BBC ALBA a’ taisbeanadh ais-thilleadh luchd-èisteachd ceòl beò le Fèis air a’ Ghàidhealtachd

Under Canvas, Eden Court. Day 2
Beezer Studios Production.
©Paul Campbell

Tha Under Canvas a’ samhlachadh faochadh dha cuid de na h-ainmean as motha ann an saoghal ceòl Albannach, agus fadachd air a bhith orra cluich air beulaibh luchd-èisteachd beò, agus bidh BBC ALBA a’ toirt a’ chiùil sin do na sluaghan mòra a th’ air a bhith ag ionndrainn nan còmhlan sin fhaicinn.

Am measg an fheadhainn a bha a’ cluich Under Canvas a bhios gan sealltainn air BBC ALBA tha an t-seinneadair Gàidhlig Mischa Nic a’ Phearsain, dèanadair-pìoba agus ceòladair tùsanach Malin makes Music, còmhlan nuadh-thraidiseanta Eabhal, Brian Ó hEadhra & Fionnag NicChoinnich, Josie Duncan, The Canny Band, Iona Fyfe agus sàr-chòmhlan McKerron-Brechin-Ó hEadhra.

’S e seann-oileanach Sgoil-Ciùil a’ Phluic a th’ ann am Malin makes Music, a bhuineas don Phloc bho thùs. Le stoidhle thar iomadh gnè-ciùil, ach stèidhte gu mòr ann an traidisean pìobaireachd na Gàidhealtachd an Iar, ’s e fìor rionnag ùr a th’ ann am Malin ann an saoghal chiùil thraidiseanta.

’S i an t-seinneadair Gàidhlig aithnichte agus preseantair Ellen NicDhòmhnaill a bhios a’ toirt nan criomagan bho Under Canvas gu BBC ALBA. Tha Ellen, a tha aithnichte mar sheinneadair anns a’ chòmhlan Dàimh cuideachd mar bhall den chòmhlan co-sheirm Gàidhlig Sian.

Thuirt Ellen “Tha ceòl beò aig cridhe a’ chultar Ghàidhealach, agus mar sin tha e sgoinneil a bhith ga fhaicinn a’ tilleadh an dèidh cho fada gun fhios cuin a thachradh sin. Tha a‘ choimhearsnachd chiùil traidiseanta Albannach air sealltainn cho treun ’s a bha e thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh, agus mar sin ’s e urram a th’ ann a bhith a’ toirt cheòladairean agus luchd-èisteachd còmhla a-rithist.”

Thuirt Iain Macleòid, bho riochdaire a’ phrògraim Beezr Studios a tha stèidhte ann an Glaschu: “Tha an sgioba aig Cùirt Eden air a bhith air leth taiceil bho thoiseach a’ chùis agus cha b’ urrainn dhuinn a bhith air a’ chòrr iarraidh ann an co-bhanntachd den leithid. ’S e càirdeas gun shamhla a th’ air a bhith ann dhuinn agus tha gach dùil a bh’ againn mu bhith ag obair le ionad adhartach ealain agus cultural air a thighinn gu bith.”

Tha Under Canvas a’ comharrachadh clach-mìle airson gnìomhachas ceòl is tachartasan na h-Alba an dèidh bhliadhna de mhì-chinnt, le Cùirt Eden agus Fèis Rois a chruthaich am prògram de chèol an dùil gum bi an fhèis a’ samhlachadh tilleadh gu àbhaist air choireigin.

Thuirt Seona McClintock, Riochdaire, Ealain Ghàidhlig agus Dhualchasach aig Cùirt Eden: “Tha e air a bhith dùbhlanach am-bliadhna fèis a leithid Under Canvas a dheasachadh, ach ‘s fhiach an obair airson cuirmean beò fhaicinn a-rithist.

Tha sinn taingeil dhan luchd-ciùil tàlantach a tha air a bhith a’ cluich air àrd-ùrlar Under Canvas fad an t-samhraidh, agus dhan luchd-èisteachd a tha air earbsa a chur annainn tachartas sàbhailte, fàilteachail a chur air dòigh, agus a tha air tilleadh anns na ceudan!”

Bidh Under Canvas air BBC ALBA aig 9f air Disathairne 28 Lùnastal & Disathairne 4 Sultain, agus ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là às dèidh làimh.

Sreath ùr de phrògram Women’s Sport 360 ga chur air chois le rionnagan spòrs air BBC ALBA

Tha prìomh phrògram spòrs nam Ban ann an Alba Women’s Sport 360 a’ tilleadh an t-seachdain-sa, le cuid den tàlant lùth-chleasachd as fheàrr san dùthaich air ùrlaran didseatach BBC ALBA.

’S i curaidh ruithe Geamannan a’ Cho-fhlaitheis Lee McConnell a tha còmhla ri preseantair Iona Ballantyne airson a’ chiad phrògram den t-sreath ùr, a’ toirt sùil air ais air co-fharpaisean lùth-chleasachd Tokyo 2020.

Cuideachd anns a’ chiad phrògram, tha an snàmhadair òg Albannach Katie Shanahan, tè a tha air sia buinn a thogail aig na European Junior Championships.

Le sgioba snàimh GB a’ tilleadh à Tokyo leis an uiread de bhuinn as motha a-riamh, tha Katie airson an dìleab aca a chumail an àrd, is i a’ coimhead air adhart ris na geamannan Oilimpigeach a tha gu bhith ann am Paris ann an 2024.

Tha Alyson Bell cuideachd a’ nochdadh anns a’ phrògram, neach-ruith a tha air ceithir buinn òir a ghlèidheadh dhi fhèin aig na European World Junior Championships.

Leanaidh an t-sreath air leis na naidheachdan agus leasachaidhean as ùire ann an spòrs nam ban ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, le taghadh aoighean thairis air a’ chòrr den bhliadhna.

Tha an t-sreath as ùire de Women’s Sport 360 a’ cur ris an taghadh gun choimeas a th’ aig BBC ALBA airson spòrs nam ban, le geamannan beò bhon SWPL air a’ chlàr as t-Fhoghar.

Thuirt Lee McConnell, rionnag ruith Albannach: “Tha e dìreach sgoinneil cothrom fhaighinn a bhith an sàs le Women’s Sport 360, agus a bhith a’ cur na tha boireannaich a’ coileanadh anns an t-saoghal spòrs air àrd-ùrlar mar seo.

“Nuair a thòisich mise a-mach air mo shlighe, cha robh dad den leithid ann, is mar sin tha e air leth brosnachail gu bheil na h-òganaich air a’ phrògram a’ faighinn nan cothroman seo agus ùrlar airson na tha iad a’ coileanadh aig toiseach nan dreuchdan aca.”

Thuirt Margot McCuaig, àrd-riochdaire companaidh solarachaidh spòrs BBC ALBA, Nemeton TV: “’S e urram a th’ ann a bhith a’ toirt sreath eile de Women’s Sport 360 gu bith. ’S e tlachd a th’ ann daonnan a bhith ag obair leis na tosgairean spòrs seo, agus a bhith a’ dearbhadh gum faigh spòrs nam ban an riochdachadh air a bheil e airidh.

“Airson barrachd is deich bliadhna a-nise, tha mi air a bhith ag obair gus sgeulachdan bhoireannach ann am spòrs a thoirt air beulaibh an t-sluaigh, a’ toirt dhaibh-san an cothrom a bhith mar sgeulaichean, le ùrlar far am faod iad na tàlantan aca a shealltainn agus na ginealachdan a tha a’ tighinn às an dèidh a bhrosnachadh.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùriche Susbaint Ioma-Ùrlair BBC ALBA, agus àrd-riochdaire susbaint spòrs na seanail: “Tha sinne aig BBC ALBA moiteil a bhith a’ taisbeanadh agus a’ toirt ùrlar do bhoireannaich ann an spòrs, agus tha sinn air leth toilichte a bhith a’ togail air làthaireachd Women’s Sport 360 air BBC iPlayer, YouTube BBC ALBA agus na meadhanan sòisealta. Tha gach sgeulachd agus gach turas a chì agus a chluinneas sinn brosnachail agus tha sinn cho toilichte a bhith a’ leantainn ann a bhith a’ toirt ùrlar do bhoireannaich ann an spòrs air BBC ALBA.

Bidh Women’s Sport 360 ri fhaicinn gach seachdain air BBC iPlayer agus YouTube BBC ALBA bho Dhiardaoin 12 Lùnastal.

BBC ALBA ag ainmeachadh Susbaint Chamanachd Beò

Dh’ainmich BBC ALBA agus Comann na Camanachd, buidheann riaghlaidh camanachd an t-saoghail, na geamannan a bhios gan craoladh air BBC ALBA ann an 2021.

’S iad seo na geamannan a chaidh a thaghadh airson an craoladh beò;

• Cuairt Deireannach Cupa MhicAmhlaigh Artemis, Pàirc Mossfield, An t-Òban
o Dis 21 Lùnastal – buille-bhàire: 4.10f

• Cuairt Iar-deireannach Cupa na Camanachd Tulloch Homes 1, làrach TBC
o Dis 28 Lùnastal – buille-bhàire: 4.10f

• Cuairt Iar-deireannach Cupa na Camanachd Tulloch Homes 2, làrach TBC
o Dis 4 Sultain – buille-bhàire: 4.10f

A thuilleadh air seo, thèid cuairt deireannach Cupa na Camanachd Tulloch Homes a chraoladh beò le BBC ALBA, le taghadh chriomagan às dèidh làimh air BBC Scotland mar phàirt de chom-pàirteachas ùr eadar BBC ALBA, BBC Scotland agus Comann na Camanachd a bheir leasachadh air craoladh beò agus taghadh chriomagan den chuairt deireannach.

• Cuairt deireannach Cupa na Camanachd Tulloch Homes, Pàirc Mossfield, An
t-Òban
o Dis 18 Sultain – buille-bhàire: 2.15f

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair BBC ALBA: “Tha e sgoinneil a bhith a’ faicinn na camanachd air ais air an sgrìn, agus tha BBC ALBA riaraichte gu dearbha a bhith a’ toirt cuairt deireannach Cupa na Camanachd beò chun luchd-amhairc againn airson a’ chiad uair.”

Thuirt Derek Keir, Ceannard Comann na Camanachd: “Tha an t-aonta seo a’ leigeil dhuinn an spòrs eachdraidheil againn a thoirt gu luchd-amhairc ùr air feadh na dùthcha. Tha sinn air ar dòigh gun deach leinn an t-aonta craolaidh seo a chur air chois airson 2021, a dh’aindeoin nan dùbhlan a tha mu ar coinneimh ann a bhith a’ gluasad seachad air a’ phandeimig.”

MG ALBA ag ainmeachadh Stiùiriche Ionmhais Ùr

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) air ainmeachadh gur i Raonaid NicCoinnich a bhios mar Stiùiriche Ionmhais na buidhne.

Tha an dreuchd, a bhios stèidhichte aig oifis MG ALBA ann an Steòrnabhagh, aig teis-mheadhan ceannas agus stiùireadh ro-innleachdail MG ALBA, a’ lìbhrigeadh ro-innleachd ionmhais agus gnothachais na buidhne, agus MG ALBA ag ullachadh gus lèirsinn airson na h-ath chòig bhliadhna a chur air bhog aig àm dùbhlanach ach àm anns an nochd cothroman dha roinn nam meadhanan.

À Eilean Leòdhais bho thùs, tha Raonaid na neach-cunntais cairte le eòlas sònraichte thairis air an dà chuid an roinn phoblach agus phrìobhaideach, agus a tha a’ tighinn gu MG ALBA bho bhith na Manaidsear Roinneil air sgìre Innse Gall de dh’Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA: “Cuiridh Raonaid gu mòr ri sgioba ceannais MG ALBA, agus tha sinn air ar dòigh glan gu bheil i gu bhith còmhla rinn. Bidh a cuid sgilean, eòlas, lìonraidhean, agus dealas mar bhuannachd shònraichte chan ann a-mhàin do MG ALBA ach dha na meadhanan Gàidhlig air fad, is sinn ag obair còmhla gus nas urrainn dhuinn a dhèanamh de na cothroman a tha romhainn. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air Raonaid chun sgioba againn.”

Preasantairean iomairt ionnsachaidh SpeakGaelic air an ainmeachadh

Preasantairean iomairt ionnsachaidh SpeakGaelic air an ainmeachadh

‘S iad na preasantairean BBC agus na rionnagan meadhanan sòisealta Joy Dunlop agus Calum MacIlleathain a bhios aig cridhe iomairt ionnsachaidh ùr, SpeakGaelic, a tha ag amas air daoine a thàladh chun a’ chànain.

Tha na goireasan ionnsachaidh ùra Gàidhlig SpeakGaelic inntinneach agus àrd-amasach a’ tabhann frèam-obrach farsaing airson na Gàidhlig ionnsachadh thairis air TBh, iPlayer a’ BhBC, BBC Sounds, an eadar-lìon, clasaichean aghaidh ri aghaidh, YouTube, a thuilleadh air meadhanan sòisealta eile.

Tha mòran luchd-amhairc BBC Scotland agus BBC ALBA eòlach air a bhith a’ faicinn Joy Dunlop, às a’ Choingheal ann an Earra-Ghàidheal, mar riochdaire na h-aimsir, seinneadair agus neach-conaltraidh air prògraman.

Thuirt Joy Dunlop: “Mar neach a tha air a bhith ag ionnsachadh fad-mo bheatha, tha làn fhios agam mun dùbhlan buadhmhor a tha an cois a bhith ag ionnsachadh cànan, agus mar sin, tha e air leth tarraingeach dhomh-sa a bhith mar phàirt de phròiseact a bhios a’ toirt air luchd-ionnsachaidh na sgilean Gàidhlig aca a chur gu feum thairis air taghadh cho farsaing de mhodhan ionnsachaidh. Tric, bidh daoine a’ faighneachd dhomh ‘dè an dòigh as fheàrr Gàidhlig ionnsachadh?’ ’S e tha cho math mu dheidhinn SpeakGaelic, gu bheil e a’ tabhann uiread de roghainnean dhut air mar a dh’ionnsaicheas tu, a’ ciallachadh gum faigh thu dòigh a tha a’ freagairt ort fhèin.”

Tha Calum MacIlleathain aithnichte air na meadhanan sòisealta airson a bhith ri cur seachadan air a’ bhlàr a-muigh, (leithid ‘dùbhlan nam meanbh-chuileagan’) agus bidh e a’ taisbeanadh ùidh ann a bhith a’ snàmh ann an uisgeachan na h-Alba anns a’ phrògram BBC ALBA Dhan Uisge.

Thuirt Calum, a bhios a’ cur pìosan bhon bhlàr a-muigh ri prògraman SpeakGaelic: “’S e urram a th’ ann a bhith a’ cur ri ionnsachadh dhaoine eile, agus a bhith a’ toirt orra tlachd fhaighinn às a’ chànan, gu sònraichte leis gur e àm air leth cudromach a tha seo a thaobh na tha sinn a’ tabhann dhaibh-san a tha airson a bhith nan luchd-labhairt Gàidhlig. Tha mi fìor dhèidheil air eòlas a thoirt seachad dhaibh-san aig a bheil ùidh ann, gu sònraichte leis gun urrainn dhomh a dhèanamh ann an dòigh a fhreagras orm fhèin, a’ fighe na Gàidhlig ris a’ bhlàr a-muigh. Tha an cànan, agus na tha cho tarraingeach mu dheidhinn do dhaoine, gu mòr stèidhte air an àrainneachd nàdarrach againn ann an Alba, agus mar sin ’s e ceum nàdarra a th’ ann an t-àm ri teachd airson ionnsachadh na Gàidhlig a bhith a’ tighinn às a sin cuideachd.”

A’ bruidhinn às leth bòrd pròiseict SpeakGaelic, thuirt an cathraiche Iseabail Nic an t-Sagairt bho MG ALBA: “Tha SpeakGaelic gu bhith mar an t-iomairt ionnsachaidh Gàidhlig as iomlan a th’ air a bhith ann fad ginealach. ’S e àm air leth inntinneach agus togarrach a th’ ann a bhith ag ainmeachadh gur iad Joy agus Calum – dithis phearsa tarraingeach agus làidir – a bhios a’ lìbhrigeadh nam prògraman. ’S ann dhaibh-san le ùidh ann a bhith a’ cleachdadh a’ chànain a tha SpeakGaelic; dhaibh-san a tha air tòiseachadh air ionnsachadh mar thà, dhaibh-san nach eil cho misneachail mun cuid comasan, dhaibh-san a tha gu tur ùr dhan chànan agus dhuinn uile a tha air turas ionnsachaidh fad-beatha. Tha sinn uile a tha sa cho-bhanntachd air ar dòigh glan mu bhith a’ cruthachadh nan cothroman seo tro SpeakGaelic airson a’ choimhearsnachd air fad an cuid Ghàidhlig a chleachdadh – #cleachdi!”

Faic www.speakgaelic.scot airson na naidheachdan as ùire agus clàradh an-àrd.

MG ALBA a’ comharrachadh soirbheachas ach le rabhadh air na dùbhlain a tha air thoiseach

’S e a bhith a’ comharrachadh obair chruaidh agus coileanas ann an suidheachadh dhuilich a tha aig cridhe Aithisg Bhliadhnail MG ALBA, a chaidh fhoillseachadh an-diugh, le rabhadh air na dùbhlain a tha ro na meadhanan Gàidhlig.

Tha an aithisg a’ toirt seachad sealladh air bliadhna de dh’fhàs airson MG ALBA, a dh’aindeoin a’ bhuaidh a bh’ aig Covid-19 air a’ bhuidhinn agus a chuid luchd-solarachaidh; le BBC ALBA, LearnGaelic agus FilmG uile a’ tarraing tuilleadh dol an sàs bho luchd-amhairc.

Air feadh na bliadhna ionmhais, chunnaic BBC ALBA àrdachadh ann an ruigsinneachd am measg a’ phrìomh luchd-amhairc aige agus air iPlayer a’ BhBC ann am bliadhna le cho beag de thachartasan beò agus nas lugha de shusbaint spòrs, na rudan air BBC ALBA air a bheil tòrr cho measail.

Fhuair FilmG, farpais nam filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA, an àireamh as motha de dh’inntrigidhean a fhuair e a-riamh, le cuirm dhuaisean sònraichte ga chraoladh air BBC ALBA a-mhàin airson a’ chiad uair anns a’ Ghiblean 2021.

Fhuair LearnGaelic, an làrach-ionnsachaidh Gàidhlig aig MG ALBA, na h-ìrean as àirde de luchd-cleachdaidh fa leth air feadh 2020 agus àrdachadh de 26% bhon bhliadhna roimhe, le fàs ann an ionnsachadh na Gàidhlig thairis air a’ ghlasadh.

Anns an t-Sultain 2021, bidh MG ALBA a’ cur air bhog SpeakGaelic, iomairt ùr agus àrd-amasach airson Gàidhlig ionnsachadh, ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC agus Sabhal Mòr Ostaig, le mhaoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.

Ann an teachdaireachd a’ Chathraiche anns an Aithisg Bhliadhnail, chuir Ailean Dòmhnullach, Cathraiche MG ALBA, fàilte air toraidhean na bliadhna-sa, ach chaidh a’ cheist a thogail mu mhaoineachadh iomchaidh mar chùis deatamach agus na meadhanan Gàidhlig a’ coimhead air adhart, is e ag ràdh:

“Tha MG ALBA cuideachd an-dràsta a’ cumail chòmhraidhean le Riaghaltas na RA agus iad a’ dèanamh sgrùdadh air Cìs Craolaidh a’ BhBC mar ullachadh airson nan còig bliadhna a tha romhainn. Tha e air leth cudromach do na meadhanan Gàidhlig gum bu chòir am maoineachadh san àm ri teachd gu h-iomchaidh mar chùis poileasaidh poblach”.

