Chaidh buannaichean co-fharpais cliùiteach nam filmichean goirid Gàidhlig FilmG 2022 ainmeachadh a-nochd (Dihaoine, 25 Gearran) ann an cuirm shònraichte air BBC ALBA.
Chaidh tòrr de na buannaichean thairis air na 17 roinnean a thoirt a-steach don studio air bhideo gus an duais aca a thogail agus còmhradh fhaighinn le Fiona NicChoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach, gaisgich a’ cho-fharpais a tha aig stiùir a’ phrògraim.
Chaidh am prògram sònraichte a shealltainn air BBC ALBA a-nochd (Dihaoine 25 Gearran) agus bidh e ri fhaotainn airson 30 là dèidh làimh air iPlayer a’ BhBC.
Lean filmichean cuspair na bliadhna-sa Lorg, agus le còrr is 90 filmeadairean a’ feuchainn ri slighe na buannachd a lorg, ’s e dùbhlan nach beag a bha ro na britheamhan is iad a’ feuchainn ri na filmichean as fheàrr a thaghadh thairis air iomadh latha.
Thog Parker Dawes (14), sgoilear bho Àrd-sgoil Àird nam Murchan ann an Loch Abar trì duaisean – Filmeadair Òg as Fheàrr, Film as Fheàrr le Fileantach agus Riochdachadh as Fheàrr, airson an fhilm èibhinn, làidir agus aithghearr Spies-R-Us.
Thuirt Parker: “Thagh sinn an cuspair spìothaireachd air sàillibh gun robh e calg dìreach an-aghaidh cuspair an fhilm a rinn sinn an-uiridh, nach do thog duais sam bith.
“Bha sinn airson fhaighinn a-mach am faigheadh film làn ‘action’ toraidhean diofraichte – agus dh’obraich sin! Chruthaich mi clàr-sgeòil, is bha ‘crash mats’ againn, is mar sin bha a h-uile càil air a phlanadh mar a bha còir.
“Tha mi a-riamh air a bhith dèidheil air filmeadaireachd, agus bha a’ cho-fharpais bho thùs na dheagh shamhla de rudeigin san robh mi ag iarraidh a bhith an sàs. Tha mi cho toilichte na duaisean seo a thogail oir gur e briseadh-dùil a bh’ ann an-uiridh – bha e sgoinneil a bhith air ‘àrd-ùrlar’ mar bhuannaiche.
‘S e film dealbh-beò le Alina Brust à Dùn Èideann a bhuannaich ‘Film as Fheàrr’ anns an Roinn Fhosgailte, agus seo a’ chiad turas a ghlac film dealbh-beò an duais seo aig FilmG.
Tha an ‘An Taigh Solais’ a’ leantainn bana-bhuachaille a tha a’ feuchainn ri caora a lorg an dèidh dhi a dhol air iomrall, ach thèid aig a’ bhuachaille ri fhasgadh fhaighinn ann an taigh-solais falamh gus dìon fhaighinn bhon stoirm a-muigh. Air sàillibh a’ phandeimig, cha robh cothrom aig Alina goireasan na h-oilthighe aice a chleachdadh, is mar sin rinn i am film air fad bhon t-seòmar-cadail aice.
Thuirt Alina (23): “Bidh mi a’ faighinn brosnachadh bho cruth-tìre na h-Alba agus a cladaichean, gu sònraichte an taigh-solais agus na creagan mun chuairt air Cill Aba, a tha mar aon de na h-àitichean as fheàrr leam. Tha taighean-solais cuideachd gu math freagarrach airson sgeulachdan os-nàdarrach innse.
“’S e cothrom a bh’ anns an fhilm seo airson dà rud air a bheil mi dèidheil a thoirt còmhla; ealain agus cànain.
“Tha mi cho taingeil gun d’ fhuair mo chuid shaothair buannachd às – mar neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, ’s e comharra cho sònraichte a th’ ann dhomh.”
A’ togail an duais airson an Riochdachadh as Fheàrr (fo aois 12), bha am film Còignear air Chall (5 Lost Souls) le Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich ann an Dùn Omhain a’ leantainn còignear chàraidean is iad a’ gabhail turas eagalach gu aon de na h-àitichean eachdraidheil anns a’ bhaile.
’S e film mu dheidhinn coiseachd-beinne agus sgràmlachadh mar dhòigh air sealladh ùr fhaighinn air an t-saoghail bho os cionn nan gleanntan fuara, dorcha agus àrd os cionn nan sgothan, ‘Thar nan Sgòth – Beinn Eighe’ le Anndra Cuimeanach à Geàrr Loch a tha air an duais airson Film Aithriseach as Fheàrr a ghlèidheadh (12-17).
Anns an Roinn Fhosgailte, ’s e film-aithriseach goirid air a bheil ‘A’ Mhuir’ mu dheidhinn snàmh a-muigh, agus na h-oileanaich aig Sabhal Mòr Ostaig a bhios a’ dol an-sàs anns a’ ghnothach, a tha air dà dhuais a thogail; Film Dùthchais agus Stiùiriche as Fheàrr (Anna Garvin).
’S i Emily Mhoireach (21) à Leòdhas, a thog an duais as leth a’ chùrsa.
Thuirt i: “’S e cothrom math a bh’ ann am FilmG airson a bhith a’ cur nan sgilean a bha sinn air a bhith ag ionnsachadh anns a’ chlas gu feum ann an da-rìreabh, leithid a bhith ag obair le camara, fuaim agus a bhith a’ gearradh.”
Thuirt Anna Garvin (23) às an Òban, a tha na h-oileanach anns na meadhanan Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig: “’S e urram a th’ ann seo a bhuannachadh. B’ e seo a’ chiad turas agam a bhith mar stiùiriche agus dh’ionnsaich mi an t-uabhas mu na sgilean a tha a dhìth airson deagh stiùireadh bho bhith ag obair air an fhilm seo.
“’S e cothrom sgoinneil a bh’ ann a bhith a’ cur film a-steach do FilmG airson nan sgilean teicnigeach agus riochdachaidh a bha sinn air ionnsachadh gu ruige sin gus film a chruthachadh a rachadh a shealltainn don phobaill.”
Ghlac ‘Am Buaile Dubh’, a tha gar toirt air cuairt air oir bhaile Inbhir Nis, duais airson an Cluiche as Fheàrr airson riochdaire agus neach-aithris an fhilm, Eòghan Stiùbhart.
Tha Eòghan (40), à Inbhir Nis, na thidsear Gàidhlig le còrr is 5k luchd-leantainn air Instagram airson nam bhidiothan ionnsachaidh Gàidhlig aige. Bidh e cuideachd gu mòr a’ putadh slàinte-inntinn fhir san obair aige.
Thuirt e: “Chaidh mi dhan Bhuaile Dhubh tòrr thairis air a’ ghlasadh; ’s e àite sònraichte a th’ ann airson a bhith a-muigh agus a’ dèanamh eacarsaich. Tha e a’ ceadachadh dhomh a bhith beò san t-saoghal beag agam fhèin agus tha e feumail airson mo shlàint-inntinn.
“Airson an fhilm seo, sgrìobh mi òraid mu na tha an t-àite a’ ciallachadh dhomh agus chuir mi seo ris na dealbhan agam fhèin agus mapaichean an àite gus an làrach a chur air aire dhaoine.
“’Cha robh dùil agam ris an duais, agus ’s e urram a bh’ ann. Bha e dìreach smodaig G mòr buidhe a bhuannachadh.”
Bhuannaich ‘Eilean Lois’ le Somhairle MacIain à Cathair Ceann Tulaich, Siorrachd Dùn Bhreatann an Ear an duais airson Film Oileanach as Fheàrr. Tha am film ga leantainn fhèin agus a bhràmair, Lois, agus iad a’ dol air chuairt rothaireachd nan Innse Gall as t-samhradh, is e ag ionnsachadh na Gàidhlig dhi.
Thuirt Somhairle, a bha a-cheana na sgoilear aig Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig, agus a tha a-nise a’ dèanamh cùrsa sna meadhanan Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig: “Chuir mi a-staigh dhan cho-fharpais oir gun robh mi airson film a rinn mi fhèin a thaisbeanadh fhad ‘s a bha e comasach dhomh a bhith a’ cleachdadh an uidheamachd bhon chùrsa, leithid bathar-bog gearraidh.
“Tha mi airson an t-airgead a chur a dh’ionnsaigh camara dhomh fhèin gum faigh mi air cumail orm le bith a’ dèanamh fhilmichean às dèidh dhan chùrsa agam a thighinn gu crìch.”
Thuirt Debbie NicAoidh, Manaidsear Phròiseict aig CGS a tha a’ lìbhrigeadh a’ phròiseict; “’S e bliadhna air leth eile a bh’ ann a thaobh inntrigidhean, agus bha sinn gu h-àraidh riaraichte leis an àrd-ìre de sgilean sgeòil agus filmeadaireachd am measg nan roinnean òigridh. Leis a’ cho-fharpais a’ sìor fhàs, tha sinn a’ faicinn nam filmeadairean gam putadh fhèin gu ìre eile a-rithist agus a-rithist. ’S e urram a th’ ann a bhith mar phàirt den phròiseact.”
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair aig MG ALBA: “Tha FilmG daonnan air a bhith cho cudromach do na meadhanan Gàidhlig air fad, agus do na filmeadairean agus buidhnean fa leth a bhios a’ gabhail pàirt ann gach bliadhna.
“Tha e sònraichte a bhith a’ faicinn an tàlaint a’ tighinn tro na raingean agus a’ leasachadh a’ cheàird aca gus aon de na duaisean cliùiteach a thogail, agus tha e mar theisteanas dha ar miann a bhith a’ cumail oirnn a’ leasachadh bun-stèidh tàlaint Gàidhlig gun choimeas, an dà chuid air beulaibh, agus air cùl a’ chamara airson nam bliadhnaichean a tha air thoiseach oirnn.”
Tha gach film bho fharpais na bliadhna-sa ri fhaicinn air làrach-lìn FilmG: www.filmg.co.uk
Chaidh prògraman BBC ALBA aithneachadh aig Duaisean RTS Scotland an t-seachdain-sa, le prògraman air an ainmeachadh thar diofar roinnean.
Ghlèidh Eòrpa, prògram cùisean-làitheil Eòrpach BBC ALBA, duais airson a’ phrògraim a bha a’ sgrùdadh dol an-sàs na Gàidhealtachd le tràilleachd.
Air a riochdachadh le BBC Scotland Productions, thug am prògram teisteanasan eachdraidheil am follais, agus chuidich e le bhith a’ taisbeanadh cuid de ne sgeulachdan fìrinneach mu chuairt air Alba agus malairt nan tràillean.
Thuirt Ruairidh MacÌomhair, a tha na neach-naidheachd agus na eachdraiche, agus a lìbhrig am prògram; “’S e obair sgioba a bh’ ann an seo agus tha mi fìor thaingeil dha RTS Alba airson an obair a rinn sinn aithneachadh mar seo. Taing dha na h-eòlaichean, leithid Daibhidh Alston agus Iain MacFhionghain, a bha cho fialaidh le an cuid ùine agus an cuid rannsachaidh. Agus taing shònraichte do Ghraham Chaimbeul, Karrie Prescott, Jack Shehata agus Philomena de Lima, a chuidich sinn gus a’ bhuaidh a th’ aig dìleab na tràilleachd fhathast an-diugh a thuigsinn.”
Cuideachd a’ faighinn aithneachadh leis an RTS bha am prògram aithriseach bho purpleTV Na Boireannaich a Thog Glasgow City, a’ toirt sùil air an sgeulachd air cùl stèidheachadh agus soirbheachas tràth Glasgow City FC.
Thuirt Margot NicCuaig, Stiùiriche purpleTV: “Tha mi air leth toilichte gu bheil Na Boireannaich a Thog Glasgow City air an duais seo a ghleidheadh. Ged a tha e gu pearsanta na adhbhar thoileachas, tha e cuideachd na teachdaireachd chudromach a tha a’ daingneachadh gu bheil sgeulachdan boireannaich cudromach.
“Tha guthan boireannaich air a bhith air an iomall ro fhada agus tha am prògram aithriseach seo, ag innse sgeulachd iongantach Laura Montgomery agus Cas Stiùbhart, na fhianais air a’ phrìomh àite a tha boireannaich air a chluich, agus a tha fhathast a’ cluich, ann an cultar na h-Alba. Tha e na urram dha-rìribh a bhith air an guthan àrdachadh dha luchd-èisteachd BBC ALBA.”
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Craoladh Ghàidhlig BBC ALBA: “Tha e na theisteanas do ìre phrògramadh BBC ALBA gu bheil sinn air sia prògraman fhaicinn bho sia diofar chompanaidhean air a’ gheàrr-liosta.
“Tha sinn air leth moiteil asta uile ach gu sònraichte sgioba Eòrpa agus purpleTV airson an cuid soirbheachas anns na roinnean naidheachdan agus spòrs le sgeulachdan tarraingeach agus brosnachail. Meal a naidheachd cuideachd orra sin uile a bha air a’ gheàrr-liosta agus a thog duais.”
Bidh Alba a’ farpais airson an àite mu dheireadh aig Cupa Rugbaidh Cruinne nam Ban ann an Sealainn Nuadh, agus iad dol an aghaidh Coloimbia no Casagstan aig Pàirc Sevens, Dubai air 25 Gearran.
Thèid co-fharpaisich Alba an dearbhadh air 19 Gearran an dèidh do Choloimbia agus Casagstan a’ farpais gus faighinn dhan gheama-dearbhaidh shònraichte seo.
Bidh susbaint agus co-aithris fad a’ gheama bho Ùisdean MacIllInnein air BBC ALBA bho 15.00 air Dihaoine 25 Gearran.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun gheama, sgioba agus farpais nas fharsaing, faic https://bit.ly/34ew7qT
Thèid cuairt deireannach BBC Radio Scotland’s Young Traditional Musician of the Year 2022 a chraoladh air BBC ALBA agus BBC Radio Scotland Didòmhnaich 6 Gearran.
’S i an craoladair Gàidhlig Joy Dunlop agus Bruce MacGregor bho Travelling Folk a bhios a’ toirt thugainn susbaint bhon chuairt dheireannach, le sianar luchd-ciùil òga, tàlantach a’ strì airson an urram chliùitich, mar phàirt de dh’fhèis Celtic Connections na bliadhna-sa.
Le riochdachadh bho air feadh na dùthcha, le iomadachd de stoidhlean, ’s iad seo an fheadhainn a bhios a’ nochdadh anns a’ chuairt dheireannach:
• Breanna Wilson, Fìdheall, Glaschu
• Malachy Arnold, Clàrsach, Glaschu
• Eryn Rae, Fìdheall, Na Crìochan
• Malin Lewis, A’ Phìob Mhòr, An t-Eilean Sgitheanach
• Saffron Hanvidge, Òrain Ghàidhlig, Inbhir Nis
• Sophie Joint, Piàna, Glaschu
Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh agus Ceannard Co-bhanntachdan Cruthachail aig MG ALBA: “’S e an luach de chèol traidiseanta a tha ga thaisbeanadh air BBC ALBA gach bliadhna aon de na rudan a tha ga fhàgail mar ghoireas de shàr luach chultarail, a’ nochdadh an cuid as fheàrr den ghnìomhachas agus a’ taiceachadh an luchd-ciùil traidiseanta againn a bhith a’ toirt nan guthan aca do luchd-amhairc air feadh na dùthcha, agus tha sin fìor airson co-fharpais BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year, le bhith a’ toirt nan rionnagan ùra seo do luchd-èisteachd agus luchd-amhairc a’ sireadh bàrr an tàlaint anns an t-saoghal chiùil thraidiseanta.
“Tha a’ cho-bhanntachd craolaidh againn le BBC Radio Scotland a’ leantainn air cho torrach ’s a bha e a-riamh is sinne a’ toirt a’ chuairt dheireannach den fharpais seo do BhBC ALBA airson an treasamh bliadhna às dèidh a chèile.”
Thuirt Simon Thoumire, Stiùiriche Cruthachail aig Hands Up For Trad, a bhios a’ cur na co-fharpais air dòigh: “Tha e cho brosnachail cuairt deireannach de cho-fharpais BBC Radio Scotland Young Traditional Musician a bhith air a chraoladh beò air BBC ALBA. Tha e a’ toirt cothrom do luchd-amhairc gu tur ùr an raon farsaing de thàlant òg a tha ri lorg anns a’ choimhearsnachd ceòl traidiseanta Albannach.”
Thèid BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year a chraoladh air BBC ALBA agus BBC Radio Scotland bho 17.00 air Didòmhnaich 6 Gearran agus bidh e ri fhaotainn a-rithist air iPlayer a’ BhBC agus BBC Sounds às dèidh làimh.
Faic www.bbc.co.uk/youngtrad airson tuilleadh mun cho-fharpais.
Tha a’ phrìomh fhèis ciùil geamhraidh ann an Alba, Celtic Connections, ag obair còmhla ri MG ALBA turas eile gus taghadh air leth de cheòl agus prògraman a thoirt do BhBC ALBA sa Ghearran.
’S e Cuirm @ Celtic Connections a tha a’ toirt breab tòiseachaidh do chùisean bho 9f Dihaoine 4 agus Disathairne 5 Gearran, leis an t-seinneadair Ghàidhlig Mischa Nic a’ Phearsain a’ toirt criomagan bhon fhèis bho thaghadh cheòladairean farsaing leithid sàr-chluicheadairean ioma-ionnsramaid Tim Edey & Ross Ainslie, seinneadair Albais Fiona Hunter agus Seinneadair Gàidhlig MG ALBA na Bliadhna Kim Carnie.
Cuideachd a’ nochdadh ann an Cuirm @ Celtic Connections bidh an còmhlan fhìdhlearan Fiddler’s Bid à Sealltainn, seinneadar Gàidhlig agus fìdhlear Megan NicEunraig (a tha dìreach air a’ chiad chlàr aice Pilgrim Souls a thoirt a-mach) agus an comharrachadh ceòlmhor aig Lauren NicColla agus Rachel Newton do na boireannaich a chaidh a chur gu bàs mar thoradh air deuchainnean eachdraidheil nam bana-buidsichean.
Faodaidh luchd-coimhid BBC ALBA raon air leth de luchd-ciùil eadar-nàiseanta fhaicinn ann an Seirm | Celtic Connections, a thuilleadh air aodann aithnichte no dhà bho shaoghal na fèise, le 6 prògraman fad uair a thìde bho 12 Gearran air adhart.
Le tè cho aithnichte ’s a tha anns an t-saoghal chiùil traidiseanta ann an Alba aig an stiùir, bidh Màiri Anna NicUalraig a’ toirt thugainn ceòl bho Trail West, The Trials of Cato, agus Blue Rose Code ann an Seirm | Celtic Connections.
Bidh an t-seinneadair Ameireaganach Leyla McCalla a’ toirt dhuinn ceòl le measgachadh de bhuaidh Creole, Hiaitian agus Cajun, is i air a thighinn bho chuirmean Transatlantic Sessions, agus faodaidh luchd-coimhid a bhith an dùil ri sàr-thaisbeanadh ann an cluiche traidiseanta duiseil bho Brian Finnegan, aithnichte e fhèin mar bhall den chòmhlan Flook.
As t-samhradh, gheibhear tuilleadh criomagan bho chlàr sìnte na fèise; nochdaidh clàradh de chuirm bhon chòmhlan eileagtronaigeach Gàidhlig Niteworks le taic bhon SSO air BBC ALBA, a thuilleadh air cuirm sònraichte bho Capercaillie, a bha aig ceann na h-iomairt airson ceòl traidiseanta Ceilteach ath-bheothachadh agus a chluich pàirt nach beag ann an stèidheachadh agus soirbheachas Celtic connections. Bidh Capercaille cuideachd a’ faighinn taic bhon SSO.
Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh agus Ceannard Co-bhanntachdan Cruthachail aig MG ALBA: “Tha e na thlachd a bhith a’ toirt Celtic Connections do BhBC ALBA uair eile, gu sònraichte ann an suidheachadh cho dùbhlanach. Tha sinn air leth taingeil airson a’ cho-obrachadh agus taic bhon fhèis agus an luchd-ciùil ann a bhith gar cuideachadh le bhith a’ toirt an cuid ceòl dhaibh-san aig an taigh, agus mar is àbhaist, ’s e taghadh air leth de cheòladairean a th’ againn!”
Thuirt Donald Shaw, Stiùiriche Cruthachail aig Celtic Connections: “Tha e sònraichte a bhith a’ leantainn oirnn leis a’ cho-bhanntachd seasmhach againne le BBC ALBA airson Celtic Connections 2022. Tha sinn taingeil don sgioba aig MG ALBA airson an cuid taic leantainneach. Gheibh luchd-amhairc BBC ALBA air raon togarrach agus inntinneach de thàlant agus ceòl bho fhèis na bliadhna-sa, a’ riochdachadh cuid den luchd-ciùil as fheàrr agus as dòchasaiche a tha a’ nochdadh air àrd-ùrlar Celtic Connections.”
Bidh susbaint BBC ALBA aig Celtic Connections a’ tòiseachadh Dihaoine 4 Gearran – airson tuilleadh fiosrachaidh agus na clàran as ùire, faic bbc.co.uk/alba.
Bidh gach prògram ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là an dèidh a bhith air an craoladh.
Faic na meadhanan sòisealta aig BBC ALBA airson tuilleadh fiosrachaidh.
Thigibh an cuideachd Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach airson a’ chèilidh as fheàrr den bhliadhna – Cèilidh na Bliadhn’ Ùire BBC ALBA 2021.
Le ceòl bho Chòmhlan Chèilidh Ghleann Fhionnain agus raon sgoinneil de dh’aoighean sònraichte, cha b’ fhuilear dhuibh Oidhche Challainn air BBC ALBA – ge bi cà bheil sibh air an t-saoghal.
A’ nochdadh cheòladairean leithid Peat & Diesel, Còmhlan Pìoba Òg Steòrnabhaigh, Iain ‘Spanish’ MacAoidh agus cuid de na seinneadairean còisir as fheàrr à Eilean Leòdhais, gheibh luchd-coimhid dibhearsan agus fealla-dhà gu leòr am-bliadhna.
Tha tòrr a bharrachd na sin air BBC ALBA cuideachd airson soraidh slàn a thoirt air 2021; aig 9f, gheibh luchd-coimhid sealladh gu tur ùr air na h-eileanan agus na h-uisgeachan mun chuairt Hiort, ann an cuideachd “a’ mhaighdinn-mhara” Cèit NicLeòid ann am Miann na Maighdinn-Mara – Hiort.
Bidh BBC ALBA cuideachd a’ cur car air traidiseanan a’ chidsin Nollaigeach le Bèicear nan Eilean a’ tighinn an cuideachd Seòid a’ Chidsin gus dìnnear gun choimeas ullachadh airson Oidhche na Bliadhn’ Ùire ann an Seòid a’ Chalainn.
Tha Coinneach Macleod – no Bèicear nan Eilean mar is fheàrr a dh’aithnicheas e, rionnag Tiktok agus sgrìobhadair leabhar-reisibidhean – a’ tighinn an cuideachd Uisdean agus Ruairidh anns a’ chidsin gus deoch-measgaichte no dhà a dhèanamh airson a dhol còmhla leis a’ bhiadh ràitheil.
