MG ALBA agus Bòrd Na Gàidhlig ann an co-bhoinn le Sgoil Shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh aig Sgoil Ealain Ghlaschu a’ tabhann Sgoilearachd “LearnGaelic”
Tha MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig air a thighinn còmhla le Sgoil Ion-shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh (SimVis) aig Sgoil Ealain Ghlaschu gus Sgoilearachd ùr “LearnGaelic” a thairgse, chaidh fhoillseachadh an-diugh, Dimàirt 4 Iuchar 2017. Tha an sgoilearachd seo ga cur air adhart mar phàirt de dhealas ùr a bhith a’ leasachadh ghoireasan eadar-ghnìomhach airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus cuirear taic ri neach ionnsachaidh na Gàidhlig gus àite a ghlèidheadh air ceum MSc ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd aig SimVis a’ tòiseachadh bhon t-Sultain 2017.
‘S e gnìomhachas mòr agus fàsmhor a tha ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd, agus bheir an ceum MSc seo na sgilean do dh’oileanaich a bhith nam prìomh nuadhasairean ann an roinn a tha brosnachail agus a tha a’ sìor leasachadh. Mar phàirt den phrògram, bidh na h-oileanaich a tha soirbheachail a’ leasachadh ghèamaichean agus nithean mas-fhìorachd eile gus taic a chur ri ionnsachadh na Gàidhlig.
Thuirt Daniel Livingstone, Ceannard Phrògraman Iar-cheumnach aig Sgoil Ion-shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh: “Tha Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd a-nis nam margaidhean cruinneil le luach nan ioma-billean, chan ann a-mhàin airson dibhearsain ach le buaidh agus comas air leth ann an ionnsachadh agus trèanadh, a’ ceangal dhaoine air feadh an t-saoghail agus ann an coimhearsnachdan iomallach. Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ co-obrachadh le MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig gus an cothrom seo a thabhann gus am bi cothrom aig oileanach Gàidhlig cuideachd ionnsachadh ciamar a thèid leasachadh a dhèanamh air aplacaidean ùra, bogaidh ann am mas-fhìorachd agus fìorachd-mheudaichte a chuireas taic ri luchd ionnsachaidh na Gàidhlig.”
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Chan e a-mhàin gu bheil miann mòr aig MG ALBA ann a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig thar ùrlaran mheadhain traidiseanta leithid rèidio agus Tbh ach thathas daingeann gus dèanamh cinnteach gu bheil àite aig a’ Ghàidhlig ann a bhith a’ leasachadh chruthan ùra de na meadhanan cruthachail anns an 21mh linn. Tha sinn gu mòr air bhioran a bhith a’ cur taic ris an sgeama sgoilearachd a bheir cothrom do neach a tha dealasach mun Ghàidhlig agus mu mhas-fhìorachd an cuid dùil a thaobh foghlam agus dreuchd a mheudachadh taobh a-staigh na roinne air leth cudromach seo. Tha sinn cuideachd toilichte gum faigh ùrlar LearnGaelic buannachd às an eòlas a thogas an neach a bhios soirbheachail. ‘S e gnìomhachas cruinneil a tha ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd agus bu mhath leinn dèanamh cinnteach gum bi pàirt aig a’ Ghàidhlig ann mar chànan beothail.”
Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig agus a bhith a’ misneachadh dhaoine a bhith ga h-ionnsachadh agus ga cleachdadh aig cridhe obair Bòrd na Gàidhlig agus sinn daonnan a’ strì gus na dòighean ùra sin a choileanadh. Tha ùidh againn ann a bhith a’ faighinn barrachd a-mach mu ciamar as urrainn do theicneòlas ghèamaichean agus mas-fhìorachd a bhith feumail gus taic a chur gu ionnsachadh agus cleachdadh agus tha sinn cho toilichte a bhith nar com-pàirtiche ann an sgeama a bhios ag àraich ghoireasan ùra, didseatach airson Gàidhlig. ’S e cothrom sònraichte a tha seo airson cuideigin an cuid sgilean ann an teicneòlas gheamaichean agus ann an Gàidhlig a leasachadh is cothrom ann gun cuirear gu h-ùr-ghnàthachail ri mar a tha daoine ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt fa-near don Ghàidhlig san 21mh linn”.
Tha cùrsa MSc ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd a’ tabhann do dh’oileanaich sgilean gluasadach airson a bhith a’ dealbhachadh, a’ leasachadh agus a’ sgrùdadh ghèamaichean agus choltachaidhean airson diofar raointean cur-an-gnìomh agus airson rannsachadh eadar-roinneil a dhèanamh air aplacaidean teicneòlais gheamaichean, gu h-àraid ann an cùram-slàinte, foghlam agus trèanadh.
Thèid sgoilearachd LearnGaelic a thabhann do aon neach a tha a’ fuireach san Rìoghachd Aonaichte no san Aonadh Eòrpach, a tha gu gnìomhach an sàs ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig Albannach, no aig a bheil fìor ùidh is miann, agus a thèid an sàs sa phrògram MSc san t-Sultain 2017. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 4 Lùnastal 2017.
Airson an tuilleadh fiosrachaidh air Maighstireachd ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd agus ciamar a thèid tagradh a chur a-steach airson sgoilearachd LearnGaelic, tadhail air: http://www.gsa.ac.uk/learngaelic
MSc ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd: http://www.gsa.ac.uk/seriousgames
Airson tuilleadh fiosrachaidh bho GSA: Lesley Booth; 0779 941 4474; press@gsa.ac.uk; @GSofAMedia
Airson tuilleadh fiosrachaidh bho MG ALBA: Viktoria Marker; 0141 422 6582; viktoria.marker@mgalba.com
Airson tuilleadh fiosrachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig: Murchadh Moireasdan; 01463 225 454 / 07983 445158; murchadh@gaidhlig.scot
SPFL A’ FOILLSEACHADH CÙMHNANT CRAOLAIDH ÙR AGUS LEASAICHTE LE BBC ALBA
-Geamannan bho Phremiership Ladbrokes, Championship, Lìog 1 agus Lìog 2 a thuilleadh air Cupa IRN-BRU air an sealltainn air BBC ALBA airson trì sèasanan eile-
Bidh cothrom aig luchd-leantainn bho air feadh na dùthcha ball-coise Albannach a choimhead beò agus ‘mar beò’ le geamannan bhon SPFL air BBC ALBA airson nan ath trì shèasanan an dèidh aonta ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Bha am Ministear airson Slàinte Phoblach agus Spòrs Aileen Chaimbeul BPA an cuide ri Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt, Ceannard an SPFL, Neil Doncaster agus Cathraiche Ross County, Roy MacGregor aig Pàirc Hampden gus an cùmhnant ùr a chuir air bhog.
