Tha Hands Up for Trad, am buidheann a bhios a’ ruith Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA, air ainmeachadh na cluicheadairean, seinneadairean agus còmhlain airson duaisean 2019, le bhòtadh a’ tòiseachadh aig 10m air Diluain 4 Samhain.
Tachartas a tha aig cridhe a’ mhìosachan thraidiseanta, thèid na duaisean a chumail aig Aberdeen Music Hall air Disathairne 7 Dùbhlachd aig 7f, le tiocaidean a’ creic gu luath agus e air a chraoladh beò air BBC ALBA agus air-loidhne air feadh an t-saoghail aig bbc.co.uk/alba.
Air a lìbhrigeadh le Màiri Anna NicUalraig agus Kim Carnie, tha na duaisean cliùiteach air an co-dhùnadh le sàr-eòlaichean a’ ghnìomhachais agus làn ceòl bho Skerryvore, Benedict Morris a bhuannaich BBC Radio Scotland Neach-ciùil Traidiseanta Òg am bliadhna, Heisk, Aberdeenshire Youth Band, Kris Drever, Sian agus Robyn Stapleton.
Cuideachd air an àrd-ùrlar aig cuirm nan duaisean, bidh Session A9, Mairi Campbell agus The Pendulum Band (a rinn Auld Lang Syne gu h-ainmeil air Sex and the City), agus Susan MacFadyen Scottish Dance Band.
Thuirt Simon Thoumire, a stèidhich an tachartas, agus a tha ga chur air adhart: “Mar as àbhaist, the na Trads a’ cur iongnadh orm. Tha e a’ sealltainn cho làidir ’s a tha ar saoghal, an tàlant agus farsaingeachd a’ ghnìomhachais. Tha sinne air bhioran gus dà dhuais ùr ainmeachadh, an dà chuid ag aithneachadh rudan cudromach – Bhidio Trad na Bliadhna agus Ceòladair na Bliadhna.
Am measg nan seachd-deug dhuaisean tha am Belhaven Bursary. An duais is luachmhor ann an Alba, aig an aon ìre ris am Mercury Prize, tha e ag aithneachadh nuadhachais agus le £25,000 air fàire airson am buannaiche airson beachdan agus cruthachas a bhrosnachadh. Bhuannaich Elephant Sessions an duais ann an 2017 agus Talisk ann an 2018. A bharrachd air sin, tha an duais cuideachd a’ gabhail a-steach leann sònraichte a thèid a ghrùdaireachd leis an ainm aca, agus nochdaidh iad aig pàrtaidh Belhaven Brewery às dèidh am pairèid ann an New York air Seachdain an Tartain. Thèid am buannaiche cuideachd a thaisbeanadh ann an iomairt-shanasachd telebhisein a chleachdas an ceòl aca. Tha maoin Belhaven air a thaiceachadh le Showcase Scotland Expo, buidheann a tha a’ cur taic ri leasachadh eadar-nàiseanta de neach-ealain Albannach, cuide ri Alba Chruthachail, agus tèid am bursaraidh a thoirt do chòmhlan no neach-ealain tro phanail de sàr-eòlaichean a’ ghnìomhachais.
Gheibhear tiocaidean airson na cuirme aig Aberdeen Music Hall Box Office air 01224 641122 no air loidhne an seo.
Thuirt Manaidsear Conaltraidh MG ALBA, Murchadh MacSuain: “’S e àm uabhasach math a th’ ann airson ceòl thradiseanta ann an Alba agus tha MG ALBA toilichte an taic seo a chuir ris an tàlant air leth. Tha na ceòladairean seo nan tosgairean do dh’Alba, ar cànain agus ar cultaran agus tha e mìorbhaileach gun urrain dhuinn an comharrachadh mar seo.”
Thuirt Alan Morrison, Ceannard Ciùil, Alba Chruthachail: “Tha uiread de thàlant againn anns gach roinn de Dhuaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA. Seo na daoine a tha a’ cumail dualchas ciùil Alba beò, cuideachd aig ìre coimhearsnachd, na daoine a tha a’ cur Alba air beulaibh an t-saoghal le bhith a’ sgaoileadh ar ceòl suaicheanta. The Alba Chruthachail cho moiteil gu bheil sinn nar sponsair airson Neach-oideachaidh Ciùil na Bliadhna às leth Youth Music Initiative – chan eil càil cho math ri bhith a’ toirt an tradisean seo dhan ath-ghinealach agus a bhith a’ faicinn mar a tha iadsan a’ greimeachadh an ceòl dhaibh fhèin.”
