Chaidh còig chompanaidhean a thaghadh airson taic leasachaidh ghnothachail tro chompàirteachas sònraichte eadar FOCUS agus MG ALBA.
Dh’ainmich FOCUS an compàirteachas le MG ALBA san t-Iuchar am-bliadhna agus fhuair solaraichean BBC ALBA cuireadh airson cur a-steach airson taic saor an asgaidh le bhith a’ lìonadh foirm-iarrtais air làrach-lìn FOCUS.
Às dèidh pròiseas farpaiseach, chaidh na còig a leanas a thaghadh: Bees Nees Media, Caledonia TV Productions, Corcodal Productions, MacTV agus Mast-Àrd Studio.
Tha suas ri £10k ann airson maoineachadh an cothrom coinneachadh agus meantoradh fhaighinn bho eòlaichean air cùisean choimeirsealta. Tha seo a’ ciallachadh gum bi cothrom aig na companaidhean ath-sgrùdadh a dhèanamh air na cùmhnantan aca agus an seilbheach innleachdail aca, agus dh’fhaodar gun stèidhich sin pròiseasan agus sruthan-obrach èifeachdach.
’S e pròiseact thar dà bhliadhna a th’ ann am FOCUS agus bidh e a’ toirt seachad taic ghnothachail gu h-àraid airson companaidhean riochdachaidh ag obair ann an Alba. Le bhith a’ cur maoineachadh ri taic ghnothachail gu sònraichte airson na roinne seo tha am pròiseact ag amas gun cruthaich e roinn nas làidire, nas fulangach, le companaidhean a tha uidheamaichte airson gabhail na cothroman ùra airson craoladairean ann an margaidh caochlach. Tha Film City Futures a’ lìbhrigeadh FOCUS ann an co-bhanntachd le Scottish Documentary Institute, le taic bho chompàirtichean Sgrion Alba, Alba Chruthachail agus Scottish Enterprise.
O chionn beagan bhliadhnaichean tha MG ALBA air a bhith a’ rèiteachadh cuid de phrògraman BBC ALBA le co-aontaidhean eadar-nàiseanta. Tha na co-aontaidhean seo a’ ciallachadh luach de £5.2m de shàr-phrògraman airson seanail Ghàidhlig Alba.
Tha comhairlichean craolaidh na Televators, air a ruith le Kirstie McLure agus Nikki Tilley, gu bhith a’ tabhainn taic ghnothachail gu na companaidhean a bha soirbheachail. Tòisichidh na Televators sa bhad gus an cuidich iad na craoladairean ann a bhith a’ gabhail brath air na cothroman sna margaidhean aca. Dh’fhaodar gun adhbharaich seo fàs ann an lìonraidhean eadar-nàiseanta agus an seo ann am Breatainn.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Le bhith ag obair gu dlùth le ar solaraichean agus FOCUS tha sin a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ neartachadh nan ceanglaichean eadar-nàiseanta a thaobh prògraman airson BBC ALBA. Tha an ro-innleachd seo air barrachd chothrom a thoirt do BhBC ALBA airson susbaint aig àrd-ìre ach tha e cuideachd a’ leigeil le ar solaraichean càirdeas a thogail ann am margaidhean eile a dh’fhaodar a bhith feumail dhuinn gu h-eacanomaigeach. Tha na h-aontaidhean co-riochdachaidh agus co-mhaoineachaidh seo cudromach airson a bhith ag adhbharachadh fàs agus leudachadh sna roinnean cruthachail againn.”
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: https://www.filmcityfutures.com/mgalba
Chaidh prògram aithris BBC ALBA a shealltainn a-raoir aig Fèis Film FIN Atlantic ann an Canada.
Air fhilmeadh thar 3 bliadhna leis a’ chompanaidh neo- eisimeileach TrixPixMedia, tha San Fhuil / It’s in the Blood a’ toirt thugainn dealbh dlùth-chaidreach a’ leantainn cuairtean na bliadhna mar a bha agus mar a tha, air croitean ann an Uibhist a Deas.
Tha am filmeadair Beatrix Wood aithnichte a-nis airson nam prògraman a tha i a’ cruthachadh stèidhichte air daoine, cultar agus nàdar na h-Eileanan, le fòcas gu h-àraidh air a’ cheangal leis an fhearainn.