Cuideachd a’ coimhead air adhart, thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA:

“Ann an 2021, foillsichidh sinn an Lèirsinn: Mapa Slighe airson nam Meadhanan Gàidhlig. Aig cridhe ar lèirsinn tha dealas a bhith a’ frithealadh ar luchd-amhairc air fad, nam measg gu h-àraidh luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a tha nas òige a bhios, mar an ginealach fhèin, a’ coimhead barrachd den t-susbaint aca air innealan agus ann an cruth goirid.

“Cha bu chòir an obair seo a mheasadh ann an suarachas. Chan eil maoineachadh airson BBC ALBA fhathast gu leòr airson làn sheirbheis a lìbhrigeadh. Bhithinn airson sònrachadh nach robh e comasach do BhBC ALBA ach ceithir uairean a thìde de dhràma agus comadaidh a lìbhrigeadh sa bhliadhna a tha dìreach air crìochnachadh, agus gu sìmplidh chan eil seo gu leòr airson ceangal gu cunbhalach ri luchd-amhairc nas òige. Ma tha BBC ALBA gu bhith a’ ciallachadh rudeigin do luchd-amhairc òga, feumar seilbheachd a bharrachd a lorg”.

Faodar Aithisg Bhliadhnail MG ALBA 2020/21 a leughadh an seo.

Na Meadhanan Gàidhlig air an aithneachadh air Geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Tha na meadhanan Gàidhlig air aithne fhaighinn le 14 ainmeachaidhean airson duaisean Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2021, nam measg prògraman bho BhBC ALBA, Radio nan Gàidheal agus Thèatar Nàiseanta na h-Alba.

Chaidh dà phrògram mu Peat & Diesel ainmeachadh; an prògram aithriseach That’s the Way We Do It! agus an cuirm-ciùil aca à Glaschu From the Barrow to the Barrowlands agus bha ainmeachadh eile ann do na riochdairean MacTV airson a’ phrògraim sònraichte aca, An Lot, a’ leantainn beatha a’ chroitear Dòmhnall ‘Sweeny’ MacSuain tro àm Covid.

Bha fòcas cuideachd air prògraman aithriseach BBC ALBA le ainmeachaidhean airson Curaidh na Coille, Crodh Gàidhealach an Àird Bhàin agus sealladh de Margaret Fay Shaw a choisinn dà ainmeachadh, nam measg airson an sàr-dhuais Spiorad na Fèise.

Chaidh BBC Radio nan Gàidheal ainmeachadh cuideachd airson stèisean na bliadhna còmhla ri ainmeachadh airson a’ chraoladair cliùiteach Cathy NicDhòmhnaill mar Preseantair Rèidio na Bliadhna.

Thog Danni the Champion, film dà-chànanach Gàidhlig agus Beurla le Thèatar Nàiseanta na h-Alba ainmeachadh anns an roinn Cruth Goirid.

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh & Ceannard Co-bhanntachdan Cruthachail aig MG ALBA: “Tha na prògraman seo air còrdadh gu mòr ri ar luchd-amhairc agus tha an aithne seo cho cudromach dhuinn. Tha Fèis nam Meadhanan Ceilteach na deagh thaisbeanadh airson susbaint ioma-chruth agus tha e math a bhith a’ faicinn a leithid de shusbaint tarraingeach bho BhBC ALBA aithneachadh leis an Fhèis. Meal-a-naidheachd chun a h-uile duine.”

Thèid Fèis nam Meadhanan Ceilteach a chumail am-bliadhna air-loidhne eadar 7-9 Sultain.

Tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Prògraman BBC ALBA a th’ air geàrr-liosta na bliadhna-sa:

Ealain

Peat & Diesel: That’s the Way We Do It! (Riochdaichte le MacTV)

Dibhearsan Fìrinneach

An Lot: An Glasadh (Riochdaichte le MacTV)

Prògram aithriseach (barrachd na 60 mionaidean):

Crodh Gàidhealach an Àird Bhàin (Riochdaichte le TrixPixMedia)

Eachdraidh

Solas – Margaret Fay Shaw of Canna (Riochdaichte le National Trust for Scotland)

