BBC ALBA Cuairt Coimiseanaidh Samhraidh – 2021

English / Beurla

BBC ALBA Cuairt Coimiseanaidh Samhraidh – 2021

Gheibhear barrachd fiosrachaidh gu h-ìosal mu dheidhinn Cuairt Coimiseanaidh Samhraidh – 2021.

Mu

‘S e seanail àrd-amasach, a bhuineas don là an-diugh agus don là a-màireach a th’ ann am BBC ALBA leis a’ Ghàidhlig aig a cridhe: ar daoine, ar cànan, ar cultar, ar saoghal.  Tha ar sealladh farsaing agus tha sinn airson sgeulachdan innse a thogas ùidh is aire choimhearsnachdan air feadh Alba agus air feadh an t-saoghail.

Tha co-bhanntachd BBC ALBA pròiseil de na co-bhanntachdan cruthachail a leasaich sinn thar nam bliadhnaichean. Thathas a’ coimhead air adhart ri togail orra sin gus tuilleadh shusbaint a bheir buaidh gu h-ionadail is gu h-eadar-nàiseanta a dheasachadh.

Tha e cudromach dhuinne gu bheil na sgeulachdan a tha sinn ag innse agus na daoine a tha dhan toirt beò, mar sgàthan air farsaingeachd beatha ar luchd-amhairc.

Tha sinn airson greimeachadh air gach goireas a th’ againn, is ur spionnadh cruthachail agus ur lèirsinn teicnigeach an cois sin, gu buannachd ar luchd-amhairc.  Cuiridh sinn fàilte air tagraidhean a tha a’ toirt ionmhais a bharrachd nan cois air neo aig am bheil comas sin a dhèanamh.

Cinn-là eadar-dhealaichte

Tha da roinn le cinn-là eadar-dhealaichte anns a chuairt seo.

 

CÈILIDH NA BLIADHN’ ÙIRE 2021 & 2022

  • Ceann-là airson beachdan – Diardaoin 27 Cèitean 2021, 1f.
  • Ceann-là airson co-dhùnaidhean – Dihaoine 4 Ògmhios 2021, 5f.

 

CLÀR CEANN BLIADHNA / EARRAICH

  • Ceann-là airson beachdan – Dihaoine 11 Ògmhios 2021, 1f.
  • Ceann-là airson co-dhùnaidhean – Diciadain 30 Ògmhios 2021, 5f.

 

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo Cuairt Samhraidh – 2021 a chur gu Claire NicDhòmhnaill :- claire.macdonald@bbc.co.uk

Prìomhachasan clàr ceann bliadhna / earraich

Tha sinn fhathast air an t-slighe le Covid mar phàirt de ar beatha agus tha sinn moiteil as na tha ga choileanadh ann an dòighean ùr-ghnàthach le ar solaraichean.   Chan eil lagachadh a’ tighinn air miann ar luchd-amhairc airson prògraman a dhùisgeas mac-meanmna agus a bhrosnaicheas inntinn.

Tha sinn a’ sireadh bheachdan a bheir sgeulachdan làidir chun na sgrion, a tharraingeas aire gu nàiseanta agus nas fharsainge, air an innse le liut agus brìgh, a thèid a mholadh agus a chosnas duaisean. Seasaidh sinne còmhla ribh ann a bhith a’ feuchainn ri na h-amasan sin a choileanadh.  An turas-sa tha sinn ag amas gu sònraichte air àm na Nollaige agus na Bliadhn’ Ùire agus àm an Earraich.  Tha sinn a’ cur luach air na cothroman àraidh a tha an t-àm seo den a bhliadhna a’ toirt dhuinn gus ar luchd-amhairc a fhrithealadh le farsaingeachd phrògraman.

Cuiridh sinn fàilte air tagraidhean a tha a’ toirt feairt air na dùbhlain a tha a’ tighinn an cois a bhith ag obrachadh ann an saoghal le Covid, ach tha a’ bhliadhna a dh’fhalbh air dearbhadh dhuinn nach fheum sin a bhith na bhacadh air sealladh àrd-amasach.

Smaoinich air…

Sgeulachdan le pearsachan làidir aig cridhe na cùise, a bheir beò diofar thaobhan de bheatha agus eachdraidh na h-Alba, agus a bhiodh air an sgeadachadh tro chruthan aithriseach.  Chunnacas seo roimhe le leithid  Tearlach Ceannadach, A Good Man Speaking; Dystonia: Beatha air Fhiaradh; NY2SY; Lipoedema: Sgeulachd Lorna

 

Sgeulachdan fiosrachail a thogas inntinn a tha mar sgàthan air ar beatha an-diugh ann an Alba, a tha ag aithneachadh meud beatha nan Gàidheal agus a bhios tarraingeach don choimhearsnachd Ghàidhlig, ge bith dè an aois.  Dh’iarradh sinn tagraidhean fhaicinn a tharraingeas daoine còmhla,  a thogas dàimh leis an luchd-amhairc agus a leudaicheas ar lèirsinn.  Tha ùidh shònraichte againn ann am beachdan airson prògraman 60 mion a sheasas leotha fhèin neo mar sreathan goirid, ach cha chuir sinn cùl ri tagraidhean làidir eile.   Chunnacas seo bho chionn ghoirid le prògraman mar Cearcaill Ceò; Ceòl na Loidhne; Cinema Gaedelica; Mach a Seo: Na Fir Chlis

Stiùireadh

Is fhiach smaoineachadh air na nithean seo ann a bhith a’ cruthachadh thagradh:-

  • Dè na h-amasan a th’ agad airson a’ phròiseict seo?
  • Cò dha a tha e?
  • Ciamar a shuidheas e anns a’ chlàr an ceann 6 mìosan air neo bliadhna bhon dràsta?
  • Dè a’ bhuaidh a bheir an àrainneachd obrach ùr seo air an dòigh sa bheil thu ag innse an sgeulachd?
  • Dè mu dheidhinn a ghlacas aire an luchd-amhairc?
  • A bheil am beachd seo a’ toirt sealladh air an t-saoghal mar a tha e?
  • Eil e mar sgàthan air farsaingeachd ar coimhearsnachdan?
  • Dè tha ùr ann? A bheil e ùr-ghnathasach a thaobh lìbhrigeadh, cumadh, tàlant, teicneòlas no an taobh bho bheil an sgeulachd ga h-innse?
  • An gabh an sgeulachd grèim air daoine, a’ dùsgadh co-fhaireachdainn air neo deasbad, agus a bheil susbaint innte a chumas aire dhaoine fad a’ phrògraim?
  • An toir e uinneag do dhaoine air suidhichidhean air neo àiteachan nach fhaiceadh iad gu h-àbhaisteach?
  • A bheil an cumadh a thaobh fad, tàlant agus fòrmat a’ freagairt air an luchd-amhairc agus an sgeulachd?
  • Dè a tha e a’ cur ri farsaingeachd an deilbh a tha ri fhaicinn anns an sgàthan aig BBC ALBA?
  • A bheil cothrom an cois na sgeòil airson co-mhaoineachaidh a shireadh bho bhuidhnean ann am Breatainn air neo thall thairis mu choinneimh a’ phròiseict?
  • Dè na cothroman a th’ ann dreach a chur air an sgeulachd airson a h-innse no a putadh air ùrlaran didseatach cho math ri telebhisean? Bheil structair na sgeòil a’ freagairt air cruthan nas giorra?

Tagraidhean

  • Thoir dhuinn iomradh goirid cruthachail le fios mun phrìomh thàlant air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara agus cuideachd am buidseat a th’ ann. Cha bu chòir don seo a bhith nas fhaide na aon duilleag A4 gach prògram.
  • Bidh sinn cuideachd a’ coimhead airson dearbhadh gu bheil an riochdaire air smaoineachadh air mar a thogadh iad ùidh luchd-amhairc anns a’ phrògram tro phàipearan-naidheachd, na meadhanan sòisealta agus meadhanan-craolaidh eile.
  • Cuiridh sinn fàilte air blas de na prògraman ged nach eil seo riatanach.
  • Dh’fhaodadh gun tèid agallamhan a chumail leis an luchd-tagraidh gus na tagraidhean a leasachadh.
  • Thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean a tha a’ toirt feart air cothroman airson maoineachadh a bharrachd leithid, ach chan e a-mhàin, iad seo:

 

Bu chòir do thagraidhean co-riochdachaidh a tha a’ sireadh prìomh mhaoineachaidh bho cho-bhanntachd MG ALBA/BBC iarrtas a chur airson maoineachadh tro na cuairtean coimiseanaidh seo. Thèid gabhail ri tagraidhean co-riochdachaidh le prìomh mhaoineachadh on taobh a-muigh aig àm sam bith agus feuchaidh co-bhanntachd MG ALBA/BBC a thighinn air ais le co-dhùnaidhean coimiseanaidh mun deidhinn cho luath ’s a ghabhas.