Nuair a bhios na gloinneachan làn, faodaidh luchd-coimhid suidhe is gaire a dhèanamh le comadaidh ùr air BBC ALBA, OMC!, a’ nochdadh aodainn èibhinn agus sgeidsichean gòrach a chumas sibh ann an sunnd air Oidhche Challainn. Le tè-phuist air a bheil goal gun bhuannachd gu cocairean gun sgot, bheir OMC! cuid de charactaran craicte dhan sgrìn air Oidhche Challain.
Thèid Miann na Maighdinn-Mara – Hiort a chraoladh aig 21.00, le Seòid a’ Challainn aig 22.00, agus OMC! aig 23.00, le Ceilidh na Bliadhn’ Ùire gar toirt a-steach dhan bhliadhn’ ùr bho 23.30.
Bidh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire ri fhaotainn air feadh an t-saoghail, le sruthadh-beò an seo.
Bidh gach prògram ri fhaotainn airson 30 làithean as dèidh gan craoladh air iPlayer a’ BhBC.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, thoiribh sùil air na meadhanan sòisealta aig BBC ALBA.
Tha Bannan a’ tighinn gu co-dhùnadh cumhachdach aig àm na Nollaig às dèidh còrr is 40 prògraman.
Chithear an t-sreath ga chraoladh thairis air àm na Nollaig agus na Bliadhn’ Ùire – an ochdamh sreath.
Aig cridhe na sgeòil tha an fhìrinn, gaol agus teaghlach – agus a’ cheist as motha: dè cho làidir ’s a tha na bannan.
On a chaidh a chur air bhog aig Fèis Film Dhùn Èideann o chionn seachd bliadhna ann an 2014, tha fèill air a bhith air Bannan am measg luchd-coimhid ann an Alba agus air feadh an t-saoghail leis a’ mheasgachadh sònraichte de sgeulachdan Gàidhlig gan toirt beò le filmeadaireachd air leth.
Air a riochdachadh agus air a chlàradh san Eilean Sgitheanach le Young Films agus sgioba de sgrìobhadairean, stiùirichean, riochdairean agus cleasaichean Gàidhlig, tha Bannan air cruth àbhaisteach TBh atharrachadh le chuid dòighean innleachdach ann a bhith a’ cleachdadh cànan agus cruth-tìre na Gàidhealtachd.
Tha gach bliadhna air raon ùr de thàlant a thoirt am follais, an dà chuid air beulaibh agus air cùl a’ chamara, agus tha na sreathan air a bhith a’ dèiligeadh le duilgheadasan an latha an-diugh ann an Alba, tro shealladh beatha eileanach agus tron Ghàidhlig.
Thòisich Mairead Hamilton, am prìomh stiùiriche agus sgrìobhadair, mar neach-taic air a’ phrògram paidhleit, le sgrìobhadairean Laura NicIllInein agus Tormod MacLèoid a’ tòiseachadh mar luchd-trèanaidh riochdachaidh agus riochdaire Sarah Jane Chaimbeul a thòisich na leas-stiùiriche.
Gu dè dìreach a thachair eadar Ceitidh agus Lucas? ’S e sin a’ cheist air bilean muinntir Chamuis an dèidh do Cheitidh casaidean uabhasach a thogail an aghaidh Lucas air latha na bainnse aige fhèin is Màiri – agus tha a’ bheachd fhèin aig gach duine. Tha fios againn gu bheil Lucas ciontach agus e air brath a ghabhail air Ceitidh air-loidhne, is i gun ach còig bliadhna deug a dh’aois, ach an creid duine i? An tig breithneachadh air Lucas, air neo am faigh e dheth leis an drabastachd uabhasach seo agus a’ bhuaidh a thug e air nighean òg so-leònta?
Tha Màiri airson faighinn chun na fìrinne ach mar is motha a chluinneas i ’s ann nas troimh-chèile a tha i a’ fàs. Aig an aon àm, tha Ceitidh ga ceasnachadh fhèin – gnothach a bheir cron oirre fhèin agus nach dèan dad ach Lucas – duine seòlta, olc, a tha a’ feuchainn ri a bhean Màiri agus an coimhearsnachd fhaighinn air a thaobh – a chuideachadh.
Tha cunnart, mì-chinnt agus briseadh-cridhe a’ ruith tron t-sreath ùr seo: chì sinn Donna agus Fionnlagh a’ tarraing air an cuid gaoil dha chèile mu choinneamh tinneas Donna, agus tha Tormod a’ faighinn a-mach mu na tha Iseabail air a bhith a’ cumail bhuaithe le buaidh nach beag na chois a bheireas crathadh air.
Thuirt Ard-Riochdaire, Chris Young, a tha aithnichte airson a bhith na riochdaire air a’ phrògram TBh agus film The Inbetweeners: “Bha miann agam air dràma TBh Gàidhlig a chruthachadh anns nach robh càil sònraichte ach an dràma fhèin. Tha mi a’ faireachdainn gu bheil sinne, an sgioba agus na cleasaichean, riochdaire Sarah Jane agus na stiùirichean air sinn a dhèanamh. ’S e rud cho mòr a th’ ann a bhith air seo a choileanadh. Bha mi a’ cuimhneachadh air mar a thòisich cùisean is tha e iongantach cho fada ’s a tha sinn air tighinn.
“’S fhiach an turas a chomharrachadh, oir gu bheil e a’ fàgail dìleab air leth de thàlant ùr Albannach agus Gàidhealach.
“Nuair a chaidh a’ chiad trì prògraman a choimiseanadh le BBC ALBA le taic bho Alba Chruthachail, cha robh dùil aig duine gum biodh am prògram a’ ruith airson 40 earrannan a bharrachd, agus bu mhath leinn taing a thoirt dhaibh airson an cuid lèirsinn agus am misneachd a nochd iad ann an Young Films.