Prògram Ciùil Beò: Peat & Diesel

From the Barrow to the Barrowlands (Riochdaichte le MacTV)

Prògram aithriseach Singilte

Curaidh na Coille / The Birdman of Pollok (Riochdaichte le BBC Gàidhlig)

Spiorad na Fèise

Margaret Fay Shaw of Canna (Riochdaichte le National Trust of Scotland)

A thuilleadh air a bhith ainmichte airson duais Stèisean Rèidio na Bliadhna, tha BBC Radio nan Gàidheal a’ nochdadh air iomadach geàrr-liosta eile:

Prògram-aithris Rèidio

Fèin-aithne

Prògram Iriseach Rèidio

Feasgar

Prògram Ciùil Rèidio (Beò)

Mac IlleMhìcheil

Prògram Spòrs Rèidio

Spòrs na Seachdain

Preseantair Rèidio na Bliadhna

Cathy MacDonald

Cothrom Cabadaich: Choirstaidh NicArtair

’S i ceumnaiche Sgoil Ealain Ghlaschu agus preantas gnìomhachais MG ALBA Choirstaidh NicArtair a tha a’ toirt dhuinn A’ Chùil, sreath ùr a’ tòiseachadh air CBBC ALBA far am bi Choirstaidh, a tha na neach-ealain i fhèin, a’ toirt seachad a cuid eòlais ri luchd-amhairc Gàidhlig òg.

Na h-oileanach aig Sgoil Ealain Ghlaschu, agus ag obair pàirt-ùine ann an gnìomhachas na h-aoigheachd, bha Choirstaidh a’ strì cothrom fhaighinn na sgilean aice bha i a’ togail aig an oilthigh a leasachadh – bha sin ro chiad glasadh.

“Bha mi fhathast a’ cruthachadh ealain fhad ’s a bha mi ag obair ann an taighean-seinnse is taighean bìdh, ach leis nach robh mi a’ cosnadh ach an ìre tuarastail as ìsle, cha robh airgead sam bith agam airson mo chuid ealain a thoirt gu bith. Gu h-obann ge-tà, leis nach robh agam ri uairean fada duilich a dhèanamh aig m’ obair, bha mi a’ cur seachad an ùine saor agam a’ cruthachadh ealain.”

Thuirt i “Ged a bhiodh e air a bhith math an cothrom sin fhaighinn às aonais galar mòr air feadh an t-saoghail, thug e dhomh cothrom ceum a ghabhail air ais agus dèanamh na thogras mi, agus thàinig na cothroman sgoinneil seo air a shàillibh.”

Thàinig Choirstaidh, à Grianaig o thùs, gu saoghal BBC ALBA tron ghlasadh le pròiseact a dh’èirich às an t-suidheachadh, A-staigh, rud a thug guth do luchd na Gàidhlig air feadh na dùthcha.

A’ cleachdadh a’ chothruim gus a cuid ealain a thaisbeanadh, ghlac seo aire luchd-coimiseanaidh BBC ALBA, a bha gu mòr airson Choirstaidh a chur ann an stiùidio beag dhi fhèin, agus ’s ann às a sin a thàinig A’ Chùil.

’S e seo a’ chiad turas aice mar phreasantair TBh agus thuirt i “Bha mi a’ beagan fo uallach an toiseach, ach às dèidh latha no dhà, thòisich rudan a’ tighinn ri chèile agus thòisich mi ag ionnsachadh mar a nì thu gach rud gu ceart, is bha mi ga fhaighinn gu math inntinneach aig deireadh a’ chùis.”

Tron t-sreath, bidh Choirstaidh a’ toirt cothrom don luchd-amhairc na ceistean aca fhèin a thogail mu ealain, agus airson beachd Choirstaidh fhèin fhaighinn a-mach mu na thug spionnadh dhi fhèin o shaoghal an ealain.

“Tha earrann ann a tha a-mach air Frida Kahlo, a’ sealltainn mar a nì thu dealbh dhiot fhèin a-mach às na rudan as prìseile dhut air an t-saoghal, agus earrann eile mu Hilma af Klint, a bha na neach-ealain eas-chruthach, agus mar a dh’fhaodas tu dealbh a tharraing gun phlana a chruthachadh airson do chuid fhaireachdainnean a chur an cèill.”