Thuirt Gordon Muir, Stiùiriche Margaidheachd aig Belhaven Brewery: “Tha Belhaven cho toilichte taic a chuir ri saoghal ceòl thraidiseanta Alba leis an treasamh bursaraidh againn. Tha an saoghal seo cho làn tàlant brosnachail agus tha sinn air leth toilichte gun urrainn dhuinn cuideachadh le bhith a’ brosnachadh rudan ùr leis an duais seo, a bheireas dhaibh cothrom fàs agus seilbheach a chuir gu ruige rudan ùr cruthachail fheuchainn. Tha ìre na ceòladairean air an liost cho math agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri na buannaichean thairis air a’ bhliadhna.”
Thuirt Stuart Fleming, Àrd-Mhanaidsear airson PRS for Music, Alba agus Èirinn a Tuath: “Tha sinne toilichte taic a chuir a-rithist ri Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA. Gu h-àraidh tha e sgoinneil gu bheil ceithir de na sgrìobhaichean-ciùil as brosnachail againn air a’ gheàrr-liost airson duais PRS for Music agus gur math a thèid dhaibh.”
An Geàrr-Liost:
Album of the Year sponsored by Birnam CD
Belhaven Bursary for Innovation
Club of the Year, sponsored by Traditional Arts and Culture Scotland (TRACS)
Composer of the Year, sponsored by PRS for Music
Community Project of the Year
Event of the Year, sponsored by VisitScotland
Gaelic Singer of the Year, sponsored by The Highland Society of London
Musician of the Year, sponsored by The University of the Highlands and Islands
Live Act of the Year, sponsored by Greentrax Recordings
Citty Finlayson Scots Singer of the Year, sponsored by Traditional Music and Song Association Award
Scottish Dance Band of the Year, sponsored by National Association of Accordion and Fiddle Clubs
Scottish Folk Band of the Year, sponsored by Threads of Sound
Scottish Pipe Band of the Year, sponsored by the Gordon Duncan Memorial Trust
Trad Video of the Year
Music Tutor of the Year, sponsored by Creative Scotland’s Youth Music Initiative
Up and Coming Artist of the Year, sponsored by Royal Conservatoire of Scotland
Venue of the Year, sponsored by Musicians’ Union
Air thoiseach air pròiseact àrd-amasach gus an tuilleadh dhaoine a thàladh chun na Gàidhlig, tha LearnGaelic an-diugh (Diardaoin 10 Dàmhair) air làrach-lìn ùr-dhealbhaichte fhoillseachadh aig Oilthigh Ghlaschu mar phàirt den t-seiminear A’ Ghàidhlig ann an Aois Chruinneil is Dhidseatach airson Mòd Rìoghail Ghlaschu.
Cruthaichte ann an 2011, tha LearnGaelic air e fhèin a shuidheachadh mar chàraid sheasmhach airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, le innleanan agus goireasan feumail airson gach ìre de chomas sa Ghàidhlig.
Le 30,000 luchd-cleachdaidh air leth an-dràsta a’ tadhal air an làrach gach mìos, tha dùil gun tig fàs air an àireamh seo mar thoradh air leasachaidhean dealbhaichte gu sònraichte gus piseach a thoirt air an t-slighe ionnsachaidh.
A dh’aithghearr bidh e comasach do luchd-cleachdaidh an ìre fhèin de chomas a mheasadh gus na goireasan as freagarraich a lorg.
Tha gach ìre de luchd-ionnsachaidh air am frithealadh, bho dhaoine aig fìor thoiseach ionnsachadh gu ìre fileantas adhartach, agus tha e comasach do luchd-cleachdaidh gu luath agus gu furasta leantainn air an t-slighe ionnsachaidh gu dìreach bho dhuilleig-dachaigh na làrach-lìn.
Tha LearnGaelic a’ leantainn sgèile ùr Comasan Labhairt ann an Gàidhlig (CLAG) a thèid fhoillseachadh gu foirmeil tràth ann an 2020. Leasaichte le Oilthigh Ghlaschu mar phàirt de lìonraidh Soillse agus le taic bho Oilthigh Obar Dheathain, cuidichidh an sgèile ann a bhith a’ measadh chomasan labhairt airson an dà chuid luchd-ionnsachaidh agus oidean-ionnsachaidh, a bhios feumail airson ionnsachadh structarail.
Chaidh bhidiothan ùra an cruthachadh airson na làrach-lìn gus taic a chur ri fuaimneachadh agus gus brosnachadh a thoirt do dhaoine a tha an amhairc Gàidhlig ionnsachadh an turas ionnsachaidh aca fhèin a thòiseachadh.
