Clàr Nollaig BBC ALBA – dè chòrr a dh’iarradh tu!

Prògraman Nollaig sgoinneil le gaol bho BBC ALBA.

Bho dràma ùr agus prògraman aithriseach drùidhte le cianalas gu ceòl beò agus pailteas fealla-dhà na Nollaig, chan urrainnear a bhith ann an cuideachd nas fheàrr na BBC ALBA!

Bidh an Oidhche ron Nollaig a’ tòiseachadh le Clò Beag Chirsty Bella a tha ag innse sgeulachd nighean bheag às na Hearadh a tha airson a’ chlò aice fhèin fhighe.

Tha cuimhneachain sònraichte ann an Oidhche Gun Tàmh | Lewisian Nights a tha a’ toirt sùil air saoghal a’ chiùil ann an Leòdhas. Bho làithean dòigheil nan 1960an chun an latha an-diugh, tha an neach-ciùil ionadail Iain “Spanish” MacAoidh a’ gabhail cuairt tro na bliadhnaichean agus a’ cnuasachadh mu dè a tha ri thighinn.

A’ toirt an Oidhche ron Nollaig gu crìch tha Alleluia!, le prògram sònraichte na Nollaig bho Coats Pàislig, a’ nochdadh taghadh de laoidhean, laoidhean ràitheil agus cnuasachadh pearsanta air a lìbhrigeadh le Iain MacFhionghain.

Cuir seachad Là na Nollaig còmhla ri Pàdruig MacCuinn (Gàrradh Phàdruig) agus Coinneach MacLeòid aig bothan an teaghlaich air Eilean Saoil ann an Nollaig sa Bhothaig.

Pàdruig MacCuinn, a chompanach Coinneach MacLeòid agus an Westie aca, Seòras, a’ comharrachadh na Nollaig aig bothan an teaghlaich air Eilean Saoil ann an Earra-Ghàidheal ann an ‘Nollaig sa Bhothaig’

Le cuideachadh bho na h-aoighean aca agus Seòras, tha Pàdruig agus Coinneach a’ toirt cruth atharrachadh air a’ bhothan gu bhith mar àite iongantach geamhraidh – sàr shuidheachadh airson Nollaig thraidiseanta le mistletoe is fìon, ceòl is òrain, gaol is gàire.

Cuideachd air Là na Nollaig tha Dad Sam Bith (Every Dad) – sgeulachd bhlàth mu bhalach beag le mac-meanmna mòr.  Tha Mason a’ gabhail iongnadh càite a bheil athair, agus tha e a’ lorg trì athraichean gu tur eadar-dhealaichte.

Tha sgeul beatha fhìor air a thaisbeanadh ann am Barraigh gu Barcelona.  Tha Alanna, aois 10, à Eilean Bharraigh na modail air a bheil fèill mhòr aig cuid de na suaicheantasan aodaich as motha san Roinn Eòrpa.

Là an dèidh na Nollaig, gheibhear prògram draoidheil chloinne ann an cruth dealbh-beò, Yoyo & The Little Auk a tha ag innse sgeulachd mu auk beag a tha dealaichte bhon treud aige.  Tha taic ciùil àlainn na chois bho Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba.

Curstaidh NicDhòmhnaill a’ dèanamh turas iongantach gu Uummannaq ann an Graonlainn

Tha prògraman aithriseach brèagha Dùthchas agus Greenland: Sgeul Isobel Wylie Hutchison a’ toirt an luchd-amhairc gu diofar àiteachan agus amannan.

Tha Dùthchas a’ cleachdadh tasglann film nach fhacas roimhe bho na 60an is 70an a chaidh a chur ri ceòl sònraichte bho Dhòmhnall Seathach gus sgeulachd drùidhteach imrich is call cultarach Eilean Bheàrnaraigh innse.

Tha ar sgiathan a’ sgaoileadh nas fhaide air falbh ann an Greenland – Sgeul Isobel Wylie Hutchison le Curstaidh NicDhòmhnaill a’ leantainn ceuman an iomairtiche Albannach a tha càirdeach dhi, Isobel Wylie Hutchison. Bho Alba gu Uummannaq ann an Graonlainn, bidh Ciorstaidh a’ coinneachadh ri daoine a bha càirdeach riuthasan a nochd ann an deilbh a thog Iseabail anns na 1920an.

Air Oidhche Challainn tha Deilbh Dr Hay a’ taisbeanadh dìleab dhealbhach eile, an turas seo aig an Dr Iain Hay à Ùig ann an Eilean Leòdhais; às dèidh sin chithear tasglann ciùil sgoinneil a’ comharrachadh 25 bliadhna de dh’Fhèis HebCelt agus a’ ruith suas chun a’ chèilidh mhòr tha OMC! air ais le sreath ùr comadaidh sgoinneil.

Bheir cèilidh BBC ALBA, le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach, a’ Bhliadhn’ Ùr a-steach ann an cuideachd sàr luchd-ciùil agus aoighean a bhios cruinn ann am Malaig.

Air Latha na Bliadhn’ Ùire, tha an ceòl a’ leantainn le Barrowland Roar agus leithid Gun, Amy NicDhòmhnaill agus Travis a’ bruidhinn air na cuimhneachan aca air an ionad ainmeil.

Tha 2023 a’ leantainn le cùisean ùra, leis an t-sreath dhràma ùr sia-phàirteach An Clò Mòr a’ nochdadh airson a’ chiad uair. Bho shrainnsearan dalma gu gaol dìomhair agus teaghlach a tha an ìmpis tuiteam às a chèile, tha an dràma ùr seo loma làn thachartasan toinnte is buadhmhor.

Agus cluinnidh sinn cò ris a bha e coltach ann an da-rìribh ann an Trusadh: Muinntir a’ Mhuilinn – far am bi luchd-obrach nam muilnean a’ tighinn còmhla a-rithist gus cuimhneachadh air a’ ghnìomhachas chudromach eileanach seo.

Cuideachd anns a’ chlàr aig BBC ALBA tha prògram aithriseach cumhachdach Mise is ADHD; prògram sònraichte le Aonghas Dubh MacNeacail a ràinig aois 80 am-bliadhna; agus tha pailteas phrògraman chloinne ann leithid Ernest agus Celestine, Father Frismas agus The Smeds and the Smoos.

Airson tuilleadh fiosrachaidh thoiribh sùil air clàr Nollaig BBC ALBA an seo.

BBC ALBA a’ fighe sgeulachdan dàna san t-sreath dràma ùr An Clò Mòr

Tòisichidh BBC ALBA a’ bhliadhna ùr le sreath dràma ùr, An Clò Mòr.

Chithear an t-sreath de shia prògraman a’ chiad turas air BBC ALBA agus BBC iPlayer air Diluain 2 Faoilleach 2023 aig 9f.

