Cuairt Coimiseanaidh A’ Gheamhraidh 2021/22

English / Beurla

Cuairt Coimiseanaidh A’ Gheamhraidh 2021/22

Prìomhachasan

Anns a’ chuairt seo tha sinn a’ sireadh bheachdan a bheir sgeulachdan làidir, chun na sgrion, a tharraingeas aire gu nàiseanta agus nas fharsainge, air an innse le liut agus brìgh, a thèid a mholadh agus a chosnaicheas dhuaisean. Seasaidh sinne còmhla ribh ann a bhith a’ feuchainn ri na h-amasan sin a choileanadh.

Smaoinich air…

Sgeulachdan le pearsachan làidir aig cridhe na cùise, a bheir beò diofar thaobhan de bheatha agus eachdraidh na h-Alba, agus a bhiodh air an sgeadachadh tro chruthan aithriseach. Chunnacas seo roimhe le leithid Tearlach Ceannadach: A Good Man Speaking, Lipoedema: Sgeulachd Lorna, Afro-Gaidheil.

Sgeulachdan a tha mar sgàthan air ar beatha an-diugh ann an Alba, a tha ag aithneachadh meud beatha nan Gàidheal agus a bhios tarraingeach don choimhearsnachd Ghàidhlig, ge bith dè an aois. Tha ùidh shònraichte againn ann am beachdan airson sreathan, ach cha chuir sinn cùl ri tagraidhean làidir airson prògraman a sheasas leotha fhèin. Chunnacas seo bho chionn ghoirid le prògraman mar Dana: Scotland’s Wild Side, Ratharsair, An Cuan Sgìth, Minch.

 

Cinn-Là

Ceann-là airson beachdan phrògraman– Diciadain 12mh Faoilleach 2022, 1f.

Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/BBC – Diluain 31mh Faoilleach 2022, 5f.

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt choimiseanaidh seo Cuairt a’ Gheamhraidh – 2021/22 a chur gu Claire MacDonald :- claire.macdonald@bbc.co.uk