MU DHEIDHINN
An tusa an ath Amelia Dimoldenberg? Bheil thu ri cleas mar na Sidemen? Bheil thu cho èibhinn ri whatsername1.0? Nas cudromaiche buileach, an urrainn dhut a dhèanamh le guth làidir, fìor Gàidhlig?
Tha MG ALBA a’ sireadh ghuthan ùra dàna, beachdan ùra agus tàlant ùr sa Ghàidhlig.
Carson? Tha sinn airson luchd-cruthachaidh Gàidhlig ùra agus iadsan a tha a’ tighinn am bàrr àrach, an cuideachadh gus ceangal a dhèanamh ri chèile, agus ar luchd-cleachdaidh òg a leasachadh thar ùrlaran didseatach.
Ma tha thu cruthachail, làn tarraing pearsa agus ma tha sgeulachdan agad a tha Gàidheil òga airson a chluinntinn, tha sinn airson cluinntinn bhuat.
NA THA RI THABHANN
Thèid suas ri 20 luchd-cruthachaidh a thaghadh a thighinn còmhla rinn gus leasachadh bheachdan cruinn còmhla + cothrom taisbeanaidh ann an dà àite ann an Alba, far am faigh thu:
Às an sin, thèid còignear luchd-cruthachaidh sònraichte a thaghadh airson pìosan coimiseanaichte, nam measg:
NA THA SINN A’ SIREADH
Tha sinn ag iarraidh bheachdan a tha a’ faireachdainn ùr, co-aimsireil agus gun teagamh Gàidhlig – susbaint a bhruidhneas gu dìreach ri Gàidheil òga, ach aig a bheil an spionnadh a dhol nas fhaide na an luchd-cleachdaidh sin cuideachd.
Faodaidh beachdan susbaint a bhith nan tachartasan aon-uaire, no sreath a tha gu nàdarrach a’ suidhe air YouTube NO TikTok / Instagram / YouTube Shorts.
Dh’fhaodadh do bheachd a bhith:
CRUTH
CÒ AS URRAINN TAGRADH A DHÈANAMH
Tha an cothrom seo fosgailte do:
Ma tha rudeigin agad ri ràdh sa Ghàidhlig agus an cruthachalachd airson a ràdh nad dhòigh fhèin, tha sinn airson cluinntinn bhuat.
MAR A CHUIREAS TU A-STEACH IARRTAS
NA DH’FHEUMAS TU NA DO PHITCH SMASH
Feumaidh na leanas a bhith san tagradh agad:
Cha tèid gabhail ri tagraidhean aig a bheil na h-eileamaidean seo a dhìth.
A’ DÌON DO IP
Bidh do bheachdan fhathast leatsa. Bidh SMASH gu fèin-obrachail a’ cur stampa-ama air agus a’ stòradh gu tèarainte a h-uile rud a luchdaicheas tu suas, a’ toirt dhut clàr didseatach dearbhte de shealbh. Chan eil do phitch air a cho-roinn ach nuair a thaghas tu, leis na daoine a thaghas tu. Is e seo Pitch Protection – gus an urrainn dhut an obair agad a cho-roinn le misneachd.
PRÌOMH CHINN-LÀ
TEIRMICHEAN & CUMHAICHEAN