“Le bhith a’ coimhead air adhart ri paidhleat comadaidh Channel 4 ga riochdachadh anns an Fhaoilleach, film air a mhaoineachadh le BBC Film, am BFI agus Screen Scotland an-dràsta ga dheasachadh airson a sgaoileadh as t-samhradh, agus am prògram sgrìobhadh airson sgrìn anns an Eilean Sgitheanach aig a’ Young Films Foundation anns a’ treasamh bhliadhna aige, tha mi misneachail gum bi an t-Eilean Sgitheanach a’ leantainn air mar àite foirfe airson riochdaidhean TBh agus film, anns a’ Bheurla, no anns a’ Ghàidhlig.”
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Craoladh Gàidhlig BBC ALBA: Tha fèill mhòr air a bhith air Bannan bho luchd-coimhid a th’ air a bhith a’ leantainn sgeulachdan muinntir Chamuis gu dlùth thairis air na 8 sreathan mu dheireadh. A thuilleadh air dibhearsan sgoinneil a lìbhrigeadh, tha Bannan cuideachd air ginealach ùr de chleasaichean, sgrìobhadairean, stiùirichean agus luchd-teicnigeach cruthachail a bhrosnachadh. Tha an sgioba aig Young Films air sreathan soirbheachail aon às dèidh a chèile a riochdachadh, agus e a’ tighinn gu co-dhùnadh ann an sreath deireannach a tha tiamhaidh agus làidir.”
Thèid Sreath 8 de Bannan a chraoladh air BBC ALBA Diluain 27 Dùbhlachd, Dimàirt 28 Dùbhlachd agus Diardaoin 30 Dùbhlachd, leis an dà phrògram mu dheireadh gan craoladh Là na Bliadhn’ Ùire, uile aig 10f.
Dh’ainmich Duaisean Ciùil Traidiseanta MG ALBA 2021 farsaingeachd de bhuannaichean às dèidh 180,000 bhòt poblach, nuair a thill na Duaisean a Ghlaschu air BBC ALBA agus air beulaibh luchd-èisteachd stiùidio beò.
Bidh oidhche mhòr nan Duaisean Ciùil Traidiseanta MG ALBA a’ taisbeanadh prìomh luchd-ciùil traidiseanta Albannach de gach ghnè ann an cuirm gleansach, a tha ag aithneachadh agus a’ comharrachadh beairteas tàlaint le ceòl air leth. Chaidh a chumail am-bliadhna aig Engine Works Ghlaschu, agus chaidh a chraoladh air BBC ALBA aig 9.00f, Disathairne 4 Dùbhlachd, 2021, agus a shruthadh beò air feadh an t-saoghail air www.bbc.co.uk/alba
Le ceòl beò agus tachartasan air an cuingealachadh bho thòisich a’ ghlasadh, tha Hands Up for Trad air a bhith ag obair gu cruaidh bhon Mhàrt 2020 gus taic a thoirt do luchd-ealain agus ùrlaran eile a sholarachadh do luchd-ciùil gus an luchd-èisteachd aca a ruighinn, airgead a thogail agus tiogaidean a reic air-loidhne.
A’ leantainn air adhart leis a’ chom-pàirteachas fad-ùine aca le MG ALBA gus na Duaisean a chraoladh beò ann an 2021 air beulaibh luchd-èisteachd beag de luchd-ainmichte a-mhàin ri linn riaghailtean Covid-19, tha a bhith a’ toirt a h-uile càil beò a-steach do dhachaighean dhaoine fhathast mar phàirt mhòr den tachartas bliadhnail.
Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh & Ceannard Co-bhanntachdan Cruthachail: “Meal-a-naidheachd do na buannaichean a-nochd – gach bliadhna tha e na fhìor thoileachas an tàlant iongantach fhaicinn a’ tighinn suas tro na h-ìrean agus a’ faighinn aithne airson an cruthachalachd agus an dealas airson ceòl traidiseanta na h-Alba. Tha MG ALBA moiteil a bhith a’ cumail taic ris an luchd-ealain seo fhads aig an aon àm ag aithneachadh cho làidir ’s a tha a’ choimhearsnachd ciùil traidiseanta às dèidh na dùbhlain anns na 18 mìosan a dh’fhalbh.”
’S iad na leanas an dusan buannaichean aig Duaisean Ciùil Traidiseanta MG ALBA 2021:
Obair Tùsanach na Bliadhna le taic bho PRS for Music
Calum MacPhail – 7 Years Old
Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna le taic bho Greentrax Recordings
Riddell Fiddles’ Two Towns Housing Estate Youth Musical Outreach Programme
Tachartas na Bliadhna le taic bho VisitScotland
Celtic Connections
Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna le taic bho Chomunn Gàidhealach Lunnainn
Kim Carnie
Ceòladair na Bliadhna le taic bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean
Iona Fyfe
Annas-làimhe Air-loidhne na Bliadhna le taic bho urras Cuimhneachaidh Gordon Duncan
Norrie “Tago” MacIver Live Streams
Seinneadair Albais Citty Finlayson na Bliadhna le taic bhon Traditional Music and Song Association
Ellie Beaton
Bhidio-ciùil Trad na Bliadhna le taic bho Threads of Sound
Doddies Dream – Bruce MacGregor
Ceòl Traidiseanta sna Meadhanan le taic bho Shabhal Mòr Ostaig
Ceòl is Cràdh, Sgeul Media airson BBC ALBA
Ceòladair ‘Up and Coming’ na Bliadhna le taic bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba
The Canny Band
Oide Ciùil na Bliadhna le taic bho Iomairt Ciùil na h-Òige Alba Cruthachail
Craig Muirhead, Director of Piping and Drumming at Strathallan School
Clàr na Bliadhna le taic bho Birnam CD
Where the World Is Thin by Kris Drever
Chaidh Hands Up for Trad, a’ bhuidheann a tha a’ ruith nan duaisean agus a tha ga mhaoineachadh leis a’ Chrannchur Nàiseanta tro Alba Chruthachail a stèidheachadh ann an 2002, agus thathas ag amas air faicsinneachd agus cliù ceòl traidiseanta Albannach àrdachadh tro fiosrachadh, taiceachadh agus foghlamachadh luchd-ciùil, com-pàirtichean agus luchd-amhairc.
