CUAIRT COIMISEANAIDH BBC ALBA EARRACH 2024

English / Beurla

Mu

’S e seanail àrd-amasach, a bhuineas don là an-diugh agus don là a-màireach a th’ ann am BBC ALBA leis a’ Ghàidhlig aig a cridhe. Tha ar sealladh farsaing agus tha sinn airson sgeulachdan innse a thogas ùidh is aire choimhearsnachdan air feadh Alba agus air feadh an t-saoghail.  Tha miann sgeulachdan innse a thogas dàimh le luchd-coimhid, anns an urrainn dhaibh earbsa a chuir agus a tha mar sgàthan air farsaingeachd am beatha. Siuthad, cuir iongnadh oirnn!

An turas-sa tha ar n-aire air stuthan aithriseach.  Susbaint làn spionnadh a bheir buaidh gu h-ionadail is gu h-eadar-nàiseanta.  Tha an dà chuid brìgh a’ bheachd, agus an dòigh cruthachail anns an tèid a chuir an cèill, air leth cudromach dhuinn.  Cuiridh sinn fàilte cuideachd air tagraidhean a tha a’ toirt ionmhas a bharrachd nan cois air neo aig am bheil comas sin a dhèanamh.

CINN-LÀ THAGRAIDHEAN

  • Tha a’ chuairt seo ag amas air prògraman is urrainn a cho-lìonadh ann an 2024, nam measg stuthan a dh’fhaodadh is docha freagairt air clàr na Nollaige.
  • Ceann-là airson beachdan – Diluain 8 Faoilleach 2024, 1f
  • Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/BBC – Diciadain 31 Faoilleach 2024, 5f

Tha sinn duilich ach cha bhi sinn a co-roinn co-dhùnaidheanan Cuairt Coimiseanaidh BBC Alba Earrach 2024 gu Diciadain 31 Faoilleach.

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Jennifer NicChoinnich: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

PRÌOMHACHASAN COIMISEANAIDH

GNÈITHEAN 

Tha sinn a’ sireadh stuth aithriseach agus cur-seachad a tha àrd-amasach. Prògraman le caractaran làidir agus sgeulachdan co-cheangailte ri na cuspairean a th’ air bilean an t-sluaigh.
Cha toir sinn prìomhachas do thagraidhean air cuspairean eachdraidheil anns a’ chuairt seo – ach a-mhàin mura bheil cruth ùr-nòsach orra, air neo gu feumar an dèanamh sa bhad/ gu bheil cothrom dearbhte ann air taic-airgid a bharrachd.
Ged a tha ùidh againn ann am prògraman aithriseach co-cheangailte ri ceòl, chan eil tagraidhean far am bheil a’ chuid as motha stèidhichte air taisbeanadh luchd-ciùil air àrd-ùrlar a dhìth.

PRÌOMHACHASAN CLÀIR

Tha sinn a’ sireadh phrògraman a bheir buaidh anns a’ chlàr agus a ghlacas aire air iPlayer.

DREACH AGUS FAD

Gabhaidh sinn tagraidhean airson prògraman fa-leth air neo sreathan goirid.

Tha sinn sùbailte a thaobh fad.  Is e an rud as cudromaiche gu seas an sgeulachd ris am fad a thathas a’ moladh.

Lùigeadh sinn tagraidhean fhaicinn a tha a’ toirt feairt air mar as urrainn fad is cruth a chleachdadh gus stuthan ùra a dhealbh agus a lìbhrigeadh mu choinneimh feumalachdan luchd-amhairc nas òige (16-35) , airson a’  chlàr no mar chiad-sealladh air iPlayer. The buaidh na phrìomhachas.  Bu chòir coimhead air cruthan-goirid mar dhòigh air tiotalan ùra a stèidheachadh, chan ann mar rud a lìonas beàrn sa chlàr.

Aig a’ cheann eile ge-tà, beachdaichidh sinn air tagraidhean àrd-amasach airson pròiseactan aithriseach a sheasas suas gu 90m agus a dh’fhaodadh nochdadh san taigh-dhealbh no aig fèisean mas tigeadh iad gu clàr TBh.  Bhiodh dùil gun tigeadh an lethid le ionmhas a bharrachd air neo plana dearbhte airson a lethid fhaighinn, nan cois.

TAGRAIDHEAN

  • Thoir dhuinn iomradh goirid cruthachail mu aon duilleag A4 gach prògram, le tiotal (Gàidhlig is Beurla), an sgeulachd ann an seantans, fios mun dreach, agus samhla air ìomhaigh airson iPlayer.
  • Tha cuideachd fiosrachadh mu phrìomh thàlant le ùidh dearbhte sa phròiseact a dhìth cuide ri fiosrachadh mu chothroman meadhanan didseatach.
  • Seall dhuinn gu bheil thu air smaoineachadh air mar a dheidheadh ùidh luchd-amhairc a thogail anns a’ phrògram tro phàipearan-naidheachd, na meadhanan sòisealta agus meadhanan-craolaidh eile.
  • Cuiridh sinn fàilte air blas de na prògraman ged nach eil seo riatanach.  Dh’fhaodadh gun tèid agallamhan a chumail leis an luchd-tagraidh gus na tagraidhean a leasachadh.
  • Thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean a tha a’ toirt feart air cothroman airson maoineachadh a bharrachd leithid, ach chan e a-mhàin, iad seo:

Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail

https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen

Creideasan Cìse BFI

https://www.bfi.org.uk/supporting-uk-film/british-certification-tax-relief

CINN-LÀ THAGRAIDHEAN

  • Tha a’ chuairt seo ag amas air prògraman is urrainn a cho-lìonadh ann an 2024, nam measg stuthan a dh’fhaodadh is docha freagairt air clàr na Nollaige.
  • Ceann-là airson beachdan – Diluain 8 Faoilleach 2024, 1f
  • Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/BBC – Diciadain 31 Faoilleach 2024, 5f

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Jennifer NicChoinnich: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk