Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Geàrr-Liostaichean Beò Airson FilmG

24 Faoilleach 2024

’S dòcha gu bheil cuid agaibh a’ coimhead air adhart ri na Baftas agus Oscars, ach tha coimhearsnachdan Gàidhlig trang ag ullachadh airson an oidhche film Gàidhlig as motha den bhliadhna: na Duaisean FilmG.

Tha còrr air 50 film air na geàrr-liostaichean airson Duaisean FilmG; oidhche a bhios a’ comharrachadh nan sgeulaichean agus nam filmeadairean Gàidhlig as fheàrr ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Bidh buannaichean air an crùnadh ann an roinnean leithid an Cluiche as Fheàrr, Coltas as Fheàrr, Sàr-dhuais Teicnigeach agus an duais chliùiteach airson am Film as Fheàrr.

Air thoiseach le ceithir ainmeachaidhean san fharpais -18 tha ‘A Bheil Thu An Sin?’, dràma saidhgeòlach leis a’ bhuidheann neo-eisimeileach ùr, Lost Rollerskate Pictures, bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Anns an fharpais 18+, tha ‘Blàr nan Gàidheal’ aig a’ charthannas Inbhir Nis FC Sonas, a tha ag innse sgeulachd a’ chiad gheama ball-coise oifigeil ann an Gàidhlig, le ceithir ainmeachaidhean, air a leantainn gu dlùth le Tormod MacLeòid, a tha stèidhichte ann an Eilean Leòdhais, ‘An Tiodhlaiceadh’ (le trì ainmeachaidhean).

Le obair nam britheamhan a-nis deiseil, ‘s e Duaisean Roghainn FilmG na h-aon roinnean fhathast ri cho-dhùnadh, le bhòt phoblach airson nan roinnean sin fhathast fosgailte gu meadhan oidhche, 2 Gearran. Faodar bhòtaichean a chuir a-steach air-loidhne leis a’ phoball aig www.FilmG.co.uk.

Thuirt Rachel Kennedy, Britheamh FilmG agus rionnag an t-sreath dràma ainmeil An Clò Mòr air BBC ALBA:

“’S e bliadhna air leth a th’ air a bhith ann airson FilmG, le còrr air 160 tagradh – an àireamh as àirde de fhilmichean bho thòisich an fharpais. Tha am miann airson na farpais sgoinneil, ach tha e a’ fàgail ar n-obair mar bhritheamhan uabhasach duilich leis gu bheil uimhir de thàlant ann. Thathas air beachdachadh gu faiceallach air a’ gheàrr-liosta againn agus tha e a’ taisbeanadh nam filmeadairean Gàidhlig as fheàrr a tha stèidhichte air riochdachadh, comas teicnigeach, agus seanchas. Bho sàr-sgilean beò-dhealbhaidh gu prògraman aithriseach faireachail; tha an ìre àrd de thàlant, cruthachaileachd, agus oidhirp air a bhith follaiseach anns a h-uile film air a’ gheàrr-liosta agus tha iad uile airidh air a bhith sa chuairt dheireannaich.”

Thuirt Megan Dale, Manaidsear Pròiseict FilmG:

“B’ e ‘Mo Shealladh’ cuspair na bliadhna-sa agus ghabh a h-uile duine seo tro bhith a’ taisbeanadh nan diofar sheallaidhean aca. Tha na filmichean air a’ gheàrr-liosta a’ nochdadh tuigse dhomhainn air sealladh agus cho cudromach ‘s a tha e èisteachd ri iomadach guth na h-Alba. Tha an luchd-ainmichte fhèin a’ riochdachadh diofar sheallaidhean bho air feadh na h-Alba, a’ gabhail a-steach Inbhir Theòrsa, Port Rìgh, Glaschu, Na Hearadh, Leòdhas, Dùn Omhain, agus Inbhir Nis. Gu tric, nuair a smaoinicheas sinn air gnìomhachas nam film, bidh sinn a’ smaoineachadh air Lunnainn no Glaschu, ach tha FilmG a’ sealltainn gu bheil beairteas de thàlant ri lorg anns gach ceàrnaidh de dh’Alba (agus nas fhaide air falbh) agus gu bheil e cudromach na guthan sin a bhrosnachadh gu bhith air an cluinntinn.”

Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Manaidsear Clàr-phrògraman aig MG ALBA:

“Meal an naidheachd air a h-uile neach-ainmichte am-bliadhna – tha e mìorbhaileach a bhith faicinn taghadh cho eadar-mheasgte de sgeulachdan agus a bhith ag aithneachadh an sgil, an tàlant, agus an oidhirp mhòr theicnigeach a bheir e gus an toirt beò. Tha oidhche nan Duaisean na àite far an tèid an tàlant seo aithneachadh agus tha mi air bhioran faicinn cò a thèid a chrùnadh mar bhuannaichean FilmG air 23 Gearran. Airson a’ chiad uair a-riamh, tha filmeadairean à Eilean Mhanainn agus Canada air a’ gheàrr-liosta, a’ sealltainn ruigsinneachd eadar-nàiseanta farpais nam film Gàidhlig. Tha sinn an dòchas leantainn air adhart a’ leasachadh ceanglaichean thar-nàiseanta FilmG agus a’ toirt taic do fhilmeadairean tàlantach a tha a’ nochdadh air feadh Alba.”

Thèid Duaisean FilmG a chumail air 23 Gearran ann an Audrium Laomainn, SEC ann an Glaschu. Thèid na duaisean a chraoladh beò air YouTube le prògram gu bhith air a chraoladh dà latha às dèidh sin air BBC ALBA (Didòmhnaich 25 Gearran.)