Craolaidh an t-seanail Ghàidhlig telebhisein an dà chuid ball-coise beò agus ‘mar beò’ bho Lìog na h-Alba agus ball-coise Chupa, tro shèasanan 2017/18, 2018/19 agus 2019/20.
Airson gach sèasan, bidh còraichean aig BBC ALBA airson:
Thuirt am Ministear Spòrs Aileen Chaimbeul: “’Tha ball-coise mar gheama nàiseanta na h-Alba agus tha sinn airson nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus a bheil e ri fhaotainn gu nas urrainn de dhaoine. Tha an t-aonta seo le BBC ALBA a’ leantainn an taic air leth a tha am BBC air a thoirt don SPFL a thuilleadh air a’ mhiann gus Gàidhlig a bhrosnachadh.
“Mar neach-leantainn ball-coise, tha fios agam cho cudromach ’s a tha an cothrom a bhith dha fhaicinn air an tbh mura bheil mi air chothrom a dhol chun gheama fhèin agus tha mi a’ coimhead air adhart chun nan ath tri shèasanan de bhall-coise Albannach air BBC ALBA.”
Thuirt Ceannard an SPFL, Neil Doncaster: “’S e cùmhnant air leth a tha seo airson ball-coise Albannach agus naidheachd mhath airson Alba san fharsaingeachd. Tha com-pàirteachas air leth torrach air a bhith aig an SPFL le BBC ALBA gu ruige seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an dàimh sin a leudachadh airson trì sèasanan a bharrachd, a’ dèanamh cinnteach gu bheil comas aig nas urrainn de luchd-leantainn ball-coise Albannach fhaicinn beò air an Tbh.
“Bho thùs tha BBC ALBA air a bhith taiceil airson ar geama agus tha an cùmhnant seo a’ toirt aire de bheachdan gach cuid clubaichean agus luchd-leantainn, gu h-àraidh ann an Championship Ladbrokes. Tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri trì sèasanan soirbheachail eile le BBC ALBA.”
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Tha ball-coise Albannach air a bhith a’ còrdadh gu mòr ri luchd-amhairc bho thòisich an t-seanail a’ craoladh ann an 2008 agus tha sinn air ar dòigh an com-pàirteachas eadar BBC ALBA agus an SPFL a leudachadh chun deicheamh bliadhna agus air adhart.
“Tha am pasgan ùr a’ leantainn le na pìosan as fheàrr bho air feadh nan roinnean agus bho Chupa IRN-BRU agus tha sinn cho toilichte a bhith a’ toirt cothrom do na clubaichean sna roinnean taobh a-muigh na roinnean as aìrde, a tha a’ cur uiread ri ball-coise. Tha sinn dealasach ann a bhith a’ craoladh spòrs Albannach agus tha sinn fìor thoilichte a bhith ag obair le na clubaichean agus an SPFL sna sèasanan ri teachd.”
Cùmhnant ùr ioma-bhliadhna gus cur ri comasan riochdachaidh agus a’ comharrachadh seilbh ann an sgilean cruthachail Gàidhlig
Chaidh aonta a ruighinn air cùmhnant ceithir bliadhna airson riochdachadh dràma air BBC ALBA, chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Maoinichte le MG ALBA – aon de na com-pàirtichean ann am BBC ALBA – tha an cùmhnant ùr le Young Films a’ daingneachadh soirbheas sreath dràma na seanail, Bannan agus a’ comharrachadh seilbh bhrìgheil san t-seanail.
Clàraichte air an Eilean Sgitheanach, agus riochdaichte le Chris Young (The Inbetweeners), tha 23 prògram de Bannan air a bhith air an riochdachadh bho 2014, le còig dhiubh sin gu bhith air an craoladh air BBC ALBA as t-Foghar. Mar thoradh air soirbheas Bannan, tha cùmhnant eadar-nàiseanta air a bhith air a shoidhneadh le DRG, aon de na prìomh chompanaidhean sgaoilidh neo-eisimeileach de phrògraman san t-saoghal.
Tha an cùmhnant ùr, a bhios a’ ruith gu 2021, a’ ciallachadh gum bi co-dhiù 20 prògram air an riochdachadh airson na seanail. Chaidh an naidheachd ainmeachadh ro sgrionadh de Bhannan aig Fèis Film Dhùn Èideann aig an aon àm ’s a chaidh Aithisg Bhliadhnail MG ALBA airson 2016/17 fhoillseachadh.
Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA: “Bha leasachadh dràma na phrìomh chlach-mhìle airson BBC ALBA agus bho chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2014 tha Bannan air còrdadh gu mòr ris an dà chuid ar prìomh luchd-amhairc agus iadsan nach bruidhinn a’ Ghàidhlig.
“Tha sin toilichte cùmhnant ceithir bliadhna le Young Films fhoillseachadh, a bheir cinnt fad-ùine airson leasachadh Bannan. Sna bliadhnaichean a dh’fhalbh tha sinn air grunnan chùmhnantan phasgain a thoirt do riochdairean airson gnèithean eile. A-mach à sin, chunnaic sinn sàbhalaidhean agus co-obrachadh a thug cothrom airson prògraman eile a dhèanamh. Ged a tha riochdachadh dràma gu math nas àirde na cosgais ghnèithean eile, tha MG ALBA cinnteach gun toir planadh fad-ùine airson Bannan na h-aon seòrsa buannachdan agus cuideachd gu bheil an t-seilbh ro-innleachdail seo ann an dràma ga dhèanamh comasach dhuinn bun-stèidh làidir, chruthachail a stèidheachadh a bhios gu maith Gàidhlig air sgrion san t-àm ri teachd, le bhith a’ neartachadh nan sgilean a tha mòr-chudromach ann a bhith ag innse ar sgeulachdan.”
Thuirt Chris Young bho Young Films: “Tha mi cho toilichte gu bheilear a’ dol an sàs sa chùmhnant ceithir bliadhna seo airson Bannan. B’ e mo mhiann bho thùs dràma Gàidhlig soirbheachail fad-ùine a chruthachadh a tha ag obair airson luchd-amhairc Gàidhlig, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Ri linn taic bho MG ALBA, Alba Chruthachail agus Riaghaltas na h-Alba, a thuilleadh air sàr-obair bho sgioba Bannan, tha seo a-nis a’ tachairt ann an da-rìribh.
“Leis a’ chùmhnant ùr seo tha cothrom air leth againn ar sgeulachdan is ar caractaran a leasachadh ann an dòighean inntinneach. Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dhuinn trèanadh a thoirt air adhart air bun-stèidh nas ro-innleachdach, a’ leantainn le ar miann ginealach ùr a chruthachadh de thàlant Albannach agus Gàidhlig ann am film agus telebhisean. Tha sinn an dòchas seo a dhèanamh ann an com-pàirteachas le MG ALBA agus buidhnean eile leithid Leasachadh Sgilean Alba (SDS), Alba Chruthachail, Am BBC agus Sabhal Mòr Ostaig.
A’ foillseachadh Aithisg Bhliadhnail MG ALBA, thuirt a’ Bh-Uas Choineagan gu robh mòran dha na dùbhlain a bha fa chomhair BBC ALBA fhathast ann an dèidh pròiseas ùrachaidh a’ Chairt Rìoghail agus gu robh MG ALBA fhathast a’ cur an argamaid airson barrachd susbaint ùr.
Lean Magaidh Choineagan air adhart ag ràdh: “Tha a bhith a’ brosnachadh co-riochdachaidhean eadar-nàiseanta bho ar riochdairean na phrìomh amas ro-innleachdail do MG ALBA. Tha seo air ciallachadh obair bhrìgheil le ar riochdairean neo-eisimeileach agus tha sinn a-nis a’ faicinn toradh na h-obrach seo, le £950,000 de luach a bharrachd airson na seanail a’ tighinn mu thràth bho na cùmhnantan fad-ùine mar thoradh air co-obrachadh. Tha Port na shamhla uabhasach math air a seo – sreath ciùil air a lìbhrigeadh le Julie Fowlis a tha air aithne a chosnadh bho luchd-amhairc ann an Alba agus Èirinn. Leis an t-seanail ùr BBC Scotland air fàire, thèid sinn an sàs a dh’fhaicinn dè na cothroman a bheir sin dhuinn.
“Ged a tha sinn daingeann airson dèanamh cinnteach gum bi gach nota airgid a thèid a chaitheamh gu maith luchd-amhairc BBC ALBA, feumar a bhith soilleir gu bheil crìoch air dè dh’fhaodas sinn a choileanadh leis a’ bhuidseat a th’ againn agus gu bheil an tuilleadh seilbh ann am prògramadh deatamach.
Tha Cairt a’ BhBC a-nis air aontachadh airson na h-ath 11 bliadhna agus bha sinn ag iarraidh gun cuireadh am BBC taic ri prògraman ùra a leudachadh gu 10 uairean a thìde gach seachdain. Ged nach eil an gealltanas sin againn, tha sinn misneachail gun tig leasachadh mean air mhean thar nam bliadhnaichean a tha romhainn. Tha am BBC dealasach mu bhith a’ craoladh phrògraman naidheachd aig an deireadh sheachdain air BBC ALBA bho Fhoghar 2018 agus leanaidh sinn oirnn ag obrachadh gu dlùth ris a’ BhBC gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ cur taic maoineachaidh ris an t-seanail.
“Bidh ar n-obair san àm ri teachd gu h-àraidh cudromach ann a bhith a’ tàladh agus a’ cumail ùidh an luchd-amhairc òg, le rannsachadh a’ sealltainn gu bheil BBC ALBA a’ strì an aghaidh ùrlaran didseatach ùra, an t-aon dùbhlan a tha mu choinneamh seanailean eile air feadh na RA. Tha e deatamach gum bi sinn uidheamaichte gus seirbheis a thairgse do ar daoine òga ann an dòigh a tha furasta agus tarraingeach agus bidh sinn a’ toirt air adhart iomairtean ùra gus dèiligeadh ri seo sna mìosan agus sna bliadhnaichean ri teachd.”
Tha co-fharpais nàiseanta nam filmichean Gàidhlig, FilmG, a’ comharrachadh deich bliadhna bhon a chaidh a chur air bhonn agus cuid de na h-ainmean as cliùitiche anns na meadhanan Gàidhlig a’ cur co-fharpais na bliadhna air bhog ann an Ros an Iar.
Bha Fiona NicCoinnich, preasantair BBC ALBA, agus an neach-naidheachd is cluicheadair ball-coise, Calum Fearghasdan an làthair cuide ri sgoilearan às Àrd-sgoil Gheàrrloch an-dè (Diardaoin 22 Ògmhios) airson an deicheamh co-fharpais a chur air chois.
Chaidh FilmG, co-fharpais nam filmichean Gàidhlig aig MG ALBA, a stèidheachadh ann an 2008 airson tàlant ann am film Gàidhlig a neartachadh agus sgrìobhadh sgeulachdan tro fhilm a bhrosnachadh. Tha stòras de chòrr is 650 film goirid Gàidhlig air a bhith ga chruthachadh air-loidhne agus tha daoine òga air a’ cho-fharpais a chleachdadh mar mheadhan air tòiseachadh ann an dreuchd anns na meadhanan Gàidhlig. Am measg nan daoine òga seo tha dithis phreasantairean air prògraman chloinne sa Ghàidhlig, Megan Nicillinnein agus Kerry Anne NicLeòid a choisinn àite air a’ gheàrr-liosta aig ciad chuirm duaisean FilmG airson nan taisbeanaidhean dràma iongantach aca agus a bhios a-nis rim faicinn gu minic air BBC ALBA.
Bidh sgoiltean air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt ann, cho math ris na cleasaichean fa leth a shoirbhich, agus tha na buannachdan rim faicinn fad is farsaing. Chaidh co-fharpais na bliadhna fhoillseachadh ann an Àrd-sgoil Gheàrrloch air sgàth ‘s mar a shoirbhich leotha fhèin an-uiridh nuair a choisinn iad dòrlach dhuaisean a leithid ‘Film Goirid As Fheàrr’, ‘Sgriobt As Fheàrr’ agus ‘Dealbh-beò As Fheàrr’.
