Tha MG ALBA air foillseachadh an tuilleadh susbaint airson BBC ALBA, nam measg co-riochdachadh Chanèidianach ùr san amharc airson 2021.
Bha MacTV à Steòrnabhagh soirbheachail ann a bhith a’ gleidheadh £28.5k ann am maoineachadh leasachaidh airson pròiseact àrd-amasach eadar-nàiseanta leis an tiotal obrachaidh Secrets in the Peat.
Tha an Canada-Scotland Co-development Incentive for Television and Digital Media Content maoinichte le Maoin Mheadhain Chanada agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (le taic bho Sgrion Alba).
Tha seo a’ leantainn in-ionmhas aig an toiseach de £5k tron Mhaoin Cheilteach Eadar-nàiseanta – air a thaiceachadh le MG ALBA agus TG4 – aig deireadh 2019.
Thuirt Seumas Mac an t-Sagairt, Ceannard Riochdachaidh agus Leasachaidh aig MacTV:
“Tha aontaidhean leithid seo a’ cuideachadh le mòr-mhiann MacTV airson an tuilleadh fàs agus meudachadh a dhèanamh san sgèile de na tha sinn gu ruige seo air a choileanadh tro obrachadh le BBC ALBA agus ar co-obrachadh eadar-nàiseanta soirbheachail a tha a’ sìor fhàs.
“Tha seo a-nis a’ ceadachadh dhuinn tagradh sònraichte agus làidir a chur a-steach airson Secrets in the Peat gus a thoirt don mhargaidh eadar-nàiseanta.”
Cuideachd, dh’fhoillsich MG ALBA, am buidheann a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, gu bheil aontaidhean eadar-nàiseanta air susbaint a bharrachd le luach £8m a chruthachadh airson seanail Ghàidhlig na h-Alba.
Chaidh seo ainmeachadh aig an aon àm ’s a bha Leas-Phrìomh Mhinistear, John Swinney, a’ tadhal air oifis MG ALBA ann an Steòrnabhagh. Thuirt e:
“’S e naidheachd air a bheileas a’ cur fàilte a tha seo agus tha e mar theisteanas air an obair chudromach a tha MG ALBA a’ dèanamh gus taic a chuir ris a’ Ghàidhlig agus airson a brosnachadh.”
Tha an stuth ùr mar thoradh air grunnan bhliadhnaichean de dh’oidhirp le MG ALBA agus an cuid sholaraichean ann a bhith a’ leasachadh cho-bhanntachdan eadar-nàiseanta stèidhichte air cùmhnantan fad-ùine leis a’ chraoladair.
Airson luchd-amhairc BBC ALBA, tha na h-aontaidhean a’ ciallachadh prògraman ùra a bhiodh do-dhèante an dèanamh bho thaobh ionmhais. Airson riochdairean ùr-ghnàthach BBC ALBA, tha e a’ ciallachadh fàs ann an lìonraidhean eadar-nàiseanta, le cothrom an tuilleadh malairt a dhèanamh sna dùthchannan seo, a thuilleadh air na margaidean dùthchail aca fhèin.
Thuirt Deasaiche Seanail MG ALBA, Mairead Chamshron:
“Tha a bhith ag obair le com-pàirtichean eadar-nàiseanta a’ toirt cothrom a bhith ag ionnsachadh bho chàch a chèile agus a’ ciallachadh gu bheil BBC ALBA uidheamaichte gus a bhith a’ cruthachadh pròiseactan àrd-amasach ùra a bhios gu maith a’ ghnìomhachais air fad agus aig a’ cheann-thall, gu maith ar luchd-amhairc.”
A-nis, bidh MacTV a’ leasachadh Secrets in the Peat còmhla ris a’ chom-pàirtiche riochdachaidh Chanèidianach Cineflix, stèidhichte ann am Montreal, le dùil gun tèid an t-sreath a riochdachadh ann an 2021.
Bidh an t-sreath a’ rannsachadh seann dhìomhaireachdan nam monaidhean agus an dàimh sònraichte a th’ aig coimhearsnachdan riutha.
Seo an t-soirbheas eadar-nàiseanta as ùire airson a’ chompanaidh seo stèidhichte ann an Steòrnabhagh, a chruthaich ann an co-bhanntachd leis a’ chompanaidh riochdachaidh Chuimreach Cwmni Da, an t-sreath An Làn/Tide, mu eachdraidh nàdarrach. Maoinichte le BBC Northern Ireland, S4C, BBC ALBA, TG4 agus LIC China, bhuannaich Tide duais airgid aig na China Dragon Awards san Dàmhair 2019.
San t-Samhain 2019, dh’fhoillsich MacTV agus Cwmni Da cuideachd co-obrachadh leis a’ chraoladair Korean JTV agus bho chom-pàirtean An Làn/Tide gus sreath ùr de phrògraman-aithris a riochdachadh. Thèid Rain Stories a cho-riochdachadh le Below the Radar ann an Beul Feirste le dùil ri ionmhas agus riochdachadh as t-Earrach 2020 agus dùil ri chraoladh air BBC ALBA ann an 2021.
Tha MacTV an ceartuair air sreath a lìbhrigeadh – Thar na Loidhne/Crossing the Line – a’ toirt sùil air cluicheadairean òga, gealltanach à Èirinn agus Alba agus air am fàs tha an spòrs sin air fhaicinn. Air a cho-riochdachadh le Crawford McCann ann an Beul Feirste le maoineachadh bho MG ALBA, TG4 agus an ILBF. Thèid a chraoladh air BBC ALBA bho 2/3/20 aig an àm a bhios Farpaisean Rugbaidh nam Ban nan Sia Nàiseanan a’ dol air adhart.
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Stiùiriche ùr Ro-innleachd & Chùisean Taoibh A-Muigh aig MG ALBA:
“Tha lèirsinn eadar-nàiseanta air a bhith aig MG ALBA airson grunnan bhliadhnaichean mar phàirt de ar ro-innleachd Lèirsinn agus tha an luach seo de £8m de nuadh-shusbaint a’ sealltainn cho soirbheachail ’s a tha sinn air a bhith le sin.”
Tha TG4 toilichte a bhith ag obair le BBC ALBA gus cuirm nan duaisean bliadhnail agus taisbeanadh de cheòl thraidiseanta Èireannach, GRADAM CEOIL TG4, a thoirt beò gu dachannan ann an Alba agus an Rìoghachd Aonaichte airson a’ chiad turas. Thèid Gradam Ceoil a shealltainn beò air an dà chuid TG4 agus BBC ALBA aig 9.30f air oidhche Didòmhnaich, bho thalla Waterfront Beul Feirste agus bidh e cuideachd air BBC iPlayer agus air feadh an t-saoghail air cluicheadair TG4 aig TG4.ie
Chuir Àrd-Stiùiriche TG4, Ailean Esslemont fàilte air a’ cho-obrachadh seo eadar TG4 agus BBC ALBA:
“Mar craoladair phoblach Gaeilge na h-Èireann, tha e na amas do TG4 ruigse susbaint agus cultarail Gaeilge àrdachadh gu luchd-amhairc air feadh an t-saoghail. Tha an co-obrachadh seo le BBC ALBA am-bliadhna a’ toirt cothrom do luchd-amhairc ann an Alba agus an Rìoghachd Aonaichte a bhith a’ comharrachadh an ceòl traidiseanta Èireannach às fheàrr beò air an oidhche.”
Thuirt Deasaiche Seanail BBC ALBA, Mairead Chamshron:
“The co-bhanntachd luachmhor air a bhith ann eadar BBC ALBA agus TG4 air co-riochdachadh thairis air na bliadhnaichean ach seo a’ chiad co-chraoladh de thachartas ciùil beò. Agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart gus oidhche beothail de ceòl traidiseanta na h-Èireann a shealltainn gu luchd-amhairc na Rìoghachd Aonaichte.”
’S e seanail telebhisein Gaeilge le reachdas neo-eisimeileach a th’ ann an TG4 (Teilifís na Gaeilge). Thòisich an t-seanail a’ craoladh ann an 1996. ’S e seanail free-to-air a th’ ann an TG4, le luchd-amhairc ri lorg air feadh na h-Èireann. An-dràsta ’s e an 6mh seanail as motha a tha a’ còrdadh ri daoine ann an Èirinn, air thoiseach air BBC 2 agus Channel 4.
’S e co-bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC a th’ ann am BBC ALBA, seanail Ghàidhlig na h-Alba a thòisich a’ craoladh ann an 2008.
Tha boireannaich a’ gabhail prìomhachas aig duaisean na bliadhna, le ‘Ceòladair na Bliadhna’, ‘Ceòladair Òg na Bliadhna’ agus ‘Sgrìobhaiche-ciùil na Bliadhna’ uile a’ dol gu ceòladairean boireann. ’S e Harper Kelly à Westport, Siorrachd Mayo buannaiche ‘Ceòladair na Bliadhna’ aig TG4, aon de na buannaichean as òige a-riamh. Tha cluicheadair na fìdhle agus an cello, Sharon Howley à Kilfenora, Siorrachd Clare air a taghadh mar ‘Ceòladair Òg na Bliadhna’ 2019, agus i air a bogadh ann an ceòl thraidiseanta bhon a bha i òg am measg teaghlach le dualchas ceòlmhor.
Tha Lillis Ó Laoire, a bhuannaich aon de na prìomh dhuaisean airson seinn sean-nòs dà thuras, Corn Uí Riada ann an 1991 agus 1994 am-bliadhna ainmichte mar Seinneadair na Bliadhna.
Am measg nam buannaichean eile tha Duais Urram Beatha a’ dol gu Séamus Connolly, Duais Sònraichte a’ dol gu Ned Kelly à Nenagh agus tha ‘Sgrìobhaiche Ciùil na Bliadhna’ a’ dol gu Josephine Marsh.
’S e Gradam Ceoil am prìomh sgeama dhuaisean bliadhnail ann an ceòl traidiseanta, le tachartas na bliadhna seo gu bhith air a chraoladh beò air TG4 à Beul Feirste Didòmhnaich 23 Gearran, ri linn taic bhon ILBF. Bidh cuid de phrìomh rionnagan thar ciùil, film, spòrs agus daoine bhon mhòr shluagh cruinn còmhla ann am Beul Feirste air an deireadh sheachdain seo airson duaisean ciùil
Gradam Ceoil 2020, a ghabhas àite ann an Talla Waterfront Didòmhnaich 23 Gearran. Am measg na bhios air an àrd-ùrlar aig na duaisean eadar-nàiseanta bidh aoighean leithid Adrian Dunbar, Jarlath Burns agus Deirdre Hargey. Am measg na bhios air an àrd-ùrlar bidh Beoga, a cho-obraich le Ed Sheeran ann an 2017 air ‘Galway Girl’.
Seo na thuirt Beoga mu bhith a’ seinn aig an tachartas agus mu bhith a’ tilleadh a Bheul Feirste:
“Tha sinn air ar dòigh glan a bhith an sàs san 23mh Gradam Ceoil. Tha sinn pròiseil a bhith an lùib tachartas cho cudromach a tha a’ comharrachadh luchd-ciùil tàlantach à Èirinn agus bho air feadh an t-saoghail agus tha sinn air ghoil gus a bhith air àrd-ùrlar Talla Waterfront Hall air 23 Gearran.
“Le coltas deagh oidhche tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cluich ann am Beul Feirste air an oidhche.”
Airson an tuilleadh fiosrachaidh faic www.gradam.ie no Facebook agus Twitter @GradamCeoil @bbcalba #Gradam
Tha daoine òga às iomadh ceàrnaidh de na h-Eileanan an Iar a bha an sàs anns na Stailcean Gnàth-shìde a’ nochdadh anns an fhilm AN-DRÀSTA! le Urras Oighreachd Ghabhsainn.
Tha am film stèidhichte air a’ bhuaidh a bheir atharrachadh na gnàth-shìde air na coimhearsnachdan aca fhèin agus air coimhearsnachdan eile air feadh an t-saoghail agus a’ brosnachadh dhaoine a thighinn an sàs ann an iomairtean Atharrachadh na Gnàth-shìde.
