Cuairt Coimiseanaidh Ioma-bhliadhnail Cùmhnant Riochdachaidh Spòrs, 2023

English / Beurla

Cuairt Coimiseanaidh Ioma-bhliadhnail Cùmhnant Riochdachaidh Spòrs, 2023  

Mu

Tha BBC ALBA na seirbheis telebhisein le cead craolaidh bhon BhBC.  Tha BBC ALBA a’ tabhann raon farsaing de ghnèithean sa Ghàidhlig. Tha e air a stiùireadh ann an com-pàirteachas le MG ALBA agus am BBC. 

Tha craoladh spòrs air BBC ALBA na phàirt deatamach de ro-innleachd na seanail. A thuilleadh air a bhith a’ tabhann seirbheis cho coileanta ’s as urrainn don luchd-amhairc aig a bheil Gàidhlig, tha e a’ toirt cothrom doras fhosgladh don Ghàidhlig dhaibhsan aig nach biodh eòlas air a’ chànan. 

Bidh sinn ag obair an co-bhonn ri seirbheisean eile a’ BhBC a thaobh ar ro-innleachd spòrs gus farsaingeachd agus iomlanachd sheirbheis a thabhann don luchd-amhairc. 

Ro-innleachd Luchd-amhairc

Tha BBC ALBA ag amas air: 

  •  Luchd-amhairc na Gàidhlig, a’ toirt seachad seirbheis fharsaing, iomchaidh do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
  • Luchd-labhairt gun Ghàidhlig, a’ tabhann susbaint a thogas ùidh agus a dh’obraicheas mar dhoras don Ghàidhlig. 

Ro-innleachd Spòrs BBC ALBA

Tha spòrs na phrìomh eileamaid de ro-innleachd BBC ALBA. Tha modal lìbhrigidh sònraichte BBC ALBA air leasachadh thar grunn bhliadhnaichean.  Tha e a’ gabhail a-steach trì prìomh spòrsan; ball-coise, iomain, agus beagan rugbaidh, le craoladh spòrs boireannaich aig cridhe na ro-innleachd. Tha am modail seo air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ fàs luchd-amhairc air an t-seanail, air iPlayer agus thar nam meadhanan sòisealta. 

Cuairt Riochdachaidh Ioma-bhliadhnail Spòrs 2023

Tha a’ chuairt coimiseanaidh seo a’ sireadh thagraidhean bho chompanaidhean riochdachaidh / solaraichean le teisteanasan iomchaidh aig a bheil ùidh ann a bhith ag aontachadh cùmhnant riochdachaidh spòrs ioma-bhliadhnail airson BBC ALBA.  

Tha an cùmhnant riochdachaidh spòrs air leth cudromach do ro-innleachd BhBC ALBA. Bidh an cùmhnant stèidhichte air còraichean spòrs, cuid a tha stèidhichte mu thràth agus cuid eile a tha ann an còmhraidhean aontachaidh, agus na riatanasan teicnigeach co-cheangailte riutha. Gach bliadhna, bidh seo stèidhichte air 134 uair a thìde, le 5 camarathan aig a’ char as lugha, de bhall-coise & iomain, 12 uair a thìde, le 7 camarathan aig a’ char as lugha, de rugbaidh no ball-coise agus 30 uair a thìde de shruthan craolaidh bho threas phàrtaidhean de dhiofar thachartasan spòrs. 

Thar ùine iomlan a’ chùmhnant tha sinn a’ sùileachadh gum bi feum air 438 uair a thìde de thachartasan beò OB agus 90 uair a thìde de shruthan craolaidh bho threas phàrtaidhean. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn air duilleag 5. 

Thèid an cùmhnant riochdachaidh a chuir a-mach le MG ALBA agus tòisichidh e san Iuchar 2023. Tha cinn-latha a’ chùmhnaint (tòiseachadh is crìochnachadh) a tha sa phàipear seo stèidhichte air mar a thathas a’ sùileachadh a thèid cùisean ach dh’fhaodar gun atharraich iad. Bidh an cùmhnant a’ ruith airson 3 bliadhna. Bidh lìbhrigeadh phrògraman bhon Iuchar 2023 air adhart. 

