Tha MG ALBA an-diugh (Dihaoine 15 Màrt) air meal an naidheachd a chur air a’ BhBC airson tòiseachadh soirbheachail na seanail ùir agus air fàilte bhlàth a chur air na cothroman ùra airson na roinne chruthachail.
Ach tha am buidheann a tha a’ ruith seanail Ghàidhlig na h-Alba ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC air iarraidh air a’ chraoladair dèanamh cinnteach gu bheil an t-aon chothrom a thaobh soirbheachais aig BBC ALBA ’s a th’ aig an t-seanail ùr BBC Scotland.
Deich bliadhna an dèidh do BhBC ALBA a dhol air an èadhar, tha fìor dhùbhlain mun coinneimh le ìre ath-chraolaidh de 75%, le 50% an crìoch ris a bheil dùil airson BBC Scotland; agus chan eil ri fhaighinn ach air Deifinisean Coitcheann (SD) a-mhàin air telebhisean.
Tha BBC ALBA air cliù làidir a chosnadh airson stuthan ùra, so-aithnichte agus brosnachail a chruthachadh agus tha e air a bhith na sgeulachd shoirbheachail ann an Alba bho chaidh a chur air chois bho chionn deich bliadhna.
Tha an t-seanail air taic mhòr a thoirt do ghnìomhachasan nam meadhanan cruthachail, le roinn gnìomhachas nam meadhanan air fàs gu mòr air feadh na dùthcha. Tha e cuideachd air àite follaiseach a thoirt do thàlant ùr ciùil na dùthcha agus air ùrlar a cruthachadh airson ball-coise proifeasanta nam ban a bhith air fhaicinn air telebhisean thalmhaidh.
Tha MG ALBA air iarraidh air a chom-pàirtiche a’ BhBC dèanamh cinnteach gu bheil an t-aona chothrom agus an t-aona chàileachd de sholair aig BBC ALBA ’s a th’ aig an t-seanail ùr agus thathar a’ coimhead air adhart ri clàr-ama soilleir gus na prògraman ùra Gàidhlig a chaidh a ghealltainn aig àm foillseachaidh na seirbheis ùir a lìbhrigeadh.
Thuirt Ailean Dòmhnullach, Cathraiche MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC:
“Tha sinn a’ toirt co-ghàirdeachas bhlàth do ar co-obraichean aig BBC Scotland air an tòiseachadh ro-soirbheachail a rinn an t-seanail agus tha sinn a’ leantainn le bhith a’ guidhe gach maith dhaibh mar a bhios an t-seanail a’ tighinn air adhart sna mìosan air thoiseach.
“Ach tha tòiseachadh BBC Scotland air a’ phrosbaig a chur air dà dhragh bhrìgheil airson bòrd MG ALBA mu thimcheall lìbhrigeadh BBC ALBA, aig a bheil ìre ath-chraolaidh de 75% – ìre nach bu chòir gabhail ris – agus a tha fhathast ri fhaighinn air SD a-mhàin. Tha am BBC air gealltanas a thoirt seachad 100 uair a thìde a bharrachd a lìbhrigeadh do BhBC ALBA agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri seo a bhith air a choileanadh.
“Aig àm far a bheil seanailean craolaidh seirbheis poblach eile leithid BBC One, STV agus an t-seanail ùr BBC Scotland air a dhol air Àrd Dheifinisean (HD), rud a tha air fhaicinn mar àbhaist airson libhrigeadh Tbh, tha e na mhòr-uallach gu bheil BBC ALBA ri fhaicinn air an telebhisean ann an SD a-mhàin.
“Air a chur gu simplidh, tha luchd-amhairc BBC ALBA airidh air seirbheis aig àrd ìre a thaobh càileachd dheilbh.
“Eadar prògraman aithris chumhachdach, spòrs beò, ceòl no ar seirbheis naidheachd seachd-là, tha ar luchd-amhairc airidh air an t-seirbheis as fheàrr a gheibhear. Dhuinne, tha seo – agus a bhith a’ fàs an àireamh de phrògraman ùra air an t-seanail – na phrìomh amas.
“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ar com-pàirtichean aig a’ BhBC a bhith a’ dèiligeadh ris an dà chuspair a tha seo agus dealas soilleir a nochdadh a thaobh clàr-ama airson seo a choileanadh.”
Tha MG ALBA mar aon de na h-àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an telebhisean, a rèir fear de phrìomh irisean a’ ghnìomhachais.
Airson a’ cheathramh bliadhna co-leantaileach, tha Broadcast Magazine air a’ phrìomh chom-pàirtiche air cùlaibh BBC ALBA ainmeachadh mar aon de na 30 àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an gnìomhachas telebhisein.
Tha am buidheann a’ fastadh 34 neach-obrach thar làraich ann an Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Glaschu.
Tha an geàrr-liosta air a chruthachadh tro rannsachadh neo-eisimeileach air a dhèanamh leis an iris, le ceannardan agus luchd-obrach bho chompanaidhean air feadh na RA air iarraidh na beachdan aca a thoirt seachad mun bhuidheann agus an cultar obrach aca fhèin.
Tha am fios air ais an uair sin tomhaiste mu choinneamh slatan-tomhais stèidhichte.
