Aithisg bhliadhnail 2015-16

BBC ALBA A’ TOGAIL AIR SOIRBHEAS LE PRÒGRAMAN ÙRA DRÀMA

Filmeadh Bannan na thaic mhòir airson na roinne riochdachaidh neo-eisimileach Tbh

Annual report 2015-16

Chaidh fhoillseachadh an-diugh gun deach sreath ùr de dhràma shoirbheachail BBC ALBA, Bannan, a choimiseanadh.

Bidh am filmeadh seo de chòig phrògraman a bharrachd a’ toirt taic mhòr don ghnìomhachas chruthachail ann an Alba.

Maoinichte le MG ALBA, tha Bannan clàraichte air an Eilean Sgitheanach, riochdaichte le Chris Young (The Inbetweeners) agus stiùirichte le Tony Kearney.

Gu ruige seo, tha 18 prògraman air a bhith air an clàradh agus tha an dràma na aon de na prògraman as motha a chaidh a choimhead air BBC ALBA.

A’ foillseachadh nam prògraman ùra aig ro-shealladh aig Fèis Film Dhùn Èideann an-diugh (Didòmhnaich), thuirt Chris Young: “Cha b’ urrainn dòigh na b’ fheàrr soirbheas Bannan a chomharrachadh na bhith a’ sealltainn nam prògraman seo aig an Fhèis. Bidh clàradh a’ tòiseachadh san Lùnastal mar sin coimheadaibh a-mach airson na tha ri thighinn.”

A thuilleadh air prògraman ùra Bannan, thuirt MG ALBA an-diugh gur e fhathast lèirsinn na buidhne ‘togail air soirbheas na seanail’.

A’ foillseachadh aithisg bhliadhnail na buidhne ann an Dùn Èideann, thuirt an Cathraiche, Magaidh Choineagan: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil ìrean àrda de mhothachadh aig an t-seanail ann an Alba, a’ toirt prògraman sònraichte do luchd-bruidhinn na Gàidhlig agus dhaibhsan aig nach eil a’ chànan.

“Tha sinn a’ leantainn oirnn a’ cur ris a’ bhuaidh a th’ againn air roinn riochdachaidh neo-eisimeilich na h-Alba, is sinn a’ meudachadh na tha sinn a’ cosg air an roinn, agus a’ cuideachadh ann a bhith a’ cruthachadh cultar de dh’àrd-amas agus de dh’àrd-rùn nar coimhearsnachd chruthachail – tha seo follaiseach le ar dealas ri Bannan.”

Ach thuirt Ms Choineagan gu bheil an t-seanail feumach air an tuilleadh sheilbheach gus leasachadh a dhèanamh.

Thuirt i: “Tha cus ath-chraoladh air BBC ALBA, is e seo an easbhaidh as motha san t-seirbheis. Nar conaltraidhean ri Riaghaltas na RA agus ris a’ BhBC, tha sinn air dèanamh soilleir gu bheil meudachadh air prògraman riatanach ann an leasachadh seirbheis agus tha e deatamach gum bi òigridh le Gàidhlig a’ faighinn làn chothrom air prògraman a tha taitneach is a tha a’ buntainn riutha fhèin gu mòr. Feumaidh sinn àireamh nas motha de phrògraman ùra agus taghadh nas fharsainge de ghnèithean is de chuspairean.

“Is e deagh àm a tha seo a bhith a’ cur seilbh ann am BBC ALBA, le Cairt a’ BhBC ga ùrachadh aig deireadh na bliadhna seo. Tha sinn air argamaid làidir a dhèanamh an dà chuid chun a’ BhBC agus gu Riaghaltas na RA thar na bliadhna a chaidh seachad. Tha sinn a’ làn chreidsinn gum feum am BBC an t-aon ghealltanas a thoirt do BhBC ALBA ’s a thug e do S4C sa Chuimrigh thar nan 30 bliadhna a chaidh seachad, is e sin, 10 uairean a thìde san t-seachdain aig a’ char as lugha de phrògraman ùra maoinichte leis a’ BhBC. Airson BBC ALBA, tha sin a’ ciallachadh gealltanas de chòig uairean a thìde a bharrachd gach seachdain.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Ann an 2015-16 rinn sinn seilbh chudromach ann an riochdachadh phrògraman ùra Gàidhlig de dh’àrd-chàileachd, agus chosg sinn £9.9m, ag ullachadh 454 uairean a thìde, bho 26 companaidh riochdachaidh eadar-dhealaichte. Dhen sin, chaidh £8.6m chun na roinne riochdachaidh neo-eisimeilich. Dhearbh aithisg air buaidh eaconamach gu bheil an ìre mhath 300 cothrom-obrach ann a-nis mar thoradh air gnìomhan MG ALBA, le 40% dhiubh stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

