Mu
Airson còrr air deich bliadhna, tha dràmathan Gàidhlig BBC ALBA air a bhith a’ toirt tlachd do luchd-amhairc agus a’ dol an sàs ann an sgeulachdan brosnachail agus mac-meanmnach. Tha tiotalan leithid a’ chomadaidh Eilbheas, Bannan a bha a’ ruith airson grunnan sreathan, agus an t-sreath ùr beòthail An Clò Mòr air luchd-amhairc mòr agus dìleas a ghlèidheadh.
Tha sinn an-dràsta a’ leudachadh ar raon leasachaidh dràma agus tha sinn a’ sireadh bheachdan ùra – gu dìreach bho sgrìobhadairean Gàidhlig, no bho riochdairean dràma a tha ag obair le tàlant Gàidhlig. Is e seo toiseach pròiseas leasachaidh fad-ùine a tha ag amas air dràma ùr fhàs a dh’fhaodadh nochdadh air an sgrion grunn bhliadhnaichean bhon dràsta.
Na tha sinn a’ sireadh
Is e cothrom air leth a tha seo airson dràma Ghàidhlig ùr a leasachadh a bheir buaidh gu cruthachail agus gu breithneachail.
Tha sinn a’ coimhead airson sgeulachdan a tha dha-rìribh a’ ciallachadh rudeigin don sgrìobhadair – agus dha-rìribh cudromach don luchd-amhairc. Tha dearbhteachd, càirdeas agus dìoghras airson innse sgeulachdan deatamach.
Tha ùidh shònraichte againn ann an suidheachaidhean làidir, air an stiùireadh le caractaran, a bheir buaidh mhòr air an t-seanail agus nas fharsaing.
Thèid beachdachadh air ath-riochdachaidhean a thuilleadh air beachdan tùsail – ach feumaidh na còraichean a bhith rim faighinn.
Gnè
Tha sinn fosgailte do gach gnè a tha tarraingeach do luchd-amhairc farsaing – bho dhràma teaghlaich gu eucoir gu comadaidh. Tha e coltach gum bi dràma eachdraidheil ge-tà, ro dhaor – mura h-eil cothroman reusanta ann airson co-mhaoineachadh agus/no gu bheil àireamh nan caractaran agus na h-àiteachan cuingealaichte. Tha e cuideachd eu-coltach gun coimhead sinn air barrachd ghnèithean sònraichte leithid uamhas, uirsgeul, sci fi no fantasy.
Cruth
Tha sinn fosgailte do gach cruth a’ gabhail a-steach singles, sreathan beag agus pròiseactan fada. Ach, is e ar prìomhachas aithris sreathach de thachartasan 30 no 60-mionaid. Agus ged a bhiodh comas an t-susbaint a dhèanamh mar rud a dh’fhaodadh sreathan a bharrachd a dhèanamh dheth chan eil e riatanach.
Luchd-amhairc
Tha sinn airson a bhith tarraingeach don luchd-amhairc as fharsainge – gach cuid gu loidhneach agus iPlayer.
Miann
Is iad na faclan cudromach tùsachd, lèirsinn agus miann. Tha sinn airson beachdan a leasachadh aig ìre Mayflies le Andrea Gibbs, An Irish Goodbye le Tom Berkeley agus Ross White, no An Cailín Ciúin aig Colm Bairéad. Tha sinn a’ coimhead airson guth cruthachail sònraichte le sealladh gun samhail air an t-saoghal.
Tàlant
Tha sinn airson a bhith ag obair leis an tàlant chruthachail as fheàrr bho air feadh na h-Alba. Tha an gairm seo fosgailte do sgrìobhadairean Gàidhlig – agus do chompanaidhean riochdachaidh dràma stèidhichte ag obair le tàlant cruthachail Gàidhlig. Tha dearbh-aithne cultarach agus cànanach deatamach.
Co-ionmhas
Ged a tha an gairm seo airson leasachadh aig ìre thràth chuireamaid fàilte air beachdan no pròiseactan aig a bheil comas co-mhaoineachaidh creidsinneach le com-pàirtichean maoineachaidh eile.
Dè a chuireas tu a-steach
Chan e gairm a tha seo airson làn sgriobtaichean. Thathas a’ sireadh rudeigin sìmplidh a tha a’ mìneachadh na sgeòil, na prìomh charactaran agus an dòigh-obrach a thathar a’ moladh a tha a dhìth aig an ìre seo – 4 duilleagan aig a’ char as àirde. Ma tha am beachd mar atharrachadh air obair litreachais, feumaidh tu dearbhadh gu bheil na còraichean rim faighinn. Feuch an cuir thu a-steach cuideachd CVan airson na prìomh thàlant cruthachail.
Càite an cuir thu a-steach
bbcalbacommissioning@bbc.co.uk
Cuin a chuireas tu a-steach
Feuch an cuir thu do shealladh thugainn ro 5f air Dihaoine 30 Ògmhios 2023.
Na h-ath cheumannan
Bidh sinn ag amas air na beachdan air fad a leughadh ro Dihaoine 28 Iuchar 0223. Faodaidh sinn leantainn le cuireadh gu sgrìobhadairean agus/no riochdairean bruidhinn rinn mu na pròiseactan aca.
Ro Dihaoine 25 Lùnastal 2023 nì sinn co-dhùnadh air na pròiseactan a tha sinn airson a leasachadh. Cuiridh sinn fios air ais chun a h-uile tagraiche cho luath ‘s a ghabhas dèanamh às dèidh a’ cheann-latha sin. Gheibh sgrìobhadairean/companaidhean riochdachaidh soirbheachail tairgse airson leasachadh pàighte.
Ma nì sgrìobhadairean tagradh rinn gu neo-eisimeileach (ie chan ann ann an com-pàirteachas le companaidh riochdachaidh) feuchaidh sinn ri dàimh a bhrosnachadh le neach eòlach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh
Ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mun iarrtas leasachaidh seo, nach cuir sibh fios gu Bill MacLeòid bill.macleod@mgalba.com