Tha miann air leth aig MG ALBA cuideachd a bhith a’ tairgse chothroman do dhaoine òga aig a bheil Gàidhlig gus cùrsa-beatha a stèidheachadh anns na gnìomhachasan cruthachail.
Tha prògram-obrach samhraidh na buidhne a’ tabhann raon farsaing de chothroman, le FilmG a’ toirt cothrom do thàlant òg a bhith air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta.
Tha am modh-obrach seo air aithne fhaighinn cuideachd le inbhe Òir ann an Creideas nar Cosnaichean Òga agus inbhe Airgid ann an Creideas nar Cosnaichean a bhith air a bhuileachadh air a’ bhuidheann, a’ sealltainn fàs na buidhne ann a bhith a’ taiceachadh dhaoine.
Thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA Dòmhnall Caimbeul:
“Tha mi air leth toilichte gu bheil MG ALBA a-rithist air aithne fhaighinn mar bhuidheann a tha a’ cur sàr àrainneachd obrach aig cridhe ar n-obair.
“Tha ar dòigh-obrach sùbailte airson luchd-obrach a’ cuideachadh gach neach. Bho uairean obrach teannaichte, cothrom a bhith dheth tro làithean-saora na sgoile no ag obair gu pàirt-ùine, tha sinn ag amas a bhith ag obair le ar co-obraichean gus fuasgladh fhaighinn a tha ag obrachadh dhaibhsan agus a tha ag aithneachadh beatha-obrach an là an-diugh ann an Alba agus san roinn craolaidh. Tha cothrom cuideachd aig luchd-obrach fòrladh neo-phàighte a ghabhail gus pàirt a ghabhail ann am pròiseactan cruthachail. Tha seo a’ toirt cothrom dhaibh eòlas ùr fhaighinn a tha aig a’ cheann thall na bhuannachd dhaibhsan agus dhuinne.
“Tha sinn cuideachd a’ tabhann raon de shochairean leithid ballrachd chorporra gym, tachartasan coimhearsnachd, cothrom a bhith an làthair aig prìomh thachartasan agus là trèanaidh spòrsail gach bliadhna. Ach tha e mu barrachd na sin. Dhomhsa dheth tha e mu dheidhinn an cultar a tha sinn air cruthachadh taobh a-staigh na buidhne. Tha luach againn nar daoine agus tha sinn airson grèim a chumail air an tàlant as fheàrr, ach chan fhaigh sinn air sin a dhèanamh gun a bhith a’ cruthachadh àrainneachd a tha a’ còrdadh ri daoine a thighinn a dh’obair ann.”
Chleachd Abigail Nicìomhair (aois 18) a bhith na h-oileanach samhraidh agus a tha a-nis ag obair do MG ALBA. Thuirt i:
“Bho thùs tha mi airson rudeigin a dhèanamh co-cheangailte ri na meadhanan no Tbh agus thug an cothrom-obrach samhraidh cothrom dhomh blasad fhaighinn air na obraichean diofraichte taobh a-staigh MG ALBA. Tha e a’ còrdadh rium gu mòr a bhith ag obair an seo agus ’s e cothrom air leth a th’ ann. Tha a h-uile duine airson ’s gun tèid gu math leat agus tha iad cho cuideachail. ’S e àrainneachd obrach uabhasach math a th’ ann.”
Thuirt An t-Iar-Phrìomh-Mhinistear:
Mo mheala-a-naidheachd do MG ALBA airson na h-aithne seo mar fastaiche air leth le na duaisean a tha seo.
“Tha sinn ag aithneachadh nam buannachdan cultarach, eaconamach, slàinte agus sòisealta a tha cànan agus cultar na Gàidhlig a’ toirt do dh’Alba air fad. ’S e sin an t-adhbhar a thathas airson àireamh luchd-cleachdaidh a’ chànain àrdachadh agus aig an aon àm na cothroman a cleachdadh ann an suidheachaidhean làitheil a mheudachadh.
“Tha craoladh de fhilmichean agus prògraman Gàidhlig deatamach gus dèanamh cinnteach gun lean an cànan aig cridhe ar n-aithne chultarail.”
Thuirt Mary Leishman, measadair Creideas nar Cosnaichean:
“Airson nan 10 deich bliadhna mu dheireadh, tha MG ALBA air a bhith a’ fastadh, a’ trèanadh agus a’ leasachadh dhaoine òga gu ìre àrd dha-rìribh agus air cothroman a thoirt dhaibh na cùrsaichean-obrach aca sna meadhanan Gàidhlig a leasachadh. Tha iad dha-rìribh airidh air inbhe Òir ann an Creideas nar Cosnaichean Òga a ghleidheadh.”
Tha Ailean Dòmhnullach air tòiseachadh na dhreuchd mar an Cathraiche ùr air MG ALBA, am buidheann a tha an urra ri prògraman Gàidhlig ann an Alba.
Tha Ailean, a chaidh a chuir san dreuchd airson ceithir bliadhna bho 1 Faoilleach 2019 le Ofcom air an obair a ghabhail thairis bho Mhagaidh Choineagan a bha na Cathraiche air MG ALBA bhon Iuchar 2012.
Tha Ailean Dòmhnullach, a tha fileanta sa Ghàidhlig, air a bhith an sàs ann an riochdachadh agus rianachd ann an craoladh Gàidhlig, rèidio agus telebhisean, thairis air 40 bliadhna.
Rè a bheatha-obrach, bha e ag obair airson 12 bliadhna aig a’ BhBC agus fhads a bha e an sin bha e os cionn a bhith a’ cur air chois stèisean rèidio ann an Steòrnabhagh, dà bhliadhna aig Grampian TV agus 25 bliadhna anns an roinn telebhisean neo-eisimeileach na Cheannard air mneTV, companaidh spòrs agus cur-seachad, agus na stiùiriche air purple TV, riochdaire didseatach agus telebhisean.
Tha eòlas aige air obair naidheachd agus cùisean làithreach ann an rèidio, telebhisean agus pàipearan naidheachd, cho math ri bhith na àrd-riochdaire, na riochdaire agus na stiùiriche air raon farsaing de phrògraman coitcheann nam measg prògraman creideimh, comadaidh, ciùil agus aithriseach, nam measg prògraman mu Jock Stein agus Jim Baxter a bhuannaich duaisean RTS bho chionn ghoirid.
Bho chionn ceithir bliadhna tha e air a bhith na Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig, am prìomh bhuidheann poblach ann an Alba a tha an urra ri bhith ag adhartachadh leasachadh na Gàidhlig. Bha e ron sin na bhall de Bhòrd Colaisde a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh, agus de Bhòrd Skillset ann an Alba. Airson sia bliadhna bha e mar Chathraiche den earrann telebhisein neo-eisimeileach ann an Alba (PACT) agus bha e na stiùiriche air PACT (UK) ann an Lunnainn.
Thuirt cathraiche ùr MG ALBA Ailean Dòmhnullach:
“Tha mi air leth pròiseil a bhith a’ tòiseachadh aig MG ALBA mar chathraiche ùr na buidhne. Tha mi an dùil a bhith a’ togail air soirbheas BBC ALBA sna deich bliadhna a dh’fhalbh, agus ann a bhith a’ dèanamh sin tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth le buill, leis an luchd-obrach, ar com-pàirtichean a bhios a’ cruthachadh ar susbaint, agus leis a’ BhBC a tha nan com-pàirtichean craolaidh ann am BBC ALBA.
Tha mi cuideachd a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth ris a’ choimhearsnachd agus leis an Riaghaltas – a tha a’ maoineachadh MG ALBA gus na h-amasan againn a choileanadh”.
Bithidh rionnagan BBC ALBA, an dithis Dhòmhnallach Cathie Bhàn agus Niall Iain, a’ cur fàilte chridheil air a’ Bhliadhn’ Ùir, an dèidh dhaibh a ràdh cò an fheadhainn chliùiteach a nochdas fo bhratach an t-seanail aig Cèilidh Oidhche Challainn is na Bliadhn’ Ùire.
Cumar an tachartas seo ann am Baile Ghobhainn, aig fìor thoiseach bliadhna a bhios gealltanach do Ghaidheil Ghlaschu.
Anns a’ bhliadhna 2019 bidh Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a’ chiad sgoil a chleachd Gàidhlig gu h-iomlan, 20 bliadhna dh’aois, agus a thuilleadh air sin bidh an sgoil Ghàidhlig as ùire an Glaschu a’ fosgladh ann am Baile Ghobhainn fhèin. Bidh 90 bliadhna o stèidhicheadh Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn, agus ann an 2018 ràinig Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu 125 bliadhna dh’aois. Bidh an dà chòisir a’ seinn aig a’ chèilidh.
Am measg na bhios an làthair bidh iomadh seinneadair is còmhlan, le beagan fealla-dhà an siud ’s an seo cuideachd.
Air ùr-thilleadh bho bhith air The Late Late Show le James Corden, bidh an seinneadair ainmeil Colin Macleod, a choisinn cliù aig an taigh agus thall thairis, a’ seinn agus a’ cluich ceòl on chiad chlàr aige, Bloodlines.
Bidh seinneadair Kim Carnie, a bha na bean an taighe aig Duaisean Tradaiseanta MG ALBA, a’ seinn an cuideachd Glenfinnan Ceilidh Band, fo stiùir Ingrid NicEanraig, i fhèin na Stiùiriche Ciùil aig a’ phrògram.
Bidh seinn bheò ann o Chaitlin NicAonghais agus Sìneag Nic an t-Saoir (on chòmhlan Urban Teuchters) agus pìobaireachd on cheathrar Seudan (sin Calum MacCruimein, Aonghas MacCoinnich, Fin Moore agus Aonghas MacNeacail).
A thuilleadh orrasan, bidh seinneadair cliùiteach san t-seann nòs Murchadh ‘Wasp’ Dòmhnallach agus Hò-rò, còmhlan de dh’iomadh ionnstramaid, a’ nochdadh air an àrd-làr.
O chionn gun do thachair tubaist sgriosail na h-Iolaire 100 bliadhna roimhe, comharraichidh Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu sin tràth sa mhadainn gu tiamhaidh mar as còir. Bha HMY Iolaire air chuairt, a’ toirt luchd-seirbhis dhachaidh on Chogadh Mhòr, nuair a bhuail i Biastan Thuilm faisg air Steòrnabhagh, Leòdhas, tràth sa mhadainn air Latha na Bliadhn’ Ùire 1919. Chaidh i fodha dìreach 20 slat on tìr, agus b’ droch bhuille do dh’iomadh coimhearsnachd ann an Leòdhas is na Hearadh nuair a chailleadh 201 fir.
This year’s event is to be broadcast live from 11:30pm on BBC ALBA, with worldwide audiences able to view via the BBC ALBA website – bbc.co.uk/alba
Bidh am prògram a’ comharrachadh Latha Stad na h-Armachd, agus pìobaire Andy Cant às Arcaibh a’ seinn air a’ phìob ceòl a chruthaich e fhèin, In Remembrance. Chluich Andy sin aig Cathair-Eaglais an Naoimh Mànas ann am Baile na h-Eaglaise mar chuimhneachan air Blàr Jutland agus aig Cathair-Eaglais Ghlaschu mar chomharra air deireadh a’ Chogaidh Mhòir.
Tha eachdraidh air leth aig Talla Sean Bhaile Ghobhainn; coltach ri Aitreabh nan Gaidheal, ’s iomadh Gaidheal ann an Glaschu a bha air a tharraing do dhannsaichean an seo. Dh’fhaodadh gun toir an talla cuimhne no dhà air ais do chuid nar latha fhìn.
Thèid an tachartas seo a chraoladh beò bho 11.30 feasgar air BBC ALBA, agus faodaidh sluagh air feadh an t-saoghail coimhead air a’ phrògram air làrach-lìn BhBC ALBA – bbc.co.uk/alba
Tha BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal a’ foillseachadh clàr-ama na Bliadhna Ùire gus cuimhneachan ceud bliadhna bho chall na h-Iolaire a chomharrachadh.
Tràth sa mhadainn air Là na Bliadhn’ Ùire 1919 chaidh an Iolaire air na creagan ann an sealladh caladh Steòrnabhaigh. Air bòrd bha fir a bha a’ tilleadh dhachaigh bhon a’ Chogadh Mhòr. Chaill 201 duine am beatha, ann an uabhas a thug buaidh leantainneach air sluagh Leòdhais is na Hearadh – air teaghlaichean agus caraidean a mhair beò agus air coimhearsnachdan nan eilean.
Tha BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal air clàr sònraichte de phrògraman a chruthachadh, a’ measgachadh bàrdachd, ceòl, ealain, tasglann, dràma agus sgeulachdan pearsanta gus cuimhneachadh air an tachartas uamhasach seo.
Bidh Radio nan Gàidheal a’ craoladh bho na tachartasan ann am baile Steòrnabhaigh tro fheasgar 31 Dùbhlachd, a’ tòiseachadh aig 7f troimhe gu dà uair sa mhadainn, àm na tubaist, agus a-steach gu feasgar a’ chiad latha den bhliadhna. Ge bith càite bheil sibh san t-saoghal bidh cothrom agaibh èisteachd ri na tha a’ tachairt far am bi daoine cruinn.
Thairis air 31 Dùbhlachd agus 1 Faoilleach, seallaidh BBC ochd filmichean goirid, Guthan na h-Iolaire. Ann an riochd dràma, cluinnear na thachair do cheathrar a bh’ air bòrd na h-Iolaire agus ceathrar a bh’ air tìr. Tha facail nan daoine air ath-aithris le actaran agus am measg nan sgeulachdan cluinnidh sinn mu Iain F. MacLeòid a shnàmh chun tìr le ròp a bha mar mheadhan air iomadh beatha a shàbhaladh agus Dòmhnall Moireasdan a chuir seachad an oidhche le grèim air crann na h-Iolaire.
Cuideachd air oidhche 31 Dùbhlachd, chithear film-bheothaichte glè shònraichte, air a chruthachadh le Catrìona NicIlleDhuibh. Tha clàraidhean-tasglainne de fir a chaidh an sàbhaladh agus fianaisean air am fighe còmhla ri sgòr drùidhteach ciùil bhon an fhìdhleir Sarah-Jane Summers, maille ri bàrdachd Iain Mhic a’ Ghobhainn.
Air Là na Bliadhna Ùire, chithear prògraman bhon tasglann agus prògraman ùra. Ghluais call na h-Iolaire iomadh neach gu sgrìobhadh, is iad a’ feuchainn ri greimeachadh air buaidh na thachair air teaghlaichean is coimhearsnachdan. Tha taghadh den bhàrdachd sin anns a’ phrògram Cuimhneachan – Iolaire. Ann an An Iolaire – Bidh Sinn a’ Cuimhneachadh, thathas a’ toirt sùil air mar a tha obair ealain a’ cuideachadh ann a bhith a’ cuimhneachadh agus a’ comharrachadh. Nas fhaide air adhart air an oidhche sin, chithear Sàl, pìos ciùil sònraichte bho Iain Moireasdan.
Bidh sgiobaidhean naidheachd BBC ALBA and Radio nan Gàidheal a’ toirt thugainn aithrisean sònraichte bho bhaile Steòrnabhaigh le cunntasan mun obair ullachaidh airson tachartasan cuimhneachaidh call na h-Iolaire.
Air 2 Faoilleach, ann an Sàr Sgeòil gheibhear sgeul le freumhan ann an call na h-Iolaire, air a sgrìobhadh le D S Moireach.
Bidh beartas de phrògraman ùra rim faicinn aig àm na Nollaige air BBC ALBA, bho phrògraman a bhlàthaicheas do chridhe gu dràma cloinne sònraichte, a thilleadh air ceòl is craic gu leòr eile cuideachd!
A’ cur na Nollaig air a casan tha Ceathrar air Chuairt. Tha ceathrar dheugaire ag amas air faighinn tro fhàsach fharsaing ann an Alba, Innis an Iasgaich air Taobh Siar Rois. Thairis trì là, a’ tòiseachadh an oidhche ron Nollaig, bidh Calum MacIlleathain, ainmeil airson a phrògram fhèin air BBC ALBA ‘Dhan Uisge’ agus airson The Social, air a’ bhlàr a-muigh cuide ri Lachlan, Megan, Clare Frances agus Angus, Gheibh iad fiosrachadh agus na chumas beò iad, ach bidh rud no dhà eile ann a dh’fheumas iad ionnsachadh dhaibh pèin.
Thuirt Calum: “B’ e dùbhlan dha-rìribh a bha seo le gu leòr a’ dol ceàrr air an t-slighe! Chi luchd-amhairc mar a chaidh do cheathrar dheugaire àbhaisteach a’ dèiligeadh ri droch aimsir, coiseachd gun chiall agus ‘s dòcha an rud as duilghe buileach, a’ feuchainn gun a dhol a-mach air a chèile!”
Tha A’ Sireadh Sascha ag innse sgeulachd làidir, chumhachdach mu theaghlach a tha a’ sireadh mac agus bràthair. Chithear an seinneadair Mischa Nic a’ Phearsain a’ siubhal dhan Gearmailt le a h-athair Lachie, a’ leantainn nan oidhirpean aca am mac nach fhaca e bho chionn 34 bliadhna a lorg.
Airson luchd-amhairc òga BBC ALBA, tha dràma ùr ri fhaicinn air Là na Nollaig. Chaidh A-null ’s a-nall: Buidheagain, a chruthachadh mar phàirt de sgeama air a ruith le Aonadh Craolaidh na h-Eòrpa. Chaidh am film a sgrìobhadh le Patsi NicChoinnich agus a stiùireadh le Tony Kearney agus tha e ag innse sgeòil nighean òg, nach deach a-riamh dhan sgoil agus a tha air a teagasg le a màthair, agus mar a tha tuathanach suarach a’ feuchainn ri an ruaigeadh far an tuathanas aige.
Thuirt Tony Kearney: “’Le sgriobt air leth math agus cleasaichean òga fìor chomasach, bidh an dràma seo dìreach math fhèin airson teaghlaichean air Là na Nollaig.”
Rinn FUNC brag nuair a nochd e an toiseachd as t-Foghar air BBC ALBA, a’ còrdadh gu mòr ris an luchd-amhairc agus tha FUNC a’ tilleadh le amaideas agus craic gu leòr eile airson na Nollaig! Air a riochdachadh agus air a stiùireadh le Michael Hines, fear de chruthadairean Still Game, chi sinn caractaran air a bheil sinn uile eòlach bho shaoghal phoilitigs is eile.
Tha 30 bliadhna bho thachair tubaist Piper Alpha agus ann am Piper Alpha: An Sgàil cluinnear bhon neach-naidheachd Iona Ballantyne ’s i a’ coinneachadh ri teaghlaichean dhaoine a fhuair às beò agus feadhainn a chaill luchd-gaoil san tubaist.
An là às dèidh na Nollaig, chithear Colin MacLeod – When it Kicks In. Tha an seinneadair is sgrìobhadair òrain, Colin Macleòid à Eilean Leòdhais, air chuairt air gach taobh den Chuan Shiar às dèidh dha ainm a chur ri cùmhnant clàir ùr. Chì sinn e air chuairt le Jeff Beck agus Sheryl Crow, a’ nochdadh air The Late Late Show le James Corden agus a’ toirt taic do fhear a bha e a’ leantainn bho bha e òg, Robert Plant, san O2 ann an Lunnainn. Chan e dupadh chaorach, no iasgach nan giomach a th’ air aire neach-ciùil roc mar as trice, ach chan e rionnag roc àbhaisteach a th’ ann an Colin Macleòid.
Bidh Bho Chaorain gu Consoles a’ dùsgadh chuimhneachain mu phrèasantan a thug toileachas dhuinn, rè nam bliadhna, air madainnean Nollaig, bho làithean nuair a bhithear a’ faighinn mòine agus gual gu làithean nan geamannan consoil.
Am measg nan tiodhlacan Nollaig eile air BBC ALBA bidh ceòl bho Mànran aig Barrowland agus seirbheis bho Eaglais Greyfriars ann an Dùn Èideann, Nollaig Chridheil à Dùn Èideann 2018.
Bheir Cèilidh Na Bliadhn’ Ùire an 10mh ceann-bliadhna aig BBC ALBA gu crìoch à seann Talla Bhaile Ghobhainn, air bruaich Abhainn Chluaidh an Glaschu. Bidh aoighean am pailteas agus ceòl is craic gu leòr cuide ri Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach. Thèid fios a bharrachd a sgaoileadh nas fhaisg air an àm.
Aig ceann na bliadhna bidh cuimhneachan sònraichte againn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho chaillear an Iolaire le call beatha 201 neach. Bidh clàr de phrògraman ùra agus tasglann a’ toirt a-steach bàrdachd, ceòl, ealain, dràma agus sgeulachdan pearsanta air leth drùiteach. Thèid fios iomlan a sgaoileadh nas fhaisg air an àm.
Mànran aig Barrowland airs on Saturday 22 December at 9pm
Ceathrar Air Chuairt airs on Monday 24, Tuesday 25 and Wednesday 26 December at 8.30pm
A’ Sireadh Sascha airs on Christmas Eve at 9pm
Nollaig Chridheil à Dùn Èideann 2018 airs on Christmas Eve at 11pm
A-null ’s a-nall: Buidheagain airs on Christmas Day at 6.05pm
Bho Chaorain gu Consoles airs on Christmas Day at
FUNC airs on Christmas Day at 10pm
Colin MacLeod – When it Kicks In airs on Boxing Day at 9pm
Piper Alpha: An Sgàil airs on Hogmanay at 9pm
Cèilidh Na Bliadhn’ Ùire airs on Hogmanay from 11:30pm
‘The Wall’, co-riochdachadh Cheilteach-Choirianach air a chur aig bhog aig MIPCOM
An-diugh (Diluain 15mh) aig MIPCOM, mar comharra den chaidreachas ùr cho-innleachdail, bithidh na com-pàirtichean de ‘Maoin Eadar-nàiseanta Cheilteach’ (CIF) a’ cur air bhog ‘The Wall’, sreath phrògram aithriseach airson a’ chraoladair Cuimreach S4C, a’ chraoladair Èireannach TG4 agus a’ chraoladair Choirianach JTV. Bithidh an t-sreath, a thèid a chraoladh aig toiseach 2019, co-riochdaichte le Rondo às a’ Chuimrigh agus Rosg à Èirinn.
Tha CIF a’ ruith cuairt-coimiseanaidh bhliadhnail eadar craoladairean agus luchd-maoineachaidh nan dùthchannan Ceilteach ann an Alba, a’ Chuimrigh, Èirinn agus Èirinn a Tuath.
Chaidh a chur air chois le BBC ALBA (le maoineachadh bho MG ALBA), S4C, TG4 agus Maoin Craolaidh na Gaeilge aig Sgrion Èireann a Tuath (ILBF).
’S e amas an CIF co-leasachadh – agus an uair sin co-riochdachadh – a bhrosnachadh tro Ghàidhlig na h-Alba, Cuimris agus Gaelige, a thuilleadh air leasachadh a dhèanamh a thaobh eadar-nàiseanachadh Eòrpach agus thar-chruinne air stuthan air an dèanamh bho thùs sna cànain Ceilteach sin.
Bheir an CIF cothrom do luchd-dèanamh fhilmichean co-leasachadh agus co-riochdachadh a dhèanamh air stuthan sònraichte, àrd-amasach a bheir neart do chlàran-ama phrògraman aig prìomh amannan, buaidh nàiseanta air luchd-amhairc ann an Alba, A’ Chuimrigh, Èirinn agus Èirinn a Tuath agus a bhios ag amas air luchd-amhairc air feadh an t-saoghail a ruighinn.
Tha a’ chiad chuairt seo a’ gabhail a-steach trì gnèithean, Prògraman Aithriseach, Dràma agus Beò-dhealbhadh. Airson gach pròiseact a bhios soirbheachail, bidh àm leasachaidh ann far an tèid maoineachadh a sholarachadh gus beachdan agus am frèam-obrach co-riochdachaidh a leasachadh, aig am feum eileamaid riochdachaidh a bhith ann an Alba, a’ Chuimrigh agus Èirinn no Èirinn a Tuath.
Thèid an CIF a rianachd le co-sgioba coimiseanaidh bho na craoladairean agus an luchd-maoineachaidh às na dùthchannan Ceilteach a tha nan com-pàirtichean san sgeama seo.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA:
“’S e rud àrd-amasach a tha seo airson ar gnìomhachas riochdachaidh agus tha sinn a’ sùileachadh gun toir an iomairt seo dhuinn cothrom na companaidhean riochdachaidh againn a bhith a’ strì gu h-eadar nàiseanta agus gun cruthaich e prògraman ùra agus nas fheàrr airson luchd-amhairc BBC ALBA. Le bhith a’ co-obrachadh gu h-eadar nàiseanta tha sinn ag àrdachadh càileachd agus ruigsinneachd ar susbaint.”
Tha BBC ALBA an-diugh (13 Sultain) a’ foillseachadh com-pàirteachas le CBeebies agus CBBC.
Thèid CBeebies agus CBBC fhoillseachadh air ALBA Diluain 17 Sultain bho dhachaigh ùr ghleansach.
Thadhail Ben Cajee agus Karim Zeroual bho CBeebies agus CBBC air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an-diugh gus an com-pàirteachas ùr seo a chomharrachadh.
Nan cuideachd bha Carrie NicNèill, Ruairidh MacCormaig, Hannah NicCurdaidh agus Calum Dòmhnallach a bheir, cuide ri sgioba ùr, na prògraman ùra chloinne chun an luchd-amhairc òga.
’S e leudachadh susbainteach a tha seo a chruthaicheas ceithir uimhir de stuthan ùra ann an Gàidhlig do chlann a bhios air a thaisbeanadh gach là den t-seachdain agus tron bhliadhna air fad.