Tha gnìomhachas a’ Chlò Hearaich fillte ri eileanan Innse Gall, agus ’s e gnìomhachas eadar-nàiseanta th’ ann cuideachd a tha a-nis mar bhun-stèidh air sgeulachd dràma dathach de ghaol, strì is chluaineas.

Bho shrainnsearan dalma gu gaol dìomhair agus teaghlach a tha an impis tuiteam às a chèile, tha an dràma ùr seo loma làn tachartasan toinnte is buadhmhor.

Tha an t-sreath stèidhichte air gnìomhachas teaghlaich, le Muileann MhicSuain na theis mheadhain.  Tha a’ ghnìomhachas ann an staing le sgioba-obrach bheag a’ feuchainn rin cuid obraichean a dhìon agus tha an ùine a’ ruith airson ceannard na muilne, Seumas MacSuain (Eòghann MacFhionghain), agus na h-oidhirpean aige a’ ghnìomhachas ath-bheothachadh.

Airson a’ mhuileann a shàbhaladh agus dìon a chuir air dòighean obrach traidiseanta, tha Seumas a’ sireadh taic-airgid bho charaidean teaghlaich aig a bheil ghnìomhachas fighe ann an Nirribhidh.

Tha neach-gnìomhachais òg à Nirribhidh, Johan Furseth (Fredrik Malte Petersen) a’ tighinn dhan eilean le phlanaichean gnìomhachais a tha eadar-dhealaichte bho na dòighean dualach. Tha Johan agus na planaichean aige a’ cur an ainmean air manaidsear na muilne, Sìleas NicSuain (Erica Mhoireasdan)


Erica Mhoireasdan – Sìleas NicSuain. © Sradag Creative / Solus Productions / MG ALBA.

Tha mì-thoileachas agus do-riarachas eachdraidheil ann an teaghlach MhicSuain, aig cridhe grunn sgeulachdan san t-sreath a chumas an luchd-amhairc air bhioran.

Tha bòidhchead àrainneachd Na Hearadh is faram nam beart maille ri dol a-mach teaghlach a tha eadar starsaich soirbheachas is crìonadh marbhtach, a’ cur ri beairteas nan sgeulachdan anns an dràma ùr, eireachdail seo.

Tha An Clò Mòr air a riochdachadh le Solus Productions airson BBC ALBA agus air a mhaoineachadh le MG ALBA agus Sgrìn Alba.

Thuirt an t-Àrd-Riochdaire/Stiùiriche Tony Kearney: “Tha gnìomhachas a’ Chlò Hearaich dathach agus inntinneach. Tha a bhith a’ stèidheachadh dràma timcheall air an t-saoghal aimsireil, eadar-nàiseanta agus inntinneach seo, a’ toirt dhuinn cothroman air leth airson sgeulachdan innse.

“Bha filmeadh ann am Muileann Chlò Chàrlabhaigh air taobh Siar Eilean Leòdhais na chothrom nach dìochuimhnich mi gu bràth. Bha an luchd-obrach cho dòigheil agus bha e na urram mhòr a bhith a’ faicinn a’ chiùird iongantach seo bhon 19mh linn an gnìomh.

“Bha e na thoileachas cuideachd filmeadh air Eilean àlainn na Hearadh. Bha sgioba de chleasaichean air leth tàlantach againn.  Chuir gach aon dhiubh iad fhèin am bogadh anns na caractaran aca fhèin, a’ toirt am blas is an dòigh shònraichte fhèin chun nan caractaran air an t-slighe. Tha sinn cho toilichte an dràma ùr seo a thoirt don mhòr-shluagh!”


Eòghainn MacFhionghain – Seumas MacSuain. © Sradag Creative / Solus Productions/ MG ALBA.

Thuirt an t-Àrd-Riochdaire Jim Webster: “Tha Solus Productions làidir den bheachd gum bi an dràma Gàidhlig ùr, eireachdail, beothail agus àrd-inbhe seo, tarraingeach don luchd-amhairc.

“’S e dràma àrd-amasach a tha seo a tha a’ putadh charactaran chun oir, rud a bu chòir gluasad an luchd-amhairc gu gal agus gàire air an t-slighe. Tha sinn an dòchas gun còrd e ri daoine cho mòr ’s a chòrd e rinne a bhith ga chruthachadh anns na h-Eileanan àlainn.”

Thuirt An t-Àrd-Riochdaire/ Deasaiche Coimiseanaidh Uilleam Macleòid: “Tha sinn air leth toilichte gun urrainn dhuinn an t-sreath iongantach ùr seo a thoirt gu BBC ALBA.

“Suidhichte ann an àrainneachd agus gnìomhachas sònraichte nan Eilean Siar, tha An Clò Mòr a’ taisbeanadh cridhe Gàidhlig ar dùthcha, le blas eadar-nàiseanta.

“Tha sinn air bhioran gus an dràma a thoirt thugaibh sa bhliadhna ùr.”

Thuirt Sean Greenhorn, Oifigear Sgriobt Sgrìn aig Sgrìn Alba: “Stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar, ’s e sgeulachd làn dràma mu theaghlach is còmhstri a th’ anns An Clò Mòr agus bidh e tarraingeachd do luchd-amhairc an latha an-diugh.

“Cuide ri co-obraichean aig MG ALBA, Comhairle nan Eilean Siar, agus Solus Productions, bha e comasach dhuinn cothroman trèanaidh tron phròiseas riochdachaidh air fad a thoirt do dhaoine anns a’ choimhearsnachd.

“Tha leasachadh criutha deatamach airson meudachadh ar gnìomhachas, agus tha sinn a’ cumail oirnn a’ lìbhrigeadh trèanadh agus taic riochdachaidh air feadh na h-Alba.”

Bidh a’ chiad phrògram de An Clò Mòr air BBC ALBA Diluain 2 Faoilleach aig 9f agus air BBC iPlayer.

Eòlaichean a’ ghnìomhachais a’ toirt taic do sgoilearan na h-Alba is iad a’ cruthachadh filmichean goirid Gàidhlig

Le gun ach mìos ri dhol mus bi farpais FilmG na bliadhna-sa a’ dùnadh gu inntrigidhean, tha taghadh tàlantach bho air feadh saoghal nam meadhanan ann an Alba air a bhith a’ lìbhrigeadh bhùithtean-obrach anns gach ceàrnaidh den dùthaich gus taic a thoirt do fhilmeadairean òga amaiseach leis na filmichean Gàidhlig aca fhèin.

On a chaidh co-fharpais na bliadhna-sa a chur air a casan san t-Sultain, chaidh bùithtean-obrach a lìbhrigeadh anns an Eilean Sgitheanach, ann an Inbhir Nis, Leòdhas, Geàrrloch, Ullapul, Inbhir Pheofharain, Dùn Omhain, Obar Dheathain, agus anns an Òban, le pailteas a bharrachd san amharc anns a’ mhìos a tha romhainn.

Mar phàirt de na bùithtean-obrach, a bhios a’ gabhail àite thairis air dà là, bidh na h-oidean ag obair gus cleasan nan sgeòil agus sàr-oideas teicnigeach a thoirt seachad, a thuilleadh air cho mòr ’s a nì deagh dheasachadh diofar ann a bhith a’ toirt sgeulachdan nan daoine òga cruthachail seo gu bith.

Tha FilmG ag amas air lorg fhaighinn air rionnagan an ama ri teachd airson nam meadhanan Gàidhlig ann an Alba, agus a bhith a’ toirt taic dhaibh agus gan cuideachadh gus seo a ruighinn, le bhith a’ cleachdadh eòlas dhaoine a tha an-sàs anns a’ ghnìomhachas mar-thà – an dà chuid air beulaibh agus air cùl a’ chamara – gus beagan den ghliocas aca fhèin a thoirt don ath-ghinealach.

Ann an Geàrrloch, thòisich bùithtean-obrach na bliadhna-sa aig Àrd-sgoil Geàrrloch, anns an do chruthaich sgoilearan dà fhilm, leis a’ chiad fhear dhiubh a’ dealbhachadh eachdraidh agus an caochladh a thàinig air a’ bhaile aca thar nam bliadhnaichean, agus am fear eile na dhràma le ro- sheallaidhean os-nàdarrach air an àm ri teachd, s a fhuair taic bho stiùiriche agus filmeadair BBC ALBA Dòl Eòin MacFhionghain agus Megan Dale bho sgioba FilmG.

Anns an Eilean Sgitheanach, fhuair sgoilearan Àrd-sgoil Phort Rìgh oideachadh bho chleasaiche Bannan Alasdair MacAoidh, stiùiriche BBC ALBA Fiann MacLeòid agus Murchadh MacSuain is Megan Dale bho sgioba FilmG, is iad a’ cruthachadh trì filmichean fa leth anns an sgoil.

Bha filmeadair BBC ALBA Fiann MacLeòid a’ tilleadh dhan sgoil dhan deach e fhèin; an dearbh àite far an do thog e fhèin dealas airson a bhith a’ cruthachadh fhilmichean.

Ann an Ullapul, thug filmeadair BBC ALBA Dòl Eòin MacFhionghain seachad bùithtean-obrach airson dà fhilm fa leth a chruthachadh le sgoilearan Bun-sgoil Ullapuil.

Ann an Steòrnabhagh b’ iad Daibhidh Màrtainn, stiùiriche BBC ALBA a tha air iomadh duais a thogail airson a chuid-obrach agus filmeadair ionadail Ruaraidh Urpeth a bha air ceann bùithtean-obrach agus na sgoilearan a’ cruthachadh fhilmichean craicte. Ann an aon film, bha rudan buidhe a’ dol a dhìth air feadh na sgoile, agus ann am film eile, chunnacas tionndadh ùr de Britain’s Got Talent.

Bha sgioba FilmG air an dòigh chluinntinn gun robh buidheann eile ag obair air film dhaibh fhèin gu neo-eisimeileach, is iad ag obair gus aithne obair charthannais ionadail a thogail.

Ann an Inbhir Nis, bha sgoilearan Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn ag obair còmhla ri cleasaiche Bannan Alasdair MacAoidh gus dà fhilm a chruthachadh thairis air ceithir làithean de dh’oideachadh.

Ann an Inbhir Pheofharain, dh’obraich sgoilearan Bun-sgoil Inbhir Pheofharain còmhla ri Megan Dale bho sgioba FilmG air film mu dheidhinn balach a tha air ùr-thighinn do sgoil gun fhacal Gàidhlig na cheann, ach a thog an cànan gu draoidheach an dèidh dha lus fhàs le sìol sònraichte.

Anns an Òban, bha sgoilearan Àrd-sgoil an Òbain ag obair còmhla ri cleasaiche Bannan Iain Beggs agus Megan Dale bho sgioba FilmG air film stèidhte timcheall air Oidhche Shamhna agus cràbhadh a bh’ air am beò-ghlacadh leis an dath buidhe.

Ann an Dùn Omhainn, dh’obraich an cleasaiche Daibhidh Walker agus Megan Dale bho sgioba FilmG aig Sgoil Ghràmair Dhùn Omhainn, a chaidh ainmeachadh mar Sgoil Saoghal na Bliadhna, gus dà fhilm dràmatach a chruthachadh, le aonan dhiubh a’ faighinn piobrachadh bho sgeulachd ‘Happy Gilmore’ agus am film eile ga chlàradh aig stèisean poileis Dhùn Omhainn!

Ann an Drochaid an Easbaig, fhuair dà bhuidheann fa leth bho Acadamaidh Drochaid an Easbaig oideachadh bho fhilmeadairean BBC ALBA Dòl Eòin MacFhionghain agus Fiann MacLeòid.

Ann an Glaschu, dh’obraich cleasaichean Bannan Dòl Eòin MacFhionghain agus Daibhidh Walker còmhla gus am beachd aca fhèin a chur an cruth sgriobt agus a chlàradh.

Ann an Sruighlea, thadhail filmeadair BBC ALBA Fiann MacLeòid air Àrd-sgoil Uallais gus obrachadh còmhla ri ochdnar anns a’ chiad bhliadhna agus am beachd aca a thoirt gu buil.

Ann an Obar Dheathain, chaidh an companaidh riochdachaidh ionadail Midas Media a thadhal air Acadamaidh Hazlehead, le na filmeadairean Pat NicLeòid agus Ross Young a’ cur film ri chèile leis an sgoil airson a’ cho-fharpais.

Ann an Cille Bhrìghde an Ear, chaidh cleasaiche BBC ALBA a dh’obair còmhla ri buidheann de sheachdnar aig Àrd-sgoil Ghleann Chaldair. Chleachd am film aca cuspair na bliadhna-sa – buidhe – ann an dòigh chruthachail leis an cuid tionnsgeulachd.

Tha coltas a’ cheart cho trang air na beagan sheachdainean ri thighinn airson sgioba oidean FilmG, le bùithtean-obrach a’ gabhail àite air feadh Earra Ghàidheal agus na h-Eileanan, tro mheadhan na dùthcha agus air feadh na Gàidhealtachd cuideachd.

Bidh bùithtean-obrach a’ gabhail àite suas chun a’ mhionaid mu dheireadh, leis a’ cheann-là den 9mh den Dùbhlachd 2022; gheibhear lorg air na riaghailtean uile air làrach-lìn FilmG, ach tha e gu math sìmplidh – cruthaich film Gàidhlig, cùm fo chòig mionaidean e, agus cuir a-steach e ron cheann-là.

Thuirt Manaidsear Pròiseict FilmG Murchadh MacSuain: “Tha fiabhras FilmG dha-rìreabh a’ gabhail thairis an-dràsta, le farpaisich ag obair air feadh Alba gus filmichean a chruthachadh airson a’ cho fharpais.

“Tha sinn a’ faighinn iarrtasan taice airson barrachd is barrachd inntrigidhean fhathast, agus le nas lugha na mìos ri dhol, bu mhath leinn cluinntinn bho sgoiltean, buidhnean, no filmeadairean neo eisimeileach sam bith eile a tha airson pàirt a ghabhail ann!”

Tha farpais FilmG ag amas air daoine fo aois 18 (Òigridh) agus daoine nas sine na 18 (Fosgailte), le 17 roinnean uile gu lèir, agus am-bliadhna bidh luchd-film air an comharrachadh airson an tùsachd, an cruthachalachd agus airson a bhith an sàs san iomairt.

Tha roinnean ùra ann am-bliadhna, na duaisean ùra Rionnag na Bliadhna (Òigridh) agus Duais a’ Ghnìomhachais (Fosgailte) nam measg, a tha ag amas air rionnagan òga a lorg anns na meadhanan, agus tha na duaisean Coltas as Fheàrr (Òigridh) agus Duais Cruthachaidh (Fosgailte) a dh’fhaodadh duais a thoirt dhaibhsan a nì filmichean a tha a’ leantainn an cuspair Buidhe.

Tha na riaghailtean air am foillseachadh air làrach-lìn FilmG, ach tha e gu math sìmplidh – cruthaich film Gàidhlig, cùm an ùine fo chòig mionaidean, agus faigh a-steach e ron cheann-latha (9 Dùbhlachd 2022).

Airson liosta iomlan nan roinnean fhaicinn agus airson a dhol a-steach do FilmG, tadhail air www.filmg.co.uk no cuir fios chun sgioba aig Astar Media tro filmg@astarmedia.scot.

Tha prògram-aithriseach air BBC ALBA a’ toirt sùil air cò ris a bha e coltach do chlann a’ mhansa

Tha prògram-aithriseach ùr le dà-phàirt a’ tòiseachadh air BBC ALBA, a’ toirt sùil air cò ris a bha e coltach do chloinn mhinistearan nan Eilean Siar – bho thràth sna 1960an chun an latha an-diugh.

Tha Cathy NicDhòmhnaill a’ lìbhrigeadh Trusadh: Clann a’ Mhansa mar phàirt dhen t-sreath soirbheachail, Trusadh, agus i a’ faighinn sealladh air cò ris a bha beatha nam balach agus nan clann-nighean coltach agus iad air an togail ann am mansa. Tha a’ chlann a-nis nan inbhich agus a’ cnuasachadh air mar a thug an togail aca buaidh air an fheallsannachd aca san latha an-diugh.

Tha am prògram-aithriseach a’ nochdadh ann an dà phàirt agus e a’ cur prosbaig air na clèir a bha air am pòsadh ri eaglaisean nan Eilean Siar, a’ gabhail a-steach tasglann bho na 1960an agus na 70an, cuide ri agallamhan len cuid chloinne, feadhainn dhiubh a tha nan Crìosdaidhean san latha an-diugh.

Do chuid, mar Dòmhnall Iain MacAmhlaigh, b’ e uallach a bh’ ann a bhith na mhac mhinisteir. A dh’aindeoin beagan reubaltachd na òige, tha Dòmhnall Iain a’ mìneachadh mar a tha an creideamh aige air a dhol bho neart gu neart thar nam bliadhnaichean.

Bha cuid a’ faireachdainn mar gun robh iad air am mùchadh, fo sgrùdadh agus mar gun robh a h-uile duine gan coimhead. Tha feadhainn eile a’ toirt iomradh gun robh iad “a’ teicheadh” dhan oilthigh.

Do fheadhainn eile, mar an t-Urramach Ìomhair Màrtainn, tha iad a-nis a’ leantainn Dhè agus mansa aca dhaibh fhèin. A’ leantainn athar, an t-Urramach Murchadh Màrtainn a bhuineadh do Leòdhas agus a bha mu dheireadh ann an Inbhir Nis, tha Ìomhair fhèin a-nis na mhinistear, na mhodaràtair agus na phrionnsabal air Sgoil Diadhaidheachd Dhùn Èidinn.

Tha Cathy cuideachd a’ bruidhinn ri Jessie Mary Little, nighean an Urramaich Aonghas Mac a’ Ghobhainn, a bha aithnichte airson mar a chur e an aghaidh seòlaidhean aiseig san Eilean Sgitheanach ann an 1965.

Tha Rachel Nic a’ Phearsain, nighean an Urramaich Dòmhnall MacRath, a’ cuimhneachadh air sgeulachdan mu a h-athair agus mar a bhiodh a’ tachairt aig àm nan òrdaighean, a’ dèanamh dealbh dhen choimhearsnachd anns an do thogadh iad.

Thug a h-uile càil a dh’ionnsaich iad a’ fàs suas sa mhansa cumadh air inntinn an òigridh seo agus buaidh air mar a tha iad san latha an-diugh.

Anns an dàrna prògraim, tha sinn a’ cluinntinn bho fheadhainn a fhuair togail ann am mansa anns na bliadhnaichean a chaidh seachad.

Tha Cathy a’ bruidhinn ri ginealach nas òige agus iad a’ cuimhneachadh air an togail a fhuair iad, na daoine inntinneach ris an do choinnich iad agus na rudan a chaidh ionnsachadh dhaibh mar chloinn òga – agus mar a thug sin buaidh air a’ bheatha aca.

Am measg an fheadhainn ris a bheil Cathy a’ coinneachadh, tha Gilleasbuig Fearghasdan, a thogadh ann am mansa trang, far an robh fàilte bhlàth air a chur ron a h-uile duine agus aoigheachd ga thoirt seachad dhaibh. Cuideachd, Kirsteen Mhoireach, a lean dreuchd ann an saoghal a’ chiùil agus Rachel Kate NicLeòid, neach-ealain aig an robh taisbeanadh mun chultar anns an do thogadh i.

Bidh a’ chiad phrògraim de Trusadh: Clann a’ Mhansa air BBC ALBA air Diluain 14 an t-Samhainn aig 9f, leis an dàrna prògraim air an t-seanail air Diluain 21 an t-Samhainn aig 9f.

Faodar gach prògram a choimhead air BBC iPlayer airson 30 latha às dèidh craolaidh.

Film goirid Gàidhlig a’ toirt soirbheachas do neach-cruthachaidh Dhùn Èideann ann am mion-fharpais FilmG.

Chaidh buannaiche farpais meanbh-fhilmichean Gàidhlig ‘10 Diog Buidhe’ ainmeachadh mar phàirt de dh’fhèis film goirid FilmG.

Fhuair Euan Dòmhnallach, 21, à Dùn Èideann, duais de chamara 360 le luach £400 dha fhèin leis an fhiolm deich-diog aige, stèidhichte air cuspair na bliadhna-sa – ‘buidhe’.

Chaidh am film a bhuannaich a thaghadh leis a’ phearsa TBh Phil MacHugh, co-rionnag an t-sreath ùr BBC Scotland ‘Scottish Fling’ far am bi e fhèin agus an cleasaiche ainmeil Màrtainn Compston a’ gabhail cuairt mhòr timcheall Alba.

Thàinig MacHugh còmhla ri sgioba FilmG airson feasgar aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt gus breithneachadh a dhèanamh air a’ mhion-fharpais agus am buannaiche ainmeachadh.

Thuirt Manaidsear Pròiseict FilmG, Murchadh MacSuain: “’S ann mu dheidhinn cruthachalachd a tha FilmG agus gu cinnteach chunnaic sinn sin a’ deàrrsadh troimhe leis a h-uile tagradh airson 10 diogan de cho-fharpais Buidhe na bliadhna-sa.”

“Bhuannaich Euan leis an inntrig iongantach aige agus chan urrainn dhuinn feitheamh gus faicinn mar a chleachdas e an camara 360 ùr aige airson film goirid cruthachail a dhèanamh airson farpais FilmG fhèin.”

Chuir FilmG – farpais nam film goirid Gàidhlig a chaidh a stèidheachadh ann an 2008 – air bhog an fharpais bhliadhnail aca san t-Sultain, leis an amas rionnagan Gàidhlig nam meadhanan ann an Alba a lorg, a chuideachadh agus a leasachadh san àm ri teachd.

Tha farpais FilmG ag amas air daoine fo aois 18 (Òigridh) agus daoine nas sine na 18 (Fosgailte), le 17 roinnean uile gu lèir, agus am-bliadhna bidh luchd-film air an comharrachadh airson an tùsachd, an cruthachalachd agus airson a bhith an sàs san iomairt.

Tha roinnean ùra ann am-bliadhna, na duaisean ùra Rionnag na Bliadhna (Òigridh) agus Duais a’ Ghnìomhachas (Fosgailte) nam measg, a tha ag amas air rionnagan òga a lorg anns na meadhanan, agus tha na duaisean Coltas as Fheàrr (Òigridh) agus Duais Cruthachaidh (Fosgailte) a dh’fhaodadh duais a thoirt dhaibhsan a nì filmichean a tha a’ leantainn an cuspair Buidhe.

Tha na riaghailtean air am foillseachadh air làrach-lìn FilmG, ach tha e gu math sìmplidh – cruthaich film Gàidhlig, cùm an ùine fo chòig mionaidean, agus faigh a-steach e ron cheann-latha (9 Dùbhlachd 2022).

Airson liosta iomlan nan roinnean fhaicinn agus airson a dhol a-steach do FilmG, tadhail air www.filmg.co.uk no cuir fios chun sgioba aig Astar Media tro filmg@astarmedia.scot.

BBC ALBA a’ Comharrachadh Soirbheachas aig Duaisean RTS ALBA

Thug BBC ALBA dhachaigh trì duaisean a bha air am farpais gu dìon aig duaisean an Royal Television Society Alba ann an Glaschu.

A’ toirt dhachaigh na duais airson Prògram Aithriseach is Fìrinneach Sònraichte: Na h-Ealain as Fheàrr bha am prògram aithriseach cianail Ceòl is Cràdh, air a riochdachadh le Sgeul Media. Air a phreasantadh leis an t-seinneadair Mischa Nic a’ Phearsain, tha am prògram a choisinn an duais gu fosgarra agus gu fìrinneach, a’ sgrùdadh nan strìthean a tha a’ dol ann an gnìomhachas a’ chiùil a thaobh slàinte inntinn.

Bha na britheamhan gu h-aon ghuthach nan co-dhùnadh an duais Prògram Cloinne as fheàrr a thoirt don dràma chloinne ghoirid Cùm Sùil Orm a bhlàthaich cridhe dhaoine.  Chaidh am film, riochdaichte leis a’ chompanaidh neo-eisimeileach stèidhichte ann an Eilean Leòdhais Corran Media, a sgrìobhadh le Will Moireach – a chaidh cuideachd ainmeachadh san earrann sgrìobhaiche a b’ fheàrr – agus bha e a’ sealltainn buidheann air leth tàlantach de chlann bhon eilean.

San earrann Tachartas Beò, b’ e Na Trads bho BEEZR Studios a thàinig am bàrr mar thoradh air an fhiosrachadh de dh’àrd-chàileachd a thug iad seachad mun cheòl traidiseanta as fheàrr ann an Alba.  Chaidh an tachartas a riochdachadh tro dhùbhlain a’ mhòr-ghalair Covid-19 ann an com-pàirteachas le Hands Up For Trad agus chaidh a phreasantadh le Màiri Anna NicUalraig agus Alasdair Heather.

Thuirt Màighread Camshron, Stiùiriche Susbaint MG ALBA:

“Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ faicinn 3 prògraman BBC ALBA bho raon de ghnèthean a’ toirt dhuaisean dhachaigh bho thachartas dhuaisean RTS Alba na bliadhna seo.

Meal an naidheachd do na sgiobaidhean a bha an sàs sna riochdachaidhean a fhuair duaisean agus a bha cho sònraichte ann an gnèthean a bha air leth farpaiseach.  Tha na duaisean sin a’ comharrachadh an sgil, tàlant agus cruthachaileas a tha sna meadhanan Gàidhlig agus tha sinn cho pròiseil às an fheadhainn a chaidh an ainmeachadh agus an fheadhainn a bhuannaich.”

Thuirt Mischa Nic a’ Phearsain, Seinneadair agus Preasantair na duais aithriseach Ceòl is Cràdh a bhuannaich:

“Bha sgeul air leth cudromach ri innse ann an Ceòl is Cràdh agus tha mi air mo dhòigh gun robh obair chruaidh na sgioba air a chomharrachadh le britheamhan RTS.  B’ e urram air leth a bha ann a bhith a’ bruidhinn cho fosgailte agus cho onarach le cuid den luchd-ciùil as tàlantaich a tha ann an Alba agus tha mi air leth taingeil gun deach na sgeulachdan aca a cho-roinn agus an aithneachadh.”

Thuirt Iain Murchadh MacAmhlaigh, Stiùiriche dràma na cloinne Cùm Sùil Orm:

“Is e urram mòr a tha ann gun d’ fhuair an fhilm againn duais cho cudromach ri seo a dh’aindeoin na bha nar n-aghaidh.

Tha mi cho taingeil don BFI Young Audiences Content Fund agus an Eurovision Broadcasting Union gun robh iad an sàs ann an seo, chun tàlant chruthachail air fad a bha an sàs – agus, gu h-àraidh, don chloinn agus an teaghlaichean.”

Thuirt Alasdair MacCumhais a thog an duais Live Event airson Na Trads:

“Tha ceòl beò a’ tarraing dhaoine ri chèile agus is e urram mhòr a tha ann a bhith a’ toirt ceòl traidiseanta agus cultar na h-Alba gu sgrionaichean air feadh na dùthcha tro Na Trads.  Taing mhòr don h-uile neach tàlantach a tha a’ toirt soirbheachas don riochdachadh, don luchd-ciùil air leth a bha mar na rionnagan mòra san taisbeanadh, do Simon Thoumire agus ar caraidean aig Hands Up For Trad, agus do bhritheamhan an RTS a dh’aithnich am blàths air leth a tha an lùib an tachartais shònraichte seo.”

Prògraman BBC ALBA Air An Ainmeachadh Airson Duaisean Chliùiteach RTS

Tha BBC ALBA air ainmeachadh sia tursan airson duaisean RTS Scotland am-bliadhna, a tha ag aithneachadh agus a’ comharrachadh an tàlant, na sgilean agus an cruthachalachd as fheàrr thar riochdachadh Tbh ann an Alba. Tha na duaisean air am faicinn mar aithne air sàr-mhathais thar gnìomhachas telebhisein.

Chaidh ainmeachaidhean fhaighinn thar còig roinnean – Dibhearsain agus Feartan; Prògraman Aithriseach is Fìrinneach Sònraichte: Na h-Ealain; Clann; Sgrìobhadair; agus Tachartas Beò – a’ toirt aithne do shàr shusbaint BBC ALBA thar raon de ghnèithean.

Ann an roinn na Cloinne, chaidh a dhà de na trì prògraman air a’ gheàrr-liosta a choimiseanadh leis an t-seanail, a’ taisbeanadh ìre àrd de shusbaint Ghàidhlig a tha ri fhaotainn do chloinn.

 Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint airson MG ALBA:

“Tha e na dhearbhadh air an àrd ìre de phrògraman a bha air a chruthachadh le riochdairean BBC ALBA gun deach sia tagraidhean bho raon de dhiofar ghnèithean ainmeachadh airson Duaisean RTS Scotland am-bliadhna.

“Tha e gu sònraichte brosnachail dà ainmeachadh bho BhBC ALBA fhaicinn ann an roinn na Cloinne. Tha seo na chomharra air an sàr ìre de shusbaint chloinne le sgriobtaichean Gàidhlig a th’ againn air an t-seanail agus mar thoradh air co-obrachadh leis an EBU agus Maoin Susbaint Luchd-amhairc Òga BFI. Meal an naidheachd air a h-uile neach a chaidh ainmeachadh airson duaisean RTS Scotland 2022, tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faighinn a-mach cò leis a shoirbhich anns na seachdainean a tha romhainn.”

Seo an liosta iomlan de dh’ainmeachaidhean BBC ALBA:

  • Dibhearsain agus Feartan: Miann na Maighdinn-mara, Hiort | Mermaid Tales – St Kilda | Mac TV | BBC ALBA
  • Prògraman Aithriseach agus Fìrinneach Sònraichte: na h-Ealain: Cèol is Cràdh | Sgeul Media | BBC ALBA
  • Clann: Cùm Sùil Orm | Corran Media; Miann na Mara | Macanta Media
  • Sgrìobhadair: Will Murray | Corran Media
  • Tachartas Beò Na Trads 2021 | Beezr

Gheibhear liosta slàn de na h-ainmeachaidhean an seo.

Thèid na buannaichean ainmeachadh aig cuirm dhuaisean air a lìbhrigeadh le Des Clarke, Shereen Cutkelvin agus Lawrence Chaney air 30 Dàmhair aig an Old Fruitmarket, Glaschu.

BBC ALBA a’ toirt seallaidhean ùra as t-fhoghar le clàr de phrògraman ùra

Tha BBC ALBA a’ foillseachadh clàr foghair làn de phrògraman ùra an-diugh (22 Sultain) le sgeulachdan làidir a’ nochdadh seallaidhean ùra à Alba agus nas fharsaing.

Bidh farsaingeachd de phrògraman aithriseach inntinneach, prògraman ciùil sgoinneil agus spòrs seachdaineil, a’ toirt seallaidhean dhuinn air beatha agus ùidhean ann an Alba an là an-diugh.

Bidh Trusadh, sreath aithriseachd BBC ALBA a’ tilleadh le sùil air geamannan bhidio ann an Trusadh: Gaming – An Ath Ìre. Tha MJ Deans aig a bheil ùidh mhòr ann a bhith a’ cluich gheamannan a’ toirt sùil air consoilean bho na 70an suas chun an là an-diugh. Tha i cuideachd a’ fuasgladh na bha agus na tha Alba air a chuir ris a’ ghnìomhachas buadhmhor seo.

Tha sgeulachdan pearsanta inntinneach aig cridhe mòran de phrògraman aithriseach BBC ALBA.

Fàilte gu Alba / Welcome to Scotland – tha Glaschu aithnichte mar bhaile a tha a’ cur fàilte bhlàth air fògarraich agus luchd-siridh comraich. Tro bhith an sàs ann an diofar phròiseactan-ciùil, tha an seinneadair Mischa Nic a’ Phearsain a’ faighinn eòlas air cuid den fheadhainn a tha air an dachaigh a dhèanamh ann an Glaschu agus a’ cluinntinn mar a tha ceòl air a bhith na thaic dhaibh.

Bidh Eòrpa a’ tilleadh chun chlàr san Dàmhair. Anns a’ chiad phrògram de shreath ùr, tha an sgioba a’ coimhead air suidheachadh fògarraich Ucràinianach ann an Alba agus ann am Moldova.

Nas fhaisge air an dachaigh, ann an St Cuthbert’s Way tha Iagan MacNèill a’ leantainn cheumannan St Cuthbert, a’ dol thairis air a’ chrìch eadar Alba agus Sasainn.

Bidh sreathan cuideachd a’ nochdadh ann an clàr BBC ALBA as t-fhoghar, le ceàird is dealbhadh, cuairtean tron a’ bhlàr a-muigh agus còcaireachd.

Ann an Dàna | Scotland’s Wild Side bidh Coinneach MacFhraing a’ lorg toil-inntinn, tric ceangailte air ròp ri aghaidh creag chorrach air neo a’ strì tro bhoglach is ceò air an t-slighe gu bàrr beinne.

Tha Fillte a’ gabhail turas tro Alba a’ sireadh eachdraidh agus sgeulachdan an là an-diugh co-cheangailte ris an luchd-ciùird a tha a’ snìomh ’s ag obrachadh diofar stuthan aodaich.

Agus, sa chidsin, bidh Gregor MacLeòid a’ toirt fiathachadh dhuinn tilleadh còmhla ris ann an Fuine is e trang a’ bèiceireachd rudan blasta. Tadhlaidh e air bèicearan eile nan dachannan feuch dè tha a’ bruich acasan.

Tha ceòl aig cridhe clàr BBC ALBA agus chi luchd-amhairc ceòl air leth bho Niteworks. Bheir prògram aithriseach seachad sgeulachd a’ chòmhlain agus iad ag obair leis an riochdaire Andrea Gobbi gus an clàr ùr aca a thoirt gu buil. Chithear cuideachd an còmhlan a’ co-obrachadh le sàr luchd-ciùil clasaigeach Orcastra Simphinidh a’ BhBC (BBC SSO) ann an Alba.

Am measg prògraman sònraichte eile bho Fhèis Celtic Connections tha Capercaillie agus Sian, le Capercaillie cuideachd a’ cluich còmhla ri BBC SSO.

Bheir BBC ALBA thugaibh cuideachd Na Worlds, am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus iar-chuairtean deireannach duaisean BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year, leis a’ chuairt dheireannach ga chraoladh tràth ann an 2023.

Tha craoladh spòrs BBC ALBA a’ dol a-steach don t-seusan ùr le craoladh beò cunbhalach air an SWPL, geamannan dearbhaidh Cupa na Cruinne aig sgioba nàiseanta nam ban agus craolaidhean bho Phrìomh Lìg na h-Alba.

Air 6 Dàmhair, bidh an geama eadar boireannaich na h-Alba is sgioba na h-Ostair ann an iomairt dearbhaidh Cupa na Cruinne air a chraoladh beò.

Ann an Women’s Sport 360, gach seachdain tha Iona Ballantyne a’ coinneachadh ri na boireannaich iongantach a th’ aig cridhe saoghal spòrs agus a’ taisbeanadh nan sgeulachdan brosnachail aca.

Tha dà shreath ùr làn spòrs airson an luchd-amhairc as òige: Pròiseact Plòigh agus Triùir aig Trì.

Ann am Pròiseact Plòigh, tha saidheans agus plòigh a’ dol an lùib a chèile, fo stiùir an t-Oll Olive & Dr Moiteil. Tha òigridh bho air feadh na dùthcha a’ cur dùbhlan mu choinneamh na h-eòlaichean gus diofar chuspairean a mhìneachadh.

Ann an sreath drama ùr, Triùir aig Trì, chi sinn saoghal taigh-òsta, Àireamh a Trì, far am bi na peathraichean Della is Lou a’ cur fàilte air an caraid ùr Marco.

A’ meòrachadh air clàr an fhoghair, thuirt Ceannard Craoladh Gàidhlig, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha sinn air leth toilichte farsaingeachd iongantach de phrògraman ùra a thaisbeanadh tro chlàr BBC ALBA as t-fhoghar.

“Bho phrògraman aithriseach gu dràma chloinne, ceòl, spòrs is cur-seachadan, tha BBC ALBA a’ tabhann seallaidhean ùra à Alba agus nas fharsaing.

“Tha rudeigin ann airson a h-uile duine agus tha sinn an dòchas gun urrainn dha daoine a thighinn nar cuideachd thairis air na mìosan a tha romhainn.”

Chithear na prògraman air fad ann an clàr didseatach foghair BBC ALBA agus chithear iad air BBC iPlayer ann an Alba agus air feadh na RA.

Drama Gàidhlig Ùr Prime-Time A’ Toirt Cothroman Trèanaidh Chun Na h-Eileanan Siar

Tha sgioba an t-sreath dràma Ghàidhlig ùr sia-phàirteach, An Clò Mòr, air tilleadh chun nan Eilean Siar airson a’ phàirt mu dheireadh den fhilmeadh, a’ toirt beairteas de thàlant ùr, obraichean agus cothroman trèanaidh chun nan Eilean Siar.

Le taic bho MG ALBA, Comhairle nan Eilean Siar agus Sgrìn Alba, tha sianar luchd-trèanaidh a tha air slighe ionnsachaidh sna meadhanan air cothrom fhaighinn a bhith ag obair air an riochdachadh còmhla ri seann eòlaich phroifeasantach ann an roinn mheadhanan na h-Alba air sgeama trèanaidh sia mìosan.

Tha An Clò Mòr, air a riochdachadh le Solus Productions airson BBC ALBA agus air a mhaoineachadh le MG ALBA agus Sgrìn Alba, a’ riochdachadh clach-mhìle chudromach ann an cruthachadh susbaint sgriobt àrd-inbhe airson luchd-amhairc na Gàidhlig.

Tha an sgeul mu dhàimhean cridhe, còmhstri agus cluaineas am measg gnìomhachas aodaich Innse Gall ga filmeadh ann an àiteachan air leth àlainn air feadh nan Eilean Siar agus ann an Studio Alba, stiùidio telebhisein Chomhairle nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh.

A thuilleadh air a bhith ag obair air An Clò Mòr, bidh an luchd-trèanaidh ag obair còmhla ri companaidhean meadhanan ionadail agus bhon Roinn Meadhanach thar raon de riochdachaidhean, a’ leasachadh sgilean agus eòlas ùra ann an raointean a bhios buannachdail nan dreuchdan mar riochdachadh, deise, sgriobt, àiteachan agus fuaim.

Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Leasachadh Susbaint aig MG ALBA:

Tha MG ALBA, còmhla ri Comhairle nan Eilean Siar agus Sgrìn Alba, moiteil a bhith a’ toirt taic do chothroman trèanaidh ann an da-rìribh do dhaoine òga a tha a’ coimhead ri eòlas fhaighinn ann an roinn nam meadhanan Gàidhlig a tha air leth spionnmhor. Tha e na mhisneachd a bhith a’ faicinn tàlant ùr a’ nochdadh an dà chuid air an sgrion agus air cùl a’ chamara agus tha mi fhèin air bhioran gus faicinn toraidhean an gluasad seo airson BBC ALBA a-steach do dhràma àrd-amasach air a sgriobtadh.”

Tha an Comhairliche Dòmhnall Crichton, Cathraiche Comataidh Leasachadh Seasmhach Chomhairle nan Eilean Siar a’ cur fàilte air an riochdachadh ùr agus na cothroman a bheir e don sgìre:

’S e cothrom air leth a tha seo do dhaoine òga sgilean agus eòlas ùr ionnsachadh bhon fheadhainn as fheàrr sa ghnìomhachas. Le bhith comasach air obrachadh bhon àite ioma-adhbhar sgoinneil againn aig Studio Alba, a thuilleadh air còmhla ri companaidhean riochdachaidh ionadail, tha e a’ toirt chothroman do ar n-eileanaich òga na sgilean agus an tàlantan adhartachadh gun a bhith feumach air a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan fhàgail.”

Thuirt Steven Little, Ceannard Riochdachaidh aig Sgrìn Alba:

“Tha a bhith a’ leasachadh na th’ ann de thàlant air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara deatamach airson fàs luath ar gnìomhachas sgrion agus sinn a’ cumail oirnn a’ lìbhrigeadh trèanadh agus taic riochdachaidh air feadh na h-Alba. Le bhith a’ co-obrachadh le ar co-obraichean aig MG ALBA agus Comhairle nan Eilean Siar, còmhla ri Solus Productions bha e comasach prògram riochdachaidh is trèanaidh luachmhor a lìbhrigeadh don choimhearsnachd ionadail.”

Thuirt Tony Kearney, Stiùiriche agus Riochdaire aig Solus Productions:

Tha na h-Eileanan an Iar ainmeil airson nan seallaidhean àlainn, drùidhteach – agus gu tric dràmadach – a tha ga fhàgail na dheagh àite airson dràma inntinneach mar An Clò Mòr. Tha e na thoileachas a bhith ag obair còmhla ri sgioba air leth tàlantach bho fhada air falbh agus faisg air làimh agus tha sinn air leth toilichte cothrom a thoirt don ath ghinealach de phroifeiseantaich sna meadhanan Gàidhlig. Tha sinn a’ coimhead air adhart cho mòr gus am faic an luchd-amhairc toradh ar saothair – cumaibh sùil a-mach!”

Tha FilmG a-nis fosgailte airson tagraidhean ach tha “casg” air Coldplay

Chaidh 15mh bliadhna de FilmG, fèis fhilmichean goirid na Gàidhlig, a chuir air bhog, an-diugh (1 Sultain) le amasan airson rionnagan gnìomhachas nam meadhanan ann an Alba sam àm ri teachd a lorg.

Chaidh tachartasan cur air bhog cuspair a chumail ann an Glaschu agus Inbhir Nis, le sgioba FilmG a’ taisbeanadh an cuspair beòthail aca, Buidhe, do luchd-inntrigidh.

Thuirt Manaidsear Pròiseict FilmG, Murchadh MacSuain: “Tha Film-G a-nis beò, agus tha sinn a’ coimhead airson filmichean a tha buidhe ann an dòigh sam bith as urrainn dhuinn, a bharrachd air an òran Coldplay a chleachdadh. Tha casg air sin!

“Tha sinn an dòchas am FilmG as fhèarr fhaicinn am-bliadhna agus tha sinn air bhioran leis na beachdan  sgoinneil a chuala sinn an t-seachdain-sa aig na tachartasan againn.

Chruinnich daoine cruthachail òga na Gàidhlig, luchd-cruthachaidh susbaint mheadhanan sòisealta agus seann luchd-inntrigidh FilmG aig Basta Pizza ann am Partaig oidhche Mhàirt airson tachartas co-obrachaidh, prìomh amas aig Fèis FilmG na bliadhna-sa – gus na puingean eadar cruinneachadh sgilean, tàlant agus bheachdan a cheangal ri chèile.

An làthair aig an tachartas bha Lana Pheutan, sgrìobhadair/cleasaiche, preasantair leantalachd a’ BhBC agus a bha na buannaiche FilmG ron seo: “Bha e math tighinn còmhla gus bruidhinn ri daoine a tha air pàirt a ghabhail ann am FilmG thairis air na bliadhnaichean ach cuideachd airson coinneachadh riuthsan a tha ga dhèanamh airson a’ chiad turas.”

“Tha mi air leth toilichte a bhith nam oide a-rithist agus a bhith a’ cuideachadh an ath ghinealach de dhaoine òga a tha a’ dèanamh fhilmichean oir bha FilmG cho cudromach air an t-slighe agam fhìn!”

Ghabh sgoilearan aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis an uair sin pàirt anns an tachartas co-obrachaidh aca fhèin, a’ dol an sàs ann an cuspair ùr FilmG agus a’ roinn am beachdan agus am brosnachadh fhad ’s bha iad a’ dealbhadh nam filmichean aca.

Mar phàirt den fhèis FilmG, bidh bùthan-obrach sna sgoiltean a’ gabhail àite air feadh na h-Alba. Thathas an dùil tuilleadh thachartasan co-obrachaidh ann an diofar raointean, uile a’ tighinn a-steach do cho-fharpais FilmG agus an cuirm dhuaisean aca sa Ghearran.

Tha farpais FilmG ag amas air an dà chuid daoine fo aois 18 (Òigridh) agus an fheadhainn a tha nas sine na 18 (Fosgailte), le 17 roinnean sònraichte uile gu lèir, agus am-bliadhna bidh luchd-dèanamh fhilmichean air an comharrachadh airson an tùsachd, an cruthachalachd agus airson an iomairt fhèin.

Tha roinnean ùra agus ath-leasaichte ann am-bliadhna, a’ toirt a-steach nan duaisean ùra Rionnag na Bliadhna (Òigridh) agus Gnìomhachas (Fosgailte), a tha ag amas air an ath rud mòr a lorg anns na meadhanan, agus tha na duaisean Dealbhadh Riochdachaidh (Òigridh) agus Cruthachalachd (Fosgailte) ann a dh’fhaodadh duais a thoirt dhaibhsan a nì filmichean a tha a’ leantainn a’ chuspair Buidhe.

Tha an cuspair Buidhe na iomradh air branndadh traidiseanta FilmG a tha tarraingeach do FilmG, agus am-bliadhna thathar ag iarraidh filmeadairean feuchainn ri filmichean a chruthachadh a bhios a’ gabhail a-steach buidhe gu cruthachail.

Tha na riaghailtean uile air am foillseachadh air làrach-lìn FilmG, ach tha e sìmplidh – cruthaich film Gàidhlig, cùm fo chòig mionaidean e, agus faigh a-steach e ron cheann-latha (9 Dùbhlachd 2022).

Thuirt Stiùiriche Ro-innleachd is Cùisean Taobh a-muigh MG ALBA, Ealasaid Dhòmhnallach: “Tha foillseachadh FilmG an-còmhnaidh na phrìomh thachartas aig MG ALBA, ach tha e rud beag sònraichte am-bliadhna agus sinn a’ comharrachadh 15 bliadhna den fharpais.”

“Tha e air a thighinn air adhart thar nam bliadhnaichean gus aire a thoirt do na h-atharrachaidhean ann an àrainneachd nam meadhanan aig astar luath agus tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri bhith faicinn dè an t-susbaint mac-meanmnach is inntinneach a bhrosnaicheas an cuspair Buidhe.”

Airson liosta iomlan nan roinnean fhaicinn agus airson filmichean a chur a-steach gu FilmG, tadhail air www.filmg.co.uk no cuir fios chun sgioba aig Astar Media tro filmg@astarmedia.scot.