 

CLÀR CEANN BLIADHNA / EARRAICH

  • Ceann-là airson beachdan – Dihaoine 11 Ògmhios 2021, 1f.
  • Ceann-là airson co-dhùnaidhean – Diciadain 30 Ògmhios 2021, 5f

 

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo Cuairt Samhraidh – 2021 a chur gu Claire NicDhòmhnaill :- claire.macdonald@bbc.co.uk

Cèilidh Na Bliadhn’ Ùire 2021 & 2022

Bho thòisich BBC ALBA ann an 2008, tha a’ chèilidh air Oidhche Chalainn air a bhith mar phàirt chudromach de chleachdaidhean toirt a-steach na bliadhna ùire do mhòran ann an Alba. Le bun-stèidh làidir ann an dualchas agus traidiseanan ciùil na Gàidhlig, cuide ri ceòl bho nòsan eile tha a’ chèilidh na tachartas bliadhnail air a bheil luchd-amhairc BBC ALBA aig an taigh, air feadh na dùthcha agus thall thairis, a’ cur luach mhòr. A-nis is ar saoghal cho caochlaideach tha cleachdaidhean na Bliadhn’ Ùire buileach feumail, a’ toirt cothrom dhuinn stad, smaoineachadh, càirdeas a bhrosnachadh agus gun dìochuimhn a dhèanamh gun fheàirrde  sinn uile gàire.   Ged is docha nach eil an aona choltas air a’ chèilidh agus a bha, chan eil atharrachadh air na bunaitean: ceòl, companas, càirdeas is cur-seachad.

Gu h-àbhaisteach tha dlùth cheangal eadar aoigheachd ann an coimhearsnachd Ghàidhlig (dùthchail no bailteil) ri soirbheachas an tachartais mar a chunnacas ann an Glaschu, an t-Eilean Sgitheanach, Sruighlea agus Siorrachd Pheairt. Dhearbh am fàilte a chuir an luchd-amhairc air cèilidh na bliadhn’ an-uiridh ge-tà nach fheum daoine a bhith cruinn còmhla ann an aona àite airson tachartas soirbheachail a chruthachadh.  Dh’fhaodte a’ chèilidh a co-chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal agus thar na cruinne tron eadar-lìon.

Tha sinn a’ sireadh thagraidhean airson cèilidh beò fad 2 uair a thìde airson Oidhche Chalainn a chomharrachadh ann an 2021 agus ann an 2022.

Tha còir aig tagraidhean airson an tachartais ann an 2021 a bhith mionaideach agus dearbhadh  mar a dhèiligeas iad le suidheachadh a tha ag atharrachadh.

Tha còir aig tagraidhean airson an tachartais ann an 2022 a bhith ag amas air suidheachadh nas àbhaistiche a thaobh cruinneachaidhean agus siubhal.

Maoineachadh agus làraich

Tha maoineachadh suas gu £500,000 thar dà bhliadhna ri fhaotainn airson nam prògraman. Feumaidh na tagraidhean fianais air luach a bharrachd agus sùbailteachd buidseit a dh’fhaodar tighinn an cois cùmhnant dà bhliadhna a shealltainn. Tha làraich ann an coimhearsnachdan Gàidhlig deatamach agus thar an dà bhliadhna lùigeadh sinn gum biodh  a’ chèilidh stèidhichte anns na h-Eileanan Siar aon de na bliadhnaichean.

Chan eil sinn a’ sùileachadh gum bi am buidseat air a roinn co-ionnan eadar an dà phrògram.

Tagraidhean

Feumaidh na tagraidhean gabhail a-steach;

  • geàrr-iomradh mu leasachaidhean cruthachail agus stoidhle lìbhrigidh air an dà chèilidh.
  • fiosrachadh air a’ phrìomh thàlant air cùlaibh agus air beulaibh a’ chamara;
  • fiosrachadh air a’ phrìomh thàlant ciùil;
  • fiosrachadh air stiùiriche ciùil;
  • na h-àiteachan às an tig na cèilidhean, a rèir nam feumalachdan air am mìneachadh gu h-àrd;
  • fiosrachadh mu eòlas craoladh tachartasan ciùil beò a’ chompanaidh riochdachaidh;
  • fiosrachadh teicnigeach leithid an solar OB a thathar an dùil cleachdadh agus àireamh chamarathan;
  • buidseat mionaideach

Dh’fhaodadh gun tèid cothrom na tagraidhean seo a leasachadh aig agallamh le na tagraichean.

 

 

CÈILIDH NA BLIADHN’ ÙIRE 2021 & 2022

  • Ceann-là airson beachdan – Diardaoin 27 Cèitean 2021, 1f.
  • Ceann-là airson co-dhùnaidhean – Dihaoine 4 Ògmhios 2021, 5f

 

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo Cuairt Samhraidh – 2021 a chur gu Claire NicDhòmhnaill :- claire.macdonald@bbc.co.uk