Sponsaireachd

English / Beurla

Sponsaireachd

Bidh MG ALBA a’ gabhail air dleastanas airson sponsaireachd sònraichte a tha a’ freagairt air ar Poileasaidh Sponsaireachd. Bu chòir tagraidhean coimhead air a’ Phoileasaidh Sponsaireachd mus cuirear tagraidhean sam bith a-staigh.

Ma tha sibh airson fios a chur thugainn mu dheidhinn a bhith a’ faighinn taic mar seo, cuiribh fios gu: sponsorship@mgalba.com

Taic an-dràsta

Tha MG ALBA an-dràsta mar a’ phrìomh bhuidheann taic airson Duaisean Ciùil Traidiseanta Albannach MG ALBA agus Duaisean Ball-coise nam Ban Albannach MG ALBA.

Tha MG ALBA air a bhith a’ cur taic ri Duaisean Ciùil Thraidiseanta Albannach MG ALBA bho 2008. Air an stèidheachadh ann an 2003 le Hands up for Trad, thèid na duaisean bliadhnail a chumail ann an diofar àiteachan san Dùbhlachd gach bliadhna, agus iad ag amas air ceòl traidiseanta mìorbhaileach na h-Alba a thaisbeanadh agus a bhith a’ toirt cothrom àrd-ìre a bheir an ceòl agus an gnìomhachas air beulaibh nam meadhanan agus aire an t-sluaigh. Thèid na duaisean a chraoladh air BBC ALBA cuideachd.

Tha MG ALBA air a bhith a’ cur taic ri Duaisean Ball-coise nam Ban Albannach MG ALBA bho 2018 nuair a chaidh na duaisean a chur air bhog a-rithist le Scottish Women’s Football, a’ bhuidheann aig a bheil an dleastanas airson co-fharpaisean ball-coise dùthchail ann an Alba. Tha BBC ALBA air a bhith a’ craoladh ball-coise nam ban on a chaidh a stèidheachadh ann an 2008, agus tha e air a shònrachadh mar ‘Dachaigh Spòrs nam Ban ann an Alba’.

Coimhearsnachd

Tha buidseat beag aig MG ALBA air a shònrachadh airson pròiseactan a tha stèidhte anns a’ choimhearsnachd gus dearbhadh gum bi sinn a’ cur ris a’ choimhearsnachd anns a bheil a’ mhòr-chuid den luchd obrach againn ag obair, no anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig fharsaing. Gabhaidh tabhartasan fa leth suas gu luach £250 a dhèanamh nuair a tha tagradh a’ freagairt air na slatan tomhais a leanas:

Tha am pròiseact a’ brosnachadh dleastanas sòisealta corporra no dàimhean làidir anns a’ choimhearsnachd far a bheil MG ALBA na fhastaiche, no ann an coimhearsnachd Gàidhlig, ag adhartachadh sgilean taisbeanaidh agus cruthachalachd com-pàirtichean a’ phròiseict ann an dòigh a bheir buannachd dhan roinn chruthachail Ghàidhlig, air neo a chuireas ri adhartachadh foghlaim a thaobh cùisean ceangailte ri cànan agus cultar na Gàidhlig; agus

Tha am pròiseact air a ghabhail os làimh tro mheadhan na Gàidhlig air neo tha na com-pàirtichean ag aontachadh ri bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig mar chànan obrach, no a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig san fharsaingeachd.

Ma tha sibh airson fios a chur thugainn mu dheidhinn pròiseact coimhearsnachd, cuiribh fios gu community@mgalba.com