Prògram Aithiriseach Chloinne 2022

English / Beurla

Prògram Aithiriseach Chloinne 2022

Mu

Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ gabhail pàirt anns an sgeama cliùmhor eadar-nàiseanta airson nam filmichean fìrinneach chloinne as fheàrr air feadh an t- saoghail a tha an EBU a’ ruith. A’ leantainn air Lachlan: Balach aig a’ Mhullach, Lena: An Croitear Òg agus Aonghas: Miann na Mara tha sinn a’ sireadh bheachdan sgeulachdan/beachd air sgioba-cluiche le dùil prògram aithriseach a choimiseanadh mar phàirt den sgeama.

Bu chòir feairt a thoirt air na leanas ann a bhith a’ cruthachadh thagradh:

  • Cuspair: “I Can Do It”
  • Fad: 14’45”
  • Luchd-amhairc: ag amas air clann aois 10-12 – ach freagarrach do chloinn aois 8-12.
  • Cuspair: bu chòir pàiste (fo aois 12) a bhith aig cridhe na sgeulachd agus an sgeulachd innse nan fhaclan fhèin. Bu chòir nach eil mòran agallamh ann le inbhich.
  • Stoidhle lèirsinneach le cothrom a bhith a’ cur an fhilm gu cànain eadar-dhealaichte.
  • Gheibhear eisimpleirean de dh’filmichean bho bhliadhnaichean eile an seo.
  • Ceadan: bidh feumalachdan aig an EBU a thaobh chòirichean thar- chruinne agus còirichean eile a tha a’ ciallachadh gu bheil an cùmhnant airson a’ phròiseict seo neo-àbhaisteach.
  • Ionmhas a bharrachd: tha dùil gum bi an tagradh soirbheachail a’ sireadh taic ionmhais tro Mhaoin Susbaint Dhaoine Òga agus creideasan cìse.
  • Buidseat: tha buidseatan airson an sgeama seo air a bhith gu h- àbhaisteach suas gu £20,000 (MG ALBA agus creideasan cìse) agus cleachdaidh sinn sin mar slat-tomhais nuair a tha sin a’ measadh bheachdan. (Thoir fa-near, ge-tà, gum faodadh maoineachadh a bharrachd bhon YACF am buidseat a tha ri fhaighinn a mheudachadh gu mòr.)

Maoin Susbaint Dhaoine Òga

Creideasan Cìse BFI

 

Pròiseas Tagraidh

Cuir co-dhiù bheachd airson sgeulachd/sgioba-cluiche an cois do thagradh. Ceann-là airson beachdan phrògraman – Diciadain 12mh Faoilleach 2022, 1f.

Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/BBC – Diluain 31mh Faoilleach 2022, 5f.

Bu chòir na tagraidhean dèante a chur gu: claire.macdonald@bbc.co.uk

Bu chòir ceistean mu nì sam bith a chur gu Uilleam MacLeòid, aig bill.macleod@mgalba.com