Gairm airson sgrìobhadairean (EBU drama 2022)

English / Beurla

Gairm airson sgrìobhadairean (EBU drama 2022)

Gheibhear barrachd fiosrachaidh gu h-ìosal.

Mu

Tha BBC ALBA a’ sireadh smuaintean cruthachail is inntinneach bho sgrìobhadairean Gàidhlig airson sgeama geàrr-dhràma cloinne an Aonadh Craolaidh Eòrpach (EBU).

Tha seo mar phàirt de thaisbeanadh cliùmhor eadar-nàiseanta airson nam filmichean chloinne as fheàrr air feadh an t-saoghail.

 

  • Cuspair: “Innis dhomh Rùn-dìomhair”
  • Fad craolaidh: 15 mionaidean
  • Luchd-amais: clann eadar 6-9 bliadhna a dh’aois
  • Sgioba-cluiche: clann aig cridhe an dràma
  • Stoidhle: dathach, tarraingeach le nas lugha de chòmhradh ’s a ghabhas
  • Feumaidh còraichean co-cheangailte ri beachdan sgrìobhadairean a bhith fosgailte dha MG ALBA no companaidh neo-eisimeileach airson an ceannach
  • Cruth: feumar am beachd a chuir a-steach ann an cruth ghoirid (chan e an sgriobt air fad), dà dhuilleag aig a’ char as fhaide
  • Ceann-latha: Diluain 01/11/21, 1700

 

Bidh Àrd-Riochdaire fhèin aig an EBU a bhios ag obair le na sgrìobhadairean agus ceannard na seanailean anns gach dùthaich.  Bidh cuideachd Àrd-Riochdaire aig BBC ALBA.

Tuilleadh fiosrachaidh

Tha barrachd fiosrachaidh mun sgeama agus eisimpleirean de dh’filmichean agus sgriobtaichean bho bhliadhnaichean eile ri faotainn.

Ma tha fiosrachadh eile a dhìth an-dràsta cuir fios thugam aig bill.macleod@mgalba.com no air 07900 217 302.