Tha bhidiothan ann cuideachd a tha a’ sònrachadh luchd-ionnsachaidh a’ cur solas air diofar shlighean ionnsachaidh, a’ toirt mapa-rathaid dhaibhsan a tha a’ tòiseachadh an slighe aca chun na Gàidhlig.
’S e com-pàirteachas a tha ann an LearnGaelic de MG ALBA, Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, Bòrd na Ceiltis (Alba) air a riochdachadh le Oilthigh Ghlaschu, am BBC agus buidhnean eile le ròl ann a bhith a’ brosnachadh cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig. Tha an làrach-lìn air a ruith le MG ALBA.
Airson an tuilleadh fiosrachaidh, tadhal air: LearnGaelic.Scot. Siudaibh!
Aithrisean
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA agus cathraiche buidheann-stiùiridh LearnGaelic: “Tha LearnGaelic mu thràth na inneal luachmhor airson luchd-cleachdaidh na Gàidhlig ach a-nis bidh beairteas de ghoireasan airson luchd-ionnsachaidh ri làimh ann an dòigh ionnsachaidh structaraichte. Tha an ath-dhealbhachadh seo air an làrach na cheum air leth mòr airson fàs na Gàidhlig.”
Thuirt Shona Niclllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig, “Tha sinn air leth toilichte faicinn gum bi LearnGaelic.scot a’ leantainn nan sgèilean CLAG (Comasan Labhairt ann an Gàidhlig) mar bhunait, a bhios a’ toirt stiùir shoilleir chun dà chuid daoine a tha ag amas air na sgilean Gàidhlig aca a neartachadh agus chun luchd-oideachaidh. Aig a’ cheann thall, tha sinn ag amas gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh na Gàidhlig agus ann am barrachd shuidheachaidhean. Tha LearnGaelic.scot, le CLAG mar bhunait, a’ cuideachadh leis an amas sin gu mòr. Thug Bòrd na Gàidhlig ann an co-bhonn le Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus Oilthigh Ghlaschu taic-airgid gus am pròiseact CLAG a chur air dòigh. Bu mhath leinn taing a thoirt dhan sgioba uile gu lèir aig Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh Obar Dheathain airson seo a thoirt gu buil.”
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbhisean Gàidhlig aig a’ BhBC: “Tha LearnGaelic na ghoireas mhìorbhaileach airson luchd-ionnsachaidh de gach aois agus aig gach ìre agus tha an ath-dhealbhachadh seo a’ tairgse dòigh rianail, furasta, taobh a-staigh làrach-lìn tarraingeach. Le luchd-cleachdaidh LearnGaelic a’ fàs ann am fileantas, comas agus misneachd, cuiridh sin fàilte agus luach air tabhartasan gu, agus eadar-obrachadh le, ar seirbheisean craolaidh Radio nan Gàidheal agus BBC ALBA.”
Thuirt an t-Ollamh Rob Ó Maolalaigh, Iar-Phrionnsapal agus Ceannard Colaiste nan Ealan, Àrd-Ollamh airson na Gàidhlig agus PI de phròiseact CLAG: “Tha mi fhèin agus mo cho-obraiche An Dr Nicola Carty air a bhith cho toilichte a bhith ag obair air a’ phròiseact bhrosnachail seo gus an tuilleadh dhaoine a mhisneachadh gus Gàidhlig ionnsachadh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri goireasan ùra fhoillseachadh sa bhliadhna ùr tro LearnGaelic gus an tuilleadh taic a thoirt do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh agus tidsearan Gàidhlig. Le bhith a’ meudachadh ìrean comais na Gàidhlig, thathas an dòchas an tuilleadh dhaoine fhaicinn a’ cleachdadh Gàidhlig ann an raon nas fharsaing de shuidheachaidhean agus nam beatha làitheil. A thuilleadh air a bhith a’ cur taic ri leasachadh sgilean Gàidhlig a th’ ann mu thràth, thathas an dòchas gun toir seo air daoine eile Gàidhlig ionnsachadh agus àrdachadh a dhèanamh air an àireamh de luchd-labhairt.”
Chaidh còig chompanaidhean a thaghadh airson taic leasachaidh ghnothachail tro chompàirteachas sònraichte eadar FOCUS agus MG ALBA.
Dh’ainmich FOCUS an compàirteachas le MG ALBA san t-Iuchar am-bliadhna agus fhuair solaraichean BBC ALBA cuireadh airson cur a-steach airson taic saor an asgaidh le bhith a’ lìonadh foirm-iarrtais air làrach-lìn FOCUS.