Bidh CBeebies, airson clann fo aois sgoile, ri fhaicinn air ALBA bho 5f airson uair a thìde, a’ tighinn gu crìoch le Stòiridh – sgeulachd àm-cadail. Agus bidh CBBC air ALBA ri fhaicinn eadar 6 is 7f.
Bidh an aon seòrsa dreach agus faireachdainn aig an dà sheirbheis Ghàidhlig ri na seirbhisean Beurla, le seinn, fios mu cho-làithean breith, cleasan cruthachaidh agus bèicearachd.
Tha an iomairt a’ tachairt is BBC ALBA a’ comharrachadh 10 bliadhna air an èadhar agus 40 bliadhna bho nochd prògraman cloinne Ghàidhlig air a’ BhBC airson a’ chiad uair.
Thuirt Bill Macleòid, àrd-riochdaire airson BBC ALBA agus a tha os cionn na h-iomairt:
“’S e iomairt dàna, ùr a tha seo airson a’ Ghàidhlig fhilleadh gu dlùth ri seanailean cliùiteach chloinne, Cbeebies agus CBBC agus a’ cruthachadh goireasan beothail is taitneach do chloinn le Gàidhlig is am pàrantan. ’S e co-obrachadh air leth torrach a tha air a bhith ann le roinn iomraiteach na cloinne aig a’ BhBC agus tha sinn làn dhùil gun còrd an dreach ùr ris a’ chloinn.”
Thuirt Maireadh Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheisean Gàidhlig a’ BhBC:
“Tha prògraman chloinne aig cridhe clàr-ama làitheil BBC ALBA agus tha sinn air ar dòigh glan a bhith air chothrom an t-seirbheis seo a neartachadh agus beairteas de phrògraman ùra a thairgse – ’s e ar rùn gun toir an t-seirbheis chloinne ùr luach agus buaidh chun an luchd-amhairc òga tron a’ chom-pàirteachas shònraichte seo bhon BhBC.”
Thuirt Ian France, Ceannard Taisbeanadh Phrògraman Roinn Cloinne a’ BhBC
“Tha Roinn Taisbeanaidh CBBC agus CBeebies aig cridhe gach seanail agus tha eòlas aca ann a bhith a’ conaltradh agus a’ ruighinn clann air feadh na RA agus mar sin tha mi cho toilichte gu bheil an com-pàirteachas seo le BBC ALBA a’ ciallachadh gu bheil an cothrom aig nas motha de chloinn ar stuthan fhaicinn.”
Tha Rugbaidh nam Ban an Alba air sàr aonta a ruighinn le BBC ALBA gus àireamh mhòr de mhaidsichean a chraoladh thar na bliadhna a tha romhainn.
Chan e a-mhàin geamannan Sia Nàiseanan nam Ban a bhios air an craoladh, ach cuideachd a’ chuairt dheireannach den phrìomh ghèam aig an taigh, Cupa Sarah Beaney – taic mhòr airson fàs geama nam ban.
Tha am fiosrachadh a’ tighinn dìreach mìosan an dèidh prìomh aonta airson ball-coise nam ban, agus a’ chiad chraoladh de iomain nam ban, a’ neartachadh suidheachadh an t-seanail mar dhachaigh spòrs nam ban ann an Alba.
Is e a’ chiad ghèam Rugbaidh nam Ban an Alba a thèid a shealltainn fon aonta ùr an gèam eadar Alba agus Canada aig Scotstoun air Dimàirt 27 Samhain. Bidh an gèam air fhaicinn beò thar na RA air an t-seanail agus air BBC iPlayer.
Tha Rugbaidh na h-Alba an-dràsta a’ putadh rugbaidh nam ban leis an amas a bhith ann am farpais Cupa an t-Saoghail airson Rugbaidh nam Ban ann an 2021, agus tha iad air a’ gheama atharrachadh o chionn ghoirid gus a bhith a’ brosnachadh com-pàirteachadh. Tha MG ALBA agus Rugbaidh na h-Alba le chèile dealasach mu bhith a’ meudachadh profail a’ gheama mar a bhithear a’ dol air adhart gu Cupa Rugbaidh an t-Saoghail.
Thuirt Dominic McKay Prìomh Oifigear Gnìomh aig Rugbaidh na h-Alba:
“Tha sinn ag obair cruaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-ùrlar as làidir is urrainn aig rugbaidh nam ban gus cuideachadh ann a bhith a’ leasachadh nan cluicheadairean agus a bhith a’ meudachadh ùidh sa ghèam agus tha an com-pàirteachadh seo le BBC ALBA a’ cur gu mòr ri sin. Tha càirdeas fad-ùine air a bhith againn le BBC Alba tron obair aca a thaobh A’ Phrìomh Lìg agus PRO14 agus mar sin tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla riutha gus rugbaidh nam ban a chraoladh ann an Alba.”
Thuirt Gemma Fay, Ceannard Rugbaidh nam Ban agus nan Caileag aig Rugbaidh na h-Alba:
“Tha mi air leth toilichte gu bheil BBC ALBA air ainmeachadh gum bi iad a’ craoladh maidsichean Rugbaidh nam an Alba air an t-seanail aca. Tha an dealas a tha iad air nochdadh do spòrs nam ban ann an Alba deimhinneach dha-rìribh agus tha sinn an dòchas gun cuidich seo ann a bhith a’ brosnachadh an ath ghinealach de chluicheadairean rugbaidh.”
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd agus Com-pàirteachas aig MG ALBA:
“Tha sinn toilichte gu bheil e comasach a bhith a’ sealltainn mar a tha geama nam ban a’ fàs ann an Alba le geamannan Sia Nàiseanan nam Ban agus Gèam Deireannach Cupa Sarah Beaney. Tha sinn air a dhearbhadh le bhith a’ craoladh farpais PRO 14, mar as urrainn dhuinn a bhith nar com-pàirtichean gus cuideachadh a bhith a’ fàs spòrs, agus a’ bhith a’ tàladh luchd-amhairc ùr – cuid airson a’ chiad uair – chun na Gàidhlig. Tha mi air mo dhòigh gun urrainn dha BBC ALBA a bhith a’ comharrachadh oidhirpean nam ban ann an spòrs sna sgiobaidhean nàiseanta agus cuideachd ann an sgiobaidhean Cupa Sarah Beaney. Tha sinn air leth toilichte cuideachd a bhith a’ sealltainn gèam Chanada san dùthaich sin aig deireadh na mìos.”
Thuirt am Ministear Spòrs Joe FitzPatrick:
“Is e prìomh cheum a tha sa chom-pàirteachas seo ann a bhith a’ comharrachadh agus a’ togail mothachadh air rugbaidh nam ban ann an Alba. Chan e a-mhàin gum bi geamannan cudromach nam ban air an craoladh, nam measg Sia Nàiseanan nam Ban, ach cuideachd gèam aig ìre nas ìsle leis gum bi e comasach do dhaoine a’ chuairt dheireannach fhaicinn den phrìomh fharpais aig an taigh, Cupa Sarah Beaney.
“Tha Rugbaidh na h-Alba agus an com-pàirtichean air obrachadh gu cruaidh gus an àireamh de mhnathan agus de chaileagan a tha an sàs ann an rugbaidh àrdachadh, agus tha dealas a’ BhBC agus MG ALBA ann a’ bhith a’ taisbeanadh an spòrs na cheum eile air adhart.”
Thèid Dinnear Dhuaisean Bhliadhnail Ball-coise nam Ban Albannach (SWF) 2018 a sponsaireadh le MG ALBA. An dèidh cùmhnant a ghlèidheadh le SWF nas tràithe air a’ bhliadhna an tuilleadh gheamannan a chraoladh na riamh roimhe air BBC ALBA suas gu 2020, tha seo na chomharra eile air dealas MG ALBA gu ruige geama na nighinn agus nam ban.
Thuirt Vivienne MacLaren Cathraiche SWF: “Tha seo na àm air leth chudromach dhuinne mar bhuidheann. Tha MG ALBA air a bhith cho taiceil de ar geama airson ùine fhada agus mar sin tha sinn air ar dòigh gu bheil iad an sàs san tachartas.
“Bha e na thargaid mhòr dhuinne na duaisean a chuir an sàs a-rithist. Tha e mu bhith a’ cruthachadh oidhche airson ar ballrachd air fad gus a dhèanamh comasach a h-uile duine a tha an sàs sa gheama a thoirt còmhla agus soirbheas air feadh na dùthcha a chomharrachadh aig na diofar ìrean de bhall-coise na nighinn agus nam ban.”
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ toirt sponsaireachd gu Dinnear Dhuaisean Bhliadhnail an SWF . Thathas air a bhith ag obair gu soirbheachail leis an SWF gus inbhe geama nam ban a thogail, agus bha fios againn gu robh seo mar phròiseact a bheireadh dhuinne an cothrom an geama a thaiceachadh a bharrachd.”
Thèid 14 duaisean an toirt seachad air an oidhche, le ceithir duine ainmichte sa mhòr chuid de ghnèithean.
“Fhuaireas àireamh air leth àrd de dh’ainmichean” thuirt Vivienne. “Bha e gu math duilich don phanal a ghearradh sìos agus tha seo na chomharra air cho brosnachail agus co-fharpaiseach ’s a tha an geama a-nis. Gu dearbha, cha bhithinn-sa airson a bhith a’ co-dhùnadh cò a bhuannaicheas.
“Tha reic thiocaidean agus bùird air a bhith air leth àrd, le ùidh ga shealltainn bho sgiobannan, clubaichean agus pàirtean den dùthaich. Agus ‘s ann mar sin a bhathas ag iarraidh gun tachradh. Ged nach eil e comasach don h-uile duine a bhith nan ainmiche no nan buainnaiche air an oidhche, tha na duaisean seo a’ dèanamh luaidh air sàr obair tòrr dhaoine, a’ mhòr chuid a tha ag obair gu saor-thoileach.
Thèid Dinnear Dhuaisean Bhliadhnail Ball-coise nam Ban Albannach aig MG ALBA a chumail Disathairne 17 Sultain ann an Taigh-òsta Hilton, Glaschu. Airson an tuilleadh fiosrachaidh agus airson tiocaidean, a tha a-nis cuingichte, thèid gu https://scotwomensfootball.com/swf-annual-awards/.