Tha slatan-tomhais airson co-dhùnaidhean air tagraidhean (le cothromachadh iomchaidh) air am mìneachadh gu h-ìosal: 

 

30% Càileachd, cruthachalachd agus sònrachas an tagraidh agus iomchaidheachd airson clàr BBC ALBA 
30%   Prìs iomlan, cosgais san uair agus luach an airgid 
20%  Eòlas dearbhte ann an lìbhrigeadh phrògraman spòrs beò gu chraoladair TBh aithnichte;  ùr-ghnàthachadh teicnigeach ann an riochdachadh OB beò, agus comas lìbhrigidh a rèir inbhean teicnigeach a’ BhBC 
10%  Planaichean mu leasachadh prìomh thàlant riochdachadh is taisbeanaidh spòrs le Gàidhlig 
10%  Ro-innleachd Iomadachd & In-ghabhaltas airson ruith na cùmhnant-sa

 

Faodar ceistean sam bith a chuir air post-d gu Jennifer.mackenzie@bbc.co.uk tron t-seachdain a’ tòiseachadh 27 Gearran 2023 agus bidh cothrom soilleireachadh a dhèanamh air cùisean sam bith co-cheangailte ris a’ chuairt coimiseanaidh seo, a’ gabhail a-steach còraichean spòrs sònraichte a tha aig BBC ALBA ann an coinneamh le oifigearan a’ chom-pàirteachais air 3 Màrt 2023. 

Ma tha sibh airson coinneamh a chuir air dòigh no ma tha ceistean agaibh mu phàirt sam bith den chuairt coimiseanaidh seo, cuiribh post-d gu Jennifer.mackenzie@bbc.co.uk 

Thèid ceistean an làimhseachadh ann an dìomhaireachd ach ma tha cuspairean sònraichte ag èirigh ni sinn cinnteach gun tèid am fiosrachadh a cho-roinn tro FAQs (Ceistean ag Èirigh) air duilleagan coimiseanaidh MG ALBA, ro 10 Màrt 2023, a rèir dìomhaireachd coimeirsealta.  

Solarachadh Phrògraman

Tha riochdachadh spòrs stèidhichte air craoladh beò de gheamannan le preasantair anns an stadium, agus filmichean goirid aig leth-ùine. Tha amannan craolaidh an urra ri clàr ama gheamannan agus na còraichean a gheibhear airson BBC ALBA.  Le amannan craolaidh na diofar thachartasan, dh’fhaodadh gum bi feum air solar OB bho làraich eadar-dhealaichte aig an aon àm / air an aon latha. Tha dùil ri co-obrachadh le BBC Radio nan Gàidheal agus na seirbheisean craolaidh eile aig BBC Scotland. 

A thaobh prìs, tha sinn an dùil ri prìs farpaiseach ach coitcheann a’ toirt a-steach gach eileamaid riochdachaidh, a’ toirt a-steach pasgan grafaigs 

Dh’fhaodar gun tèid atharrachadh a dhèanamh air a’ chùmhnant riochdachaidh ri linn cudrom air cosgaisean ach thachradh seo tro chòmhradh leis an solaraiche thaghte.  

Tha sinn a’ glèidheadh ​​na còrach gun a bhith a’ toirt seachad cùmhnant sam bith mar thoradh air a’ phròiseas coimiseanaidh seo. 

An Tagradh

Bu chòir na leanas a bhith san tagradh: 

 