Às dèidh pròiseas farpaiseach, chaidh na còig a leanas a thaghadh: Bees Nees Media, Caledonia TV Productions, Corcodal Productions, MacTV agus Mast-Àrd Studio.
Tha suas ri £10k ann airson maoineachadh an cothrom coinneachadh agus meantoradh fhaighinn bho eòlaichean air cùisean choimeirsealta. Tha seo a’ ciallachadh gum bi cothrom aig na companaidhean ath-sgrùdadh a dhèanamh air na cùmhnantan aca agus an seilbheach innleachdail aca, agus dh’fhaodar gun stèidhich sin pròiseasan agus sruthan-obrach èifeachdach.
’S e pròiseact thar dà bhliadhna a th’ ann am FOCUS agus bidh e a’ toirt seachad taic ghnothachail gu h-àraid airson companaidhean riochdachaidh ag obair ann an Alba. Le bhith a’ cur maoineachadh ri taic ghnothachail gu sònraichte airson na roinne seo tha am pròiseact ag amas gun cruthaich e roinn nas làidire, nas fulangach, le companaidhean a tha uidheamaichte airson gabhail na cothroman ùra airson craoladairean ann an margaidh caochlach. Tha Film City Futures a’ lìbhrigeadh FOCUS ann an co-bhanntachd le Scottish Documentary Institute, le taic bho chompàirtichean Sgrion Alba, Alba Chruthachail agus Scottish Enterprise.
O chionn beagan bhliadhnaichean tha MG ALBA air a bhith a’ rèiteachadh cuid de phrògraman BBC ALBA le co-aontaidhean eadar-nàiseanta. Tha na co-aontaidhean seo a’ ciallachadh luach de £5.2m de shàr-phrògraman airson seanail Ghàidhlig Alba.
Tha comhairlichean craolaidh na Televators, air a ruith le Kirstie McLure agus Nikki Tilley, gu bhith a’ tabhainn taic ghnothachail gu na companaidhean a bha soirbheachail. Tòisichidh na Televators sa bhad gus an cuidich iad na craoladairean ann a bhith a’ gabhail brath air na cothroman sna margaidhean aca. Dh’fhaodar gun adhbharaich seo fàs ann an lìonraidhean eadar-nàiseanta agus an seo ann am Breatainn.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Le bhith ag obair gu dlùth le ar solaraichean agus FOCUS tha sin a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ neartachadh nan ceanglaichean eadar-nàiseanta a thaobh prògraman airson BBC ALBA. Tha an ro-innleachd seo air barrachd chothrom a thoirt do BhBC ALBA airson susbaint aig àrd-ìre ach tha e cuideachd a’ leigeil le ar solaraichean càirdeas a thogail ann am margaidhean eile a dh’fhaodar a bhith feumail dhuinn gu h-eacanomaigeach. Tha na h-aontaidhean co-riochdachaidh agus co-mhaoineachaidh seo cudromach airson a bhith ag adhbharachadh fàs agus leudachadh sna roinnean cruthachail againn.”
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: https://www.filmcityfutures.com/mgalba
Chaidh prògram aithris BBC ALBA a shealltainn a-raoir aig Fèis Film FIN Atlantic ann an Canada.
Air fhilmeadh thar 3 bliadhna leis a’ chompanaidh neo- eisimeileach TrixPixMedia, tha San Fhuil / It’s in the Blood a’ toirt thugainn dealbh dlùth-chaidreach a’ leantainn cuairtean na bliadhna mar a bha agus mar a tha, air croitean ann an Uibhist a Deas.
Tha am filmeadair Beatrix Wood aithnichte a-nis airson nam prògraman a tha i a’ cruthachadh stèidhichte air daoine, cultar agus nàdar na h-Eileanan, le fòcas gu h-àraidh air a’ cheangal leis an fhearainn.
Thuirt Beatrix: “Tha a bhith a’ cumadh sgeulachdan a dh’obraicheas airson luchd-amhairc agus luchd-ùidh ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta air a bhith aig cridhe m’ obair bho d’fhàg mi sgoil film. Chòrd an sreath gu mòr ri daoine nuair a chaidh a chraoladh an toiseach air BBC ALBA agus tha sinn air ar dòigh glan gu bheil am film air a shlighe a dhèanamh chun mhargaidh eadar-nàiseanta.”
Sa phrògram, tha measgachadh de dh’earrainnean ùra, a thuilleadh air film agus deilbh bhon tasglann, a’ toirt sealladh nach eileas a’ faicinn tric air cuimhneachain agus sgeulachdan beatha nam prìomh charactaran.