Thuirt an tidsear Gàidhlig Iain Cuimeanach:
“Tha feasgar air leth math air a bhith againn an seo an Geàrrloch, agus tha an sgoil gu lèir agus muinntir na coimhearsnachd air a bhith an seo aig an fhoillseachadh agus a’ comharrachadh nan sàr fhilmichean le sgoilearan Àrd-sgoil Gheàrrloch. Tha sinn air an t-uabhas a thaobh ciamar a nithear fhilmichean ionnsachadh thar nam bliadhnaichean agus chunnaic sinn gum b’ fhiach an t-saothair sin leis na choisinn sinn aig FilmG 2017. Tha fadachd oirnn a bhith a’ dol an sàs a-rithist am-bliadhna, agus tha cuid de na sgoilearan air na beachdan-smuain aca a leasachadh cheana agus air tòiseachadh air na sgriobtaichean aca!”
Thòisich FilmG a-rithist am-bliadhna le foillseachadh cuspair na farpais agus trì ìomhaighean/postairean stèidhichte air a’ chuspair a bheir beachd-smuain don luchd-farpais.
‘S e ‘Fìrinn’ cuspair na bliadhna agus dh’fhoillsich Fiona NicCoinnich agus Calum Fearghasdan trì ìomhaighean drùidhteach, agus tè dhiubh sin air a dealbhadh le Lucy Small às Àrd-sgoil a’ Phluic mar phàirt de co-fharpais phostairean airson 10 bliadhna de FilmG a chomharrachadh.
Tha am Manaidsear Pròiseict, Flòraidh Forrest, a tha air a bhith a’ stiùireadh FilmG bhon a chaidh a chur air bhonn, air a dòigh leis mar a tha a’ cho-fharpais air a’ chlach-mhìle chudromach seo a ruighinn:
“‘S e pròiseact fìor inntinneach a tha air a bhith ann am FilmG, dhomh fhèin agus don sgioba thàlantach againn aig Cànan. Anns na deich bliadhna sin tha sinn air leasachaidhean mòra fhaicinn anns na dòighean leis am bithear a’ cruthachadh agus a’ sgaoileadh bhideo agus tha mise fìor thoilichte gu bheil FilmG air a bhith air thoiseach anns na meadhanan Gàidhlig an lùib nan leasachaidhean seo. Bidh FilmG a’ conaltradh le Gaidheil òga agus gam brosnachadh gus an cluinnear an cuid ghuthan is sgeulachdan ann an saoghal an eadar-lìn a tha buailteach a bhith caran trang is faramach. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris na deich bliadhna ri thighinn!”
Tha co-fharpaisean beaga ‘flash’ ann am-bliadhna airson a’ chiad uair, a leigeas leis an luchd-farpais ullachadh airson na farpais agus a cumail air aire an t-sluaigh fad na bliadhna.
Tha a’ cho-fharpais ‘Dealbh-beò an t-Samhraidh’ ann a tha fosgailte do chloinn de gach aois airson dealbh-beò fad mionaid a dhèanamh air cuspair sam bith. Bha Ruairidh Alexander às Àrd-sgoil Gheàrrloch, a bhuannaich duais ‘Dealbh-beò na h-Òigridh’ an-uiridh, an làthair airson beagan brosnachaidh a thoirt do chloinn eile a dhol an sàs san fharpais.
Thuirt Ruairidh:
“Thòisich mi air dealbhan-beò a dhèanamh o chionn bliadhna no dhà, agus bha mi air bhiorain nuair a chuala mi gun robh FilmG ann. Tha FilmG air a bhith glè mhath dhomhsa agus tha e air misneachd a thoirt dhomh airson cumail a’ dol leis. ‘S e seo a’ chiad dhealbh-beò agam le guth air gu ruige seo, agus saoilidh mi nach eil mi ach air tòiseachadh leis an dòigh-obrach seo a-nis!”
Tha a’ cho-fharpais ‘Dealbh-beò an t-Samhraidh’ fosgailte gu 18 Lùnastal agus thèid farpaisean flash eile fhoillseachadh tron bhliadhna. Tha a’ phrìomh cho-fharpais fosgailte gu 8 Dùbhlachd 2017 agus thathar ag iarraidh air an luchd-farpais filmichean Gàidhlig a dhèanamh nach eil nas fhaide na 5 mionaidean. Chithear a h-uile film a chaidh a dhèanamh a-riamh airson FilmG air-loidhne aig www.filmg.co.uk. Ma tha thu fhèin airson film a dhèanamh agus barrachd fios fhaighinn mun cho-fharpais nach cuir thu fios don sgioba aig fios@filmg.co.uk.
Tha MG ALBA, le na companaidhean Solus agus Sorbier, a’ sireadh tàlant cleasachd ùr airson dà dhràma a bhios ag amas air clann agus òigridh.
Bidh Solus Productions a’ tadhal air an Eilean Sgitheanach, Beinn na Faoghla, Glaschu agus Steòrnabhagh eadar 19 agus 24 Ògmhios airson coinneachadh ri òigridh agus iad a’ sireadh dithis ghillean (14-16) airson pàirt a ghabhail ann an dràma aithriseach eadar-nàiseanta air am bheil Clann an Dara Chogaidh, agus a tha air a riochdachadh le LOOKSFilms.
‘S e sreath le dràma a bhios an seo, stèidhichte air litrichean is leabhraichean latha bhon Dàrna Cogadh, agus air a shnìomh le stuth aithriseach agus tasglainn. Thèid an t-sreath a chraoladh air BBC ALBA ann an 2018/2019.
Thuirt riochdaire Solus, Jim Webster: “Tha Solus cho toilichte a bhith an lùib Clann an Dara Chogaidh agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri toraidhean na deuchainn-chluiche. Mura bheil duine air chomas a bhith an làthair, cuiribh fios thugainn air p-d agus faodaidh sinn coimhead ri tagraidhean air-loidhne.”