Thuirt Stiùiriche Cruthachail Hands Up for Trad Simon Thoumire: “Tha mi cho taingeil dhan a h-uile neach a bhòt agus a chum taic ris an luchd-ciùil agus an coimhearsnachd chultarach airson faireachdainn Duaisean Ciùil Traidiseanta MG ALBA 2021 a thoirt do dhaoine sna dachaighean aca fhèin. Tha e brosnachail agus urramach a bhith ag obair leis an uiread dhaoine agus coimhearsnachdan a tha cho dìoghrasach agus cruthachail, agus a tha a’ cumail orra dòighean a lorg a bhith nan lòchrain tro àm a tha cho dùbhlanach.”
A’ taisbeanadh a’ chuid as fheàrr de chèol traidiseanta Albannach, thèid Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA a shealltainn beò air BBC ALBA air an deireadh-sheachdain seo.
Le Màiri Anna NicUalraig agus Alasdair Heather aig an stiùir, thèid na duaisean oidhche Shathairne 4 Dùbhlachd a shealltainn gu trì-cananach (Gàidhlig, Albais agus Beurla) gus cultar farsaing coimhearsnachd ceòl traidiseanta na h-Alba a riochdachadh.
Le taic bho Alba Cruthachail, nochdaidh tachartas na h-òidhche ceòl air leth bhon fheadhainn as fheàrr sa ghnìomhachas, leithid còmhlan ciùil Gàidhealach Dàimh agus seinneadair Kim Carnie airson cur ri buileachadh nan duaisean cliùiteach seo, cha bu chòir Na Trads 2021 a chall.
Am-bliadhna, tha na duaisean gan craoladh bho thalla na Engine Works ann an Glaschu, a’ nochdadh ceòl bho chuid de na prìomh ainmean sa ghnìomhachas, leithid Hannah Rarity, the Strathspey Band, Ìmar, the Canny Band & the Lomond Cèilidh Band.
Tha Màiri Anna NicUalraig na seinneadair Gàidhlig cliùiteach, a th’ air Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna a choisinn dhi fhèin aig Na Trads ann an 2019, agus a th’ air a bhith a’ lìbhrigeadh nan duaisean bhon a chaidh an craoladh air BBC ALBA an toiseach, ann an 2008.
Tha Alistair Heather, an sgrìobhadair agus craoladair, na neach-taic aithnichte don Albais, agus ’s e fhèin a bhios a’ lìbhrigeadh Dhuaisean Bliadhnail na h-Albais.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt Stiùiriche Ioma-ùrlair aig MG ALBA: “Tha sinn a-riamh air a bhith moiteil mu bhith a’ taisbeanadh agus a’ taiceachadh am beairteas thàlant a th’ againn anns a’ choimhearsnachd ceòl thraidiseanta ann an Alba, agus chan eil mòran oidhcheannan nas fheàrr na Na Trads airson sin a dhèanamh. Tha sinn mothachail air cho duilich ’s a tha cùisean air a bhith do luchd-ciùil on a thòisich am pandeimig, agus mar sin tha e air leth cudromach do BhBC ALBA gu bheileas ag aithneachadh na choilean iad agus a’ dèanamh comharrachadh air fhads a tha BBC ALBA a’ cumail air le bhith a’ toirt ùrlar don chuid as fheàrr de cheòl traidiseanta Albannach.”
Thuirt Stiùiriche agus Stèidhiche Hands Up For Trad Simon Thoumire: “Tha mi dìreach air mo dhòigh glan gu bheil gnìomhachas ceòl traidiseanta na h-Alba agus ar eaconomaidh cultarach air atharrachadh agus ùrachadh a dh’aindeoin nan dùbhlan a chur Covid-19 romhainn, agus gu bheil Hands Up For Trad air gluasad leis gus ar co-bhanntachd luachmhor le MG ALBA a leasachadh airson an luchd-ciùil agus na sgiobannan air a chùl.
“Tha a bhith a’ craoladh shusbaint bho na Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA bho 9f air BBC ALBA Disathairne 4mh beò gu taighean luchd-amhairc a’ ciallachadh tòrr mòr dhan tàlant, an luchd-taic agus a-huile duine a tha an sàs ann.”
Faic Na Trads 2021: MG ALBA Scots Trad Music Awards air BBC ALBA agus air iPlayer a’ BhBC, 9f Disathairne 4 Dùbhlachd.
Bidh sruthadh air-loidhne ri fhaotainn air feadh an t-saoghail cuideachd air https://www.bbc.co.uk/alba
Curaidh, bàrd agus naomh: thèid sgeulachd beatha iongantach fear de na naoimh as cudromaiche ann an Èirinn agus Alba innse ann am prògram aithriseach ùr a’ comharrachadh 1500 bliadhna on a rugadh Calum Cille: An Naomh Dàna | Columba: The Bold Saint.
Ga chraoladh aig an aon àm an dà chuid air BBC ALBA agus TG4 air 7 Dùbhlachd gus an ceann-bliadhna sònraichte a chomharrachadh, tha am prògram aithriseach seo mar sgàthan air an turas taistealachd aige fhèin o chionn mìle gu leth bliadhna.
Ged a bha e aithnichte do mhòran mar Chalman na Sìthe, bha e aig cridhe iomadh blàr is cath, mus do stèidhich e manachainn air Eilean Ì, a’ cruthachadh bun-stèidh airson an eilean a bhith na lòchran airson sluaghan nan Aoisean Tràth-Mheadhanach – thathas ag ràdh gun robh e fiù ’s a’ trod le Niseag turas!
Bheir am prògram luchd-amhairc bho Dhùn nan Gall gu Eilean Ì, a’ rùrach airson an fhìrinn air cùl nam fionn-sgeòil a bha ceangailte ris a’ bhuaireadair, mèirleach, gaisgeach agus fògarrach a thàinig gus cliù nach beag a choisinn a thaobh eachdraidh na h-Alba agus na h-Èireann, a thuilleadh air aithne eadar-nàiseanta a choisinn dha fhèin thairis air na linntean.
