Geàrr-Dràma Chloinne 2023

English / Beurla

Geàrr-Dràma Chloinne 2023

Mu

Tha BBC ALBA a’ sireadh smuaintean cruthachail is inntinnich bho sgrìobhadairean Gàidhlig airson sgeama geàrr-dràma chloinne an Aonadh Craolaidh Eòrpach (EBU).

Tha seo mar phàirt de thaisbeanadh cliùmhor eadar-nàiseanta airson nam filmichean chloinne as fheàrr san Roinn-Eòrpa agus thall thairis.

  • Cuspair: ‘Buinteanas’
  • Fad craolaidh: 15 mionaidean
  • Luchd-amais: Clann eadar 6-9 bliadhna a dh’aois
  • Sgioba-cluiche: Clann aig cridhe an dràma
  • Stoidhle: Dathach, tarraingeach le nas lugha de chòmhradh ’s a ghabhas
  • Àrd-amas: Bu chòir do bheachdan a bhith cho mac-meanmnach ’s a ghabhas ach cuideachd comasach a choileanadh air buidseat cuingealaichte. Mar sin, sgrìobh le sgioba-cluiche beag nad inntinn agus seachain special effects
  • Feumaidh còraichean co-cheangailte ri beachdan sgrìobhadairean a bhith fosgailte dha MG ALBA no companaidh neo-eisimeileach airson an ceannach
  • Cruth: Feumar am beachd a chuir a-steach ann an cruth ghoirid (chan e an sgriobt air fad), dà dhuilleag aig a’ char as fhaide
  • Bu chòir na tagraidhean a chur gu: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk
  • Ceann-latha: 1700 air 27.01.23

Bidh Àrd-Riochdaire fhèin aig an EBU a bhios ag obair le na sgrìobhadairean agus ceannard na seanailean anns gach dùthaich.  Bidh cuideachd Àrd-Riochdaire aig BBC ALBA.

Tha barrachd fiosrachaidh mun sgeama agus eisimpleirean de dh’filmichean agus sgriobtaichean bho bhliadhnaichean eile ri faotainn.

Ma tha fiosrachadh eile a dhìth an-dràsta cuir fios thugam aig bill.macleod@mgalba.com no air 07900 217 302.