Tha Fèis Film Eadar-nàiseanta FIN Atlantic, a mhaireas ochd là, a’ dèanamh luach air film agus meadhanan bho air feadh an t-saoghail, a’ tionndadh Halifax gu àite air ghoil le daoine le ùidh ann an filmichean.
Bho chionn cola-deug, bha dealbh-beò BBC ALBA Tha thu air Aigeann m’ Inntinn air a thaisbeanadh aig Fèis Film Goirid Cannes agus a bharrachd air an sin bha soirbheas air leth aig an t-seanail aig duaisean RTS Alba, a’ cosnadh ceithir duaisean.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Tha seo a’ sealltainn a’ bhuaidh a th’ aig susbaint BBC ALBA gu h-eadar-nàiseanta. Tha sgeulachdan againn nach urrainn innse ach sna coimhearsnachdan againn fhèin agus tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na duaisean agus na fèisean seo a’ cuideachadh le bhith a’ sgaoileadh an teachdaireachd sin, agus ri linn sin, a’ meudachadh nan cothroman airson maoineachadh eadar-nàiseanta agus co-riochdachaidhean.”
Tha prògram aithriseach mu mhàthair Albannach a’ Chinn-suidhe Trump am measg nam prògraman a’ dearbhadh neart clàr BBC ALBA, is an t-seanail a’ dol a-steach dhan dàrna deichead bliadhna.
Tha am prògram, Màthair a’ Chinn-suidhe: Trump’s Mother, ag innse sgeul beatha Mhàiri Anna NicLeòid Trump, a h-òige agus a h-eilthireachd à Eilean Leòdhais gu na Stàitean Aonaichte.
Tha am prògram a’ toirt dhuinn criomagan sònraichte à litrichean eadar i fhèin is a caraid Agnes Stiven. Bha an dithis nighean a’ sgrìobhadh gu chèile nan òige agus bha Màiri Anna ag innse mun àmhghar a thachair rithe.
Le àireamhan de sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor fhàs ann am bailtean mòra na h-Alba tha ginealach de ‘millennials’ Gàidhlig a-nis air a’ Ghalltachd.
Thar cheithir phrògraman, tha sreath Na Millenni-Gaels a’ leantainn seachdnar dhiubh sin thairis air sia mìosan, a’ faicinn amannan cudromach nam beatha, bho a bhith ri ‘pole-dancing’ gu ionnsachadh draibheadh, agus a bhith nad phàrant airson a’ chiad uair.
Tha prògraman aithriseach làidir a ghlacas d’ aire an còmhnaidh aig teas-mheadhan clàr BBC ALBA. Tha an t-sreath leantainneach Trusadh a’ dèiligeadh le na dùbhlain beatha aig luchd LGDTC+ ann an cuid de choimhearsnachdan na dùthcha.
Tha an t-seanail cuideachd a’ taisbeanadh sgeulachdan brosnachail bho shaoghal spòrs, le aithris shònraichte air a’ chluicheadair-teanais soirbheachail Elena Baltacha, a bhàsaich le aillse ann an 2014 nuair nach robh i ach 30 bliadhna a dh’aois.
Cluinnidh sinn sa phrògram bho a caraidean, a càirdean, agus cuideachd bho Judy Mhoireach, a bha na meantor dhith tro a beatha.
Mar dhachaigh spòrs nam ban ann an Alba, tha BBC ALBA a’ craoladh ball-coise nam ban aig an taigh an Alba ach cuideachd gu h-eadar nàiseanta le bhith a’ leantainn nan sgiobaidhean Albannach ann an Champions League nam Ban agus sgioba Alba tro chuairt ro-fharpaiseach na Euros.
Chithear farsaingeachd de dhaoine ùra a’ nochdadh air an sgrìon as t-Fhoghar air an taiceachadh le sàr chruthachdas far an sgrìon a tha le chèile a’ toirt fìor bheartas gu clàr ùr BBC ALBA.
Tha an cleasaiche òg Màiri NicIllinnein a’ nochdadh ann an criomagan dràma Màthair a’ Chinn-suidhe agus san t-sreath ùr de Bannan còmhla ri Lana Pheutan, a tha cuideachd ri faicinn ann am FUNC, a bhuannaich an Comadaidh as Fheàrr aig duaisean RTS Alba na bu thràithe air a’ bhliadhna.
Bidh FUNC na tharraing do shluagh às dèidh leantainneachd a thogail tron a’ chiad sreath agus le cleasaichean òga, sgairteil agus sgrìobhadairean ealanta, bidh an luchd-amhairc toilichte gum bi a cheart-uiread de sceadsaichean èibhinn rim faicinn san dàrna sreath, air telebhisean agus air nam meadhanan sòisealta.
Thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha e na bhrosnachadh mhòr gu bheil ginealach ùr de thàlant againn a’ cruthachadh prògraman airson BBC ALBA. Chithear iad a’ nochdadh air beulaibh camara anns gach gnè phrògram agus tha iad cuideachd a’ cur ri cruthachas riochdachaidh is grinneas teicniceach ar meadhanan craolaidh. Tha mi an dòchas gun còrd ar dràma, is na prògraman-aithriseach agus an sàr-chomadaidh FUNC gu mòr ribh cuide ris am pailteas de neamhnaidean eile a bhios rim faicinn ann an clàr foghair BBC ALBA.”
Tha prògraman ùra BBC ALBA a’ tòiseachadh Diluain 16 Sultain agus thèid Màthair a’ Chinn-suidhe a chraoladh Dimàirt 17 Sultain, 9f.
Tha an Cannes Short Film Festival air film goirid bho BhBC ALBA a shealltainn am measg seallaidhean àlainn an Riviera Frangach.
Tha ‘Tha thu air Aigeann m’ Inntinn‘ (You are at the bottom of my mind) a’ comharrachadh 100 bliadhna bhon a thachair tubaist an Iolaire, aon de na tubaistean mara is miosa ann an uisgeachan an Rìoghachd Aonaichte.
Tràth air madainn 1 Faoilleach 1919, bhuail HMY Iolaire creagan ’s i a’ tilleadh a Steòrnabhagh le seòladairean bhon Chogadh Mhòr. Chaochail còrr air 200 duine.
Air a choimiseanadh mar phàirt de chlàr na Bliadhn Ùire air BBC ALBA an-uiridh, b’ e obair toileachais a bh’ ann dhan dealbhadair Catrìona NicIlleDhuibh.
Thuirt Catrìona: “Tha BBC ALBA air a’ chothrom seo a thoirt dhomh agus nise gu bheil ùidh eadar-nàiseanta ann cuideachd, tha sin sgoinneil airson an fhilm. ‘S e sgeulachd air leth chudromach a th’ ann, sgeulachd air nach eil daoine uabhasach eòlach fiùs ann an Alba, agus tha e cho math gu bheil e nise cuideachd air àrd-ùrlar Eòrpach mar seo.”
Tha bliadhna air leth soirbheachail air a bhith aig BBC ALBA am-bliadhna, a’ cosnadh iomadh duais aig duaisean Royal Television Society Scotland, nam measg FUNC, am prògram comadaidh.
Mar dhachaigh spòrs nam ban Albannach, bidh clàr BBC ALBA a’ gabhail a-steach raon farsaing de spòrs beò, nam measg ball-coise Albannach, Eòrpach agus eadar-nàiseanta, rugbaidh eadar-nàiseanta, iomain agus croladh.
Gus seo fhoillseachadh, thàinig ceathrar bhana-spòrs Albannach – na cluicheadairean crolaidh Eve Muirhead, ball-coise Nicola Docherty, rugbaidh Rachel McLachlan agus iomain Kirsty Deans – còmhla aig Drochaid-rèile Fhoirthe gus dealas agus taic BBC ALBA – agus an cothrom iongantach seo airson spòrs nam ban a leasachadh còmhla – a chomharrachadh.
Tha an naidheachd seo a’ leantainn bliadhna air leth soirbheachail airson na seanail a thaobh spòrs nam ban. Am measg nan soirbheasan bha Sia Nàiseanan nam Ban agus Cupa Cruinne nam Ban aig FIFA – a bha na cheann-uidhe mhìorbhaileach air an turas a ghabh ball-coise nam ban Albannach thairis air an deich bliadhna mu dheireadh agus BBC ALBA nan cois.
Tha an ath cheum a’ tòiseachadh Dihaoine 30 Lùnastal le Alba v Cìopras ann an cuairt ro-fharpaiseach Euro 2021 – a’ chiad gheama aig Alba an dèidh Cupa na Cruinne. Aig ìre Eòrpach, tha Hibs agus Glasgow City gu bhith beò bho cho-fharpais an Champions League UEFA, le Hibs an aghaidh Slavia Prague air BBC ALBA air 11 Sultain aig Easter Road agus Glasgow City aig an taigh an aghaidh sgioba Ruiseanach Chertanovo cola-deug an dèidh sin.
Bidh craolaidhean bhon lìog Albannach a’ tilleadh san t-Sultain le Forfar v Motherwell air 20 Sultain, agus bidh BBC ALBA a’ leantainn le bhith a’ craoladh bho Chupa SWPL agus cuairt dheireannach Cupa Albannach nam Ban SSE.
Ann an rugbaidh, bidh BBC ALBA cuideachd a’ toirt Sia Nàiseanan nam Ban chun luchd-amhairc, a’ craoladh gach geama dachaigh aig Alba. Tha còmhraidhean fhathast a’ dol mu gheamannan a bharrachd taobh a-staigh Alba.
Bidh cuairt dheireannach Cupa Camanachd Valerie Fraser air Disathairne 7 Sultain le sgioba Bhàideanach a’ feuchainn air a’ chupa a ghlèidheadh a-rithist bhon Eilean Sgitheanach. Agus tha planaichean ann airson croladh a shealltainn tràth ann an 2020, le deich sgiobannan an sàs ann am Farpais Eadar-Nàiseanta Pheairt thairis air ceithir là aig toiseach an Fhaoillich.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Mar dhachaigh spòrs nam ban Albannach, tha BBC ALBA a’ tabhann ùrlar gus mothachadh dhaoine a thogail chan ann a-mhàin do spòrs ach cuideachd don Ghàidhlig. Tha sinne pròiseil gu bheil sinn nar craoladairean de bhall-coise, rugbaidh, iomain agus croladh nam ban agus tha sinn dealasach ann a bhith ag obair cho cruaidh ’s a ghabhas còmhla ri ar com-pàirtichean gus inbhe gach spòrs a leasachadh, daoine a bhrosnachadh gus gabhail pàirt agus àireamhan luchd-leantainn àrdachadh fhad ’s a tha sinn cuideachd a’ toirt fàs air luchd-coimhid TBh agus leis an sin, a’ fosgladh doras chun na Gàidhlig.”
Tha film goirid – a’ togail air an oillt agus an dràma a bha air beulaibh seòladairean agus iad an lùib aon de na tubaistean mara is miosa ann an uisgeachan an Rìoghachd Aonaichte – air a bhith air a thaghadh airson duais aig Cannes Short Film Festival.
Chaidh am prògram beothachaidh aig BBC ALBA, Tha thu air Aigeann m’ Inntinn (You are at the bottom of my mind), stèidhichte air tubaist an Iolaire, a dhealbhachadh ris a’ phìos bàrdachd leis an aon ainm le Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn.
Tràth air madainn 1 Faoilleach 1919, bhuail HMY Iolaire creagan ’s i a’ tilleadh a Steòrnabhagh le seòladairean bhon Chogadh Mhòr. Chaochail còrr air 200 duine.
Air a choimiseanadh mar phàirt de chlàr shònraichte air BBC ALBA a bha a’ comharrachadh 100 bliadhna bhon a thachair an tubaist, b’ e obair toileachais a bh’ ann dhan dealbhadair Catrìona NicIlleDhuibh.
Thuirt Catrìona: “Chan eil mòran sa chlàr a sheall tubaist an Iolaire agus ‘s e obair faireachdail a bh’ ann a bhith a’ cruthachadh seo. Tha mi cho toilichte gu bheil am film air a sgaoileadh airson an sgeulachd cudromach seo innse dhan an t-saoghal.”
Chaidh Am Bocsa, companaidh riochdachaidh Chatrìona, ainmeachadh air geàrr-liosta RTS Scotland airson Dealbhachadh Beò & VFX na bu thràithe sa bhliadhna.
Bidh Cannes Short Film Festival a’ gabhail àite eadar 5 agus 8 Sultain agus gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh an seo.
Tha Belladrum beò a’ tilleadh gu BBC ALBA, ’s an fhèis ciùil as càirdeile ann an Alba a’ cur fàilte air trì sàr ainmean ann an saoghal a’ chiùil, Elbow, Jess Glynne agus Chvrches.
Gheibh luchd-leantainn stiùireadh tron tachartas beò air BBC ALBA, bho Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach, Diardaoin 1 gu Disathairne 3 Lùnastal, agus bidh prìomh thachartasan na fèise air an craoladh air an t-sianail ùr BBC Scotland air Dihaoine agus Disathairne.
Tha an 16mh Fèis a’ gabhail àite air a’ Ghàidhealtachd, air Oighreachd Bhelladrum faisg air Inbhir Nis. ’S ann air prìomh àrd-ùrlar na fèise, cuartaichte le ballaichean gàrradh àlainn Eadailteach na h-oighreachd, a bhios cridhe na fèise fhèin, a’ toirt cothrom do BhBC ALBA ceòl agus snas an tachartais a thaisbeanadh le cuirmean fuaimearra thairis air trì oidhche. Am measg na chithear agus na chluinnear bidh seatan fuaim sònraichte agus agallamhan le mòran den phrìomh luchd-ciùil.
Am measg na bhios ri fhaicinn ’s ri chluinntinn bidh Skerryvore agus seinneadairean mar Johnny Marr, Tom Odell, Dodie agus na rionnagan Lewis Capaldi agus Jess Glynne, a bhios a’ toirt an tachartais mhìorbhaileach seo gu ceann.
Tha BBC ALBA air a bhith a’ craoladh beò bho Bhelladrum bho 2011 agus thathar a’ dol ann an com-pàirteachas leis an t-seanail ùr BBC SCOTLAND gus barrachd taisbeanaidh na bha ann a-riamh a thoirt don fhèis air an dà shianail.
Thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha Belladrum aig cridhe clàr samhraidh BBC ALBA agus tha an luchd-amhairc a’ coimhead air adhart gu mòr ris agus abair gun còrd e riutha. Tha sinn air leth toilichte gu bheil an co-obrachadh le BBC SCOTLAND aig fèis ciùil na bliadhna seo, a thòisich cho soirbheachail aig TRNSMT, a’ leantainn air adhart aig Belladrum agus bheir e barrachd taisbeanaidh air an fhèis a tha sinn cinnteach a chòrdas gu mòr ri luchd-leantainn a’ chiùil.”
Diardaoin 1 Lùnastal
BBC ALBA, 9.30f – 11.00f
Dihaoine 2 Lùnastal
BBC ALBA, 9.00f – 11.00f
BBC Scotland, 11.05f – 12.00m
Disathairne 3 Lùnastal
BBC ALBA 9.10 – 11.00f
BBC Scotland, 11.05f – 12.00m
Le bhith foillseachadh Aithisg Bhliadhnail na buidhne airson 2018-19, tha MG ALBA air iarraidh lèirmheas sa bhad de chraoladh Ghàidhlig.
Tha am buidheann a tha a’ ruith seanail Ghàidhlig na h-Alba ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC air iarraidh air a’ BhBC, Ofcom, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA a dhol an sàs ann an conaltradh ag amas air a bhith a’ tighinn gu rèite ùr a thaobh craoladh Gàidhlig.
An-dràsta, tha fìor dhùbhlan mu choinneimh BBC ALBA, le ìre ath-chraolaidh de 75% an coimeas ri rìoch de 50% ris a bheil dùil airson BBC Scotland; agus chan eil an t-seanail ri fhaighinn ach air Deifinisean Coitcheann (SD) a-mhàin air telebhisean.
A’ sgrìobhadh ann an Teachdaireachd a’ Chathraiche, thuirt Ailean Dòmhnullach nach eil stèidh sam bith a bhiodh iomchaidh airson luchd-amhairc na Gàidhlig a bhith a’ faighinn seirbheis aig ìre nas ìsle.”
Tha MG ALBA air iarraidh air a chom-pàirtiche a’ BhBC dèanamh cinnteach gu bheil an t-aona chothrom agus an t-aona chàileachd de sholair aig BBC ALBA ’s a th’ aig an t-seanail ùr agus na cànain dùthchasail eile san RA.
Ann an 2017, dh’ainmich am BBC gu poblach mu suas ri 100 uair a thìde de phrògraman a bharrachd gach bliadhna airson BBC ALBA mar thoradh air seilbh san t-seanail ùir BBC Scotland.
Tha Ailean Dòmhnullach air dearbhadh iarraidh mu ciamar a thèid an t-amas seo a lìbhrigeadh: “Brosnaichidh sinn am BBC gu bhith fosgailte agus follaiseach mu na prionnsabalan agus na co-ghnàthsan a bhithear a’ cleachdadh ann a bhith a’ riarachadh ghoireasan air craoladh Gàidhlig, agus mar a bhithear a’ dèanamh cinnteach gu bheil modh-obrach cothromach ga chleachdadh thar nam mion-chànanan dùthchasail a tha mar phàirt den uallach chultarail san fharsaingeachd a tha aige air feadh na RA”.
Chomharraich BBC ALBA 10 bliadhna air an èadhar an-uiridh. Am measg nan soirbheasan sònraichte bha am prògram de sgeadsaichean goirid comadaidh, FUNC agus an t-seanail ga stèidheachadh fhèin mar Dhachaigh Spòrs nam Ban ann an Alba.