Tha ath-cruthachadh dràmadach ga fhighe am measg aithris eòlaichean is sinne a’ cur solas air na choilean an naomh – nach fhacar a leithid a-riamh – seo.
Tha Calum Cille – An Naomh Dàna ga riochdachadh le Abú Media agus MacTV le maoineachadh bho Mhaoin Craolaidh Gàidhlig na h-Èireann Èirinn a Tuath, TG4 agus MG ALBA.
Thèid am prògram a chraoladh aig an aon àm air Dimàirt 7 Dùbhlachd aig 9.30f air BBC ALBA agus TG4, agus bidh e ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC taobh a-staigh na RA airson 30 là an dèidh làimh.
Ann an Calum Cille: An Naomh Dàna cluinnidh sinn bhon Dr Donnchadh Sneddon, bho Oilthigh Dhùn Èideann.
A’ bruidhinn air dìleab Chaluim Chille, thuirt an Dr Sneddon: “Tha diofar eadar Calum Cille, an duine a bha beò air an t-saoghal againn agus an neach eachdraidheil a chaidh ath-chruthachadh anns na linntean an dèidh a bhàis – agus tha iad sin uile a’ cruthachadh Calum Cille diofraichte dhaibh fhèin. Ach tha iad uile ag innse dhuinn rudeigin cudromach. Tha iad uile ag innse mu Chalum Cille a bha cumhachdach, treun agus cudromach ann an dòighean diofraichte.”
Tha an Dr Niamh Wycherley, Roinn Gàidhlig Thràth na h-Èireann, Oilthigh Maynooth, ag ràdh sa phrògram: “Faodar cur thairis gur e an dìleab as cudromaiche aig Calum Cille a tha air mairsinn an uiread bhun-stèidh eaglaiseach a stèidhich e air feadh na h-Èireann agus na tha sin ag aithneachadh mar taobh an iar na h-Alba a-nise. Bha Eilean Ì gu dearbh mar a’ phrìomh àite anns an robh e stèidhte, ach cuideachd stèidhich e àitichean eaglaiseach sònraichte, leithid Ceannanas agus Darú. ’S iad na bun-stèidhean seo aig Calum Cille a thug thugainn cuid de na nìthean eachdraidheil as prìseile agus aithnichte ’s a th’ againn – Leabhar Cheannanais, Leabhar Darú, cruinneachaidhean tràtha de dh’Annalaidhean na h-Èireann. Tha iad seo air leth cudromach mar làmh-sgrìobhainnean iad fhèin, ach cuideachd mar nìthean fiosaigeach.
Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh agus Ceannard Co-bhanntachdan Cruthachail aig BBC ALBA: “Fhreagair am prògram seo air modal co-riochdachaidh gu nàdarrach, agus tha sinn air ar dòigh a bhith a’ faicinn a’ cho-bhanntachd riochdachaidh agus craolaidh a bhith a’ toirt sàr shusbaint do luchd-amhairc BBC ALBA. Tha na ceanglaichean cultarail eadar Èirinn agus Alba a-riamh air a bhith làidir, agus bha BBC ALBA gu math toilichte a bhith a’ toirt a’ phrògraim seo gu bith airson breith Chaluim Chille a chomharrachadh agus airson meòrachadh air na ceanglaichean cultarail agus cànanach ann an dòigh gu math cruthachail.”
Thuirt Alan Esslemont Ard-Stiúrthóir TG4: “A’ bruidhinn ri Pàrlamaid na h-Alba ann an 2016, thog Uachtarán na hÉireann Mícheál D. Ó hUigínn air a’ chàirdeas eadar Èirinn agus Alba, “leis an eachdraidh chumanta agus toinnte a th’ againn, tha e a-riamh air a bhith duilich a ràdh cà bheil Èireann a’ tighinn gu crìch, agus Alba a’ tighinn gu bith. Air neo an taobh eile mun chuairt.” Bha Calum Cille, curaidh-neach-eaglaise- poileataigear, aig aghaidh tuineachadh Èireannach na h-Alba, a’ sgaoileadh Crìostaidheachd na h-Èireann air feadh na h-Alba, agus a’ cleachdadh ainmean Èireannach; Éire, Fódhla, Banbha, Ealg airson sealbh samhlachail Èireannach a thoirt air àitichean cudromach ann an Alba; Stràth Èireann, Gleann Eilg, Athall, Banbh agus Eilginn. Tha mi air mo dhòigh a bhith a’ comharrachadh a’ cheann-bhliadhna seo, 1500 bliadhna o bhreith Chaluim Chille, le prògram aithriseach ùr agus togarrach ga thoirt gu TG4 agus BBC ALBA ann an Alba, airson beatha an duine dàna, ùr-nòsach, annasach agus dìorrasach a bha na Ghàidheal buadhmhor a thug cruth-atharrachadh maireannach air an dà chuid Èirinn agus Alba.”
Thuirt Ceannard Maoin Craolaidh Gàidhlig na h-Èireann Èirinn a Tuath Áine Walsh: “Tha Calum Cille aithnichte mar naomh Èirinneach agus Albannach, agus tha e air dìleab fhàgail air beul-aithris agus cruth-tìre nan dùthchannan seo, agus mar thoradh air seo, bha Maoin Craolaidh Gàidhlig na h-Èireann Èirinn a Tuath air leth toilichte nuair a thàinig am pròiseact seo mu ar coinneimh airson 1500 bliadhna on a rugadh Calum Cille a chomharrachadh. Cha b’ ann a-mhàin gun d’ thug e cothrom dhuinn beatha an naoimh dhàna a sgrùdadh, ach cuideachd thog e cothrom eile a bhith a’ neartachadh nan ceanglaichean eadar Èireann agus Alba le prògram sònraichte a thèid a chraoladh an dà chuid air TG4 agus BBC ALBA. Tha co-bhanntachdan mar seo air leth cudromach ann a bhith a’ lìbhrigeadh susbaint de shàr ìre a tha tarraingeach, agus chan eil teagamh ann gu bheil am prògram seo a’ coileanadh sin”.