1. Geàrr iomradh air cruth is susbaint stèidhichte air lìbhrigeadh tachartas craolaidh spòrs beò, tachartas stèidhichte air sruth dheilbh beò bho treas-phàrtaidh a’ sealltainn mar a thèid luachan ùr-ghnàthach riochdachaidh a choileanadh, a chumail suas agus a leasachadh thar beatha a’ chùmhnaint. 
2. Geàrr-chunntas cruthachail airson nan uairean de phrògramadh, a’ gabhail a-steach dòigh-obrach ùr-ghnàthach a thaobh filmichean goirid aig leth-ùine, stoidhle na grafaigean. 
3. Sònrachadh teicnigeach, a’ gabhail a-steach seasmhachd dòigh lìbhrigidh. 
4. Plana sònraichte airson susbaint a lìbhrigeadh gus na geamannan a thaisbeanadh
air na meadhanan sòisealta, ron gheama, beò sa gheama agus às dèidh a’ gheama. 
5. Planaichean airson phrìomh thàlant air beulaibh agus air cùlaibh camara, a’ gabhail a-steach iomadachd agus iomairtean leasachadh tàlant gus riochdachadh bho choimhearsnachdan B.A.M.E., ciorram, agus bho ìrean sòiseo-eaconomach ìosal thairis air a’ chùmhnant cuide ri cleachdadh inneal clàraidh Diamond Diversity. 
6. Prìs a’ sealltainn cosgaisean riochdachaidh is lìbhrigidh iomlan agus briseadh sìos cosgais san uair. 
7. Plana Lìbhrigidh a’ gabhail a-steach planaichean airson riochdachadh seasmhach a’ cleachdadh àireamhair Albert agus teisteanas agus trèanadh prìomh luchd-obrach riochdachaidh. 

 

Is e an ceann-latha airson tagraidhean 1f Dihaoine 17 Màrt 2023 agus ‘s e Dihaoine 31 Màrt 2023 an ceann-latha ris a bheil dùil airson co-dhùnadh com-pàirteachais MG ALBA/BBC. 

Feumar a h-uile tagradh a chuir a-steach gu h-eileagtronaigeach gu pasgan@mgalba.com ron cheann-latha. Thèid cuidhteas a chruthachadh gu fèin-ghluasadach. Cha tèid beachdachadh air tagraidhean a gheibhear às dèidh a’ cheann-latha seo agus tha e mar dhleastanas air a’ chompanaidh riochdachaidh dèanamh cinnteach gun deach an tagradh a lìbhrigeadh gu h-iomchaidh. 

Tha cothrom ann na tagraidhean a dheasbad agus a leasachadh tro agallamhan le tagraichean aon uair ‘s gu bheil a’ chuairt coimiseanaidh dùinte. Thathas an dùil gum bi na coinneamhan sin a’ tachairt air 23 no 24 Màrt 2023. 

Tha clàr-ama airson a’ phròiseas coimiseanaidh iomlan an cois seo. Faodaidh seo atharrachadh agus thèid fios a chuir gu solaraichean a chuir a-steach tagradh mu atharrachaidhean sam bith. 

 

16 Gearran 2023 – Foillseachadh Cuairt Coimiseanaidh 
3 Màrt 2023 – Cothrom coinneachadh ri com-pàirteachais BBC ALBA  
1f air 17 Màrt 2023 – Ceann-latha airson tagraidhean fhaighinn 
17 gu 22 Màrt 2023 – Measadh air tagraidhean 
23 & 24 Màrt 2023 – Cothrom coinneachadh son tagradh a mhìneachadh 
31 Màrt 2023 – taghadh solaraiche  
30 Giblean 2023 –  obair sgrudaidh / duais cùmhnant * 

 

*Mas e is nach tèid cùmhnant aontachadh leis an solaraiche taghta thèid mion-sgrùdadh a dhèanamh air an tagradh anns an dàrna àite. 

TUPE

Thathar ag iarraidh air solaraichean a tha a’ freagairt a’ chuairt coimiseanaidh seo iad fhèin a shàsachadh a thaobh cleachdadh TUPE agus aire a thoirt don bhuaidh a dh’ fhaodadh a bhith aig TUPE ann an tagradh sam bith a tha iad airson a dhèanamh mar fhreagairt don chuairt coimiseanaidh seo. 

Achd Saorsa an Fhiosrachaidh

Bu chòir fios a bhith aig tagraichean, fo iarrtas FOIA, gur dòcha gun tèid iarraidh air MG ALBA, mar bhuidheann poblach, fiosrachadh a tha ann an tagraidhean no fiosrachadh cùmhnantail san àm ri teachd fhoillseachadh. Às dèidh iarrtas, faodaidh MG ALBA beachdan a ghabhail bho thagraichean nuair a bhios iad a’ tighinn gu co-dhùnadh air dè am fiosrachadh a thèid fhoillseachadh. 