“Thar na bliadhna a chaidh seachad tha an t-seanail air leantainn le dèanadas làidir. Tha e sìor follaiseach gu bheil an t-iarrtas as motha airson prògraman ùra no bun-phrògraman. Le a-mhàin 13.3 uairean a thìde gu cuibheasach gach seachdain de phrògraman a chaidh a shealltainn airson a’ chiad uair – co-mheas ath-chraolaidh de 74% – bha e nochdte gun do mheudaich am prìomh luchd-amhairc an ùine amhairc chuibheasach gach seachdain bho 4.4 uairean a thìde gu 4.8 uairean agus an luchd-amhairc nàiseanta bho 1.7 gu 1.8 uairean gach seachdain.

“Cha robh BBC ALBA saor bho na gluasadan nas fharsainge a tha a’ toirt buaidh air amharc loidhneach telebhisein, leis a’ ruigse chuibheasach gach seachdain ann an Alba a’ tuiteam beagan gu 15%, fhathast mòran nas àirde na a’ chomharra-measaidh 10% a bha Urras a’ BhBC a’ sùileachadh. Lean an dùbhlan dùbailte a tha mu choinneimh a bhith ag amhairc ar susbaint meadhanan Gàidhlig air-loidhne; a bhith ga lorg air iPlayer air a bheil na h-uiread de stuthan eile agus droch sholar bann-leathainn ann an iomadh ceàrnaidh anns a bheil ar prìomh luchd-amhairc. Tha mòran de na coimhearsnachdan sa bheil a’ Ghàidhlig air a bruidhinn fhathast às aonais an leud-banna no an earbsachd a dh’fheumar airson a bhith a’ ruith susbaint lèir-chlaistinneach air an iPlayer.”

Airson na h-aithisg bhliadhnail a leughadh, lean an ceangal seo

Cairt Rìoghail A’ BhBC

MG ALBA A’ SIREADH RÙN LÀIDIR ANN AN CAIRT RÌOGHAIL A’ BhBC AIRSON BARRACHD PHRÒGRAMAN GÀIDHLIG GUS TOGAIL AIR SOIRBHEAS BBC ALBA

Chuir MG ALBA fàilte an-diugh air an dealas airson craoladh Gàidhlig ann an Alba a chaidh fhoillseachadh sa Phàipear Gheal air Cairt Rìoghail a’ BhBC agus dh’iarr iad gun deidheadh dealas seasmhach a thoirt seachad ann an ùrachadh Cairt Rìoghail a’ BhBC gus togail air soirbheas BBC ALBA.

Tha am Pàipear Geal, a bhios na bhun-stèidh air a’ Chairt a bhios air ùrachadh suas gu deireadh 2016, a’ cur an cèill gum bu chòir don BhBC a dhealas airson craoladh Gàidhlig a ghleidheadh tron cho-bhanntachd aca le BBC ALBA.

Thuirt MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd le BBC Scotland, gu robh an gealltanas seo na cheum air an robhar a’ cur fàilte ann a bhith ag aithneachadh na chaidh a choileanadh leis an t-seanail ach gu robh dùbhlan mòr air thoiseach ann a bhith ga dìon san ùine air thoiseach.

Tha am BBC an-dràsta a’ cur mu 4.5 uairean a thìde de bhun-phrògraman gach seachdain gu ruige BBC ALBA. An coimeas, tha am BBC fo uallach reachdail 10 uairean a thìde de bhun-phrògraman gach seachdain a chuir gu ruige na seanail Cuimreach S4C.

Tha MG ALBA a’ sireadh an aon 10 uairean a thìde de phrògraman bhon BhBC airson BBC ALBA.

Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA: “Tha e iomchaidh gun deach aithne a thoirt air luach craoladh Gàidhlig ach ma tha BBC ALBA – a tha a-nis mar bhun-stèidh den àrainneachd craolaidh ann an Alba – gu bhith adhartach agus soirbheachail feumaidh sinn an tuilleadh bhun-phrògraman.

“Tha aithneachadh ann bho air feadh nan pàrtaidhean poilitigeach air fad gum bi deagh thoraidhean ann airson nan gnìomhachasan cruthachail ann an Alba ma tha e comasach dhuinn an tuilleadh phrògraman a riochdachadh.

“Tha BBC ALBA air sàr shoirbheas fhaicinn ach tha an luchd-amhairc airidh air seirbheis nas coileanta agus tha sin a’ ciallachadh nas lugha de ath-chraolaidhean agus barrachd bun-phrògraman.

“Sna mìosan agus sna seachdainean air thoiseach bidh sinn a’ strì airson taic a thogail gus an tèid dealas soilleir a dhèanamh airson ìos-mheud de dh’uairean a thìde de phrògraman airson BBC ALBA a stèidheachadh agus tha sinn ag iarraidh air luchd-ùidhe taic a chuir ris a’ mhiann seo.

“Tha sinn gu daingeann air leth taingeil airson an taic a fhuair sinn bho BhBC, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA agus tha sinn airson soirbheas BBC ALBA a thoirt chun na h-ath ìre”.

Cothroman Sgoilearachd MG ALBA ann an Sgrìobhadh Ficsean airson luchd-labhairt na Gàidhlig

COTHROM SGOILEARACHD MG ALBA ANN AN SGRÌOBHADH TBH AIRSON LUCHD-LABHAIRT NA GÀIDHLIG

Tha cothrom aig sgrìobhadairean tàlantach Gàidhlig cur a-steach airson sgoilearachd luachmhor MG ALBA ann an Cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu.

’S e an cùrsa MA ann an Sgrìobhadh Ficsean Telebhisean Gàidhlig an aona cùrsa iar-cheumnach dha leithid san RA, a’ toirt seachad nan sgilean sònraichte do sgrìobhadairean gus tòiseachadh fhaighinn ann an dreuchd shoirbheachail ann an sgrìobhadh ficsean telebhisein agus tha MG ALBA a’ toirt taic do aon neach le Gàidhlig a’ chùrsa a dhèanamh.

Air a theagasg le measgachadh de sgrìobhadairean sgriobt agus luchd-obrach acadaimigeach, nam measg An t-Ollamh Ann Marie Di Mambro a tha air obrachadh air leithid Eastenders, Casualty agus River City, bidh oileanaich a’ chùrsa ag obair gu dian air co-dhiù dà shreath dràma a tha an-dràsta gan craoladh air telebhisean ann am Breatainn, ag ionnsachadh co-obrachadh air slighe sgeulachd agus cnàmhan sgeulachd, sgrìobhadh sgriobtaichean agus obair deasachaidh air na dràmathan.

Bha Seumas Mac a’ Mhaoilein na sgoilear air a’ chùrsa ann an 2014 agus tha air a dhol air adhart gu bhith a’ sgrìobhadh airson dràma Gàidhlig BBC ALBA, Bannan.

A’ coimhead air ais air a’ chùrsa, thuirt Mgr. Mac a’ Mhaoilein: “Tha cùrsa MA TV sònraichte oir tha na tuitearan fhèin nan sgrìobhadairean Tbh agus tha an comhairle agus an taic a’ toirt cothrom do na h-oileanaich an cuid comasan a leasachadh gus dreuchd ann an sgrìobhadh a choileanadh.

“Dh’ionnsaich mi an t-uabhas air a’ chùrsa airson nan sgilean agam a leasachadh agus mo dhreuchd a thoirt air adhart. Tha mi air a bhith fortanach obair fhaighinn air a’ chiad sreath dràma air BBC ALBA, Bannan agus tha sin air a’ chùrsa-dreuchd agam a thoirt air adhart gu mòr agus chanainn ri sgrìobhadairean Gàidhlig tàlantach cuir a-steach airson a’ chùrsa.”

Thèid sgoilearachd MG ALBA a thairgse do aon sgoilear, a tha fileanta sa Ghàidhlig, san t-Sultain 2016. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro Diardaoin 26 Cèitean.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air Cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein agus ciamar a chuireas sibh a-steach airson sgoilearachd MG ALBA, tadhalaibh air www.tvfictionwriting.com no lean @MATVGlasgow air Twitter.

Dà bhall ùr air an ainmeachadh air Bòrd MG ALBA

BUILL ÙRA BÒRD MG ALBA AIR AN AINMEACHADH

Tha MG ALBA a’ cur fàilte air an naidheachd a chaidh fhoillseachadh le Ofcom an-diugh (Dihaoine 6 Cèitean) gu bheil dà bhall ùra air an ainmeachadh air Bòrd MG ALBA. Thòisich Mairi Kidd agus Calum Fearghasdan sna dreuchdan air 1/5/16 airson teirm ceithir bliadhna.

Chaidh Maggie Choineagan (Cathraiche), Daibhidh Brew, Jo NicDhòmhnaill agus Dùghall MacAmhlaigh ath-shuidheachadh airson teirm ceithir bliadhna eile. Tha MG ALBA cuideachd a’ leigeil soraidh slàn le Alasdair MacCaluim, a tha a’ fàgail bòrd na buidhne às dèidh ochd bliadhna.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na buill ùra an seo.

Tha làrach-lìn Beag air Bheag air a cur air bhog às ùr air LearnGaelic.Scot

DREACH ÙR AGUS DACHAIGH ÙIR AIRSON LÀRACH-LÌN BEAG AIR BHEAG

Tha an làrach-lìn aig BBC ALBA, Beag air Bheag air a bhith air a cur air bhog às ùr air LearnGaelic.Scot le dreach ùr taitneach agus fiosrachadh a bharrachd air a chur rithe.

Tha an làrach ag amas air an cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh eòlas a chur air a’ Ghàidhlig, beag air bheag. Am measg gu leòr eile, gheibh daoine an cothrom èisteachd ri facail, abairtean, seanfhacail agus òrain Ghàidhlig. Chaidh an làrach a chur air bhog airson a’ chiad turas ann an 2001 agus ‘s i aon de na làraich as measail air a bheil daoine de na tha ri fhaotainn do luchd-ionnsachaidh air làrach Ghàidhlig a’ BhBC.

Chaidh an t-ionnsachadh a th’ air Beag air Bheag a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain a tha aithnichte tro na sreathan rèidio Litir do Luchd-ionnsachaidh agus An Litir Bheag, prògraman do luchd-ionnsachaidh a th’ air an craoladh air BBC Radio nan Gàidheal.

Tha seo uile a’ toirt cothrom don luchd-ionnsachaidh èisteachd ri fuaimean na Gàidhlig, ionnsachadh mu ghràmar agus tuigs fhaighinn air ciamar a bu chòir fuaimean a làimhseachadh. Faodar cuideachd còig òrain Ghàidhlig ionnsachadh le taic bhidio bho Shìneag Nic an t-Saoir.

Chithear an làrach ùir an seo

BBC Radio nan Gàidheal air dà dhuais a bhuannachadh aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2016

GÀIRDEACHAS RADIO NAN GÀIDHEAL AIR DUAISEAN FÈIS NAM MEADHANAN CEILTEACH

Tha BBC Radio nan Gàidheal air dà dhuais a bhuannachadh aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2016, a thàinig gu crìoch ann an Dùngàrbhan air an deireadh sheachdain a chaidh.

Bhuannaich am prògram Spòrs na Seachdain, a tha ga chraoladh gach seachdain, an duais airson Prògram Spòrs as Fheàrr, le Mire ri Mòir a’ buannachadh an duais Prògram Ciùil Radio As Fheàrr airson a’ chèilidh a chaidh a chraoladh air an là mu dheireadh de Mhòd 2015 san Òbain.

Thuirt Marion NicFhionghain Stiùiriche Deasachaidh BBC Gàidhlig: “Tha sinn gu math toilichte an dà dhuais seo a bhuannachadh a bhios a’ toirt aithne do na preseantairean agus na sgiobaidhean agus cho cruthachail agus dìcheallach ’s a tha iad agus cuideachd cho làidir ’s a tha na ceanglaichean eadar iad agus na coimhearsnachdan.”

Chaidh barrachd air 500 iarrtas a chur a-steach airson fèis na bliadhna-sa, bho na diofair dhùthchannan Ceilteach agus thèid Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2017 a chumail airson a’ chiad uair a-riamh air Eilean Mhanainn.

MG ALBA a’ gabhail pàirt ann an sgeama preantasachd ùr

MG ALBA A’ CUR TAIC RI PREANTASACHD NAM MEADHANAN GÀIDHLIG LEIS A’ BhBC AGUS COLAISTE KELVIN GHLASCHU

Tha MG ALBA a’ gabhail pàirt airson a’ chiad uair ann an sgeama preantasachd ùr, air a dhealbhachadh gus an ath ghinealach de thàlant nam meadhanan craolaidh àrach.

Tha an com-pàirteachas, air a ruith le Colaiste Kelvin Ghlaschu agus le BBC Scotland, a’ dol an sàs san sgeama airson an t-siathamh uair, le 11 oileanach a’ gabhail pàirt sa chùrsa ann an 2016/17.

Airson a’ chiad uair, le taic bho MG ALBA, gheibh aon oileanach cothrom obrachadh thar BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal, far am faigh iad eòlas air feadh iomadh roinn a bhios a’ lìbhrigeadh stuthan don t-seanail, nam measg prògraman chloinne, a’ trusadh naidheachdan, stuthan aithriseach agus spòrs.

Le 50% de thoradh dèanamh phrògraman bhon roinn neo-eisimeileach ann an Alba a’ dol gu ruige BBC ALBA, bidh cothrom aig a’ phreantas ùine a chur seachad le cuid de luchd-solair neo-eisimeileach na seanail.

A thuilleadh air a bhith a’ cur ri bun sgilean agus leasachadh pearsanta, bidh na preantasan a’ cur seachad dà là sa mhìos ann an Colaiste Kelvin Ghlaschu, ag ionnsachadh tòrr de na sgilean teicnigeach agus obrach a bhios gu feum ann an gnìomhachas nam meadhanan craolaidh.

Bidh cothrom aig a’ phresantachd ùine a chur seachad aig Ionad nam Meadhanan Cruthachail ann an Steòrnabhagh – dachaigh MG ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal.

Ron t-Sultain am-bliadhna, bidh 50 neach òg air a dhol tron phreantasachd bhrosnachail seo thar nan còig sgeamaichean a bh’ ann cheana. Tha an sgeama air stèidh a thoirt airson cùrsa-beatha ann an riochdachadh Tbh agus naidheachdas, le cuid de na h-oileanaich a bh’ air sgeamaichean a cheana a’ dol air adhart gus ceum fhaighinn ann am foghlam àrd-ìre, le cuid eile a’ gluasad gu obraichean aig a’ BhBC no buidhnean meadhanan eile.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd MG ALBA: “Tha sgeama Preantasachd a’ BhBC air a bhith na shàr shlighe do dhaoine òga a-steach don roinn craolaidh agus mar sin tha sinn toilichte gu bheil MG ALBA a’ cur taic ris a’ chom-pàirteachas am-bliadhna agus a bhith a’ tairgse chothrom do aon de na preantasan an ciùird ionnsachadh taobh a-staigh nam meadhanan Gàidhlig.

“Tha am preantasachd freagarrach airson MG ALBA, le eòlas aig ar com-pàirtichean aig BBC Scotland agus Colaiste Kelvin Ghlaschu – an aon ionad a tha a’ lìbhrigeadh clasaichean Gàidhlig làn-thìde air tìr-mòr na h-Alba – a bhith a’ trèanadh ceumnaichean aig àrd ìre fon sgeama.

“Tha sinn air a bhith dealasach ann a bhith a’ tairgse chothroman airson an ath ghinealach de thàlant soirbheachail tro iomairtean leithid FilmG, greisean gnìomhachais ris a bheil sinn a’ cur taic taobh a-staigh na roinne cruthachail agus tro na bursaraidhean airson Fèis nam Meadhanan Ceilteach a dh’fhoillsich sinn bho chionn ghoirid.

“Fhuair MG ALBA aithne ann an 2015 airson Creideas nar Cosnaichean Òga agus tha sinn a’ cur romhainn fhèin togail air an seo agus an tuilleadh shlighean airson trèanadh agus leasachadh a chur air chois sa bhliadhna ri teachd.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus mu ciamar a chuireas sibh a-steach tagradh

3 prògraman BBC ALBA air geàrr-liosta duaisean RTS

PRÒGRAMAN BBC ALBA AIR GEÀRR-LIOSTA DUAISEAN ROYAL TELEVISION SOCIETY 2016

Tha trì prògraman le BBC ALBA air geàrr-liosta duaisean Royal Television Society (RTS) am-bliadhna.

Tha duaisean RTS a’ comharrachadh sàr-mhathas ann an gnìomhachas telebhisein thar na raointean a bhith a’ dèanamh phrògraman agus sgilean craolaidh.

Tha Vilte Vaitkute, deasaiche bhon chompanaidh media co-op a rinn am prògram ‘Pìobairean Beaga Bhaile Ghobhainn’, a chaidh a riochdachadh airson BBC ALBA, suas airson an Iar-riochdachaidh as Fheàrr: duais ann an Deasachadh. Thug am prògram seo, a chaidh a chraoladh air Là na Bliadhna Ùire, sùil air a’ chiad 18 mìosan de Chòmhlan-phìoba ùr Bhaile Ghobhainn. Chaidh aithris le Eòghainn MacEanraig bhon chòmhlan Mànran agus sgrìobh Eòghainn an ceòl airson an fhilm.

Tha ‘Tartan Pride’ agus ‘Jim Baxter’, dà fhilm a chaidh a riochdachadh le purpleTV airson BBC ALBA, a’ dol an aghaidh a chèile sa ghnè Prògram Spòrs as Fheàrr, taobh ri taobh le ‘Sportscene at 40’ bho BBC Scotland.

Riochdaichte le purpleTV airson BBC ALBA tha ‘Tartan Pride’ (a chaidh a chraoladh san Fhaoilleach 2015) air aithris le Ailig O’Henley agus a’ toirt sùil air eachdraidh shòisealta dhaoine agus àite, am Pròis Tartan air a shoilleireachadh, agus a’ toirt seallaidh air carson a tha geamaichean an ‘Auld Enemy’ eadar Alba agus Sasainn cho cudromach a thaobh faireachdainn, cultar agus eachdraidh.

Tha am film ‘Jim Baxter’ (a chaidh a chraoladh san t-Sultain 2015 agus a thèid ath-chraoladh a-nochd, 14 Giblean, aig 9f) cuideachd air aithris le Ailig O’Henley agus a ’ toirt dealbh choileanta air beatha fear de na cluicheadairean ball-coise as fheàrr a chunnacas a-riamh ann an Alba, a chluich airson Crossgates Primrose, Raith Rovers, Rangers agus Alba, a bhàsaich le aillse ’s gun e ach 61.

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman airson BBC ALBA: “Tha ìre agus feabhas prògraman BBC ALBA follaiseach, le trì prògraman air geàrr-liosta duaisean RTS am-bliadhna.

“Chòrd ‘Pìobairean Beaga Bhaile Ghobhainn’ ri ar luchd-amhairc. Le pìosan air an clàradh leis a’ chloinn fhèin a bha nan rionnagan san fhilm, tha sinn air ar dòigh glan gu bheil e an àrd airson duais Iar-riochdachaidh as Fheàrr airson deasachadh.

“Bha mi an sàs aig ìre coimiseanaidh an dà phrògram spòrs bho purpleTV agus the e na thlachd am faicinn a’

Thèid iadsan a bhuannaicheas an ainmeachadh aig cuirm air a lìbhrigeadh leis an leughadair naidheachdan Catriona Shearer agus an actair telebhisein Sanjeev Kohli, Diciadain 25 Cèitean aig an Òran Mòr ann an Glaschu.

BBC ALBA a’ gluasad suas an EPG

ÀIREAMHAN ÙRA AIG BBC ALBA AIR AN T-SIOSTAM IÙIL PHRÒGRAMAN (EPG)

EPG listings

Tha BBC ALBA dol a ghluasad suas an EPG air Sky, Freesat agus Freeview.

Gluasaidh BBC ALBA suas aon àite mar a leanas:

  • • Sky 142 – bho 31 Màrt (a cheana aig 143)
  • • Freesat 109 – bho 31 Màrt (a cheana aig 110)
  • • Freeview 7 – bho 5 Giblean (a cheana aig 8)

Fuirichidh BBC ALBA aig 161 air Virgin Media agus bidh e fhathast ri fhaighinn air BBC iPlayer.

Dh’fhaodadh gu feum cuid den luchd-amhairc na seanailean aca ùrachadh air an EPG aca mura tachair seo leis fhèin agus tha e neo-choltach gum bi buaidh air clàraidhean.

Bidh seanailean eile a’ BhBC cuideachd a’ gluasad, le BBC One HD a’ gluasad gu Sky 115 agus Freesat 106, BBC Two a’ gluasad gu Sky 141 agus Freesat 108 agus BBC Four a’ gluasad gu Sky 143 agus Freesat 110.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA: “Tha BBC ALBA mean air mhean air a bhith a’ gluasad suas an EPG bho chaidh i air an èadhair ochd bliadhna air ais agus tha an t-seanail a-nis aig ìre àrd air gach ùrlar. Tha an gluasad seo suas an EPG a’ ciallachadh gu bheil an t-seanail agus a beartas phrògraman nas fhollaisiche do luchd-coimhid air feadh Alba”.

Tha BBC ALBA air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ tàladh luchd-amhairc le Gàidhlig agus iadsan aig nach eil a’ chànan, le prògraman aithriseach, prògraman ciùil agus tachartasan, a thuilleadh air spòrs, an lùib nan gnèithean air a bheil luchd-coimhid measail. Tha an t-seirbheis naidheachd làitheil le sgeulachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta cuideachd a’ tàladh dhaoine gu ruige na seanail.

Tha prògraman ùra ann an iomadh gnè leithid an dràma ùr Bannan, na prògraman chloinne Ceitidh Mòrag agus Ben & Hoilidh, prògraman spòrs ùra mar farpaisean crolaidh agus sligheadaireachd air a bhith a’ toirt toileachas don luchd-amhairc. Tha prògraman air an craoladh air an t-seanail cuideachd dhaibhsan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus aig a bheil ùidh ann an cànan agus dualchas nan Gàidheal.

Tha gnìomhachasan cruthachail Alba a’ faighinn buannachd bho obair craoladh Gàidhlig, le còrr is 22 companaidh a’ dèanamh phrògraman airson BBC ALBA.

Àite as fheàrr a bhith ag obair ann an telebhisein 2016

MG ALBA – AON DE NA H-ÀITEACHAN AS FHEÀRR A BHITH AG OBAIR ANN AN TELEBHISEAN

FilmG 2016

Chaidh MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhoinn ris a’ BhBC, ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an gnìomhachas telebhisein.

Tha MG ALBA air ainmeachadh leis an iris Broadcast am measg 16 buidhnean eile bho air feadh na RA mar Bloomberg, Hat Trick Productions agus Talkback ann an The Best Places To Work In TV 2016.

Tha Broadcast aithnichte mar am prìomh iris airson a’ ghnìomhachais craolaidh san RA agus chaidh MG ALBA agus na buidhnean eile ainmeachadh às dèidh rannsachadh neo-eisimeileach a dhèanamh air companaidhean bho air feadh na dùthcha.

Mar phàirt den rannsachadh chaidh beachdan dìomhair luchd-obrach agus ceannardan anns na diofar bhuidhnean iarraidh mu na buidhnean aca fhèin, a thuilleadh air cultar obrach nam buidhnean, agus chaidh breithneachadh a dhèanamh mu choinneamh diofar slatan tomhais.

‘S e MG ALBA an aon bhuidheann ann an Alba a chaidh ainmeachadh ’s iad anns an 7mh àite, leis a’ chraoladair ionmhais eadar-nàiseanta Bloomberg anns an 8mh àite.

Bha measgachadh de mheud anns na diofar bhuidhnean craolaidh a chaidh ainmeachadh le Broadcast, le àireamhan luchd-obrach eadar 19 agus 97 agus 13 companaidh neo-eisimeileach nam measg.

Tha an aithne Best Places To Work in TV 2016 airson MG ALBA a’ dol an cois na duais Creideas nar Cosnaichean Òga aig ìre Airgid a fhuair MG ALBA ann an 2015, a’ chiad bhuidheann Gàidhlig ann an Alba a tha air an ìre seo a ruighinn.