Thuirt Beatrix: “Tha a bhith a’ cumadh sgeulachdan a dh’obraicheas airson luchd-amhairc agus luchd-ùidh ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta air a bhith aig cridhe m’ obair bho d’fhàg mi sgoil film. Chòrd an sreath gu mòr ri daoine nuair a chaidh a chraoladh an toiseach air BBC ALBA agus tha sinn air ar dòigh glan gu bheil am film air a shlighe a dhèanamh chun mhargaidh eadar-nàiseanta.”
Sa phrògram, tha measgachadh de dh’earrainnean ùra, a thuilleadh air film agus deilbh bhon tasglann, a’ toirt sealladh nach eileas a’ faicinn tric air cuimhneachain agus sgeulachdan beatha nam prìomh charactaran.
Tha Fèis Film Eadar-nàiseanta FIN Atlantic, a mhaireas ochd là, a’ dèanamh luach air film agus meadhanan bho air feadh an t-saoghail, a’ tionndadh Halifax gu àite air ghoil le daoine le ùidh ann an filmichean.
Bho chionn cola-deug, bha dealbh-beò BBC ALBA Tha thu air Aigeann m’ Inntinn air a thaisbeanadh aig Fèis Film Goirid Cannes agus a bharrachd air an sin bha soirbheas air leth aig an t-seanail aig duaisean RTS Alba, a’ cosnadh ceithir duaisean.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Tha seo a’ sealltainn a’ bhuaidh a th’ aig susbaint BBC ALBA gu h-eadar-nàiseanta. Tha sgeulachdan againn nach urrainn innse ach sna coimhearsnachdan againn fhèin agus tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na duaisean agus na fèisean seo a’ cuideachadh le bhith a’ sgaoileadh an teachdaireachd sin, agus ri linn sin, a’ meudachadh nan cothroman airson maoineachadh eadar-nàiseanta agus co-riochdachaidhean.”
Tha prògram aithriseach mu mhàthair Albannach a’ Chinn-suidhe Trump am measg nam prògraman a’ dearbhadh neart clàr BBC ALBA, is an t-seanail a’ dol a-steach dhan dàrna deichead bliadhna.
Tha am prògram, Màthair a’ Chinn-suidhe: Trump’s Mother, ag innse sgeul beatha Mhàiri Anna NicLeòid Trump, a h-òige agus a h-eilthireachd à Eilean Leòdhais gu na Stàitean Aonaichte.
Tha am prògram a’ toirt dhuinn criomagan sònraichte à litrichean eadar i fhèin is a caraid Agnes Stiven. Bha an dithis nighean a’ sgrìobhadh gu chèile nan òige agus bha Màiri Anna ag innse mun àmhghar a thachair rithe.
Le àireamhan de sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor fhàs ann am bailtean mòra na h-Alba tha ginealach de ‘millennials’ Gàidhlig a-nis air a’ Ghalltachd.
Thar cheithir phrògraman, tha sreath Na Millenni-Gaels a’ leantainn seachdnar dhiubh sin thairis air sia mìosan, a’ faicinn amannan cudromach nam beatha, bho a bhith ri ‘pole-dancing’ gu ionnsachadh draibheadh, agus a bhith nad phàrant airson a’ chiad uair.
Tha prògraman aithriseach làidir a ghlacas d’ aire an còmhnaidh aig teas-mheadhan clàr BBC ALBA. Tha an t-sreath leantainneach Trusadh a’ dèiligeadh le na dùbhlain beatha aig luchd LGDTC+ ann an cuid de choimhearsnachdan na dùthcha.
Tha an t-seanail cuideachd a’ taisbeanadh sgeulachdan brosnachail bho shaoghal spòrs, le aithris shònraichte air a’ chluicheadair-teanais soirbheachail Elena Baltacha, a bhàsaich le aillse ann an 2014 nuair nach robh i ach 30 bliadhna a dh’aois.
Cluinnidh sinn sa phrògram bho a caraidean, a càirdean, agus cuideachd bho Judy Mhoireach, a bha na meantor dhith tro a beatha.
Mar dhachaigh spòrs nam ban ann an Alba, tha BBC ALBA a’ craoladh ball-coise nam ban aig an taigh an Alba ach cuideachd gu h-eadar nàiseanta le bhith a’ leantainn nan sgiobaidhean Albannach ann an Champions League nam Ban agus sgioba Alba tro chuairt ro-fharpaiseach na Euros.
Chithear farsaingeachd de dhaoine ùra a’ nochdadh air an sgrìon as t-Fhoghar air an taiceachadh le sàr chruthachdas far an sgrìon a tha le chèile a’ toirt fìor bheartas gu clàr ùr BBC ALBA.
Tha an cleasaiche òg Màiri NicIllinnein a’ nochdadh ann an criomagan dràma Màthair a’ Chinn-suidhe agus san t-sreath ùr de Bannan còmhla ri Lana Pheutan, a tha cuideachd ri faicinn ann am FUNC, a bhuannaich an Comadaidh as Fheàrr aig duaisean RTS Alba na bu thràithe air a’ bhliadhna.
Bidh FUNC na tharraing do shluagh às dèidh leantainneachd a thogail tron a’ chiad sreath agus le cleasaichean òga, sgairteil agus sgrìobhadairean ealanta, bidh an luchd-amhairc toilichte gum bi a cheart-uiread de sceadsaichean èibhinn rim faicinn san dàrna sreath, air telebhisean agus air nam meadhanan sòisealta.
Thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha e na bhrosnachadh mhòr gu bheil ginealach ùr de thàlant againn a’ cruthachadh prògraman airson BBC ALBA. Chithear iad a’ nochdadh air beulaibh camara anns gach gnè phrògram agus tha iad cuideachd a’ cur ri cruthachas riochdachaidh is grinneas teicniceach ar meadhanan craolaidh. Tha mi an dòchas gun còrd ar dràma, is na prògraman-aithriseach agus an sàr-chomadaidh FUNC gu mòr ribh cuide ris am pailteas de neamhnaidean eile a bhios rim faicinn ann an clàr foghair BBC ALBA.”
Tha prògraman ùra BBC ALBA a’ tòiseachadh Diluain 16 Sultain agus thèid Màthair a’ Chinn-suidhe a chraoladh Dimàirt 17 Sultain, 9f.
Tha an Cannes Short Film Festival air film goirid bho BhBC ALBA a shealltainn am measg seallaidhean àlainn an Riviera Frangach.
Tha ‘Tha thu air Aigeann m’ Inntinn‘ (You are at the bottom of my mind) a’ comharrachadh 100 bliadhna bhon a thachair tubaist an Iolaire, aon de na tubaistean mara is miosa ann an uisgeachan an Rìoghachd Aonaichte.
Tràth air madainn 1 Faoilleach 1919, bhuail HMY Iolaire creagan ’s i a’ tilleadh a Steòrnabhagh le seòladairean bhon Chogadh Mhòr. Chaochail còrr air 200 duine.
Air a choimiseanadh mar phàirt de chlàr na Bliadhn Ùire air BBC ALBA an-uiridh, b’ e obair toileachais a bh’ ann dhan dealbhadair Catrìona NicIlleDhuibh.
Thuirt Catrìona: “Tha BBC ALBA air a’ chothrom seo a thoirt dhomh agus nise gu bheil ùidh eadar-nàiseanta ann cuideachd, tha sin sgoinneil airson an fhilm. ‘S e sgeulachd air leth chudromach a th’ ann, sgeulachd air nach eil daoine uabhasach eòlach fiùs ann an Alba, agus tha e cho math gu bheil e nise cuideachd air àrd-ùrlar Eòrpach mar seo.”
Tha bliadhna air leth soirbheachail air a bhith aig BBC ALBA am-bliadhna, a’ cosnadh iomadh duais aig duaisean Royal Television Society Scotland, nam measg FUNC, am prògram comadaidh.
Mar dhachaigh spòrs nam ban Albannach, bidh clàr BBC ALBA a’ gabhail a-steach raon farsaing de spòrs beò, nam measg ball-coise Albannach, Eòrpach agus eadar-nàiseanta, rugbaidh eadar-nàiseanta, iomain agus croladh.
Gus seo fhoillseachadh, thàinig ceathrar bhana-spòrs Albannach – na cluicheadairean crolaidh Eve Muirhead, ball-coise Nicola Docherty, rugbaidh Rachel McLachlan agus iomain Kirsty Deans – còmhla aig Drochaid-rèile Fhoirthe gus dealas agus taic BBC ALBA – agus an cothrom iongantach seo airson spòrs nam ban a leasachadh còmhla – a chomharrachadh.
Tha an naidheachd seo a’ leantainn bliadhna air leth soirbheachail airson na seanail a thaobh spòrs nam ban. Am measg nan soirbheasan bha Sia Nàiseanan nam Ban agus Cupa Cruinne nam Ban aig FIFA – a bha na cheann-uidhe mhìorbhaileach air an turas a ghabh ball-coise nam ban Albannach thairis air an deich bliadhna mu dheireadh agus BBC ALBA nan cois.
Tha an ath cheum a’ tòiseachadh Dihaoine 30 Lùnastal le Alba v Cìopras ann an cuairt ro-fharpaiseach Euro 2021 – a’ chiad gheama aig Alba an dèidh Cupa na Cruinne. Aig ìre Eòrpach, tha Hibs agus Glasgow City gu bhith beò bho cho-fharpais an Champions League UEFA, le Hibs an aghaidh Slavia Prague air BBC ALBA air 11 Sultain aig Easter Road agus Glasgow City aig an taigh an aghaidh sgioba Ruiseanach Chertanovo cola-deug an dèidh sin.
Bidh craolaidhean bhon lìog Albannach a’ tilleadh san t-Sultain le Forfar v Motherwell air 20 Sultain, agus bidh BBC ALBA a’ leantainn le bhith a’ craoladh bho Chupa SWPL agus cuairt dheireannach Cupa Albannach nam Ban SSE.
Ann an rugbaidh, bidh BBC ALBA cuideachd a’ toirt Sia Nàiseanan nam Ban chun luchd-amhairc, a’ craoladh gach geama dachaigh aig Alba. Tha còmhraidhean fhathast a’ dol mu gheamannan a bharrachd taobh a-staigh Alba.
Bidh cuairt dheireannach Cupa Camanachd Valerie Fraser air Disathairne 7 Sultain le sgioba Bhàideanach a’ feuchainn air a’ chupa a ghlèidheadh a-rithist bhon Eilean Sgitheanach. Agus tha planaichean ann airson croladh a shealltainn tràth ann an 2020, le deich sgiobannan an sàs ann am Farpais Eadar-Nàiseanta Pheairt thairis air ceithir là aig toiseach an Fhaoillich.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Mar dhachaigh spòrs nam ban Albannach, tha BBC ALBA a’ tabhann ùrlar gus mothachadh dhaoine a thogail chan ann a-mhàin do spòrs ach cuideachd don Ghàidhlig. Tha sinne pròiseil gu bheil sinn nar craoladairean de bhall-coise, rugbaidh, iomain agus croladh nam ban agus tha sinn dealasach ann a bhith ag obair cho cruaidh ’s a ghabhas còmhla ri ar com-pàirtichean gus inbhe gach spòrs a leasachadh, daoine a bhrosnachadh gus gabhail pàirt agus àireamhan luchd-leantainn àrdachadh fhad ’s a tha sinn cuideachd a’ toirt fàs air luchd-coimhid TBh agus leis an sin, a’ fosgladh doras chun na Gàidhlig.”
Tha film goirid – a’ togail air an oillt agus an dràma a bha air beulaibh seòladairean agus iad an lùib aon de na tubaistean mara is miosa ann an uisgeachan an Rìoghachd Aonaichte – air a bhith air a thaghadh airson duais aig Cannes Short Film Festival.
Chaidh am prògram beothachaidh aig BBC ALBA, Tha thu air Aigeann m’ Inntinn (You are at the bottom of my mind), stèidhichte air tubaist an Iolaire, a dhealbhachadh ris a’ phìos bàrdachd leis an aon ainm le Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn.
Tràth air madainn 1 Faoilleach 1919, bhuail HMY Iolaire creagan ’s i a’ tilleadh a Steòrnabhagh le seòladairean bhon Chogadh Mhòr. Chaochail còrr air 200 duine.
Air a choimiseanadh mar phàirt de chlàr shònraichte air BBC ALBA a bha a’ comharrachadh 100 bliadhna bhon a thachair an tubaist, b’ e obair toileachais a bh’ ann dhan dealbhadair Catrìona NicIlleDhuibh.
Thuirt Catrìona: “Chan eil mòran sa chlàr a sheall tubaist an Iolaire agus ‘s e obair faireachdail a bh’ ann a bhith a’ cruthachadh seo. Tha mi cho toilichte gu bheil am film air a sgaoileadh airson an sgeulachd cudromach seo innse dhan an t-saoghal.”
Chaidh Am Bocsa, companaidh riochdachaidh Chatrìona, ainmeachadh air geàrr-liosta RTS Scotland airson Dealbhachadh Beò & VFX na bu thràithe sa bhliadhna.
Bidh Cannes Short Film Festival a’ gabhail àite eadar 5 agus 8 Sultain agus gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh an seo.
Tha Belladrum beò a’ tilleadh gu BBC ALBA, ’s an fhèis ciùil as càirdeile ann an Alba a’ cur fàilte air trì sàr ainmean ann an saoghal a’ chiùil, Elbow, Jess Glynne agus Chvrches.
Gheibh luchd-leantainn stiùireadh tron tachartas beò air BBC ALBA, bho Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach, Diardaoin 1 gu Disathairne 3 Lùnastal, agus bidh prìomh thachartasan na fèise air an craoladh air an t-sianail ùr BBC Scotland air Dihaoine agus Disathairne.
Tha an 16mh Fèis a’ gabhail àite air a’ Ghàidhealtachd, air Oighreachd Bhelladrum faisg air Inbhir Nis. ’S ann air prìomh àrd-ùrlar na fèise, cuartaichte le ballaichean gàrradh àlainn Eadailteach na h-oighreachd, a bhios cridhe na fèise fhèin, a’ toirt cothrom do BhBC ALBA ceòl agus snas an tachartais a thaisbeanadh le cuirmean fuaimearra thairis air trì oidhche. Am measg na chithear agus na chluinnear bidh seatan fuaim sònraichte agus agallamhan le mòran den phrìomh luchd-ciùil.
Am measg na bhios ri fhaicinn ’s ri chluinntinn bidh Skerryvore agus seinneadairean mar Johnny Marr, Tom Odell, Dodie agus na rionnagan Lewis Capaldi agus Jess Glynne, a bhios a’ toirt an tachartais mhìorbhaileach seo gu ceann.
Tha BBC ALBA air a bhith a’ craoladh beò bho Bhelladrum bho 2011 agus thathar a’ dol ann an com-pàirteachas leis an t-seanail ùr BBC SCOTLAND gus barrachd taisbeanaidh na bha ann a-riamh a thoirt don fhèis air an dà shianail.
Thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha Belladrum aig cridhe clàr samhraidh BBC ALBA agus tha an luchd-amhairc a’ coimhead air adhart gu mòr ris agus abair gun còrd e riutha. Tha sinn air leth toilichte gu bheil an co-obrachadh le BBC SCOTLAND aig fèis ciùil na bliadhna seo, a thòisich cho soirbheachail aig TRNSMT, a’ leantainn air adhart aig Belladrum agus bheir e barrachd taisbeanaidh air an fhèis a tha sinn cinnteach a chòrdas gu mòr ri luchd-leantainn a’ chiùil.”
Diardaoin 1 Lùnastal
BBC ALBA, 9.30f – 11.00f
Dihaoine 2 Lùnastal
BBC ALBA, 9.00f – 11.00f
BBC Scotland, 11.05f – 12.00m
Disathairne 3 Lùnastal
BBC ALBA 9.10 – 11.00f
BBC Scotland, 11.05f – 12.00m
Le bhith foillseachadh Aithisg Bhliadhnail na buidhne airson 2018-19, tha MG ALBA air iarraidh lèirmheas sa bhad de chraoladh Ghàidhlig.
Tha am buidheann a tha a’ ruith seanail Ghàidhlig na h-Alba ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC air iarraidh air a’ BhBC, Ofcom, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA a dhol an sàs ann an conaltradh ag amas air a bhith a’ tighinn gu rèite ùr a thaobh craoladh Gàidhlig.
An-dràsta, tha fìor dhùbhlan mu choinneimh BBC ALBA, le ìre ath-chraolaidh de 75% an coimeas ri rìoch de 50% ris a bheil dùil airson BBC Scotland; agus chan eil an t-seanail ri fhaighinn ach air Deifinisean Coitcheann (SD) a-mhàin air telebhisean.
A’ sgrìobhadh ann an Teachdaireachd a’ Chathraiche, thuirt Ailean Dòmhnullach nach eil stèidh sam bith a bhiodh iomchaidh airson luchd-amhairc na Gàidhlig a bhith a’ faighinn seirbheis aig ìre nas ìsle.”
Tha MG ALBA air iarraidh air a chom-pàirtiche a’ BhBC dèanamh cinnteach gu bheil an t-aona chothrom agus an t-aona chàileachd de sholair aig BBC ALBA ’s a th’ aig an t-seanail ùr agus na cànain dùthchasail eile san RA.
Ann an 2017, dh’ainmich am BBC gu poblach mu suas ri 100 uair a thìde de phrògraman a bharrachd gach bliadhna airson BBC ALBA mar thoradh air seilbh san t-seanail ùir BBC Scotland.
Tha Ailean Dòmhnullach air dearbhadh iarraidh mu ciamar a thèid an t-amas seo a lìbhrigeadh: “Brosnaichidh sinn am BBC gu bhith fosgailte agus follaiseach mu na prionnsabalan agus na co-ghnàthsan a bhithear a’ cleachdadh ann a bhith a’ riarachadh ghoireasan air craoladh Gàidhlig, agus mar a bhithear a’ dèanamh cinnteach gu bheil modh-obrach cothromach ga chleachdadh thar nam mion-chànanan dùthchasail a tha mar phàirt den uallach chultarail san fharsaingeachd a tha aige air feadh na RA”.
Chomharraich BBC ALBA 10 bliadhna air an èadhar an-uiridh. Am measg nan soirbheasan sònraichte bha am prògram de sgeadsaichean goirid comadaidh, FUNC agus an t-seanail ga stèidheachadh fhèin mar Dhachaigh Spòrs nam Ban ann an Alba.
’S ann aig BBC ALBA a bha sgeulachd na h-oidhche aig duaisean Royal Television Society (RTS) 2019 agus ceithir duaisean air am buannachadh.
A’ cosnadh duaisean ann an roinnean Comadaidh, Clann agus Spòrs, chaidh BBC ALBA aithneachadh airson nan sàr phrògraman tha ri fhaighinn air an t-seanail, ‘s iad a’ comharrachadh 10 bliadhna air an èadhar.
Chaidh ìrean àrda sgilean ciùird, ann am prògraman BBC ALBA, aithneachadh cuideachd leis an duais a choisinn Daibhidh Màrtainn, bho MacTV, mar neach-camara proifeasanta airson a chuid obrach air Sùlaisgeir: An t-Sealg.
Thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha sinn fìor thoilichte na duaisean chliùiteach seo a chosnadh. Tha e na urram dhuinn aithne mar seo fhaighinn agus tha e a’ dearbhadh sàr obair ar companaidhean riochdachaidh. Tha na buanaichean gu lèir agus iadsan a chaidh ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta nan sàr eisimpleir den obair riochdail a tha ar companaidhean riochdachaidh a’ dèanamh, chan ann a-mhàin thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh, ach thairis air na deich bliadhna a dh’fhalbh.”
Chòrd FUNC, prògram de sgeadsaichean goirid comadaidh, gu mòr ri luchd-amhairc BBC ALBA, an dà chuid air Tbh agus air na meadhanan sòisealta ann an 2018. Thuirt, stiùiriche FUNC, Michael Hines: “Tha mi cho moiteil gun do bhuannaich sinn. Tha cleasaichean òga agus criutha air leth againn agus sgrìobhadh mhìorbhaileach. Chan eil mòran sheanailean ann a tha a’ cur uiread de dh’earbsa ann an riochdairean phrògraman agus aig a bheil uiread de dhealas ann an tàlant ùr agus tha sinn follaiseach sa phrògram. Tha sinn air bhioran gus sreath 2 de FUNC a chraoladh nas ainmiche am bliadhna!”
Bha an dràma cloinne, Buidheagan le Sorbier Productions, a’ farpais an aghaidh prògraman mòra CBBC ann an gnè na cloinne agus seo a’ chiad bliadhna a bha BBC ALBA air ainmeachadh anns a’ ghnè seo. Tha am prògram, a chaidh a chruthachadh mar phàirt de dh’iomairt leis an Aonadh Craolaidh Eòrpach (EBU), leis an stiùiriche Tony Kearney, a’ toirt sùil air nighean òg a tha a’ feuchainn ris an dòigh-beatha aice a dhìon bho thuathanach mhì-chàileir.
Thuirt Patsi NicChoinnich, stiùiriche Sorbier Productions agus sgrìobhadair Buidheagan: “Tha seo uabhasach math do Sorbier agus na tha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh airson BBC ALBA. Tha sinn a’ cruthachadh prògraman a tha ceart airson luchd-amhairc na Gàidhlig, ach tha e cuideachd comasach na prògraman atharrachadh airson ar com-pàirtichean Eòrpach agus tha an duais seo mar dhearbhadh gu bheil e ag obair!”
Seo an treas duais RTS Scotland aig PurpleTV le duais airson a’ phrògram aithriseach Tommy Burns. Tha seo às dèidh duaisean fhaighinn a cheana airson nam filmichean eile aca Jim Baxter agus Jock Stein.
Thuirt, Margot McCuaig, an stiùiriche: “Bu mhath leam taing a thoirt do theaghlach Tommy airson an stòiridh aca innse dhuinn. Tha BBC ALBA aithnichte airson a bhith a’ coimiseanadh prògraman le sgeulachdan fìrinneach agus faireachail agus ’s e urram a th’ ann a bhith na phàirt den seo a bharrachd air na duaisean eile RTS Scotland a tha sinn air fhaighinn thairis air na bliadhnaichean a dh’fhalbh.”
Chaidh Sùlaisgeir: An t-Sealg, a bha air a riochdachadh le MacTV, ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta trì tursan. Choisinn Daibhidh Màrtainn an Duais airson Sàr-mhathas Proifeasanta – a’ chiad uair a thachair seo airson prògram BBC ALBA aig duaisean RTS Scotland. Tha am prògram mu thràth air duais a bhuannachadh aig an Chicago International Television Festival agus chaidh ainmeachadh aig duaisean cliùiteach Grierson cuideachd.
Tha Daibhidh Màrtainn, a choisinn duais Neach-camara airson a chuid obrach air Sùlaisgeir: An t-Sealg, a’ moladh stiùiriche a’ phrògraim, Niall Caimbeul, a bha air ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais RTS Scotland: “’S ann air sàillibh Nèill a fhuair sinn cothrom clàradh air Sùlasgeir. Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt do na fir airson earbsa a chuir annainn an sgeulachd aca innse. Thàinig orm fhèin agus air Niall sinn fhèin fhigh a-steach don t-sealg, dlùth ri na sealgairean agus thàinig oirnn faighinn seachad air ioma dùbhlan gus am prògram seo a thoirt gu luchd-amhairc – chan ann a-mhàin fhad ’s a bha sinn air an eilean, ach airson mìosan ro làimh cuideachd. Tha mi uabhasach toilichte gu bheil am prògram air còrdadh cho math ri daoine.”
Is iad Jennifer Reoch agus Des Clarke a bha a’ lìbhrigeadh duaisean RTS Scotland 2019 a chaidh a chumail san Old Fruitmarket ann an Glaschu Diciadain, an 12 Ògmhios.
Bidh taisbeanadh barraichte de sheinn chòisirean air BBC ALBA air an t-samhradh seo, agus an còisir Albannach, Alba a’ gabhail pàirt airson a’ chiad uair ann am farpais Eurovision do Chòisirean 2019 ann an Gothenburg san t-Suain.
A’ seinn an aghaidh naoi de na còisirean neo-dhreuchdail as fheàrr san Roinn Eòrpa, bidh Alba mar phàirt de thaisbeanadh beò iongantach a bhios air a chraoladh gu luchd-amhairc air feadh na Roinn Eòrpa air 3mh den Lùnastal. Bidh gach còisir an dùil buaidh a thoirt air beachdan luchd-ciùil chòisireach chliùiteach eadar-nàiseanta le bhith a’ taisbeanadh measgachadh de dh’òrain às aonais taic-ciùil agus ann an caochladh nòsan.
’S i an ceòladair agus preseantair telebhisein Joy Dunlop a bhios a’ stiùireadh còisir Alba, le ceathrad bhall air an tarraing às gach ceàrnaidh den dùthaich. Tha am buannaiche de bhonn Mòid às A’ Chonghail an Earra-Ghàidheal a cheart cho aithnichte mar neach-lìbhrigidh na sìde agus phrògraman telebhisein ach tha i air a bhith a’ seinn fad a beatha agus ghabh i ri bhith a’ tarraing còisir ri chèile leis an dealas a bu dual dhi.
Thuirt Joy, “Mar thè a bha a-riamh a’ leantainn Eurovision, tha mi air mo dhòigh glan a bhith a’ stiùireadh còisir airson farpais sheinn cho cliùiteach. Tha e air a bhith na mhiann dhìomhair agam seinn air àrd-ùrlar Eurovision agus ’s e fìor urram a tha seo. ’S e ceum mòr a tha ann a bhith a’ toirt Còisir Gàidhlig gu Gothenburg am-bliadhna. Tha an fharpais seo a’ toirt cothrom dhuinn cànan agus dualchas na Gàidhlig a thoirt gu aire luchd-amhairc bho air feadh na Roinn Eòrpa. Tha mi air bhioran gus Alba a riochdachadh nar cànan fhèin aig farpais den mheudachd seo. Cha ghabh luach cur air a’ chothrom air a bheil mi fhìn agus an còisir a’ cur a h-uile fàilte.”
Air thoiseach air an taisbeanadh beò anns an Lùnastal, bidh an t-slighe aig Joy agus a còisir air a chlàradh le BBC ALBA airson prògram a thèid a chraoladh seachdain na farpais fhèin air Diciadain 31mh den Iuchar. Leanaidh am prògram sin adhartas na còisir, tro dheuchainn an ullachaidh, co-dhùnaidhean mu èideadh, iomagain mu rèiteachaidhean ciùil, obair stiùiridh agus cinn-là dhùblanaich. Ann a bhith ag ullachadh airson an tachartas as motha a-riamh na beatha, bidh Joy a’ faighinn chomhairle bho stiùirichean, dannsairean agus fiù ‘s bho guth Eurovision, Graham Norton. Bidh i a’ siubhail chun na Cuimrigh airson coinneachadh ri Ysgol Gerdd Ceredigion an còisir a riochdaich na Cuimrich aig Eurovision, agus a’ còmhradh ris an stiùiriche Islywn Evans, a tha air iomadh duais a bhuannachadh.
’S e seinn air àrd-ùrlar ann an Gothenburg an dùbhlan as motha a bhios a’ feitheamh oirre fhèin agus Alba. Airson beachd fhaighinn air meud na farpais bidh Joy a’ siubhal gu Tel Aviv agus gu àrainn Farpais Òran Eurovision, tachartas a ghlac a h-aire nuair a bha i òg anns A’ Chonghail, agus leis am bheil i air a bhith beò-ghlacte bhon uair sin.
Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail BBC ALBA, “Tha sinn moiteil gu bheil còisir Ghàidhlig gu bhith air àrd-ùrlar Còisirean Eurovision 2019, agus gum faigh luchd-amhairc air feadh na Roinn Eòrpa blasad ann an dha-rìribh de dh’òrain Ghàidhlig aig an ìre as àirde. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri Alba fhaicinn a’ farpais an aghaidh còisirean às gach ceàrnaidh den Roinn Eòrpa, agus ri bhith a’ toirt tachartas ùr gu aire luchd-amhairc BBC ALBA le sealladh iongantach den deuchainn ’s den àmhghar agus den toileachas a bhios ann a bhith a’ feuchainn air farpais airson a’ chiad uair.”
Bidh am prògram aithriseach agus an fharpais bheò a’ sealltainn an còisir Ghàidhlig seo air an àrd-ùrlar as motha a chunnaic duine aca a-riamh. Le measgachadh de dheasachadh stèidse iongantach is àrainneachd bheò còmhla ri taisbeanaidhean ciùil bho ruigse mhòr de dhualchasan is chultaran, bheir Eurovision Choir 2019 luchd-amhairc air slighe dhreachmhor an tòir air a’ bhuidheann ghuthach as fheàrr anns an Roinn Eòrpa.
Tha Eurovision Choir 2019 air a riochdachadh le Bees Nees Media airson BBC ALBA. Thèid am prògram aithriseach a chraoladh air Diciadain 31mh den Iuchar aig 9.30f agus thèid an fharpais de 100-mionaid a chraoladh beò air Disathairne 3mh den Lùnastal aig 7.30f