Fiosrachadh mu sholarachadh a’ phrògraim

Còig camara no barrachd de riochdachadh Spòrs OB agus riochdachadh eile co-cheangailte ris, gu sònraichte ball-coise agus iomain Albannach 

A’ chiad àm craolaidh: Deireadh-sheachdainean sa mhòr-chuid

Cruth: Mu 2 uair a thìde gach fear

Luchd-amhairc: air feadh na h-Alba

Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2023 gu Ògmhios 2026

Tachartasan ris a bheilear an dùil: 67 geama beò gach bliadhna

Uairean solair: 134 uair sa bhliadhna; 402 uair gu h-iomlan

Seachd camara no barrachd riochdachadh Spòrs OB agus riochdachadh eile co-cheangailte 

A’ chiad àm craolaidh: Deireadh-sheachdainean sa mhòr-chuid

Cruth: Mu 2 uair a thìde gach fear

Luchd-amhairc: air feadh na h-Alba

Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2023 gu Ògmhios 2026

Tachartasan ris a bheilear an dùil: 6 geamannan beò gach bliadhna

Uairean solair: 12 uair sa bhliadhna; 36 uair gu h-iomlan

Sruth craolaidh bho riochdachadh treas-phàrtaidh Spòrs OB agus riochdachadh eile co-cheangailte, gu sònraichte rugbaidh, ball-coise agus iomain Albannach 

A’ chiad àm craolaidh: Deireadh-sheachdainean sa mhòr-chuid

Cruth: Mu 2 uair a thìde gach fear

Luchd-amhairc: air feadh na h-Alba

Ùine cùmhnant solair: Iuchar 2023 gu Ògmhios 2026

Tachartasan ris a bheilear an dùil: 15 tachartasan sa bhliadhna

Uairean solair: 30 uair sa bhliadhna; 90 uair gu h-iomlan

 

 

Ceistean Cumanta

Cuin a bhios geamaichean ball-coise fir SPFL sa chlàr?

Tha sinn ag obair air a’ bhunait gur e oidhche Shathairne a bhios ann airson geamaichean lìog.

 

Am biodh dùil agaibh ri molaidhean a thaobh craoladh spòrs ùr?

Tha sinn mothachail gu bheil beairteas de thàlant ann an Alba a’ gabhail pàirt ann an raon de spòrs ach tha ar fòcas an-dràsta air ball-coise (fear is boireannaich), iomain agus rugbaidh. A thaobh cò air a dh’fhaodadh sinn beachdachadh nam biodh feum againn air susbaint a bharrachd, dh’fheumadh sinn rudeigin a bhiodh sònraichte airson BBC ALBA. Ma tha feum air spòrsan a bharrachd a chur ris a’ chlàr làithreach bhiodh sinn fosgailte airson deasbad.

 

Dè na dùilean a thaobh susbaint didseatach?

Bhiodh sinn an dùil gum biodh cuideigin bhon sgioba riochdachaidh aig geamannan beò gus an tèid criomagan in-gheam a riochdachadh agus a dheasachadh. Leis gu bheil an aithris sa Ghàidhlig, tha seo gar cuideachadh a bhith nas in-ghabhalach dhaibhsan nach bi a’ coimhead an stuth le aithris Ghàidhlig. Tha sinn ioma ùrlar agus tha craoladh didseatach a cheart cho cudromach ri craoladh loidhneach.

 

Dè na h-ùrlaran sòisealta air a bheil sibh agus a bheil casg air còraichean?

Tha sinn air Facebook, Twitter, Instagram – tha sinn a’ faighinn a-mach gur e Twitter as freagarraiche airson spòrs. Tha na cunntasan uile fo bhrand BBC ALBA. Tha sinn an dùil gun stiùir riochdachadh am biadhadh rè agus timcheall air an tachartas beò. A rèir na buidhne spòrs bhon d’ fhuair sinn na còraichean, dh’fhaodadh gu bheil bacadh air ùrlar agus cleachdaidhean as urrainn dhuinn a ghabhail os làimh.

 

Ciamar a tha sibh a’ moladh ball-coise lìog nam fir a thaisbeanadh?

Bidh sinn ag obair le co-obraichean bhon BhBC gus cross promotion a chuir air dòigh air ùrlaran a’ BhBC. Tha na toraidhean a fhuair sinn bho iomairtean cross promotion roimhe air buaidh mhòr a thoirt air figearan agus bhiodh feum air an sgioba riochdachaidh gus iarrtasan timcheall na h-oidhirp margaidheachd seo a dhèanamh comasach.

 

Am bi coinneamhan pitch a’ gabhail àite?

Tha sinn an dòchas coinneachadh ri luchd-tairgse sam bith air madainn Diardaoin 23 Màrt aig BBC Pacific Quay, Glaschu. B’ fheàrr leinn gum biodh iad sin nan coinneamhan pearsanta ach faodar coinneamhan virtual a chuir an sàs mura h-eil seo comasach.

 

A bheil e fhathast fìor gum feum prògraman spòrs air BBC ALBA a bhith air an clàradh ann an HD agus air an craoladh ann an SD?

Tha BBC ALBA a-nis a’ craoladh ann an HD agus feumaidh gach clàradh a bhith ann an HD.

 

Am bu chòir cothroman trèanaidh is leasachaidh a bhith air an gabhail a-steach ann an tagraidhean?

Tha, tha trèanadh agus leasachadh cudromach agus tha poileasaidh companaidh a thaobh leasachadh tàlant riochdachaidh is taisbeanaidh spòrs le Gàidhlig mar aon de na slatan-tomhais air am bi tagraidhean air am measadh.

 

Am bi reachdas TUPE an sàs?

Bhiodh còmhraidhean TUPE a’ gabhail àite eadar na solaraichean a tha a’ tighinn a-steach/a-mach agus dh’fhaodadh gum bi no nach bi an reachdas an sàs. Bhiodh e na b’ fheàrr a chuir san tagradh ach a bhith soilleir mu na beachdan air a bheil thu a’ stèidheachadh do thagradh.

 

Cuin a thòisicheas an cùmhnant ùr?

Tha sinn an dùil gun tòisich an cùmhnant ùr air 1 Iuchar 2023.

 

A bheil feum agaibh gu bheil tagraidhean phrògraim a’ toirt a-steach cosgaisean airson roghainnean cànain putan dearg air na prògraman spòrs agaibh?

Chan eil feum air cosgaisean co-cheangailte ri putan dearg a bhith san tagradh, ged a dh’fhaodadh an riochdachadh a chaidh a chuir air dòigh airson putan dearg iarraidh uaireannan

 

Dè cho tric ’s a tha feum air OBan leantainneach taobh a-staigh an aon seachdain?

Tha e coltach gum bi feum air tachartasan spòrs a dhèanamh comasach agus a chraoladh air làithean leantainneach gu h-àraidh nuair a bhios seusanan rugbaidh is ball-coise no ball-coise is iomain a’ dol thairis air a chèile. Dh’fhaodadh seo a bhith timcheall air 20 seachdainean gach seusan. Aig amannan is dòcha gum bi dà gheama spòrs eadar-dhealaichte air an aon latha. Dh’fhaodadh seo tachairt timcheall air 5 seachdainean ann an seusan.

 

Dè na còraichean didseatach a tha gan cumail?

Tha còraichean buailteach a bhith air an cumail airson craoladh a-mhàin agus BBC iPlayer, le cuid de chòraichean didseatach airson adhbharan foillseachaidh (promotion).

 

A bheil prìs iùil ann?

Chan eil prìs iùil air a shònrachadh sa chuairt coimiseanaidh seo.

 

A bheil dùil ri grafaigean ùra bhon chompanaidh riochdachaidh?

Bidh, bidh dùil ri seo bhon chompanaidh riochdachaidh mar phàirt den chùmhnant riochdachaidh.

 

A bheil sibh fosgailte do chleachdadh theicneòlasan ùra?

Tha sinn air a ràdh gu bheil sinn fosgailte do chompanaidhean beachdan ùra a thoirt seachad.