Leasachadh Sitcom Gàidhlig : Cothrom Son Sgrìobhadairean

English / Beurla

Leasachadh Sitcom Gàidhlig : Cothrom Son Sgrìobhadairean

Mu

Tha sreath de shoirbheasan air a bhith aig telebhisean Gàidhlig le comadaidh stèidhichte air sgeidseachan. Bho làithean Ran Dan gu FUNC a choisinn duaisean bho chionn ghoirid, is fhada bho thòisich sgeidseachan Gàidhlig a’ toirt gàire air an luchd-amhairc Ghàidhlig.

Tha sinn a-nis airson comadaidh eadar-dhealaichte a leasachadh – sitcom Gàidhlig. An àite cruinneachadh de phìosan goirid, tha sinn a’ coimhead airson cruth aithriseach le suidheachadh sònraichte, sgioba de charactaran làn-chruthaichte air an cuir an luchd-amhairc fàilte agus sgeulachdan a chumas aire thar 29 mionaidean.

Tha an gairm seo airson sgrìobhadairean gus beachdan sitcom Gàidhlig tùsail a chruthachadh agus a chuir a-steach. Thèid tagraichean soirbheachail a choimiseanadh gus sgriobt pìleat a leasachadh.

Tha sinn an dòchas gun cuidich seo sibh:

Luchd-amhairc

Is e ar n-amas comadaidh co-aimsireil a chruthachadh le blàths, cridhe agus a chòrdas ri daoine thar ghinealachdan – prògram èibhinn dha-rìribh le caractaran mòra a chòrdas ris an luchd-amhairc Ghàidhlig as fharsainge ‘s a ghabhas.

Faireachdainn

Tha sinn a’ sireadh an rud tha sin a bheir air daoine gàire a dhèanamh. Bu chòir don t-suidheachadh a bhith èibhinn, bu chòir gum biodh an còmhradh èibhinn, bu chòir na caractaran agus na dàimhean aca a bhith èibhinn. Tha sinn a’ coimhead airson sitcom seach sadcom!

Caractaran

Tha sinn airson nan caractaran a thoirt gu ar cridhe – no a bhith comasach air rudeigin mun deidhinn a thoirt gu ar cridhe. Bu chòir caractar a ghlacas aire – no dàimh a ghlacas aire – a bhith aig cridhe na sgeulachd.

Gnè

Tha sinn fosgailte do gach seòrsa sitcom. Ge bith an e comadaidh bho shealladh neo-àbhaisteach a th’ ann, air a stiùireadh le caractar mar Stath Lets Flats, mockumentary leithid This Country, no rudeigin stèidhichte san stiùidio leithid Not Going Out – thèid cnuasachadh air a’ bheachd a-mhàin a thaobh comas còrdadh ri luchd-amhairc fharsaing.

Cruth

Tha sinn a’ sireadh bheachdan a dh’fhaodadh a bhith air an leasachadh gu sgriobt pìleat 29-mionaid. Bu chòir tuigse a bhith ann air mar as urrainnear am beachd a leasachadh gu ruige ìre sreath. Bu chòir comas a bhith aig a’ bheachd cuideachd a bhith mar sreath a thilleas.

Rudan a bu chòir /nach bu chòir a dhèanamh

  • Bheir dhuinn beachd soilleir air an t-suidheachadh, na caractaran agus na sgeulachdan a dh’fhaodadh a bhith ann. Chan fheumar sgriobt iomlan a chuir thugainn.
  • Is e seo gairm airson sgrìobhadairean a tha ag obair sa Ghàidhlig. Chan eil sinn a’ sireadh bheachdan a thàinig bho chànan eile, no a dh’fheumas eadar- theangachadh.
  • Tha fàilte air sgrìobhadairean fa leth – mar a tha air com-pàirteachasan sgrìobhaidh no co-obrachadh. A thaobh co-obrachadh, tha e ceart gu leòr mura bi aon de na sgrìobhadairean ag obair gu sònraichte sa Ghàidhlig.
  • Is e seo gairm airson beachdan tùsail. Cha tèid beachdachadh air beachdan a chaidh a chuir a-steach roimhe gu BBC ALBA, agus a chaidh a dhiùltadh gu foirmeil.
  • Feumaidh còraichean airson beachdan sgrìobhadairean a bhith rim faighinn gu furasta.

Pròiseas Tagraidh

Cuir thugainn geàrr-chunntas den bheachd (suidheachadh, caractaran, sgeulachdan) a thuilleadh air CV.

Ceann-là airson ar tagradh – Diluain 28mh Gearran 2022, 5f.

Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/BBC – Dihaoine 1mh Giblean 2022, 5f.

Bu chòir na tagraidhean dèante a chur gu: claire.macdonald@bbc.co.uk

Bu chòir ceistean mu nì sam bith a chur gu Uilleam MacLeòid, aig bill.macleod@mgalba.com

 

An Ath Rud

Aon uair ’s gu bheil sinn air tagraidhean fhaighinn ‘s docha gun iarr sinn air sgrìobhadairean beagan leasachaidh gun phàigheadh a dhèanamh. Tha seo gus am bi beachdan air an cumadh gu ìre far am faodar am measadh gu cothromach.

Is dòcha cuideachd gun dèan sinn an tuilleadh chòmhraidhean leibh gus beachdan sgrìobhadairean a sgrùdadh nas coileanta.

Bidh sgioba coimiseanaidh BBC ALBA an uair sin a’ taghadh beachd (no beachdan) airson a dhol a-steach do leasachadh pàighte.

Aig an àm seo bhiodh sinn an dòchas an sgrìobhadair (no sgrìobhadairean) soirbheachail a chom-pàirteachadh le companaidh riochdachaidh neo- eisimeileach le eòlas ann an riochdachadh comadaidh. Bhiodh e na amas an taic deasachaidh as fheàrr a thoirt seachad ann a bhith a’ stiùireadh agus a’ cumadh sgriobt pìleat – fhad ‘s aig an aon àm a’ gleidheadh nan nithean cultarach is cànanach a tha riatanach airson comadaidh Gàidhlig soirbheachail.

Tuilleadh fiosrachaidh

Tha còmhradh feumail! Mar sin, na bitheadh leisg oirbh bruidhinn rinn. Cuir fios gu Bill Macleod: bill.macleod@mgalba.com