Tha Sorbier Productions air a bith trang o chionn grunnan sheachdainean a’ sireadh chleasaichean òga – nighean agus gille – airson dràma chloinne a tha mar phàirt de dh’ iomairt eadar-nàiseanta eile tron EBU (European Broadcasting Union), agus a bhios ag amas air clann eadar 6 is 9 bliadhna a dh’aois. Thèid am film Gàidhlig seo a chraoladh tron Roinn Eòrpa agus nas farsainge, agus mar phàirt den iomlaid thèid filmichean chloinne bho iomadh ceàrnaidh den Roinn Eòrpa a chraoladh air BBC ALBA ann an 2018.
A rèir Patsi NicCoinnich bho Sorbier: “’S e rud air leth taitneach a th’ ann a bhith a’ riochdachadh film Gàidhlig do dh’òigridh, fo bhratach Eòrpach, leis an dìleab iongantach a th’ aig na dùthchannan sin ann an dràma. Tha sinn an dùil film a dhèanamh a sheasas a-mach, an Alba agus nas fhaid’ air falbh. Tha sinn gu h-àraid air ar dòigh, a bhith a’ faicinn clann le Gàidhlig bho air feadh na dùthcha a’ gabhail ùidh sa phròiseact, le miann mòr aca a bhith air beulaibh chamara. Tha an t-uabhas tàlant ùr a’ nochdadh.”
Às leth BBC ALBA, thuirt Mairead Chamshron: “’S e naidheachd mhìorbhaileach a tha ann gu bheil dà dhràma ghoirid gu bhith againn agus gu bheil cothroman gu bhith nan cois do chleasaichean òg le Gàidhlig. Tha sinn an dòchas gun tig na cleasaichean sin air adhart agus gun cuidich iad gus cliù dràma Gàidhlig àrdachadh air feadh na Roinn Eòrpa.”
Tha Clann an Dara Chogaidh air a riochdachadh le LOOKSFilms le taic bho Solus Productions. Tha dràma EBU air a riochdachadh le Sorbier Productions.
Bidh barrachd fiosrachaidh mu na deuchainnean rim faighinn aig mail@solusproductions.tv no 0141 353 2502.
COTHROM AIR SGOILEARACHD MG ALBA ANN AN SGRÌOBHADH TBH
Mar phàirt de ro-innleachd MG ALBA trèanadh agus taic a thoirt do sgrìobhadairean Gàidhlig, tha cothrom aig sgrìobhadairean tàlantach Gàidhlig cur a-steach airson sgoilearachd luachmhor MG ALBA ann an Cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu.
’S e an cùrsa MA ann an Sgrìobhadh Ficsean Telebhisean Gàidhlig an aona cùrsa iar-cheumnach dha leithid san RA, a’ toirt seachad nan sgilean sònraichte do sgrìobhadairean gus tòiseachadh fhaighinn ann an dreuchd shoirbheachail ann an sgrìobhadh ficsean telebhisein agus tha MG ALBA a’ toirt taic do aon neach le Gàidhlig a’ chùrsa a dhèanamh. Tha cothrom ann cuideachd an cùrsa a dhèanamh pàirt-ùine thairis air dà bhliadhna.
Tha an cùrsa air a theagasg le measgachadh de sgrìobhadairean sgriobt agus luchd-obrach acadaimigeach, nam measg An t-Ollamh Ann Marie Di Mambro a tha air obrachadh air leithid Eastenders, Casualty agus River City, agus Chris Dolan, ùghdar agus sgrìobhaiche dheilbh-chluich a tha air obrachadh air leithid River City, Taggart agus thug e Inspector Rebus gu BBC Radio 4. Bidh oileanaich a’ chùrsa ag obair gu dian air co-dhiù dà shreath dràma a tha an-dràsta gan craoladh air telebhisean ann am Breatainn, ag ionnsachadh co-obrachadh air slighe sgeulachd agus cnàmhan sgeulachd, sgrìobhadh sgriobtaichean agus obair deasachaidh air na dràmathan.
Bhuannaich Mairead Hamilton an sgoilearachd ann an 2016. Stiùiriche dràma tàlantach, cluinnidh sinn beachdan Mhairead fhèin san bhidio ghoirid seo.
B’ e Seumas Mac a’ Mhaoilein a bhuannaich an sgoilearachd ann an 2015. Tha air a dhol air adhart gu bhith a’ sgrìobhadh airson dràma Gàidhlig BBC ALBA, Bannan, agus tha e air soirbheas a chosnadh cuideachd le comadaidh leth uair a thìde air a choimiseanadh le BBC ALBA a tha an-dràsta ga riochdachadh le Solus Productions.
Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail BBC ALBA: “Tha sinn àrd-amasach ann a bhith a’ leasachadh sgrìobhadh Gàidhlig airson telebhisein agus tha an sgoilearachd seo na phrìomh dhòigh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ leasachadh sgrìobhadairean làidir, cruthachail ann an Gàidhlig. ’S e cothrom air leth a tha seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri tagraidhean fhaighinn.”
Thèid sgoilearachd MG ALBA a thairgse do aon sgoilear, a tha fileanta sa Ghàidhlig, san t-Sultain 2017. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro Dhihaoine 5 Cèitean 2017.
Airson tuilleadh fiosrachaidh air Cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein agus ciamar a chuireas sibh a-steach airson sgoilearachd MG ALBA, tadhalaibh air www.tvfictionwriting.com no lean @MATVGlasgow air Twitter.
NEACH-AITHRIS ÒG IS BUANNAICHE FILMG À ÀIRD NAM MURCHAN A’ DOL AIR CÙL CHÙISEAN AIG GÈAM BEÒ GLASGOW WARRIORS
Tha neach-aithris spòrs gealltanach à Àird nam Murchan air a bhith còmhla ris an sgioba riochdachaidh aig dachaigh Glasgow Warriors an dèidh buannachadh ann am FilmG 2017.
Fhuair Ceit Bradley, 16, cothrom a dhol dhan bhogsa-aithris còmhla ri Hugh Dan MacIllFhinnein agus cluicheadair nan Warriors’ Lee Jones aig a’ ghèam shoirbheachail aca an aghaidh Zebre ann an Scotstoun air Dihaoine (14 Giblean) an dèidh buannachadh na duais airson na h-Aithris Spòrs a b’ Fheàrr aig cuirm FilmG a chaidh a chumail sa Ghearran.
Chaidh faisg air 20 inntrigeadh bho sgoilearan air feadh Alba a chur a-steach airson na roinne seo agus ged a bha deagh bheachd aig na britheamhan, Ailig O’Henley agus Derek ‘Pluto’ Moireach, air àrd inbhe nan inntrigidhean uile b’ e craoladh misneachail, fiosrachail is nàdarrach Ceit den Cuairt Dheireannach ann an Cupa Valerie Fraser aig An Àird sa Ghearastan a bhuannaich a’ phrìomh dhuais dhi.
B’ e turas a Ghlaschu agus faighinn dhan bhogsa-aithris aig craoladh spòrs beò BBC ALBA an duais a fhuair Ceit airson a h-oidhirpean agus ged a roghnaich an sgoilear AS5 camanachd nam ban a chraoladh na h-inntrigeadh gu FilmG, bha i, na neach-leantainn dealasach rugbaidh, air leth toilichte a bhith an làthair aig a’ ghèam an aghaidh a’ chlub Eadailteach, Zebre.
Thug na Warriors dùbhlan dha Hugh Dan agus dhan sgrùdaire chluicheadair Lee Jones le cluich ghnìomhach sgileil far an do rinn iad a’ chùis air na h-Eadailtich 45 gu 10. Dh’adhbhraich seo faireachdainn mìorbhaileach ann an Scotstoun agus sluagh a bha air bhoil.
Dha Ceit, bha an oidhche na b’ fheàrr buileach na bha i a’ sùileachadh a bhiodh e agus chòrd e cho mòr rithe a bhith a’ faicinn nam proifeiseantaich ag obair; bho obraichean-chamara, gun neach-aithris timcheallain, am prìomh neach-aithris agus an còrr den sgioba. B’ e cothrom mìorbhaileach a bh’ ann an leth mu dheireadh fhaicinn bhon steillean, còmhla ri luchd-leantainn FilmG air Snapchat, agus criomagan eile bhon latha. An dèidh làimh thuirt Ceit:
“Chòrd an gèam cho mòr rium, bha a’ phàirc air bhoil. Bha e cho iongantach an sgioba riochdachaidh air fad fhaicinn ag obair – cha robh mi air tuigsinn roimhe na tha de dh’obair co-cheangailte ri craoladh beò spòrs. B’ e an rud a b’ fheàrr a chòrd rium fhìn a bhith a’ faicinn mar a bhathas a’ tarraing a h-uile càil còmhla – bho na h-ullachaidhean cùramach ro làimh gu bhith a’ coimhead a’ gheama ga chraoladh air TBh. Bha e air leth drùidhteach – agus bha an toradh na fhìor bhuannachd!”
B’ i Margot McCuaig bho mneTV a bha a’ stiùireadh a’ chraolaidh air an latha sin, agus ghabh i deagh bheachd air dealas Ceit is i a’ brosnachadh càch gus feuchainn air an fharpais ann an 2018.
Thuirt Margot: “Bha e math coinneachadh ri Ceit agus tha mi an dòchas gun lean i oirre a’ gabhail ùidh cho mòr ann an aithris. ’S fhiach sùil a chumail oirre. Co aig tha fios, ‘s dòcha gum bi sinn ag obair còmhla fhathast! Bhrosnaichinn neach sam bith le ùidh ann an cluich no coimhead spòrs feuchainn air an fharpais am-bliadhna agus ’s dòcha gun tig cothroman ùra a-mach às.”
Bu chòir dha luchd-aithris is filmeadairean gealltanach sùil gheur a chumail air sianalan sòisealta meadhanan FilmG agus air filmg.co.uk airson fiosrachadh mu na leasachaidhean ùra fhad ’s a tha an sgioba ag ullachadh airson na 10mh farpais FilmG a chur air bhog.
MG ALBA A’ CUR SEILBH SNA GNÌOMHACHASAN CRUTHACHAIL LE PRÌOMH CHÙMHNANTAN RIOCHDACHAIDH FAD-ÙINE
Dh’fhoillsich MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, an-diugh prìomh chùmhnantan riochdachaidh a lìbhrigeas raoin farsaing de phrògraman airson na seanail airson nan ceithir bliadhna air thoiseach.
Lìbhrigidh seachd companaidh riochdachaidh susbaint airson na seanail, leithid dibhearsain, ceòl, prògraman chloinne, prògraman aithriseach agus spòrs.
Tha na cùmhnantan air a dhol gu companaidhean suidhichte air feadh Alba, ann an Steòrnabhagh, Obair Dheathain agus Glaschu – seilbheach cudromach a bharrachd ann an gnìomhachasan cruthachail na h-Alba.
Chaidh cinn-aonta trì bliadhna air riochdachadh spòrs a ruighinn le Nemeton Scotland Ltd, companaidh ùr a chaidh a stèidheachadh le Nemeton TV, companaidh riochdachaidh Èireannach air a bheil meas mòr. Tha Nemeton TV air a bhith a’ lìbhrigeadh spòrs chun a’ chraoladair Èireannach TG4 bho 1996, a thuilleadh air RTÉ, TV3 agus Setanta Sports. A thuilleadh air riochdachadh spòrs, bidh Nemeton TV cuideachd a’ riochdachadh prògraman fìrinneach ann an Èirinn, nam measg prògraman aithriseach, slàinte agus prògraman dibhearsain. Bidh an fho-chompanaidh aige a’ fastadh dhaoine a bha a-cheana ag obair aig a’ chompanaidh a bha a’ lìbhrigeadh phrògraman spòrs ajr BBC ALBA, mneTV.
Tha aontaidhean cuideachd air an ruighinn ann am prionnsabal le na companaidhean a leanas:
Tha modail-obrach ceithir bliadhna nan companaidh seo ga dhèanamh comasach solarachadh tèarainteachd a thoirt don t-seanail, fhad ’s aig an aon àm a’ cruthachadh bun-stèidh sheasmhach airson fàs nan companaidh, a’ gabhail a-steach a bhith a’ co-riochdachadh le dùthchannan eile agus a’ reic nam prògraman gu h-eadar-nàiseanta.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha na co-dhùnaidhean seo a’ cur an cèill bunaitean airson leasachadh BBC ALBA san àm ri teachd. Tha ar co-dhùnadh a bhith ag obair le Nemeton Scotland Ltd a’ tairgse cothrom a bhith a’ cruthachadh co-bhanntachd brosnaichte, ùr eadar-nàiseanta. Feumaidh prògraman BBC ALBA a bhith aig àrd ìre a thaobh sònrachais agus tha an càirdeas-obrach ùr seo airson spòrs a’ cruthachadh tòrr chothroman agus a’ cruthachadh an tuilleadh co-obrachadh le Èirinn.
“Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ neartachadh ar dàimhean-obrach le na gnìomhachasan cruthachail agus bidh seo air leth cudromach fhad ’s a tha sinn a’ feuchainn ris an tuilleadh ghoireasan a dhìon a cheadaicheas dhuinn an tuilleadh phrògraman ùra a riochdachadh airson na seanail, rud a tha riatanach airson soirbheas san àm ri teachd.”
Thuirt John Swinney, Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, aig a bheil dleastanas airson Gàidhlig fon chùram-roinne aige airson Foghlaim: “‘Tha an dòigh sa bheil MG ALBA ag obair le roinn riochdachaidh Tbh neo-eisimeileach na h-Alba a’ còrdadh rium gu mòr agus tha e sònraichte math fàilte a chuir air seachd cùmhnantan ùra le companaidhean Albannach.
“Ni na h-aontaidhean seo cinnteach, chan e a-mhàin gum bi prògraman aig àrd ìre air BBC ALBA, ach gum bi buannachdan eaconamach agus obrach ann airson gnìomhachasan cruthachail na h-Alba, craoladh agus Gàidhlig.
“Tha mi airson MG ALBA a mholadh airson nan dòighean-obrach ionmholta aca, meal a naidheachd a chuir air na companaidhean neo-eisimeileach a ghlèidh na cùmhnantan agus a’ coimhead air adhart ri soirbheas leantainneach BBC ALBA”.
Thuirt Irial Mac Murchú, Ceannard Nemeton TV: “Tha sinn cho toilichte gun do ghlèidh sinn an cùmhnant seo. Tha a bhith a’ riochdachadh spòrs airson BBC ALBA ann an Alba na chothrom ris a bheil sinn a’ coimhead air adhart gu mòr. Tha an càirdeas ùr seo a’ neartachadh tòrr de na meuran cruthachail a tha eadar Èireann agus Alba – cànan, spòrs agus telebhisean. Ged is e cùmhnant eadar-nàiseanta a th’ ann tha e a’ faireachdainn gu mhath ionadail a bhith a’ co-obrachadh le ar com-pàirtichean Ceilteach. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair le MG ALBA agus BBC ALBA ann a bhith a’ leasachadh nan cothroman a th’ air thoiseach”.
PREANTASACHD NAM MEADHANAN GÀIDHLIG FOSGAILTE AIRSON THAGRAIDHEAN
Tha tagraidhean a-nis gan gabhail bho phroifeiseantaich le miann a bhith ag obair sna meadhanan airson na h-ath Preantasachd Gàidhlig aig a’ BhBC.
Tha an com-pàirteachas, air a ruith le BBC Scotland agus Colaiste Kelvin Ghlaschu, a’ faighinn taic bho MG ALBA. Le cùrsa 2017/18, seo an dàrna uair a chaidh preantasachd Gàidhlig a thairgse taobh ri taobh le preantasachd BBC Scotland, a tha a-nis dha ruith airson an t-seachdamh uair.
Gheibh an neach soirbheachail taic bho MG ALBA le cothrom obrachadh thar ùrlaran Gàidhlig leithid BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal.
San obair seo, gheibh an neach eòlas air feadh iomadh roinn a bhios a’ lìbhrigeadh stuthan don t-seanail, nam measg prògraman chloinne, a’ trusadh naidheachdan, stuthan aithriseach agus spòrs.
Le 50% de thoradh dèanamh phrògraman bhon roinn neo-eisimeileach ann an Alba a’ dol gu ruige BBC ALBA, bidh cothrom aig a’ phreantas ùine a chur seachad le cuid de luchd-solair neo-eisimeileach na seanail.
A thuilleadh air a bhith a’ cur ri bun sgilean agus leasachadh pearsanta, bidh na preantasan a’ cur seachad dà là sa mhìos ann an Colaiste Kelvin Ghlaschu, ag ionnsachadh tòrr de na sgilean teicnigeach agus obrach a bhios gu feum ann an gnìomhachas nam meadhanan craolaidh.
Bidh cothrom aig a’ phresantachd ùine a chur seachad aig Ionad nam Meadhanan Cruthachail ann an Steòrnabhagh – dachaigh MG ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal.
Tha Calum MacFhearghais na chiad fhear a-riamh air sgeama preantasachd Gàidhlig a’ BhBC. Tha e air an t-uamhas eòlais fhaighinn, le greisean-gnìomhachais le prìomh chompanaidhean neo-eisimeilich leithid Bees Nees Media, a thuilleadh air ùine a chuir seachad ann an diofar roinnean taobh a-staigh a’ BhBC. San ùine ghoirid ri teachd, tha greisean-gnìomhachais aige còmhla ri BBC Sport agus Sky Sports.
Thuirt Calum: “Tha sgeama preantasachd Gàidhlig a’ BhBC air còrdadh ruim gu mòr. Tha mi air uiread de chothroman fhaighinn ann an ùine ghoirid agus tha mi a’ coimhead air adhart ris a’ chòrr den sgeama. Tha am preasantachd na chothrom shònraichte airson daoine òga le Gàidhlig agus cha b’ urrainn dhomh moladh gu leòr a dhèanamh air.”
A thilleadh air a’ phresantachd Gàidhlig, tha 10 preasantachdan rim faighinn aig BBC Scotland agus ron t-Sultain am-bliadhna, bidh 61 neach òg air a dhol tron phreantasachd bhrosnachail seo thar nan sia sgeamaichean a bh’ ann cheana. Tha an sgeama air stèidh a thoirt airson cùrsa-beatha ann an riochdachadh Tbh agus naidheachdas, le cuid de na h-oileanaich a bh’ air sgeamaichean a cheana a’ dol air adhart gus ceum fhaighinn ann am foghlam àrd-ìre, le cuid eile a’ gluasad gu obraichean aig a’ BhBC no buidhnean meadhanan eile.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Seo an dàrna bliadhna a tha sinn a’ taiceachadh preantasachd Gàidhlig taobh a-staigh sgeama Preantasachd a’ BhBC agus tha sinn air leth toilichte a-rithist a bhith dha dhèanamh comasach trèanadh a thoirt don ath ghinealach de phroifeiseantaich nam meadhanan.
“Tha an sgeama seo air a bhith na shàr shlighe do dhaoine òga a-steach don roinn craolaidh agus ro dheireadh a’ sgeama, bidh an neach soirbheachail air sgilean air leth feumail ionnsachadh thar roinnean.”
Airson cur a-steach airson an sgeama, tadhail air http://www.bbc.co.uk/careers. ’S e Dimàirt 18 Giblean 2017 an ceann-là dùnaidh airson thagraidhean.
BRISEADH NA CLOICHE
Bidh a’ chiad sealladh de fhilm ùr goirid ann an Gàidhlig, Briseadh na Cloiche (The Breaking of the Stone), a’ gabhail àite aig Fèis Fhilmichean Goirid Ghlaschu nas fhaide air adhart air a’ mhìos seo.
Air a chlàradh ann an Taigh-cluiche Webster ann an Glaschu, far an deach an dealbh-chluich a chur air àrd-ùrlar mar phàirt de Fhèis Taobh an Iar Ghlaschu an-uiridh, tha an riochdachadh seo a’ nochdadh Iain MacRath agus Màiri Mhoireasdan le ceòl bho Alex Neilson. Bidh e air a thaisbeanadh le fo-thiotalan ann am Beurla ann an Taigh-dhealbh an CCA ann an Glaschu air 17 Màrt.
Tha Briseadh na Cloiche air a mheas fad’ is farsaing mar aon de na sgeulachdan goirid as grinne aig an sgrìobhaiche Iain Moireach, agus stèidhichte aig teis-meadhan litreachais co-aimsireil Gàidhlig. Air atharrachadh airson àrd-ùrlar agus sgrion leis a’ chleasaiche Iain MacRath, agus air a stiùireadh ’s air fhilmeadh le Donnchadh Dòmhnallach, tha an riochdachadh a’ leantainn slighe adhartais suirghe a ghabh àite às dèidh a’ chogaidh gu crìch a bha air leth duilich.
Tha an coimeasgadh spionnmhor seo de dhràma, dannsa agus mìm a’ faotainn taic làidir bho cheòl faramach eadar-obrachail a bha fìor thogarrach bho Neilson.
Chaidh am pròiseact film is thèatar seo a choimiseanadh leis a’ bhuidheann ealain Ghàidhlig, Ceòl ’s Craic, agus a mhaoineachadh le MG ALBA agus Alba Chruthachail.
Thuirt stiùiriche a’ phròiseict, Iseabail Mhoireach: “Tha sgeulachd Iain Mhoireich aithnichte fada is farsaing mar phìos mòr-bhuadhach de litreachas co-aimsireil Gàidhlig agus bha fios againn gum b’ urrainn dhuinn a bhith soirbheachail leis an dealbh-chluich seo a chur an gnìomh air àrd-ùrlar, ach bha sinn a’ faireachdainn cuideachd gun robh comas mòr aige mar phìos de dhràma a ghabhadh fhilmeadh.
“Mar sin is e ar n-amas an seo, film thùsail Gàidhlig a thaisbeanadh do luchd-èisteachd dìleas ealain agus tòiseachadh a’ dèiligeadh le dìth fhilmichean taigh-dhealbh ann an Gàidhlig. Tha an taic bho MG ALBA agus Alba Chruthachail air sin a choileanadh dhuinn.”
Tha dràma air a mheas mar phrìomh eileamaid ann an aiseirigh na Gàidhlig agus a’ faotainn taic làidir bhuapasan a tha ga fhaicinn mar chruth ealain a tha a’ cur a’ chànain aig fhìor thoiseach. Tha Briseadh na Cloiche a’ tarraing nan eileamaidean as fheàrr ann an litreachas, dràma agus film Gàidhlig còmhla ann am pasgan a tha beag ach glè èifeachdach.
Thuirt Brian Ó hEadhra, Oifigear Ealain agus Cultur Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig, “Tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn na h-obrach cho-aimsireil Ghàidhlig seo ga leasachadh bho Fhèis Taobh Siar Ghlaschu 2016 gu Fèis Fhilmichean Goirid Ghlaschu na bliadhna seo agus mu deireadh gu BBC ALBA san àm ri teachd. Tha an obair chumhachdach seo a’ dearbhadh gu bheil dràma na Gàidhlig a’ fàs agus a’ lorg luchd-èisteachd ùra tro thaisbeanaidhean air àrd-ùrlair agus sgrion. ’S e seo aon de ghrunn phròiseactan dràma a tha a’ tighinn am bàrr an-dràsta agus tha sinn a’ gabhail fiughar ri tuilleadh den leithid fhaicinn sna bliadhnaichean ri thighinn.”
Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail BBC ALBA: “Tha Briseadh na Cloiche a’ cur ri iomadach dràma a tha ri fhaotainn ann an Gàidhlig, agus tha mi air leth toilichte gum bi e ri fhaicinn air BBC ALBA san àm ri teachd. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas don fhilm aig Fèis Fhilmichean Goirid Ghlaschu, tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh fhaicinn ann am prògram GSFF”.
Thèid Briseadh na Cloiche (20 mion) a sgrionadh le fo-thiotalan Beurla air 17 Màrt aig 9f ann an taigh-dhealbh an CCA ann an Glaschu. Air a sgrionadh roimhe, bidh Away with the Land (13 mion), aithriseach mhac-meanmhainneach le Joya Berrow mu bheatha a’ chroiteir, Dòmhnall Iain MacAonghais, às Na Hearadh. Bidh sin air a leantainn le seisean Ceist is Freagairt còmhla ri Iain MacRath, Màiri Mhoiresadan agus Donnchadh Dòmhnallach fo stiùir a’ chraoladair Ghàidhlig, Derek MacAoidh. Thathar a’ toirt cuireadh do dh’aoighean gu deoch no dhà aig 8f.
Bidh Briseadh na Cloiche air a chraoladh air BBC ALBA nas fhaide air adhart sa bhliadhna an dèidh dha na coileanaidhean eile dheth a bhith seachad.