Tha sgioba SpeakGaelic air tòiseachadh air turas foghlaim gu Alba Nuadh gus ceanglaichean cultarail a neartachadh san sgìre.
A’ comharrachadh Mìos nan Gàidheal, air neo ‘Mìos Gàidhlig na h-Alba Nuaidhe’, bidh an sgioba a th’ air cùl SpeakGaelic – brannd ionnsachaidh na Gàidhlig aig MG ALBA – a’ siubhal mun cuairt sgìre Alba Nuaidhe a dh’ionnsachadh bho mhuinntir an àite agus a’ brosnachadh a’ chànain do dh’fhileantaich agus daoine a tha ùr don Ghàidhlig.
Thairis air an turas 10-latha, tadhlaidh SpeakGaelic air Halifax, Antigonish, Mabou, Judique, Iona agus Sydney gus dàimhean a thogail le diaspora nan Gàidheal ann an Canada, a’ comharrachadh nan rudan a tha coltach – agus eadar-dhealaichte – a thaobh cultar agus dòigh-beatha shònraichte thall thairis. Le bhith ag ionnsachadh bho chèile agus a’ taisbeanadh nan goireasan a tha rim faotainn, thathar an dòchas gum bi an turas cuideachail ann a bhith a’ stèidheachadh lìonra ùr de luchd-conaltraidh le Gàidhlig air taobh eile a’ Chuain Siar.
Thuirt Muireann Bhochanan, riochdaire air-loidhne aig SpeakGaelic, a bha a’ co-òrdanachadh a’ phròiseict thall thairis: “Chan e dìreach cànan a th’ anns a’ Ghàidhlig ach cultar le dualchas beartach de cheòl, beul-aithris agus antroipeòlas, agus mar sin ’s e cothrom air leth inntinneach a th’ ann dhuinn tadhal air na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Alba Nuadh a dh’fhaicinn mar a thàinig seo gu bith agus cò ris e a tha e coltach, nam beatha làitheil.
“Le goireasan iongantach SpeakGaelic a-nis againn ri làimh – agus rim faotainn do dhaoine air feadh an t-saoghail – tha sinn an dòchas gun urrainn dhuinn luchd-ionnsachaidh agus fileantaich de gach aois ann an Alba Nuadh a thàladh agus a bhrosnachadh gus an cuid sgilean Gàidhlig a thogail no a leasachadh.”
Thuirt Sionainn Nic a’ Mhaoilein, bho Oifis Iomairtean na Gàidhlig aig Comhairle Cheap Bhreatainn: “Is e Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh a th’ anns a’ Chèitean, a tha na àm airson a bhith a’ comharrachadh agus a’ brosnachadh mothachadh air eachdraidh, cultar, cànan agus soirbheachasan nan Gàidheal air feadh na sgìre, le taic bho Oifis Iomairtean na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhlig.
“Is e ‘Gàidhealach nar Cridhe!’ cuspair na bliadhna-sa – ’s mar sin dè an dòigh as fheàrr gus eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig, a tha gu math beò san latha an-diugh, a chomharrachadh na le taic bho sgioba SpeakGaelic a bhios a’ taisbeanadh cho furasta ’s a tha e a dhol an sàs sa chànan agus sa chultar. Tha sinn an dòchas gum brosnaich an sreath de bhùithtean-obrach agus thachartasan, a tha sinn air planadh air feadh na sgìre, muinntir Alba Nuaidh air fad a dhol an sàs sa Ghàidhlig rè mìos a’ Chèitein agus nas fhaide.”
’S e amas aig SpeakGaelic togail agus cleachdadh na Gàidhlig àrdachadh le bhith a’ toirt seachad structar soilleir agus co-fhillte airson ionnsachadh na Gàidhlig – an dòigh-obrach as coileanta a chunnacar ann an ginealach.
A bharrachd air a bhith a’ toirt taic do luchd-tòiseachaidh, tha na goireasan a’ toirt taic do luchd-labhairt na Gàidhlig aig diofar ìrean de dh’fhileantachd gus misneachd a thoirt dhaibh Gàidhlig a bhruidhinn. Tha an stòras ionnsachaidh brosnachail is àrd-amasach a’ tabhanndiofar sheirbheisean do luchd-cleachdaidh ann an Canada, agus air feadh an t-saoghail, bho ionnsachadh air-loidhne fèin-stiùirichte gu susbaint mheadhanan a tha ri fhaighinn tro YouTube agus na meadhanan sòisealta.
Faigh a-mach tuilleadh mu SpeakGaelic agus tòisich an turas Gàidhlig agad fhèin an-diugh aig https://speakgaelic.scot/.
Tha MG ALBA toilichte fàilte a chur air ceathrar bhuill ùra chun a’ Bhùird aca. Tha Ofcom air ainmeachadh gu bheil ceathrar Bhuill ùra air an suidheachadh air Bòrd MG ALBA, am buidheann le uallach airson dèanamh cinnteach gum bi prògraman telebhisein aig àrd-ìre rim faighinn ann an Gàidhlig do luchd-amhairc.
Bidh Daibhidh Byrne, Catriona Mhoireach, Lachlann Peel agus Calum Steele a’ dol an sàs mar buill a’ Bhùird bho 1 Cèitean, 2024. Tha fios mu gach ball den Bhòrd ri fhaighinn gu h-ìosal.
Chaidh na dreuchdan aontachadh le Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Sgilean aig Riaghaltas na h-Alba, Jenny Gilruth BPA, às dèidh pròiseas fastaidh farpaiseach air a stiùireadh leis an riaghladair conaltraidh Ofcom ann an Alba.
Tha Lisa Annette, Màiri Kidd, Ceit-Anna NicLeòid agus Iain Mac a’ Mhaoilein a-nis air na teirmean aca a chrìochnachadh.
Thuirt Iain Moireasdan, cathraiche MG ALBA:
“Bheir Daibhidh, Catriona, Lachlann agus Calum raon farsaing de thàlantan, sgilean agus eòlas bho na meadhanan, craoladh, na roinnean poblach is prìobhaideach, agus tha sinn air leth toilichte fàilte a chur orra chun a’ Bhùird.
Tro ar n-obair air BBC ALBA, FilmG, LearnGaelic agus SpeakGaelic, tha àite air leth cudromach aig MG ALBA, chan ann a-mhàin ann a bhith a’ cuideachadh nam meadhanan Gàidhlig, ach cuideachd a’ brosnachadh leasachadh, trèanadh agus cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba agus nas fhaide air falbh – a’ toirt a-steach buannachdan sòisealta is eaconamach mòra.
Mar Bhòrd, tha sinn den bheachd gu bheil sinn deiseil agus comasach air togail air a’ chùis seo le tuilleadh seilbheach agus goireasan agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri seo a dhèanamh le beachdan ar ceathrar bhuill ùra.
Às leth a’ Bhùird agus luchd-obrach agus co-obraichean air feadh na roinne, bu mhath leam cuideachd taing a thoirt do Lisa, Màiri, Ceit-Anna agus Iain a chuir crìoch air na teirmean aca leinn. Tha na h-oidhirpean aca air a bhith anabarrach luachmhor ann an soirbheachas ar n-obair sna bliadhnaichean a dh’fhalbh agus tha sinn nan comain airson an ùine agus an dealas ann a bhith a’ frithealadh ar luchd-amhairc.”
Buill ùra – Sgeulachdan beatha
Daibhidh Byrne
‘S e neach-tionnsgain agus neach-deasachaidh siubhail seasmhach 360° a th’ ann an Daibhidh, à Inbhir Nis. Tha an t-eòlas aige cuideachd a’ sìneadh gu obair craolaidh leis a’ BhBC, ITV, agus LBC, leis an sgrìobhadh aige a’ nochdadh ann am pàipearan-naidheachd leithid The Sun agus The Scotsman. Tha e na alumnus iar cheumnachaidh de Shabhal Mòr Ostaig, far an robh e cuideachd ag obair ann an obair leasachaidh mus deach e gu BBC Scotland, ag obair air a’ phrògram cùisean làithreach, Eòrpa, a th’ air iomadh duais a choisinn. Tha e a-nis na iar-chathraiche air Urras Cuimhneachaidh Cogaidh Àrd-sgoil Hillhead.
Catriona Mhoireach
Craoladair ag obair air a ceann fhèin, riochdaire agus neach-deasachaidh le còrr is 35 bliadhnaichean de eòlas riochdachaidh aig a’ BhBC le creideasan an dà chuid mar riochdaire agus preasantair air grunn phrògraman air litreachas, na h-ealain, ceòl, eachdraidh agus cànan. Tha Catriona cuideachd na h-ùghdar foillsichte Gàidhlig agus bha i na Cathraiche air Comhairle nan Leabhraichean bho 2017 – 2021. Tha Gàidhlig aice bho thùs, is i stèidhichte ann an Glaschu.
Lachlann Peel
Mar thoradh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, tha Lachlann a-nis ag obair aig JP Morgan ann an Dùn Èideann an dèidh dha ceumnachadh bho Oilthigh Oxford le ceum ann an Eachdraidh. Fhad ‘s a bha e san sgoil, bha Lachlann a’ farpais ann am farpais film goirid, FilmG, far an do choisinn e ‘Film Oileanach as Fheàrr’ agus ‘Cleasaiche as Fheàrr’ agus bhon uair sin tha e air a bhith a’ toirt taic don iomairt mar bhritheamh.
Calum Steele
Àrd-stiùiriche aithnichte a chuir seachad còig bliadhna deug mar Rùnaire Coitcheann sa Chaidreachas Poileas na h-Alba gu 2023, far an do leasaich e agus a thug e buaidh air poileasaidh, an dà chuid, ann an Alba agus air feadh na cruinne, a’ gabhail a-steach an aontachadh a stèidhich Seirbheis Poileis na h-Alba. Ron seo, bha Calum na chonstabal poileis agus tha e fhathast air Comhairle Eadar-nàiseanta Chomainn Riochdachaidh a’ Phoileis. ‘S e neach-labhairt dùthchasach na Gàidhlig a th’ ann a tha a-nis stèidhichte ann an Dollar.
Coinnich ri farpaisich Dùbhlain DIY (Instructions Not Included)
Dèan deiseil airson taisbeanadh DIY as t-earrach agus amaitearean Albannach a’ dol aghaidh-ri-aghaidh ann an sreath dùbhlain TBh ùr, Dùbhlain DIY (Instructions Not Included).
Air a chraoladh gach Diluain aig 8.30f bho 6 Cèitean, bidh an t-sreath còig-phàirteach air BBC ALBA a’ leantainn sia paidhrichean – air a dhèanamh an àrda bho chàraidean pòsta, buill teachlaich agus caraidean – agus iad a’ farpais airson duais airgid £2000 agus ainm neach-DIY as fheàrr.
A’ brosnachadh na dùthcha gu bhith a’ deanamh DIY, le seasmhachd aig a’ chridhe, chì sinn na paidhrichean a’ sabaid ann an sreath de ghnìomhan ùrachadh dachaigh – le rudan ris nach robh dùil. Às aonais stiùireadh sam bith ri leantainn, feumaidh na càraidean na neartan eadar-dhealaichte agus na tàlantan cruthachail aca a thoirt chun cho-fharpais gus faicinn cò a bhuannaicheas.
Bidh cuid a’ soirbheachadh agus bidh cuid ann nach eil a’ faighinn air adhart cho math ach is fhiach a’ cho-fharpais, le aon chàraid air a chuir às an fharpais gach seachdain, a’ cur an sgilean – agus an dàimhean – gu deuchainn.
A’ tighinn bho air feadh na h-Alba, tha farpaisich Dùbhlain DIY (Instructions Not Included) a’ toirt a-steach:
Bho àirneis flat-pack gu na cruthaichaidhean aca fhèin air a dhèanamh le stuthan ath-chuairtichte, bidh feum aca am mac-meanmna a chleachdadh.
Thuirt farpaiseach Dùbhlain DIY, Tormod MacLeòid: “Bidh mi uaireannan a’ feuchainn mo làmh air DIY. Tha mi air flat-packs a chur ri chèile mar a h-uile duine eile agus tha mi air feannag no dhà a thogail airson mo ghàradh. Bidh mi a’ feuchainn ri rudan a cheartachadh nuair a bhios feum orra cuideachd, ach gu cinnteach chan e neach-proifeasanta a th’ annam.”
Le dòchas beagan ionnsachadh air an t-slighe, thuirt a phiuthar, neach-lagha, Iseabail NicLeòid: “Dh’ionnsaich mi tòrr bho m’ aithair – ‘s e iasgair, saor agus neach-togail a bh’ ann agus b’ urrainn dha a làmh a chuir gu rud sam bith. Bhithinn tric a’ cur seachad ùine ga chuideachadh a’ dèanamh agus a’ càradh rudan ach b’ fheàrr leam gu robh mi air barrachd ionnsachadh! Bidh mi an-còmhnaidh a’ feuchainn ri rudan a chàradh timcheall an taighe oir cha toil leam cho caitheach ’s a tha cùisean air a dhol. Chan eil mi cinnteach dè cho math ’s a tha mi air cuid a rudan ach is fhiach feuchainn an-còmhnaidh!”
Bidh an t-sreath air a lìbhrigeadh leis a’ phreasantair TBh agus rèidio Derek “Pluto” Moireach, còmhla ris a’ phrìomh bhritheamh – neach-ciùil agus saor sgileil Iain “Spanish” MacAoidh agus bidh an dithis aca a’ dèanamh cinnteach gum bi gàire gu leòr ann air an t-slighe. A’ faighinn taic bho bhritheamh eòlach gach seachdain, faodaidh luch-amhairc a dhol còmhla ris an fhealla-dhà fhad ’s a tha na càraidean a’ farpais airson an tiotail.
Thuirt am preasantair Derek “Pluto” Moireach: “Dèan deiseil airson an deuchainn seo air cruthachalachd, innleachdas agus sgil leis a’ cho-fharpais DIY ùr againn, le dùbhlain ach às aonais stiùireadh – mar nach biodh togail àirneis flat-pack stressful gu leòr! Ged a tha dìth stiùiridh aig na farpaisich, tha iad air leth math ann an dealas is craic.”
Thuirt am breitheamh Iain “Spanish” MacAoidh: “Bidh am prògram seo a’ comharrachadh cultar DIY na dùthcha – ge bith an e neach a tha dèidheil air DIY a th’ annad no nach e, bheir Dùbhlain DIY rudeigin do luchd-amhairc. Fhad ‘s a tha sinn a’ tabhann deagh chraic, tha sinn an dòchas gum brosnaich e iadsan aig an taigh pròiseact ùr aca fhèin a thòiseachadh.”
Ach cò bhuainneachas Dùbhlain DIY agus am bi iad fhathast nan caraidean?
Na shreath cho-phròiseact eadar Demus agus Seaglass Productions, bidh Dùbhlain DIY (Instructions Not Included) a’ nochdadh an toiseach air BBC ALBA agus BBC iPlayer Diluain 6 Cèitean aig 8.30f (ann an Gàidhlig le fo-thiotalan Beurla), le prògraman seachdaineil rim faighinn gach oidhche Luain.
Tha BBC ALBA air na cleasaichean fhoillseachadh airson an t-streath eucoir TBh, An t-Eilean, leis a’ chleasaiche cliùiteach Albannach, Sorcha Groundsell a’ gabhail a’ phrìomh phàirt.
Chaidh dearbhadh gum bi Sorcha Groundsell (His Dark Materials, Clique, Shetland agus Netflix’s The Innocents) a’ cluich PC Kat Crichton, oifigear ceangail teaghlach poileis, a thilleas gu eilean a dachaigh mar phàirt den rannsachadh mu mhurt brùideil agus nach gabh a mhìneachadh.
Air a togail ann an Nis ann an Eilean Leòdhais, ghluais Sorcha a Ghlaschu aig aois naoi bliadhna airson a dhol gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. An seo, thòisich i air clasaichean dràma aig an Citizens Theatre agus Conservatoire Rìoghail na h-Alba mus do ghluais i a Lunnainn gus a dreuchd cleasachd a leantainn. Chaidh Sorcha gu na Stàitean ann an 2018 airson pàirt san t-streath ficsean saidheans Netflix, The Innocents, a chluich.
Thuirt Sorcha Groundsell: “Tha mi air leth toilichte a bhith mar phàirt den t-streath iongantach seo agus tha e na urram dhomh pàirt a ghabhail ann a bhith a’ briseadh talamh ùr don Ghàidhlig. Tha mi air a bhith an dòchas cothrom fhaighinn Gàidhlig a thoirt a-steach don obair phroifeasanta agam leis gu bheil i a’ ciallachadh uimhir dhomh.
“Chan urrainn dhomh smaoineachadh air pròiseact nas fheàrr na An t-Eilean airson seo a dhèanamh. Tha an taisbeanadh seo a’ faireachdainn mar chothrom air leth dhuinne, mar Ghàidheil, an cànan, an cultar agus na seallaidhean air a bheil sinn cho measail a thaisbeanadh dhan t-saoghal mhòr.”
Thathas air dearbhadh gu bheil Iain MacRath (Bannan, Outlander agus Crowdie and Cream) a’ nochdadh anns an t-streath Ghàidhlig mar mhilleanair fèir-dhèante, Sir Dùghlas MacIlleathain. Tha Sagar Radia (Industry, The Good Karma Hospital agus Unicorns) a’ nochdadh mar phrìomh neach-sgrùdaidh poileis, DCI Ahmed Halim. Bidh Sinead NicAonghais (Outlander agus A90), agus dà chleasaiche às an Eilean Sgitheanach, Meredith Brook (Bannan) agus Sam James Mac a’ Ghobhainn (Royal Conservatoire of Scotland’s Faustus: That Damned Woman) a’ cluich teaghlach mì-ghnàthach MacIlleathain. Agus anns a’ chiad dreuchd air sgrìn aige, tha Anndra MacAonghais à Eilean Leòdhais air a dhearbhadh ann am pàirt a’ mhac as sine aig Sir Dùbhghlas, Calum.
Bidh an cleasaiche, sgrìobhadair agus filmeadair à Dùn Èideann, Elspeth Turner (Riptide and Marram), a’ toirt dealbh air bean Sir Dùbhghlas a chaidh a mhurt, Màiri. Cuideachd a’ nochdadh ann an dreuchdan-taic, bidh an cleasaiche à Uibhist a Deas, Daibhidh Walker (Mara: The Seal Wife, An Clò Mòr agus Bannan), Tormod Macleòid agus Carina NicLeòid, a rugadh ann an Leòdhas, agus an neach ùr inntinneach Sharyn NicFhearghais.
Chaidh Caisteal Amhainnsuidhe, caisteal iongantach anns na Hearadh, ainmeachadh mar phrìomh àite le cuideachd filmeadh air a chumail ann an àiteachan eile air feadh na Hearadh, Leòdhas agus Glaschu.
Thuirt Arabella Page Croft, Àrd-Riochdaire aig Black Camel Pictures, riochdairean An t-Eilean: “Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri Sorcha agus an còrr den sgioba tàlantach a th’ air An Eilean. Làn charactaran iom-fhillte agus brosnachail, agus air a shuidheachadh an aghaidh cruth-tìre eireachdail Innse Gall, chan urrainn dhuinn feitheamh gus an tèid luchd-amhairc aig an taigh agus thall thairis a bhith air an glacadh leis na tha cinnteach a bhith na dhràma àrd-amasach.”
Dh’ainmich BBC ALBA am pròiseact ùr-nodha air a’ mhìos a chaidh mar an t-sreath dràma Ghàidhlig as motha ann an eachdraidh a’ chraoladair, a tha gu bhith a’ bualadh air sgrìonaichean eadar-nàiseanta ann an 2025 le taic bhon neach-sgaoilidh cruinneil All3Media International.
Thuirt David Swetman bho All3Media International: “Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri Black Camel Pictures agus BBC ALBA air a’ phròiseact seo. ’S e seo a’ chiad phròiseact Gàidhlig againn agus tha sinn air bhioran cultar, cànan agus cruth-tìre Innse Gall a thoirt gu luchd-èisteachd cruinneil.”
Air a cho-sgrìobhadh leis an sgrìobhadair sgrìon/neach-cruthachaidh Nicholas Osborne (riochdaire Remember Me agus License to Wed) agus an sgrìobhadair sgrìon, Patsi NicChoinnich (Buidheagain agus An Clò Mòr), agus air a stiùireadh le Tom Sullivan (Arracht), tha An t-Eilean a’ faicinn ceathrar pheathraichean is bràithrean a’ cruinneachadh aig dachaigh an teaghlaich anns na h-Eileanan an Iar ‘s an athair fo cheasnachadh mu bhàs dìomhair am màthar.
Leis an sgioba air a dhearbhadh agus filmeadh a’ dol air adhart, thuirt Bill MacLeòid, Neach-coimiseanaidh BBC ALBA: “Tha sinn air sgioba iongantach de chleasaichean sgoinneil a thoirt còmhla airson a’ phròiseict ùr-nodha seo. Le Eilean iongantach na Hearadh mar a shuidheachadh, bheir An t-Eilean cànan, cultar agus seanchas na Gàidhlig gu luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail.”
Thèid An t-Eilean a riochdachadh le Black Camel Pictures
Chaidh a chruthachadh le Nicholas Osborne agus a cho-sgrìobhadh le Patsi NicChoinnich
’S e Tom Sullivan an stiùiriche
Tha BBC ALBA air an t-sreath dràma Gàidhlig as motha agus as cliùitiche ann an eachdraidh na seanail a choimiseanadh.
Le buidseat de chòrr is £1millean gach prògram, ’s e dràma àrd-amasach, ceithir-phàirteach a bheir dràma Gàidhlig air feadh an t-saoghail an th’ anns An t-Eilean. Thàinig an sgeulachd fìor tharraingeach bhon sgrìobhadair/neach-cruthachaidh, Nicholas Osborne (Remember Me agus License to Wed) ag obair cuide ris a’ cho-sgrìobhadair, Patsi NicChoinnich (Buidheagain agus An Clò Mòr).
Air a riochdachadh le Black Camel Pictures, (a riochdaich an t-sreath TBh ainmeil, Annika agus a th’ air duais BAFTA a bhuannachadh) agus air a stiùireadh le Tom Sullivan (aithnichte airson an fhilm Arracht), thèid An t-Eilean a chraoladh gu h-eadar-nàiseanta le taic bho MG ALBA agus bhon bhuidheann-sgaoilidh, All3Media International. Chaidh An t-Eilean a’ leasachadh le taic bho Sgrìn Alba.
’S e sgeulachd eucoir suidhichte ann an Innse Gall a th’ anns An t-Eilean. Tha e a’ leantainn teaghlach tro rannsachadh muirt am màthair a chaidh a lorg marbh ann an caisteal an teaghlaich. Tha a cuid cloinne, a tha a-nis nan inbhich, a’ tilleadh dhachaigh agus an athair fo cheasnachadh mu a bàs.
Thuirt Bill Macleòid, neach-deasachaidh coimiseanaidh aig BBC ALBA: “Bidh An t-Eilean buadhmhor dha BBC ALBA – leis a’ bhuidseat as motha, ’s e an dràma TBh as cliùitiche againn gu ruige seo.”
“Tha sinn an-dràsta a’ taghadh chleasaichean agus àiteachan àlainn airson filmeadh gus an sgeulachd sgoinneil Gàidhlig seo a thoirt beò do luchd-amhairc air feadh na cruinne”.
Tha dùil gun tòisich filmeadh ann an eileanan àlainn nan Eilean Siar as t-Earrach 2024. Thig tuilleadh fiosrachaidh mu na cleasaichean a bhios san t-sreath a dh’aithghearr.
Thuirt Arabella Page Croft, Àrd-Riochdaire aig Black Camel Pictures: “Tha sinn air leth pròiseil a bhith a’ riochdachadh An t-Eilean, sreath dràma TBh àrd-amasach eile bho Black Camel agus a’ chiad sreath dràma Gàidhlig aig fìor àrd ìre a chaidh a dhèanamh ann an Alba!
“Tha e air a bhith na thoileachas agus na bhrosnachadh dhuinn am pròiseact gaoir-sgeul seo a leasachadh còmhla ri BBC ALBA agus tha sinn air bhioran gus an tòisich filmeadh ann an eileanan àlainn Leòdhais agus na Hearadh an ath mhìos.”
’S dòcha gu bheil cuid agaibh a’ coimhead air adhart ri na Baftas agus Oscars, ach tha coimhearsnachdan Gàidhlig trang ag ullachadh airson an oidhche film Gàidhlig as motha den bhliadhna: na Duaisean FilmG.
Tha còrr air 50 film air na geàrr-liostaichean airson Duaisean FilmG; oidhche a bhios a’ comharrachadh nan sgeulaichean agus nam filmeadairean Gàidhlig as fheàrr ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Bidh buannaichean air an crùnadh ann an roinnean leithid an Cluiche as Fheàrr, Coltas as Fheàrr, Sàr-dhuais Teicnigeach agus an duais chliùiteach airson am Film as Fheàrr.
Air thoiseach le ceithir ainmeachaidhean san fharpais -18 tha ‘A Bheil Thu An Sin?’, dràma saidhgeòlach leis a’ bhuidheann neo-eisimeileach ùr, Lost Rollerskate Pictures, bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Anns an fharpais 18+, tha ‘Blàr nan Gàidheal’ aig a’ charthannas Inbhir Nis FC Sonas, a tha ag innse sgeulachd a’ chiad gheama ball-coise oifigeil ann an Gàidhlig, le ceithir ainmeachaidhean, air a leantainn gu dlùth le Tormod MacLeòid, a tha stèidhichte ann an Eilean Leòdhais, ‘An Tiodhlaiceadh’ (le trì ainmeachaidhean).
Le obair nam britheamhan a-nis deiseil, ‘s e Duaisean Roghainn FilmG na h-aon roinnean fhathast ri cho-dhùnadh, le bhòt phoblach airson nan roinnean sin fhathast fosgailte gu meadhan oidhche, 2 Gearran. Faodar bhòtaichean a chuir a-steach air-loidhne leis a’ phoball aig www.FilmG.co.uk.
Thuirt Rachel Kennedy, Britheamh FilmG agus rionnag an t-sreath dràma ainmeil An Clò Mòr air BBC ALBA:
“’S e bliadhna air leth a th’ air a bhith ann airson FilmG, le còrr air 160 tagradh – an àireamh as àirde de fhilmichean bho thòisich an fharpais. Tha am miann airson na farpais sgoinneil, ach tha e a’ fàgail ar n-obair mar bhritheamhan uabhasach duilich leis gu bheil uimhir de thàlant ann. Thathas air beachdachadh gu faiceallach air a’ gheàrr-liosta againn agus tha e a’ taisbeanadh nam filmeadairean Gàidhlig as fheàrr a tha stèidhichte air riochdachadh, comas teicnigeach, agus seanchas. Bho sàr-sgilean beò-dhealbhaidh gu prògraman aithriseach faireachail; tha an ìre àrd de thàlant, cruthachaileachd, agus oidhirp air a bhith follaiseach anns a h-uile film air a’ gheàrr-liosta agus tha iad uile airidh air a bhith sa chuairt dheireannaich.”
Thuirt Megan Dale, Manaidsear Pròiseict FilmG:
“B’ e ‘Mo Shealladh’ cuspair na bliadhna-sa agus ghabh a h-uile duine seo tro bhith a’ taisbeanadh nan diofar sheallaidhean aca. Tha na filmichean air a’ gheàrr-liosta a’ nochdadh tuigse dhomhainn air sealladh agus cho cudromach ‘s a tha e èisteachd ri iomadach guth na h-Alba. Tha an luchd-ainmichte fhèin a’ riochdachadh diofar sheallaidhean bho air feadh na h-Alba, a’ gabhail a-steach Inbhir Theòrsa, Port Rìgh, Glaschu, Na Hearadh, Leòdhas, Dùn Omhain, agus Inbhir Nis. Gu tric, nuair a smaoinicheas sinn air gnìomhachas nam film, bidh sinn a’ smaoineachadh air Lunnainn no Glaschu, ach tha FilmG a’ sealltainn gu bheil beairteas de thàlant ri lorg anns gach ceàrnaidh de dh’Alba (agus nas fhaide air falbh) agus gu bheil e cudromach na guthan sin a bhrosnachadh gu bhith air an cluinntinn.”
Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Manaidsear Clàr-phrògraman aig MG ALBA:
“Meal an naidheachd air a h-uile neach-ainmichte am-bliadhna – tha e mìorbhaileach a bhith faicinn taghadh cho eadar-mheasgte de sgeulachdan agus a bhith ag aithneachadh an sgil, an tàlant, agus an oidhirp mhòr theicnigeach a bheir e gus an toirt beò. Tha oidhche nan Duaisean na àite far an tèid an tàlant seo aithneachadh agus tha mi air bhioran faicinn cò a thèid a chrùnadh mar bhuannaichean FilmG air 23 Gearran. Airson a’ chiad uair a-riamh, tha filmeadairean à Eilean Mhanainn agus Canada air a’ gheàrr-liosta, a’ sealltainn ruigsinneachd eadar-nàiseanta farpais nam film Gàidhlig. Tha sinn an dòchas leantainn air adhart a’ leasachadh ceanglaichean thar-nàiseanta FilmG agus a’ toirt taic do fhilmeadairean tàlantach a tha a’ nochdadh air feadh Alba.”
Thèid Duaisean FilmG a chumail air 23 Gearran ann an Audrium Laomainn, SEC ann an Glaschu. Thèid na duaisean a chraoladh beò air YouTube le prògram gu bhith air a chraoladh dà latha às dèidh sin air BBC ALBA (Didòmhnaich 25 Gearran.)
Rionnagan agus prògraman na Nollaig air fhoillseachadh
Tha Cathy NicDhòmhnaill, Coinneach MacLeòid (The Hebridean Baker) agus Anna NicAilpein am measg an fheadhainn a bhios a’ toirt cuireadh do luchd-amhairc a bhith deiseil airson àm na Nollaig le BBC ALBA agus iad a’ nochdadh clàr sònraichte airson àm na Nollaig agus a’ Bhliadhn’ Ùr 2023.
’S e BBC ALBA am prìomh àite airson na Nollaig a chomharrachadh le rudeigin ann airson a h-uile duine thairis air àm na Nollaig agus a’ Bhliadhn’ Ùr.
Ann an cuideachd rionnagan na Gàidhlig, tha an clàr làn de phrògraman a bhios a’ toirt tlachd don a h-uile duine thairis air na saor-làithean, le measgachadh tarraingeach de sgeulachdan brosnachail, pearsanta, agus prògraman a bhios a’ togail cridhe. Dè a’ chòrr a dh’iarradh tu!
Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint aig MG ALBA: “Am-bliadhna, chan ann dìreach mu fealla-dhà a tha na prògraman againn; tha iad nan comharrachadh air a h-uile càil a tha aig Alba ri thabhann. Bho sgeulachdan mu dhaoine agus àiteachan àlainn air feadh na dùthcha, tha an clàr làn de phrògraman a tha a’ gealltainn sealladh eadar-mheasgte agus tarraingeach.
“Le rionnagan den tàlant as ainmeil agus iadsan a tha a’ tighinn am bàrr ann an Alba, tha sinn a’ cur fàilte chridheil air an dà chuid luchd-amhairc ùr agus luchd-amhairc a tha a’ tilleadh thugainn a thighinn còmhla ri BBC ALBA gus gabhail ris a’ chultar bheothail againn agus eòlas fhaighinn air ar rionnagan.”
Tha prògram sònraichte Alleluia na Nollaig (24 Dùbhlachd, 11f) air a lìbhrigeadh le Iain MacFhionghain, a’ comharrachadh 100 bliadhna de chraoladh Gàidhlig le leughaidhean, meòrachadh agus laoidhean. Tha seo a’ leantainn Tuath Cheòl (24 Dùbhlachd, 9f) – sreath ùr tasglainn leis an t-seinneadair Ruairidh Gray le prìomh thachartasan bhon t-sreath ainmeil de cheòl dùthchail is Gàidhlig bho na 90an a chaidh a chlàradh aig an Grand Ole Opry; agus Geamannan nan Eilean (23 Dùbhlachd, 7.30f) a bhios a’ toirt sùil air ais air na thachair aig Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean ann an Guernsey am-bliadhna.
Tha Là na Nollaig a’ tabhann dà phrògram shònraichte cùl ri cùl le Bill agus an Spitfire – Bill and the Spitfire (8.30f) a bhios a’ leantainn Bill Innes, aois 90, air an t-slighe aige a’ feuchainn a dhol suas dha na speuran ann an Spitfire; le cuireadh an uair sin aig an luchd-amhairc a thighinn air cùlaibh chùisean le The Hebridean Baker – Bèicear nan Eilean (9f).
Cuideachd air Là na Nollaig, bidh an dràma goirid ùr Cur is Dlùth – Cloe, Warp and Weft (6f) a’ leantainn turas cunnartach aig nighean òg gus aonachd teaghlaich a ruighinn agus àm ri teachd dathach; agus tha Mia, a tha 11 bliadhna a dh’aois, a’ faighinn a miann a bhith a’ marcachd air asal an teaghlaich air tràighean Leòdhais anns an prògram aithriseachd ghoirid, Mia agus Jimmy an t-Asal – Mia and Jimmy the Donkey (6.40f).
An latha às dèidh na Nollaig, bidh Hugh Dan (26 Dùbhlachd, 9f) a’ leantainn fear de na craoladairean spòrs as aithnichte ann an Alba. Tha Ùisdean MacIllinnein, fear de na guthan as aithnichte ann
an craoladh spòrs na h-Alba, a’ crochadh a’ mhaicreafòn aige ris an teine às dèidh dà fhichead bliadhna agus tha am prògram a’ comharrachadh beatha-obrach agus beatha phearsanta Hugh Dan MacIllinnein. Tha Ramsay MacMahon a’ dèanamh gàirdeachas ri gnothaichean Nollaig ann an Vienna ann am Mach à Seo! An Roinn Eòrpa (10f). Bidh Ramsay ag ithe is ag òl na tha ri fhaighinn aig margaidhean na Nollaige agus cafaidhean ionadail fhad ’s a tha e ag ionnsachadh mu sheann thraidiseanan.
Cuideachd, tha rudeigin againn airson an teaghlach air fad le tionndadh ùr Gàidhlig den fhilm ainmeil Creag nam Buthaidean agus na Caraidean Ùra – Puffin Rock and the New Friends (5f) far am bi Oona, Baba is caraidean a’ feuchainn ri ugh a tha a dhìth a thoirt gu sàbhailteachd mus tèid a chall.
A’ coimhead air adhart gu 2024 le fòcas làidir air ceòl, tha Peat & Diesel a’ toirt cuireadh do luchd-amhairc a thighinn còmhla riutha air chuairt thairis air dà phrògram làn ceòl is fealla-dhà (28 Dùbhlachd agus 1 Faoilleach aig 9f); fhad ‘s a tha Fuaim na Fèise – Scotland’s Festivals (30 Dùbhlachd, 9f), a’ toirt sùil chianail air eachdraidh 50 bliadhna fèisean ciùil na h-Alba. A’ sgrùdadh cuid de na tachartasan as fheàrr ann an 2023, bidh an neach-ciùil Iain “Spanish” MacAoidh a’ coinneachadh ris an luchd-ciùil, an luchd-eagrachaidh agus an luchd-leantainn gus faighinn a-mach dè dha-rìribh a tha a’ cur ri blas is faireachdainn fèisean an latha an-diugh.
Thèid fàilte a chur air a’ Bhliadhn’ Ùr le Cèilidh na Bliadhn’ Ùire (31 Dùbhlachd, bho 11.30f), le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach a’ cumail a’ chèilidh a’ dol beò à Seann Talla Bhaile Ghobhainn le ceòl bho Tide Lines, Glenfinnan Cèilidh Band, Raonaid Nic an Fhùcadair, Mischa Nic a’ Phearsain, Darren MacIlleathain, Fionnlagh Dòmhnallach agus Còisir Binneas, air a stiùireadh le John Joe MacNèill.
Tha am pàrtaidh a’ leantainn gu 2024 leis an t-streath ùr den dràma An Clò Mòr (8 Faoilleach, 9f). Tha an dàrna sreath gu bhith a’ soilleireachadh oidhcheannan a’ gheamhraidh, a’ gealltainn barrachd dràma – agus àrd fhasan – an aghaidh cùl-raon eireachdail nan Eilean Siar.
Tha an ceathramh prògram de Dhruthag na Hearadh – A little drop of Harris (31 Dùbhlachd, 8.30f) a’ tadhal air Taigh-staile na Hearadh agus a’ chiad uisge-beatha aca a’ dol air a’ mhargaid, faisg air ochd bliadhna às dèidh a’ chiad spiorad a bhith air a dhèanamh; agus bidh Ceòl Sìth (31 Dùbhlachd, 9f) a’ leantainn turas inntinneach an neach-ciùil Ingrid NicEanraig tro shaoghal draoidheil nan sìthichean agus beul-aithris na h-Alba. Anns a’ chiad fhear ann an sreath ùr de ochd phrògraman suidhichte ann an dùthaich eireachdail na h-Alba, chithear Ramsay MacMahon còmhla ri ochdnar aoighean airson cuairt agus iad a’ meòrachadh air beatha, gaol, nàdar agus call ann an Rathad Ramsay (gach Disathairne aig 8f bho 6 Faoilleach).
Coimhead air BBC ALBA agus BBC iPLAYER thairis air na saor-làithean, leis a h-uile prògram ri fhaighinn air làrach-lìn BBC ALBA.
Tha Nollaig air tighinn tràth airson FilmG, farpais nam filmichean goirid Gàidhlig, leis an àireamh as motha de dh’iarrtasan bho fhilmeadairean air feadh na h-Alba agus nas fharsainge.
Gu h-iomlan, chaidh 162 film a chuir a-steach thairis air farpaisean 2023, a’ ciallachadh gu bheil an àireamh as motha de thagraidhean ann on chaidh a stèidheachadh ann an 2008.
Tha FilmG ag iarraidh air filmeadairean de gach aois filmichean goirid a chruthachadh sa Ghàidhlig stèidhichte air cuspair eadar-dhealaichte gach bliadhna, ’s e ‘Mo Shealladh’ cuspair na bliadhna-sa. Bidh an fharpais, na bùthan-obrach agus na tachartasan aca a’ brosnachadh leasachadh sgeulaichean Gàidhlig, a’ toirt slighe do fhilmeadairean ùra a dhol a-steach do shaoghal nam meadhanan Gàidhlig.
Thuirt Megan Dale, Manaidsear Pròiseict FilmG:
“’S e seo an dàrna bliadhna a tha Astar air a bhith an sàs ann am FilmG, agus b’ e ar n-amas cothrom a thoirt do dhaoine film goirid Gàidhlig a chruthachadh agus na farpaisean a dhèanamh cho tarraingeach ’s a ghabhas do dhaoine òga. Ag obair còmhla ri eòlaichean gnìomhachais, chuir sinn air dòigh còrr air 50 bùth-obrach FilmG ann an Alba agus nas fhaide air falbh, a’ toirt innealan agus misneachd do choimhearsnachdan agus sgoiltean an sgeulachdan fhèin innse tro na filmichean goirid aca.
Seo an àireamh as motha de bhùthan-obrach a rinn FilmG a-riamh, agus chì thu a’ bhuaidh a th’ aig na bùthan-obrach seo air càileachd agus àireamh thagraidhean FilmG. Bidh tòrr de luchd-ainmichte agus buannaichean FilmG a’ dol air adhart gu bhith ag obair gu proifeiseanta taobh a-staigh gnìomhachas film agus TBh, agus mar sin tha e na mhisneachd a bhith faicinn a leithid de mhiann airson sgeulachdan Gàidhlig. Tha coltas gu math soilleir air àm ri teachd nam meadhanan Gàidhlig.”
Thuirt Alison Dhòmhnallach, Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean:
“Meal an naidheachd air a h-uile filmeadair a chuir iarrtas a-steach airson FilmG am-bliadhna. Tha an ìre fìor àrd agus tha e math tagraidhean fhaicinn bho air feadh na h-Alba. Tha sinn cuideachd air tagraidhean fhaighinn bho Eilean Mhanainn agus Canada, a’ sealltainn gu bheil barrachd ùidh eadar-nàiseanta agus a’ daingneachadh ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig thall thairis. Gun teagamh, ’s e cuirm dhuaisean FilmG16 an tè as motha gu ruige seo agus chan urrainn dhuinn feitheamh gus tàlant nam meadhanan Gàidhlig a chomharrachadh còmhla ri caraidean agus co-obraichean sa Ghearran 2024.”
Tha sgioba FilmG a’ dol tro na tagraidhean mus bi iad rim faicinn air làrach-lìn FilmG nas fhaide air a’ mhìos. Taghaidh pannal de bhritheamhan neo-eisimeileach an uair sin na geàrr-liostaichean de luchd-ainmichte san Fhaoilleach 2024, le buannaichean gan ainmeachadh aig duaisean FilmG ann an Glaschu air Dihaoine, 23 Gearran 2024.
Tha an nobhail aig Catrìona Carswell a’ toirt iomradh air beatha boireannach òg a chaidh a togail le teaghlach cruaidh, Clèireil ann an Glaschu ann an Sàr Sgeòil – Open the Door.
Tha am prògram aithriseach, a tha air a riochdachadh le Caledonia TV, a’ coimhead air a’ phrìomh charactar Joanna Bannerman, a rugadh aig àm luachan Bhictòrianach is Èideardach, ach aig àm a bha làn chothroman.
’S e tè ealanta, dòchasail agus dìoghrasach a bh’ innte, ’s i a’ briseadh air falbh bho luachan meadhan-chlas nan Clèireich gus gaol is riarachaidh a leantainn.
Ach, cha ann dìreach le Joanna Bannerman a tha an sgeulachd seo, buinidh e cuideachd ri Catrìona Carswell, a chleachd an nobhail 1920 gus miann boireann a sgrùdadh – cuspair taboo aig an àm, gu sònraichte dha sgrìobhadair boireann.
Rugadh Catrìona NicPhàrlain ann an Glaschu ann an 1879, nighean aig dithis Chlèireach dhiadhaidh, a choinnich aig coinneamh soisgeulach. Bha Seòras MacPhàrlain, a h-athair, na mharsanta beairteach agus thàinig e gu bhith na Chomhairliche baile, agus bha e fhèin agus a bhean Màiri Anna nam prìomh luchd-taic den eaglais.
Anns an nobhail aice, tha Joanna (an ‘alter-ego’ aig Catrìona,) a tha ag ionnsachadh aig an Sgoil Ealain, làn tàlant agus aislingean a bhith a’ cosnadh a beòshlaint ann an Lunnainn. Tha raoin farsaing de charaidean aice, agus b’ e aon dhiubh an sgrìobhadair D.H Lawrence.
Anns a’ phrògram, bhruidhinn Cathy ri Gerry Carruthers, Àrd-Ollamh Beurla aig Oilthigh Ghlaschu.
“Is e àm ùr a tha seo airson nam fìrinn,” thuirt e.
Cathy agus Gerard Carruthers le lethbhreac den nobhail
“Is e àm ùr aon-seaghach a th’ ann. Chan ann ann an dòigh prurient, ach ann an dòigh gu bheil daoine airson tòiseachadh a’ gabhail a-steach an dà chuid; gu saidhgeòlach agus don bhodhaig agus don inntinn.”
Ghluais Catriona a Lunnainn mu dheireadh thall, far an do chuir i taic rithe fhèin mar neach-naidheachd agus phòs i Dòmhnall Carswell, a bha air a bhith measail oirre bho fada air falbh airson ùine mhòr.
Gu math coltach ri Catrìona, lean am prìomh charactar Joanna a miann ann an Lunnainn, a’ cleachdadh a tàlant ealanta. Bha a beatha, mar an neach-cruthachaidh aice, air a bhith gu math eadar-dhealaichte bhon fhear aig boireannach òg meadhan-chlas a rugadh aig deireadh an 19mh linn.
Bha eòlas deatamach aig Catherine Carswell mu bheatha boireannaich aig an àm. Tha an nobhail aice, Open the Door a’ toirt sealladh iongantach air an t-saoghal eadar-dhealaichte sin, agus tha Cathy NicDhòmhnaill ag innse na sgeulachd ann an Sàr Sgeòil – Open the Door.
Thèid Sàr Sgeòil – Open the Door a shealltainn air BBC ALBA Dimàirt 19 Sultain aig 9f. Bidh e ri fhaighinn air BBC iPlayer airson 30 latha às dèidh sin.