Cothrom Coimiseanaidh Prògraman Dràma Goirid Chloinne BBC ALBA 2024

English / Beurla

Mun Chothrom

Tha BBC ALBA air leth toilichte aon uair eile a bhith ann an com-pàirteachas leis an EBU (Aonadh Craolaidh na h-Eòrpa) co-cheangailte ri prògraman dràma goirid chliùiteach chloinne. Nì gach companaidh soirbheachail aon phrògram aithriseach 15-mionaid a thèid a cho-roinn agus a chraoladh air feadh na Roinn Eòrpa.

 

Is e cothrom cruthachail sònraichte a tha seo dha riochdairean agus stiùirichean. Bidh an sgeama a’ tabhann comhairleachadh bho phrìomh dhaoine sa ghnìomhachas a thuilleadh air deasbad, taic agus fios air ais bho luchd-dèanamh fhilmichean Eòrpach eile. Bidh filmichean air an dèanamh mar phàirt den phrìomh thaisbeanadh eadar-nàiseanta seo gu cunbhalach a’ dol air adhart gu bhith a’ cosnadh dhuaisean air feadh an t-saoghail.

 

Tha sinn a-nis a’ sireadh thagraidhean bho chompanaidhean airson prògraman dràma goirid chloinne airson 2024.

Os-shealladh

  • Cuspair: “A’ buintinn”
  • Fad: 14’45”
  • Luchd-amhairc: Aois 10-12, ach freagarrach airson 8-12
    • Castadh: Bu chòir nighean no balach le Gàidhlig a bhith aig cridhe na sgeòil
  • Gnè:  Tha sinn fosgailte do gach gnè a tha tarraingeach do luchd-amhairc òg, agus a tha
    iomchaidh a thaobh aois. Chuireamaid fàilte shònraichte air beachdan comadaidh
  • Stoidhle: cinematic agus air a ghearradh gus leigeil le tionndadh gu cànanan eile

Clàr-ama agus fiosrachadh eile

  • Coinneamh sgriobt ann an Èirinn – tràth sa Chèitean 2024
  • Riochdachadh – Iuchar/Lùnastal 2024 (saor-làithean sgoile)
  • Lìbhrigeadh gu EBU/BBC ALBA – deireadh an Dàmhair 2024
  • Coinneamh sgrìonaidh ann an Cìopras – 4 agus 5 Dùbhlachd 2024
  • Craoladh air BBC ALBA – Nollaig 2024
  • Às dèidh craoladh bithear an dùil gun cuir an riochdaire am film a-steach airson farpais air cuairt na fèise eadar-nàiseanta (deich tagraidhean aig a’ char as lugha)
  • Tha an tuilleadh fiosrachaidh agus eisimpleirean de dh’fhilmichean bho bhliadhnaichean roimhe rim faighinn
  • Tha feum aig an EBU air còraichean agus cead air feadh an t-saoghail airson 10 bliadhna agus còraichean eile a tha a’ ciallachadh gu bheil an cùmhnant neo-àbhaisteach
  • Tha Àrd-Riochdaire fhèin aig an EBU a bhios mar phàirt den chiad phròiseas taghaidh agus a bhios ag obair còmhla ris na sgiobaidhean riochdachaidh soirbheachail

Maoineachadh

  • Bidh maoineachadh de £80,000 bho MG ALBA airson an tagradh dràma soirbheachail
  • Tha sinn cuideachd an dùil gun cuir a’ chompanaidh shoirbheachail a-steach iarrtas maoineachaidh gu Sgrìon Alba agus airson creideasan cìse Prògram TBh Cloinne na RA.

 

Sgrion Alba: https://www.screen.scot/funding-and-support/funding

 

Faochadh chìsean (tro theisteanas creideasan cìse BFI): https://www.bfi.org.uk/apply-british-certification-tax-relief

Pròiseas Tagraidh

  • Feuch an cuir sibh a-steach co-dhiù bheachd sgeulachd mar phàirt den tagradh agaibh. Bu chòir gum bi iad seo dà dhuilleag aig a’ char as fhaide agus thathas ag iarraidh geàrr-iomradh agus chan e sgriobtaichean air fad
  • Feuch an cuir sibh cuideachd geàrr-chunntas air eòlas riochdachaidh agus comharra air prìomh thàlant
  • Thoir an aire, a thuilleadh air a’ chlann air an sgrion, gu feum Gàidhlig a bhith aig an riochdaire agus an stiùiriche a tha ceangailte ris an tagradh
  • Ged a dh’iarras sinn gun tèid tagraidhean a stiùireadh tro chompanaidhean, tha sinn a’ tuigsinn nach bi ceanglaichean aig a h-uile sgrìobhadair dràma san roinn riochdachaidh – agus mar sin feuchaidh sinn ri dàimhean a thogail. Bu chòir do sgrìobhadairean le ùidh fios a chuir gu Bill MacLeòid aig an t-seòladh post-d gu h-ìosal ro cheann-latha an tagraidh
  • Ceann-latha airson tagraidhean – 29 Màrt 2024
  • Co-dhùnadh coimiseanaidh – 12 Giblean 2024
  • Bu chòir tagraidhean a chur gu: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk
  • Ma tha ceist sam bith agad cuir fios gu macleod@mgalba.com