BBC ALBA – Cuairt Coimiseanaidh Clàr Geamhraidh 2023/Earraich & Samhraidh 2024

English / Beurla

Mu

’S e seanail àrd-amasach, a bhuineas don là an-diugh agus don là a-màireach a th’ ann am BBC ALBA leis a’ Ghàidhlig aig a cridhe: ar daoine, ar cànan, ar cultar, ar saoghal.  Tha ar sealladh farsaing agus tha sinn airson sgeulachdan innse a thogas ùidh is aire choimhearsnachdan air feadh Alba agus air feadh an t-saoghail.  Tha miann sgeulachdan innse a thogas dàimh le luchd-coimhid,  anns an urrain dhaibh earbsa a chuir agus a tha mar sgàthan air farsaingeachd am beatha.

An turas-sa tha ar n-aire air stuthan aithriseach.  Susbaint làn spionnadh a bheir buaidh gu h-ionadail is gu h-eadar-nàiseanta.  Tha an dà chuid brìgh a’ bheachd, agus an dòigh anns an tèid a chuir an cèill, air leth cudromach dhuinn.    Cuiridh sinn fàilte cuideachd air tagraidhean a tha a’ toirt ionmhais a bharrachd nan cois air neo aig am bheil comas sin a dhèanamh.

Cinn-Là Thagraidhean

  • Tha a’ chuairt seo ag amas air clàr a’ Gheamhraidh 2023 agus Earrach / Samhradh 2024
  • Ceann-là airson beachdan – Diluain 5mh Ògmhios 2023, 1f
  • Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/BBC – Diluain 26mh Ògmhios 2023, 5f

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk

Prìomhachasan Coimiseanaidh

Gnèithean

Tha sinn a’ sireadh stuth aithriseach agus cur-seachad a tha àrd-amasach.

Chan eil prògraman ciùil a dhìth an turas-sa agus cha toir sinn prìomhachas do thagraidhean air cuspairean eachdraidheil ach a-mhàin mura bheil cruth ùr-nòsach oirre, air neo gu feumar an dèanamh an-dràsta/ gu bheil cothrom dearbhte ann air taic airgid a bharrachd.

 

Prìomhachasan Clàir

Tha sinn a’ sireadh phrògraman a bheir buaidh anns a’ chlàr agus a ghlacas aire air iPlayer.

Tha sinn a’ sireadh bheachdan cuideachd a b’ urrainn obrachadh ann an clàr ceann-bliadhna 2023/24.  Saoil dè na rudan a bheireadh daoine, thar nan ginealachdan, cruinn còmhla.  Ma rinneadh roimhe e, cha bhiodh sinn ag iarraidh tionndadh eile air am-bliadhna.

 

Dreach Agus Fad

Gabhaidh sinn tagraidhean airson prògraman fa-leth air neo sreathan goirid. Tha sinn sùbailte a thaobh fad ach le ùidh shònraichte ann an 60, 30 agus suas gu 10 mionaidean.  Lùigeadh sinn tagraidhean fhaicinn a tha a’ toirt feairt air mar a dh’fhaodadh fad is cruth a chleachdadh airson stuthan ùra a dhealbh agus a lìbhrigeadh gu h-àraidh mu choinneimh feumalachdan iPlayer.  Bu chòir coimhead air cruthan-goirid mar dhòigh air tiotalan ùra a stèidheachadh, chan ann mar rud a lìonas beàrn sa chlàr.

Aig a’ cheann eile ge-ta, beachdaichidh sinn air tagraidhean àrd-amasach airson pròiseactan aithriseach a sheasas suas gu 90m agus a dh’fhaodadh nochdadh san taigh-dhealbh neo aig fèisean mas tigeadh iad gu clàr TBh.  Bhiodh dùil gun tigeadh an leithid le ionmhas a bharrachd, air neo plana dearbhte airson a leithid fhaighinn, nan cois.

Tagraidhean

  • Thoir dhuinn iomradh goirid cruthachail le fios mun phrìomh thàlant air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara agus cuideachd am buidseat a th’ ann. Thoir dhuinn cuideachd fiosrachadh mu chothroman meadhanan didseatach.  Cha bu chòir don seo a bhith nas fhaide na aon duilleag A4 gach prògram.
  • Seall dhuinn gu bheil thu air smaoineachadh air mar a thogadh ùidh luchd-amhairc anns a’ phrògram tro phàipearan-naidheachd, na meadhanan sòisealta agus meadhanan-craolaidh eile.
  • Cuiridh sinn fàilte air blas de na prògraman ged nach eil seo riatanach. Dh’fhaodadh gun tèid agallamhan a chumail leis an luchd-tagraidh gus na tagraidhean a leasachadh.
  • Thèid prìomhachas a thoirt do thagraidhean a tha a’ toirt feart air cothroman airson maoineachadh a bharrachd leithid, ach chan e a-mhàin, iad seo:

Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail

Creideasan Cìse BFI

 

Tagraidhean Cuairt Coimiseanaidh

  • Tha a’ chuairt seo ag amas air clàr a Gheamhraidh 2023 agus Earrach / Samhradh 2024. 
  • Ceann-là airson beachdan – Diluain 5mh Ògmhios 2023, 1f.
  • Ceann-là airson co-dhùnaidhean MG ALBA/BBC – Diluain 26mh Ògmhios 2023, 5f.

 

Bu chòir na tagraidhean agaibh agus ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk