MG ALBA A’ BROSNACHADH PROIFEISEANTAICH AN AMA RI TEACHD
Tha MG ALBA a’ tabhann taic do phroifeiseantaich an ama ri teachd a bhith an làthair còmhla riutha aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2018 ann an Llanelli, A’ Chuimrigh, bho 2mh – 4mh den Chèitean.
Tha bursaraidhean ann airson triùir eadar 18 agus 30 bliadhna a dh’aois a tha airson dreuchdan a leantainn sna meadhanan Gàidhlig no a tha mu thràth ag obair air an cinn fhèin no airson companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach a bhios a’ riochdachadh phrògraman airson BBC ALBA.
Thèid cosgaisean siubhail, àite-fuirich agus clàradh aig an triùir a phàigheadh.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd MG ALBA: “’S e an Fhèis Cheilteach aon de na prìomh thachartasan a th’ ann, chan ann a-mhàin airson lìonrachadh ach cuideachd airson tuigse fhaighinn air dè tha a’ toirt buaidh air ciamar a tha an luchd-amhairc a’ coimhead agus a’ cleachdadh nam meadhanan. Tha sgeama bursaraidh MG ALBA air a bhith uabhasach soirbheachail, agus tha seo na theisteanas don ùidh a th’ aig òigridh thàlantach a tha airson dreuchd a leantainn anns na meadhanan Gàidhlig, gus feum a dhèanamh dhen a h-uile cothrom a tha ri fhaighinn.
“Tha sinn ag amas air a bhith a’ cur taic agus a’ bhith a’ brosnachadh an ath ghinealach de phroifeiseantaich sna meadhanan Gàidhlig, agus bheir cothroman leithid seo tuigse agus deagh bheachd dhaibh air a’ ghnìomhachas, agus a thuilleadh air sealltainn dhaibh cho cudromach ’s a tha sealladh eadar-nàiseanta airson riochdachadh dùthchasail agus prògraman seanail.”
Am measg nan tagraidhean soirbheachail bhon uiridh, bha am preasantair Calum MacIlleathain, a tha ag radh gur e “fìor deagh chothrom a th’anns an sgeama, gu h-àraidh airson coinneachadh ri daoine a tha ag obair anns a’ ghnìomhachas gu làitheil, airson do bheachdan a chuir thuca agus cuideachd airson tuilleadh cothroman-obrach fhosgladh dhut fhèin.”
Tha MG ALBA a’ sireadh bhidio goirid ann an Gàidhlig, suas gu 4 mionaidean a dh’fhaid, a thèid leis an tagradh, gus cothrom a thoirt do gach neach-tagraidh an tàlant, cruthachalachd agus sgilean a thaisbeanadh, a bharrachd air a bhith a’ mìneachadh na h-adhbharan aca airson a bhith a’ frithealadh na fèise.
Tha MG ALBA a’ tabhann cosgaisean siubhail, àite-fuirich agus clàradh a phàigheadh. Lean an ceangal seo airson bileag-iarrtais agus bu chòir duine le ùidh, post-dealain a chur gu sandra.corbett@mgalba.com airson tuilleadh fiosrachaidh. Feumaidh na h-iarrtasan a bhith aig MG ALBA ro 10f Diluain an 16mh den Ghiblean.
Luach £5m de phrògraman ùra airson BBC ALBA tro cho-riochdaidhean eadar-nàiseanta
• Barrachd phrògraman ùra airson na seanail tro cho-riochdaidhean eadar-nàiseanta
• Prògraman a bharrachd de luach £5m
• Dùil ris an tuilleadh phrògraman de dh’àrd chàileachd nach fhaighear mura biodh na h-aontaidhean seo ann
• Luchd-solair BBC ALBA nam prìomh chom-pàirtichean ann a bhith a’ cruthachadh cheanglaichean eadar-nàiseant
Dh’fhoillsich MG ALBA an-diugh (26 Giblean 2018) gu bheil iad air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ cosnadh stuthan a bharrachd airson BBC ALBA tro aontaidhean ùr-ghnàthach eadar-nàiseanta, air an treòrachadh leis an luchd-solair.
Tha sreath de dh’aontaidhean a’ cruthachadh luach £5.2m de phrògraman àrd chàileachd airson na seanail telebhisein Gàidhlig.
Tha an stuth ùr mar thoradh air grunnan bhliadhnaichean de spàirn agus oidhirp le MG ALBA agus an cuid sholaraichean ann a bhith a’ leasachadh cho-bhanntachdan eadar-nàiseanta stèidhichte air cùmhnantan fad-ùine leis a’ chraoladair. Tha na cùmhnantan a’ cur am follais mar a tha luchd-solair na seanail a’ co-obrachadh le companaidhean riochdachaidh sa Ghearmailt, An Danmhairg, Innis Tìle, An Fhraing, Nirribhidh agus Canada, a thuilleadh air Èirinn agus a’ Chuimrigh, agus airson a’ chiad uair, cothrom air co-bhanntachd Sìneach ann an 2019.
Airson luchd-amhairc BBC ALBA, tha na h-aontaidhean a’ ciallachadh prògraman ùra a bhiodh do-dhèante an dèanamh bho thaobh ionmhais. Airson riochdairean ùr-ghnàthach BBC ALBA, tha e a’ ciallachadh fàs ann an lìonraidhean eadar-nàiseanta, le cothrom an tuilleadh malairt a dhèanamh sna dùthchannan seo, a thuilleadh air na margaidean dùthchail aca fhèin.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA:
“’S e naidheachd chudromach a tha seo. Airson ar luchd-amhairc tha e na chomharra air in-ionmhas susbainteach ann am prògraman BBC ALBA – naidheachd air leth. Tha e a’ sealltainn gu bheil comas aig maoineachadh ann an craoladh Gàidhlig an dà chuid fàs a dhèanamh air an tuilleadh phrògraman airson na seanail agus a bhith na adhbhar airson spionnadh a chur ann am fàs ar luchd-solair, a’ gabhail a-steach co-bhanntachdan eadar-nàiseanta. Tha sinn moiteil a bhith ag obair san dòigh ùr-ghnàthach seo le ar solaraichean gus prògraman ùra fhaighinn airson BBC ALBA agus moiteil gu bheil craoladh Gàidhlig a’ treòrachadh na slighe ann a bhith a’ cruthachadh na co-bhanntachdan cumhachdach eadar-nàiseanta seo.”
Am measg nam prògraman a bhios air an craoladh ann an 2018/19 tha The Far Traveller, prògram aithriseach uair a thìde ag innse sgeulachd boireannach annasach Lochlannach bho 1000AD, riochdaichte leis an luchd-dèanamh film Innis Tìleach ProFilm agus MacTV, à Eilean Leòdhais, ann an co-bhanntachd le RUV, Maoin Film Innis Tìleach, Profilm agus Pegasus.
’S e co-riochdachadh Canèidianach Albannach a th’ ann an Bridge over the Atlantic, a’ sealltainn luchd-ciùil bho gach taobh den Chuain Shiair a’ rannsachadh an cuid dualchas ciùil coitcheann. Tha e riochdaichte le MacTV agus Skye Larke Productions ann an co-bhanntachd le CBC Atlantic, BBC Scotland agus le taic bho Roinn Coimhearsnachd, Cultar agus Dualchas Alba Nuadh, Riaghaltas Alba Nuadh agus Caidreachas Luchd-ciùil Chanèidianach.
Tha na h-aontaidhean a’ gabhail a-steach sreath eile de Port – prògram ciùil a tha a’ còrdadh ri mòran agus a thèid a-nis air chuairt san Roinn Eòrpa a’ taisbeanadh co-obrachadh le luchd-ciùil anns a’ Bhreatainn Bhig, Asturias agus Galicia. Tha Port riochdaichte le Bees Nees Media ann an co-bhanntachd le TG4.
’S e sreath àrd-amasach a th’ ann an Tide – a’ coimhead ri na sgeulachdan agus ris an saidheans a tha air cùlaibh fear de na rudan as iongantaiche ann an nàdar – an làn – a’ coimhead ris bho sheagh cruinneil agus nàiseanta. Riochdaichte le Cwmni Da agus MacTV, tha an t-sreath a’ faighinn taic bho S4C, BBC NI, TG4 le seilbheachd bho LIC agus Sky Vision.
Tha com-pàirteachas ann an aontaidhean co-bhanntachd ioma-Eòrpach na thaobh eile den dòigh obrachaidh eadar-nàiseanta seo, leithid Kids of Courage, an dàrna sreath de phrògraman dràma-aithriseach chloinne bho LOOKS Film & TV sa Ghearmailt, stèidhichte air leabhraichean-là agus litrichean bhon dàrna cogadh. A’ togail air a’ chiad sreath, Small Hands in a Big War, tha an dàrna sreath a’ coimhead ri beatha chloinne air feadh na Roinn Eòrpa ’s iad a’ feuchainn ri thighinn beò tron còmhstri. ’S e an sgeulachd bhon RA, sgeulachd Chaluim – sgeulachd deugaire le Gàidhlig a’ fàs bho bhith na bhalach gu bhith na fhireannach ann an Clydebank ann an Alba aig àm a’ Chogaidh.
Thuirt Deasaiche Seanail MG ALBA, Mairead Chamshron:
“Tha na h-aontaidhean seo a’ leigeil dhuinn prògraman a bharrachd a thoirt gu luchd-amhairc BBC ALBA nach biodh comasach nam biodh sinn ag obair leinn fhèin. Tha iad a’ lìbhrigeadh beairteas de phrògraman thar ghnèithean ciùil, aithriseach, fìrinn agus dràma. Bidh na prògraman a’ cur gu mòr ri clàr na seanail agus aig an aon àm a’ toirt cothrom dhaibhsan a tha sna prògraman agus na riochdairean an cuid sgeulachdan innse air ùrlar eadar-nàiseanta.”
Prògram BBC ALBA air a chomharrachadh aig Fèis Tbh Chicago
Choisinn Sùlaisgeir: An t-Sealg, prògram aithriseach BBC ALBA, Teastanais Airidheachd ann an roinn na prògraman neo-fhicsean aig an 54mh Fèis Eadar-Nàiseanta Telebhisein Chicago.
Tha an fhèis a’ tàladh thagraidhean bho air feadh an t-saoghail, le gach roinn a’ toirt seachad diofar dhuaisean, agus chaidh Sùlaisgeir, a’ chiad phrògram Gàidhlig a-riamh a chaidh a chuir air adhart aig an fhèis, air ainmeachadh mar “obair air leth”.
Chaidh Sùlaisgeir: An t-Sealg a riochdachadh le MacTV agus chaidh a chraoladh an toiseach air BBC ALBA air Là na Bliadhn’ Ùire, 2018. Tha am prògram a’ leantainn sealg a’ ghuga, far a bheil daoine à Nis, Eilean Leòdhais, a’ siubhail 40 mìle gu Sùlaisgeir airson an cuota de ghuga a thoirt dhachaigh. Tha aire a’ phrògraim gu h-àraid air Dods MacPhàrlain, a tha os cionn na sealg, agus e air an turas mu dheireadh aige mus leig e seachad gnothaichean dhan ath ghinealach.
Thuirt Riochdaire MacTV, Màiri Nic a’ Ghobhainn: “Tha sinn air leth toilichte Sùlaisgeir: An t- Sealg fhaicinn taobh ri taobh ri cuid de na prògraman telebhisein as fheàrr bho air feadh an t-saoghail, agus tha e dìreach iongantach gun deach aithneachadh aig an fhèis chliùiteach seo.
“Mar chompanaidh bha sinn fortanach an cothrom fhaighinn sgeulachd bhalaich Shùlaisgeir innse bhon taobh a-staigh, agus a sgaoileadh chun an t-saoghal air fad. Tha an cothrom co-obrachadh leis na coimhearsnachdan Gàidhlig agus an cuid sgeulachdan innse na bhun-stèidh air na tha sinn a’ dèanamh, agus that MacTV fìor thoilichte airson ar sgioba riochdachaidh agus airson Dods agus balaich Shùlaisgeir à Nis a cho-roinn an sgeulachd leinn ann an dòigh cho fosgailte.”
Thuirt Ceannard BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha sinn fìor thoilichte gun deach sàr aithne gnìomhachais a thoirt do Shùlaisgeir: An t-Sealg agus tha sinn an dòchas gu tig tuilleadh leasachaidhean agus cothroman co-obrachaidh eadar-nàiseanta do MhacTV agus companaidhean riochdachaidh eile BBC ALBA ri linn.
“Thug am prògram seo bliadhnaichean a thighinn gu buil, nì a tha a’ dearbhadh cho dìcheallach, dealasach is cruthachail ’s a dh’fheumas ar sgiobaidhean a bhith is iad a’ dealbhadh, a’ taisbeanadh agus ag aithris mu ar cleachdaidhean dualchasach. Tha sinn moiteil à MacTV agus an sgioba air fad a bha an cois a bhith ag innse sgeulachd Sùlaisgeir: An t-Sealg”.
‘S e Fèis Eadar-Nàiseanta Telebhisein Chicago, a thàinig a-mach à Fèis Filmichean Chicago, tachartas thairis air trì là a tha a’ comharrachadh riochdachadh telebhisein agus sanasachd telebhisein bho air feadh an t-saoghail. A thuilleadh air a bhith a’ sealltainn prògraman, a’ cumail pannalan deasbaid agus na duaisean fhèin, tha an Fhèis a’ togail air a’ cruthachalachd agus an ceàird as fheàrr ann an telebhisean.
Airson tuilleadh fiosrachadh, thèid gu: www.chicagofilmfestival.com/television-festival/
Tha ceithir prògram deug Gàidhlig bho BhBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal air an ainmeachadh air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach am-bliadhna, a thèid a chumail ann an Llanelli sa Chuimrigh bho 2-4 Cèitean.
Am measg nam prògraman telebhisein air a’ gheàrr-liosta, tha Eòrpa, le aithris sònraichte bhon Ugràin; Gàidhlig Obar Dheathain le Midas Media; agus, mu bhall-coise nam ban, Breab agus Buaidh le Matchlight.
Riochdaichte le BBC Gàidhlig, bhuannaich Eòrpa aig BAFTAs Alba o chionn còig mìosan agus bhiodh duais eile na chlach-mhìle dha prògram a tha a dh’aithghearr a’ comharrachadh 25 bliadhna.
A’ bruidhinn air a’ phrògram sònraichte a chaidh ainmeachadh, Eòrpa: Paralympian Ugrànianeach, thuirt riochdaire Rebecca NicIllFhinnein: “’S e aithris gu sònraichte pearsanta a tha seo agus feumaidh sinn taing mhòr a thoirt do dh’Anton airson an sgeulachd aige innse dhuinn. Tha seo a’ sealltainn an aithne agus an luach a th’ aig Eòrpa airson a bhith a’ libhrigeadh sgeulachdan inntinneach mar seo.”
Fhuair an companaidh riochdachaidh Bees Nees Media trì sreathan eadar-dhealaichte air a’ gheàrr-liosta, nam measg dà phrògram ciùil agus an sreath ùr Scotstar – Teasairginn Èiginneach, a bha a’ leantainn sgiobaidhean plèanaichean-eiridinn a bhios a’ toirt cùram beatha-shàbhalaidh do dhaoine ann an cuid dhe na h-àitichean as iomallaiche ann an Alba.
Thuirt Iain MacLeòid bho Bees Nees: “Tha sinne a’ dèanamh toileachas mòr gu bheil trì sreathan – Port, Seirm agus Scotstar – againn air a’ gheàrr-liosta aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach. ’S e urram dha-rìribh a th’ ann dhuinne agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri na duaisean anns a’ Chuimrigh”.
Chaidh Gàidhlig Obar Dheathain le Midas Media ainmeachadh air an liosta airson prògraman eachdraidheil agus e a’ sgrùdadh eachdraidh a’ chànain sa bhaile le bhith a’ bruidhinn riuthasan a tha ga bruidhinn agus iadsan cuideachd a tha a’ seasamh an aghaidh a’ chànain.
Thuirt an riochdaire, Patricia NicLeòid: “Sa chumantas, chan eil an Ear-thuath aithnichte mar àite sa bheil Gàidhlig làidir agus tha e cho tlachdmhor prògram a dhèanamh a tha a’ dearbhadh, chan ann a-mhàin gu bheil a’ Ghàidhlig a’ soirbheachadh ann an Obar Dheathain, ach gu bheil eachdraidh fad linntean aice san sgìre.”
Sa ghnè airson prògram aithris spòrs b’ e Breab agus Buaidh le Matchlight aon de na prògraman a chaidh ainmeachadh. A’ leantainn sgioba nam ban fhads a bha iad a’ dèanamh deiseil airson Euro 2017, bha am prògram seo a’ togail air an dlùth-chàirdeas a th’ ann eadar ball-coise nam ban agus BBC ALBA. Bidh Breab agus Buaidh a’ farpais an aghaidh Rocky Ros Muc, prògram eile a chunnaic sinn air BBC ALBA, air a dhèanamh ann am com-pàirteachas eadar diofar dhùthchannan is chompanaidhean eile.
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA: “Tha e na thlachd gu bheil prògraman le sùil eadar-nàiseanta leithid Seirm, Port agus Eòrpa a’ cosnadh aithne mar seo – a’ sealltainn gu bheil BBC ALBA a’ cur luach air, agus luachmhor cuideachd gu, farsaingeachd eadar-nàiseanta. Tha na prògraman Albannach aig cridhe na tha sinn a’ dèanamh agus tha e brosnachail gu bheil prògraman mar Gàidhlig Obar Dheathain air a bheachdachadh ri taobh prògraman sgoinneil eile bho ar com-pàirtichean Ceilteach.”
Sa ghnè rèidio, chaidh Seumas Dòmhnallach bho naidheachdan Gàidhlig ainmeachadh air geàrr-liost Neach-lìbhrigidh Rèidio as Fhèarr agus bidh Radio nan Gàidheal a’ strì a-rithist airson Stèisean Rèidio na Bliadhna.
Thuirt Marion NicFhionghain, Stiùiriche Deasachaidh BBC Gàidhlig: “Tha mi cho moiteil às na sgiobaidhean a tha a’ cruthachadh agus a’ lìbhrigeadh prògraman air leth. Bhiodh sinn cho toilichte duais no dhà a thogail mar theisteanas dhan luchd-èisteachd dìleas a th’ aig BBC Radio nan Gàidheal.”
Am measg nam prògraman rèidio a chaidh ainmeachadh tha Balach à Borghastan agus Canada 150 a’ strì an aghaidh a chèile air a’ gheàrr-liost airson prògraman aithriseach; tha Mac Ille Mhìcheil (Sorbier dha Radio nan Gàidheal) agus Rapal a’ strì airson prògraman ciùil; agus tha Beag air Bheag agus Coinneach MacÌomhair a’ farpais airson prògraman iriseach.
Tha an dà chuid Lisbon ’67 agus Spòrs na Seachdain air a’ gheàrr-liost airson spòrs rèidio, le Spòrs na Seachdain a’ sùileachadh an duais a chosnadh airson an treasamh turas ann an trì bliadhna.
Airson tuilleadh fiosrachaidh thèid gu www.celticmediafestival.co.uk
Choinnich cuid de bhuannaichean farpais Vlog a’ Mhòid ann an Glaschu gus an duaisean a thogail bho bhritheamh Hannah McKirdy.
Seo an dàrna bliadhna de dh’fharpais Vlog a’ Mhòid aig MG ALBA – farpais a tha a’ strì airson brosnachadh susbaint Gàidhlig air a chruthachadh le luchd-cleachdaidh. Bhathar ag iarraidh air na farpaisich vlogan goirid mun Mhòd ullachadh. Dh’fhaodadh na vlogan a bhith air an ullachadh le neach-com-pàirteachaidh, neach-amhairc telebhisein, neach-èisteachd rèidio, britheamh no neach-taic a’ Mhòid. Fhuair an neach a bha soirbheachail anns gach roinn duais de chamara GoPro.
Thuirt Hannah McKirdy, aon de na britheamhan airson farpais Vlog a’ Mhòid: “Chanainn gu bheil na bhuannaich am-bliadhna nan deagh eisimpleirean de cho cruthachail ’s as urrainn dhut a bhith ann an Gàidhlig gun a bhith a’ cleachdadh ach fòn-làimh. Sheall iad gu soirbheachail na bha a’ dol air iomall a’ Mhòid ann an Loch Abar am-bliadhna, fiù ’s mu nach d’ fhuair iad ann, ’s thug iad iomadh ghàire oirnne a bha gan coimhead!”
Ann am farpais nan inbheach airson vlog singilte b’ e Ross Wilson à Glaschu a bhuannaich. Aithnichte bhon chòmhlan Tide Lines, rinn Ross bhidio èibhinn taobh a-staigh bùth-àirneis ainmeil ann an Glaschu mu mar a bha e air a’ Mhòd a chall am-bliadhna. A rèir nam britheamhan, b ’e innleachdas Ross an t-adhbhar a dh’fhàg e airidh air an duais. Ann am farpais nan inbheach airson sreath bhidiothan, b’ i Fiona NicChoinnich à Canaigh a shoirbhich. Chan ann a-mhàin gu robh Fiona a’ toirt sealladh air mar a bha i fhèin a deisealachadh airson a’ Mhòid, a’ siubhail chun a’ Mhòid agus a’ farpais; cuideachd bha Fiona a’ toirt iomradh air mar a bha ise a’ faicinn cùisean aig a’ Mhòd.
Bha Fiona a’ faicinn cothroman dhith fhèin agus dha Canaigh san fharsaingeachd le duais an GoPro: “Tha an GoPro a’ ciallachadh gun urrain dhomh vlog seachdaineil a chruthachadh, ‘Canaigh thairis air na Ràithean’. Bithidh seo a’ toirt a-steach Taigh Chanaigh agus an gàrradh, an cladach, na speuran, giomaireachd fo agus os cionn nan tonn agus an stèidheachadh, ma thèid air, de CollieChamChanaigh leis an dà chuilean agam.”
Ann an roinn na h-òigridh airson vlog singilte, b’ e Anndra à Geàrrloch a bhuannaich, leis a’ vlog singilte mu dheidhinn a sheachdain aig a’ Mhòd. Eadar farpaisean-ciùil, seinn, leughaidh agus còmhraidh bha seachdain trang aig Anndra agus abair gun robh sin follaiseach sa bhidio aige. ‘S e Eòin, bràthair Anndra, a bha anns an dàrna àite san fharpais seo.
Ann an roinn sreath vlog na h-òigridh, bhuannaich na bana-charaidean Ceitidh agus Breagha à Inbhir Nis airson an darna bliadhna. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil GoPro an duine aca a-nis, agus cothroman barrachd bhidiothan a dhèanamh. Thug iad dhuinn sreath de vlogan a dh’innis sgeulachd seachdain a’ Mhòid ann an dòigh beothail is spòrsail.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: ‘’S e rud fìor chudromach a th’ ann dha MG ALBA gum bi sinn a’ brosnachadh susbaint chruthaichte le luchd-chleachdaidh agus ’s e Vlog a’ Mhòid aon dòigh dhuinn sin a dh’adhbharachadh. Tha e na thlachd dhuinn a’ faicinn na rudan èibhinn agus earbsach bhon fheadhainn a bha soirbheachail am-bliadhna agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri barrachd de sin an dà chuid tro fharpaisean agus taobh a-muigh na farpaisean.”
Bhuannaich Eòrpa, an t-sreath shuaicheanta chùisean làitheil air BBC ALBA, an duais airson prògraman Cùisean Làitheil aig na BAFTAs Albannach 2017.
Bha an tachartas ann air oidhche na Sàbaid (Didòmhnaich 5 Samhain) ann an Glaschu, le Edith Bowman ga lìbhrigeadh.
B’ e 2017 an treas turas ann an trì bliadhna far an deach Eòrpa ainmeachadh sa gheàrr-liosta seo, le prògram sònraichte leth-uair air daoine a bha nam prìosanaich ann an Guantànamo a’ faighinn an urraim am bliadhna.
Chaidh sgioba Eòrpa air feadh na Roinn Eòrpa gus bruidhinn ri na daoine seo, daoine fo amharas gur e ceannaircich a bh’ annta, ach a tha a-nis a’ fuireach ann an dùthchannan Eòrpach aig nach eil ceangail no dlùth-dhàimh riutha. Nan fògarraich bhon dachaigh is bhon teaghlach, gun chasaidean oifigeil air a chuir orra a-riamh, tha na daoine seo mu sgaoil le beatha ùr gun a bhith dèiligeadh idir le na trioblaidean pearsanta a dh’fhulaing iad ann an Guantànamo.
Tha Eòrpa am bliadhna a’ comharrachadh 25 bliadhna agus tha sreath ùr dìreach air tòiseachadh gach seachdain air BBC ALBA, BBC2 Scotland agus BBC Parliament.
A’ riochdachadh sgeulachdan bho air feadh na Roinn Eòrpa agus an Rìoghachd Aonaichte, tha Eòrpa air cliù fhaighinn airson mar a tha e a’ dèiligeadh le cùisean Eòrpach agus sgeulachdan nan daoine fhèin. Am bliadhna sa sgioba a chaidh ainmeachadh tha an riochdaire Rebecca NicIllinnein, an neach-naidheachd Angela NicIlleathain, an stiùiriche Maureen NicLeòid, an neach-camara Stephen Hughes agus an luchd-rannsachaidh Murchadh MacSuain is Niall MacÌosaig.
Thuirt neach-naidheachd Eòrpa, Angela NicIlleathain: “Tha sinn air leth toilichte gun d’ fhuair sinn an duais agus moiteil às an sgioba air fad. Bu chaomh leinn taing a thoirt dhan fheadhainn a bhruidhinn rinn. Mura biodh daoine deònach na sgeulachdan aca innse, cha bhiodh Eòrpa idir ann.”
Thuirt an riochdaire Rebecca NicIllinnein: “Le Eòrpa a’ comharrachadh 25 bliadhna, abair annas a bh’ ann nuair a bhuannaich sinn BAFTA oidhche na Sàbaid airson a’ phrògram mu Guantànamo. Cha robh dùil sam bith againn gum buannaicheadh sinn is dà chompanaidh eile, STV agus Maramedia/BBC Scotland a’ taisbeanadh prògraman làidir cuideachd. Tha sgioba Eòrpa ag obair gu cruaidh airson sgeulachdan a lorg nach eil a’ faighinn an aon seòrsa aire seach sgeulachdan eile, ach a tha fhathast fiùthail.”
Bha Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA, uabhasach toilichte gu bheil Eòrpa air aithne a chosnadh a-rithist airson mar a tha e ag aithris air cùisean làitheil.
Thuirt Mghr Caimbeul: “Tha Eòrpa an-dràsta air tòiseachadh air an 25mh sreath agus tha e fhathast a’ cosnadh dhuaisean. Tha na h-aithrisean a tha an sgioba a’ toirt thugainn uabhasachadh cudromach agus nas buntainneach na bha iad a-riamh. Tha BBC ALBA air a dhòigh glan gu bheil prògram cho làidir agus cliùiteach gar riochdachadh an dà chuid an seo agus thall-thairis.”
Chaidh geàrr-liosta airson duaisean ceòl traidiseanta Albannach MG ALBA 2017 ainmeachadh an-diugh (Dimàirt 7 Samhain). Air fhaicinn mar an cuirm dhuaisean as cliùitiche ann an saoghal ceòl traidiseanta, thèid iadsan a bhuannaicheas fhoillseachadh aig cuirm dhuaisean ghleansach air Disathairne 2 Dùbhlachd, aig Ionad Lagoon Phàislig, le Pàislig a’ cur a-steach iarrtas airson UK City of Culture 2021.
Dh’fhoillsich Hands Up for Trad, am buidheann a bhios a’ cur an tachartas air dòigh, an geàrr-liosta tro Facebook live, agus chithear 16 duaisean air an sgaoileadh air an tàlant as fheàrr ann an gnìomhachas iomairteach Albannach. Fosglaidh bhòtadh an-diugh, Dimàirt 7 Samhain, gu 24 Samhain agus faodar bhòtaichean a chur tro www.scotstradmusicawards.com.
Bidh oidhche nan duaisean luma-làn ceòl beò, bho The Shee Big Band, a bhios a’ faighinn taic air an àrd-ùrlar bho na Shees ‘urramach’ a tha air cluich leotha thar 11 bliadhna, a bharrachd air na Elephant Sessions agus Siobhan Miller. Dèanaibh cinnteach nach caill sibh na tha sin! Tha tiocaidean a-nis rim faighinn – air fòn air 0300 300 1210 no tadhail air www.paisley2021.co.uk events. Faodar cuideachd am faighinn bho Ionad Ealan Phàislig.
’S e Clàr na Bliadhna (sponsairichte le Birnam CD) fear de na duaisean as cliùitiche. Le 10 air an ainmeachadh, bidh an duais seo air leth farpaiseach, le Elephant Sessions, Mànran agus Ímar a’ dol an aghaidh a chèile, cuide ri Ryan Young a choisinn duais Up and Coming Artist of the Year an-uiridh.
Tha Oban Live agus Killin Music Festival am measg na chaidh an ainmeachadh ann an duais Tachartas na Bliadhna (sponsairichte le VisitScotland), le Tiree Songbook agus EPL Events am measg Pròiseact Choimhearsnachd na Bliadhna (sponsairichte le Gordon Duncan Memorial Trust).
Tha Elephant Sessions, Ímar, Tide Lines agus Skippinish an àrd airson Còmhlan Beò na Bliadhna (sponsairichte le Greentrax) le Gnoss, Hò-rò, Heron Valley, Inyal agus Brighde Chaimbeul a’ dol an aghaidh a chèile airson Up and Coming Artist of the Year (sponsairichte le Royal Scottish Conservatoire).
Chithear liosta iomlan de na daoine ainmichte airson duais gu h-ìseal.
’S e amas Hands Up for Trad ceòl traidiseanta Albannach a bhrosnachadh do luchd-ciùil, luchd-èisteachd agus com-pàirtichean air feadh Alba agus nas fharsaing tro fhoghlam, fiosrachadh agus coiteachadh.
Thuirt Simon Thoumire, a stèidhich an tachartas, agus a tha ga chur air adhart: “Meal a naidheachd dha-rìribh orrasan a th’ air a’ gheàrr-liosta – tha sinn air ghoil gus fàilte a chuir orra a Phàislig airson cuirm nan duaisean. Tha sinn airson taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a chuir bhòt a-steach – co-dhùnadh nach robh furasta a ruighinn leis na tha de thàlant air leth ann an Alba. Tha Hands Up for Trads dìlseach ann a bhith a’ taisbeanadh an ìre de thàlant san dùthaich, agus tha na duaisean nan seud ann am bliadhna ceòl traidiseanta. Tha sinn air bhioran airson oidhche làn ceòl beò Disathairne 2 Dùbhlachd – dèanaibh cinnteach gum bi sibh an sàs!”
Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Conaltraidh MG ALBA, a bhios a’ toirt sponsaireachd dhan tachartas: “Tha Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA a’ taisbeanadh sàr thàlant ciùil Albannach. Tha sinne aig MG ALBA air leth moiteil a bhith a’ cur taic ri sin agus cho toilichte gu bheil tàlant Alba a’ faighinn ùrlar iomchaidh air BBC ALBA”.
Thuirt Jean Chamshron, a bha an urra ri tagradh Phàislig 2020: “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ cur fàilte air Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA a Phàislig airson a’ chiad uair agus tha sinn cinnteach gum bi oidhche air leth ann.
Tha ceangalaichean làidir aig a’ bhaile mu thràth le ceòl traidiseanta Albannach – tha grunnan de na còmhlain air cluich aig Fèis Spree san Dàmhair agus tha sinn air faighinn a-mach gun cuir Pàislig fàilte air ais chun Mhòid ann an 2021 no 2022.
Cha b’ urrainn do oidhche nan duaisean san Dùbhlachd a thighinn aig àm na b’ fheàrr dhuinne – le dùil gu faigh sinn a-mach an robh sinn soirbheachail ann a bhith a’ faighinn urram UK City of Culture 2021 nas fhaide air adhart sa mhìos sin. Tha sinn a’ cur meal a naidheachd orrasan air fad a fhuair air a’ gheàrr-liosta agus a’ coimhead air adhart ri fàilte a chuir orra a Phàislig.”
Thuirt Ailean Moireasdan, Ceannard Chiùil aig Alba Chruthachail: “Tha am bliadhna air a bhith sàr soirbheachail airson ceòl Traidiseanta Albannach, an dà chuid aig an taigh agus thall thairis. Tha cuid den tàlant as fheàrr a th’ againn, òg agus sean, air a bhith a’ frithealadh fhèisean agus a’ seinn air an rèidio – aig an aon àm agus a’ buannachadh dhuaisean agus a’ faighinn luchd-èisteachd ùr air feadh an àite – agus tha Alba Chruthachail a’ guidhe gach maith dhaibh uile”
AN LÀN-LIOSTA:
Album of the Year sponsored by Birnam CDs
Community Project of the Year sponsored by Gordon Duncan Memorial Trust
Composer of the Year sponsored by PRS for Music
Live Act of the Year sponsored by Greentrax Recordings
Citty Finlayson Scots Singer of the Year sponsored by Traditional Music and Song Association
Up and Coming Artist Award sponsored by Royal Scottish Conservatoire
Music Tutor of the Year sponsored by Creative Scotland
Gaelic Singer of the Year sponsored by Macmeanmna
Folk Band of the Year sponsored by Threads of Sound
Dance Band of the Year sponsored by National Association of Box and Fiddle Clubs
Scottish Pipe Band of the Year sponsored by The Glenturret Single Malt Whisky
Club of the Year sponsored by Tradition Arts and Culture Scotland
Instrumentalist of the Year sponsored by Royal Scottish Country Dance Society
Event of the Year sponsored by VisitScotland
Trad Music in the Media sponsored by Skipinnish
Venue of the Year sponsored by Musicians’ Union
Tha rannsachadh ùghdarraichte a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag innse gu bheil na meadhanan Gàidhlig nam prìomhachas ann a bhith a’ cur taic ri luchd-ionnsachaidh agus a’ cur daoine air slighe ionnsachaidh sa chiad dol a-mach.
Tha an rannsachadh, air a dhèanamh le Meriel Young Consulting agus air a cho-choimiseanadh le MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig, ag innse gu bheil naoi a-mach à deich de luchd-ionnsachaidh na cànain a’ coimhead BBC ALBA agus gu bheil cha mhòr an dàrna leth de na daoine a tha air am brosnachadh gus Gàidhlig ionnsachadh ag ràdh gu bheil na meadhanan Gàidhlig nam prìomh adhbhar airson seo.
Tha an rannsachadh seo ga fhoillseachadh aig an aon àm ‘s a tha Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA, a’ mìneachadh oidhirpean na buidhne goireasan ionnsachaidh ùr a leasachadh airson luchd-ionnsachaidh, agus ag aithneachadh cho cudromach ‘s a tha e a dhol an sàs le daoine òga le Gàidhlig.
“Tha an rannsachadh seo a’ toirt dhuinn an fhianais air an robh feum stuthan ionnsachaidh ùr a leasachadh, mar a gheall sinn nar ro-innleachd Lèirsinn 2021. Tha an rannsachadh ullamh, tha sinn air sgrùdadh a dhèanamh air na goireasan cànain a th’ ann an ceartuair, agus tha sinn a-nis deiseil gus goireas ionnsachadh cànain thar iomadh ùrlar a chruthachadh air feadh LearnGaelic, BBC ALBA, Radio nan Gàidheal, na meadhanan sòisealta agus ùrlaran eile leis a’ BhBC agus le buidhnean eile. Tha an cead obrachaidh a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo chaidh le Ofcom a’ toirt ath-dhearbhadh air cho cudromach ‘s a tha seo airson BBC ALBA. Le dealas a’ BhBC airson Ionnsachadh agus àite nam meadhanan Gàidhlig ann a bhith a’ dèanamh seo comasach, tha sinn cinnteach gum bi am BBC gar taiceachadh leis an iomairt seo.”
Thuirt Ailean Dòmhnallach, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig mu thoraidhean an rannsachaidh: “Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gu dlùth le MG ALBA thar iomadh phròiseact co-cheangailte ri leasachadh Gàidhlig agus tha toraidhean an rannsachaidh seo a’ comharrachadh cho cudromach ‘s a tha BBC ALBA agus gu dearbha Radio nan Gàidheal airson maith cànan agus cultar na Gàidhlig a’ dol air adhart.
Tha tàladh dhaoine gus Gàidhlig ionnsachadh agus a’ cumail taic riutha deatamach airson Gàidhlig a chur air stèidh mhaireannach a’ dol air adhart. Tha seo a’ cur feum air goireasan agus airgead leantainneach gus dèanamh cinnteach gu bheil e comasach stuthan ùra a chruthachadh airson craoladh agus na stuthan a tha a’ cur taic ri ionnsachadh.”
Thug a’ Bh-uas Choineagan iomradh cuideachd air iomairtean MG ALBA a bhith ag obair le daoine òg. Am measg nan iomairtean sin, tha toiseach tòiseachaidh air leth soirbheachail den iomairt sgrìobhaidh: “Tha luchd-amhairc òg ro-chudromach airson Gàidhlig san àm ri teachd agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ toirt dhaibh stuthan ùra, inntinneach a bhios iad airson a choimhead air na h-ùrlaran iomchaidh dhaibh. Ri linn sin, tha sinn a’ coimiseanadh stuthan àrd-amasach, brosnachail a dh’obraicheas an dà chuid air BBC ALBA agus air na meadhanan didseatach. Tha rannsachadh ùr ag innse dhuinn gu bheil daoine òga a’ sireadh dràma agus comadaidh agus tha sinn air leth toilichte gu bheil ar co-bhanntachd ùr le BBC Writersroom Alba airson sgeama sgrìobhadh comadaidh Gàidhlig air còrr is 50 tagradh fhaighinn bho sgrìobhadairean agus sgiobaidhean sgrìobhaidh. Tha seo co-ionnan ri soirbheachas sgeamaichean air feadh na RA. Thathas a’ cur fàilte chridheil air an £50,000 a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid le Riaghaltas na h-Alba gus tàlant sgrìobhadh dràma Gàidhlig a leasachadh fhad ’s a tha sinn a’ leantainn le bhith a’ cur luach agus a’ cur goireasan gu ruige a bhith ag innse ar sgeulachdan fhèin air sgrion.”
Lean a’ Bh-uas Choineagain: “Tha Gàidhlig a’ strì gus a bhith beò. Tha feum air gluasadan mòra agus thathas ag iarraidh air coimhearsnachdan agus buidhnean air feadh Alba obrachadh còmhla gus cothroman ionnsachaidh Gàidhlig a chur am meud. Feumaidh luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh an guth a thogail agus dh’iarramaid air daoine air feadh Alba agus air feadh na RA Gàidhlig fhaicinn mar rud a tha prìseil dhaibhsan agus don nàisean air fad, chan ann a-mhàin mar bhuannachd chultarail ach mar phàirt bheothail de bheatha, eadar-mheasgte an là an-diugh.”
MG ALBA agus Bòrd Na Gàidhlig ann an co-bhoinn le Sgoil Shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh aig Sgoil Ealain Ghlaschu a’ tabhann Sgoilearachd “LearnGaelic”
Tha MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig air a thighinn còmhla le Sgoil Ion-shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh (SimVis) aig Sgoil Ealain Ghlaschu gus Sgoilearachd ùr “LearnGaelic” a thairgse, chaidh fhoillseachadh an-diugh, Dimàirt 4 Iuchar 2017. Tha an sgoilearachd seo ga cur air adhart mar phàirt de dhealas ùr a bhith a’ leasachadh ghoireasan eadar-ghnìomhach airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus cuirear taic ri neach ionnsachaidh na Gàidhlig gus àite a ghlèidheadh air ceum MSc ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd aig SimVis a’ tòiseachadh bhon t-Sultain 2017.
‘S e gnìomhachas mòr agus fàsmhor a tha ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd, agus bheir an ceum MSc seo na sgilean do dh’oileanaich a bhith nam prìomh nuadhasairean ann an roinn a tha brosnachail agus a tha a’ sìor leasachadh. Mar phàirt den phrògram, bidh na h-oileanaich a tha soirbheachail a’ leasachadh ghèamaichean agus nithean mas-fhìorachd eile gus taic a chur ri ionnsachadh na Gàidhlig.
Thuirt Daniel Livingstone, Ceannard Phrògraman Iar-cheumnach aig Sgoil Ion-shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh: “Tha Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd a-nis nam margaidhean cruinneil le luach nan ioma-billean, chan ann a-mhàin airson dibhearsain ach le buaidh agus comas air leth ann an ionnsachadh agus trèanadh, a’ ceangal dhaoine air feadh an t-saoghail agus ann an coimhearsnachdan iomallach. Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ co-obrachadh le MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig gus an cothrom seo a thabhann gus am bi cothrom aig oileanach Gàidhlig cuideachd ionnsachadh ciamar a thèid leasachadh a dhèanamh air aplacaidean ùra, bogaidh ann am mas-fhìorachd agus fìorachd-mheudaichte a chuireas taic ri luchd ionnsachaidh na Gàidhlig.”
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Chan e a-mhàin gu bheil miann mòr aig MG ALBA ann a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig thar ùrlaran mheadhain traidiseanta leithid rèidio agus Tbh ach thathas daingeann gus dèanamh cinnteach gu bheil àite aig a’ Ghàidhlig ann a bhith a’ leasachadh chruthan ùra de na meadhanan cruthachail anns an 21mh linn. Tha sinn gu mòr air bhioran a bhith a’ cur taic ris an sgeama sgoilearachd a bheir cothrom do neach a tha dealasach mun Ghàidhlig agus mu mhas-fhìorachd an cuid dùil a thaobh foghlam agus dreuchd a mheudachadh taobh a-staigh na roinne air leth cudromach seo. Tha sinn cuideachd toilichte gum faigh ùrlar LearnGaelic buannachd às an eòlas a thogas an neach a bhios soirbheachail. ‘S e gnìomhachas cruinneil a tha ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd agus bu mhath leinn dèanamh cinnteach gum bi pàirt aig a’ Ghàidhlig ann mar chànan beothail.”
Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig agus a bhith a’ misneachadh dhaoine a bhith ga h-ionnsachadh agus ga cleachdadh aig cridhe obair Bòrd na Gàidhlig agus sinn daonnan a’ strì gus na dòighean ùra sin a choileanadh. Tha ùidh againn ann a bhith a’ faighinn barrachd a-mach mu ciamar as urrainn do theicneòlas ghèamaichean agus mas-fhìorachd a bhith feumail gus taic a chur gu ionnsachadh agus cleachdadh agus tha sinn cho toilichte a bhith nar com-pàirtiche ann an sgeama a bhios ag àraich ghoireasan ùra, didseatach airson Gàidhlig. ’S e cothrom sònraichte a tha seo airson cuideigin an cuid sgilean ann an teicneòlas gheamaichean agus ann an Gàidhlig a leasachadh is cothrom ann gun cuirear gu h-ùr-ghnàthachail ri mar a tha daoine ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt fa-near don Ghàidhlig san 21mh linn”.
Tha cùrsa MSc ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd a’ tabhann do dh’oileanaich sgilean gluasadach airson a bhith a’ dealbhachadh, a’ leasachadh agus a’ sgrùdadh ghèamaichean agus choltachaidhean airson diofar raointean cur-an-gnìomh agus airson rannsachadh eadar-roinneil a dhèanamh air aplacaidean teicneòlais gheamaichean, gu h-àraid ann an cùram-slàinte, foghlam agus trèanadh.
Thèid sgoilearachd LearnGaelic a thabhann do aon neach a tha a’ fuireach san Rìoghachd Aonaichte no san Aonadh Eòrpach, a tha gu gnìomhach an sàs ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig Albannach, no aig a bheil fìor ùidh is miann, agus a thèid an sàs sa phrògram MSc san t-Sultain 2017. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 4 Lùnastal 2017.
Airson an tuilleadh fiosrachaidh air Maighstireachd ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd agus ciamar a thèid tagradh a chur a-steach airson sgoilearachd LearnGaelic, tadhail air: http://www.gsa.ac.uk/learngaelic
MSc ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd: http://www.gsa.ac.uk/seriousgames
Airson tuilleadh fiosrachaidh bho GSA: Lesley Booth; 0779 941 4474; press@gsa.ac.uk; @GSofAMedia
Airson tuilleadh fiosrachaidh bho MG ALBA: Viktoria Marker; 0141 422 6582; viktoria.marker@mgalba.com
Airson tuilleadh fiosrachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig: Murchadh Moireasdan; 01463 225 454 / 07983 445158; murchadh@gaidhlig.scot
SPFL A’ FOILLSEACHADH CÙMHNANT CRAOLAIDH ÙR AGUS LEASAICHTE LE BBC ALBA
-Geamannan bho Phremiership Ladbrokes, Championship, Lìog 1 agus Lìog 2 a thuilleadh air Cupa IRN-BRU air an sealltainn air BBC ALBA airson trì sèasanan eile-
Bidh cothrom aig luchd-leantainn bho air feadh na dùthcha ball-coise Albannach a choimhead beò agus ‘mar beò’ le geamannan bhon SPFL air BBC ALBA airson nan ath trì shèasanan an dèidh aonta ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Bha am Ministear airson Slàinte Phoblach agus Spòrs Aileen Chaimbeul BPA an cuide ri Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt, Ceannard an SPFL, Neil Doncaster agus Cathraiche Ross County, Roy MacGregor aig Pàirc Hampden gus an cùmhnant ùr a chuir air bhog.
Craolaidh an t-seanail Ghàidhlig telebhisein an dà chuid ball-coise beò agus ‘mar beò’ bho Lìog na h-Alba agus ball-coise Chupa, tro shèasanan 2017/18, 2018/19 agus 2019/20.
Airson gach sèasan, bidh còraichean aig BBC ALBA airson:
Thuirt am Ministear Spòrs Aileen Chaimbeul: “’Tha ball-coise mar gheama nàiseanta na h-Alba agus tha sinn airson nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus a bheil e ri fhaotainn gu nas urrainn de dhaoine. Tha an t-aonta seo le BBC ALBA a’ leantainn an taic air leth a tha am BBC air a thoirt don SPFL a thuilleadh air a’ mhiann gus Gàidhlig a bhrosnachadh.
“Mar neach-leantainn ball-coise, tha fios agam cho cudromach ’s a tha an cothrom a bhith dha fhaicinn air an tbh mura bheil mi air chothrom a dhol chun gheama fhèin agus tha mi a’ coimhead air adhart chun nan ath tri shèasanan de bhall-coise Albannach air BBC ALBA.”
Thuirt Ceannard an SPFL, Neil Doncaster: “’S e cùmhnant air leth a tha seo airson ball-coise Albannach agus naidheachd mhath airson Alba san fharsaingeachd. Tha com-pàirteachas air leth torrach air a bhith aig an SPFL le BBC ALBA gu ruige seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an dàimh sin a leudachadh airson trì sèasanan a bharrachd, a’ dèanamh cinnteach gu bheil comas aig nas urrainn de luchd-leantainn ball-coise Albannach fhaicinn beò air an Tbh.
“Bho thùs tha BBC ALBA air a bhith taiceil airson ar geama agus tha an cùmhnant seo a’ toirt aire de bheachdan gach cuid clubaichean agus luchd-leantainn, gu h-àraidh ann an Championship Ladbrokes. Tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri trì sèasanan soirbheachail eile le BBC ALBA.”
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Tha ball-coise Albannach air a bhith a’ còrdadh gu mòr ri luchd-amhairc bho thòisich an t-seanail a’ craoladh ann an 2008 agus tha sinn air ar dòigh an com-pàirteachas eadar BBC ALBA agus an SPFL a leudachadh chun deicheamh bliadhna agus air adhart.
“Tha am pasgan ùr a’ leantainn le na pìosan as fheàrr bho air feadh nan roinnean agus bho Chupa IRN-BRU agus tha sinn cho toilichte a bhith a’ toirt cothrom do na clubaichean sna roinnean taobh a-muigh na roinnean as aìrde, a tha a’ cur uiread ri ball-coise. Tha sinn dealasach ann a bhith a’ craoladh spòrs Albannach agus tha sinn fìor thoilichte a bhith ag obair le na clubaichean agus an SPFL sna sèasanan ri teachd.”