Geàrr Dràma Chloinne 2022

English / Beurla

Geàrr Dràma Chloinne 2022

Mu

Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ gabhail pàirt anns an sgeama cliùmhor eadar- nàiseanta airson nam filmichean chloinne as fheàrr air feadh an t-saoghail a tha an EBU a’ ruith.

Tha sinn an-dràsta ag obair gus sgriobt a choimiseanadh agus tha sinn a-nis a’ sireadh fios mu chompanaidhean riochdachaidh aig a bheil ùidh sa ghnothach agus a tha air a bhith a’ frithealadh BBC ALBA le pròiseactan dràma.

Seo prìomh fheumalachdan an sgeama:

  • Dràma 15m a dh’fhaid ag amas air clann eadar 6-9 bliadhna a dh’aois, le clann a’ cluich nam prìomh charactaran.
  • Stoidhle lèirsinneach le cothrom a bhith a’ cur an fhilm gu cànain eadar- dhealaichte.
  • Bidh feumalachdan aig an EBU a thaobh chòirichean thar-chruinne airson 10 bliadhna agus còirichean eile a tha a’ ciallachadh gu bheil ancùmhnant airson a’ phròiseict seo neo-àbhaisteach.
  • Bidh Àrd-Riochdaire aig an EBU fhèin a bhios ag obair le na companaidhean riochdachaidh is riochdairean nan craoladairean anns gach dùthaich. Tha seo cuide ri Àrd-Riochdaire MG ALBA, Uilleam MacLeòid.
  • Lìbhrigeadh chun EBU/BBC ALBA ro Samhain 2022 airson tionndadh sgrionaidh agus Dùbhlachd 2022 mar lìbhrigeadh an craoladh deireannach ag amas air craoladh aig àm na Nollaig.

Tha barrachd fiosrachaidh mun sgeama, eisimpleirean de dh’filmichean bho bhliadhnaichean eile agus sgriobt am bliadhna-sa ri faotainn.

Tha amasan leasachadh tàlant sònraichte aig BBC ALBA agus tha sinn a’ brosnachadh chòmhradh le companaidhean neo-eisimeileach mu na puingean a leanas:

  • Stiùirichean a bhruidhneas Gàidhlig
  • Sgrìobhadairean-ciùil le tuigse air cultar ciùil na Gàidhlig

Bidh MG ALBA a’ cur maoin de £40,000 chun phròiseict. Thathas a’ sùileachadh gun cuir an companaidh riochdachaidh tagradh a-steach gu Young Audience Content Fund am BFI agus cuideachd airson creideasan cìsean RA airson prògraman chloinne.

Maoin Susbaint Dhaoine Òga

Creideasan Cìse BFI

 

Pròiseas Tagraidh

Sa chiad dol a-mach, tha sinn a’ sireadh fios mu ùidh cuide ri geàrr-iomradh air eòlas riochdachaidh, tomhas air prìomh tàlant agus aithris chruthachail.

Ceann-là airson ar tagradh – Diciadain 12mh Faoilleach 2022, 1f.

Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/BBC – Diluain 31mh Faoilleach 2022, 5f.

Bu chòir na tagraidhean dèante a chur gu: claire.macdonald@bbc.co.uk

Bu chòir ceistean mu nì sam bith a chur gu Uilleam MacLeòid, aig bill.macleod@mgalba.com