“Tha sinn cuideachd a’ feuchainn chleasan ùra a-mach – tha earrann againn far a bheil sinn a’ cruthachadh fosailean dhuinn fhèin, agus bidh sinn an uair sin a’ feuchainn ri dealbh a tharraing le aona loidhne leantainneach.”

Tha A’ Chùil a’ toirt an smaoineachaidh a tha air cùl cuid den luchd-ealain as fheàrr? air an t-saoghal gu ìre a tha furasta greimeachadh, a’ toirt air daoine òga rudan ùra fheuchainn nach biodh iad ’s mathaid air fheuchainn ron seo.

“Chan eil ealain cho doirbh sin, ann an dà-rìreabh,” thuirt Choirstaidh, “’s ann mu bhith innleachdail annad fhèin a tha e, agus rudan de sheòrsa sam bith a chruthachadh. Tha rudeigin anns A’ Chùil do gach aois, agus cothroman sgilean ùra ionnsachadh. Tha min dòchas gum faigh clann nach bi a’ faighinn na cothroman sin tric rudeigin às A’ Chùil agus gum bi tlachd mhòr ann dhaibh.

Tha A’ Chùil a’ tòiseachadh Dimàirt 7 Ògmhios aig 16.45 air BBC ALBA, gach seachdain, suas gu 7 Sultain.

An t-Ollamh Coinneach MacFhionghain nach maireann

An t-Ollamh Coinneach MacFhionghain nach maireann

Tha MG ALBA a’ cuimhneachadh air an Ollamh Coinneach MacFhionghain nach maireann, sàr-Ghàidheal agus fear a bha air bòrd MG ALBA eadar 2008-2011.
Thuirt Ceannard MG ALBA Dòmhnall Caimbeul:

“’S e sgoilear uabhasach cudromach agus buadhmhor a bha san Ollamh Coinneach MacFhionghain agus tha an rannsachadh agus na beachdan aige fhathast gan cleachdadh an-diugh.
Bha e na bhall air bòrd MG ALBA aig àm sònraichte, nuair a bha BBC ALBA dìreach a’ tòiseachadh, agus chuidich e gus craoladh na Gàidhlig agus leasachadh na Gàidhlig a stiùireadh fad a bheatha.

Tha ar smuaintean le a theaghlach agus a charaidean aig an àm dhuilich seo.”

MG ALBA a’ comharrachadh Mìos nan Gàidheal Alba Nuadh le filmichean Gàidhlig à Canada

Tha MG ALBA a’ comharrachadh toiseach Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh, le bhith a’ nochdadh dà fhilm goirid Gàidhlig à Canada air YouTube BBC ALBA, gus am faigh Gàidheil thall thairis, agus iadsan a tha an seo, cothrom na filmichean comadaidh fhaicinn.

Bidh an dà fhilm, An t-Inneal Espresso agus Na Tuinichean Mì-Thoilichte rim faicinn airson 7 latha, 1-7 Cèitean, airson toiseach Mìos nan Gàidheal a chomharrachadh, le co-bhoinn eadar MG ALBA agus 1913 Films, a riochdaich na filmichean.

Anns an fhilm An t-Inneal Espresso, feumaidh Ealasaid dèiligeadh ri suidheachadh caran cearbach –tha a caraid Ailig air ùr-sgaradh bho leannan, Una, ach chan e sin a-mhàin a tha a’ cur dragh oirre – thug Ealasaid an t-inneal cofaidh spaideil aice dha Una, is amharas oirre nach fhaic i gu bràth tuilleadh e…

Tha dà thuiniche Albannach air Alba Nuadh a ruigsinn airson a’ chiad uair ann an Na Tuinichean Mì-Thoilichte, agus chan eil a h-uile càil coltach ris na bha iad an dùil, is iad a’ tionndadh gu neach-fearainn seòlta airson cuideachadh.

Chithear an dà fhilm air YouTube BBC ALBA, agus gheibhear tuilleadh mu Mhìos nan Gàidheal Alba Nuadh an seo.