlig a th’ ann a tha a-nis stèidhichte ann an Dollar.