Bha Liam Crouse à Uibhist an sàs anns an fhilm. Thuirt Liam: “Tha na h-Eileanan an Iar mar aon de na ciad àiteachan an Alba air an toir atharrachadh sa ghnàth-shìde agus èirigh àirde na mara buaidh. Tha àiteachan leithid Am Bràighe ann an Leòdhas agus Cille Pheadair ann an Uibhist a Deas ann am fìor chunnart ri linn sìde nas gàbhaidh a thig nas trice. Bha AN-DRÀSTA na chuideachadh airson an cunnart seo a shealltainn do luchd-poilitigs, muinntir nan eileanan agus a’ mhòr-shluagh.”
Mar dhuais, gheibh Urras Oighreachd Ghabhsainn – oighreachd ann an taobh an iar-thuath Leòdhais a bhuineas don choimhearsnachd, £1,000 airson a chosg air uidheam film.
Thuirt Louise Senior aig Urras Oighreachd Ghabhsainn: “Tha na daoine òga a chosg an cuid ùine is neart air an fhilm nan adhbhar brosnachaidh dhuinn uile agus tha sinn fhèin cho toilichte gu bheilear ag aithneachadh an cuid dìchill leis an duais seo. ’S e obair sgioba a bh’ ann, mar sin, feumaidh sinn a thighinn cruinn còmhla feuch ciamar a chuireas sinn an t-airgead a bhuannaich sinn gu feum dhuinn uile.”
’S i Bun-sgoil Stafainn anns an Eilean Sgitheanach a choisinn duais Roghainn an t-Sluaigh ann an co-fharpais theann am-bliadhna. Bha iad air iomairt mhòr air-loidhne a chur an sàs às an d’ fhuair iad 1200 bhòt. Tha an sanas turasachd èibhinn aca, Fàilte don Eilean, a’ toirt seachad comhairle phrataigeach do luchd-turais air mar bu chòir dhaibh an giùlan fhèin nuair a thig iad don eilean.
Thuirt Ceit Fhoirbeis, BPA, a tha na Ministear an Ionmhais Phoblaich agus na h-Eaconamaidh Didseataich, an dèidh dhi an duais a thoirt seachad: “Chòrd duaisean FilmG rium gu mòr air oidhche anns an deach beairteas de thàlant Gàidhlig agus sgilean sgrìobhaidh is film na Gàidhlig a thaisbeanadh. Bha e na adhbhar toileachais dhomh Duais Roghainn an t-Sluaigh a thoirt seachad do Bhun-sgoil Stafainn airson sealladh ùr èibhinn de chomhairle thurasachd a shealltainn dhuinn.”
Tha FilmG air a lìbhrigeadh le MG ALBA agus leis a’ chompanaidh mheadhanan Cànan Graphics Studio, a tha stèidhichte san Eilean Sgitheanach, airson tàlant anns na meadhanan Gàidhlig a bhrosnachadh. Tha FilmG na bhun-stèidh do dh’iomadh duine ann an saoghal film is telebhisein Gàidhlig bhon a chaidh a chur air chois o chionn 12 bhliadhna.
Thuirt am Manaidsear Leasachadh Gnìomhachais aig Cànan Graphics Studio, Garry Noakes: “Bha dùbhlan ro na britheamhan airson nan filmichean a bhuannaich a thaghadh. Meal a naidheachd air a h-uile duine a ghabh pàirt anns na filmichean agus a dh’fhàg FilmG cho soirbheachail.”
Thuirt Murchadh MacSuain, a tha na Mhanaidsear Conaltraidh aig MG ALBA: “Tha buaidh FilmG air a dhol am meud agus filmichean ann air cùisean cudromach ach tha spòrs is dibhearsan rim faicinn an lùib cruthachadh na susbaint Gàidhlig cuideachd. Bha cuirm na bliadhna-sa math dha-rìribh is sinn a’ taisbeanadh na tha romhainn anns na meadhanan Gàidhlig agus tha fadachd orm fhìn ri tuilleadh fhaicinn bhon a h-uile duine a bha an sàs ann.”
Choisinn Meabh NicCoinnich à Uibhist, a tha a’ nochdadh anns an fhilm, àite air geàrr-liosta Cleasaiche As Fheàrr cuideachd ach ‘s iad Euan MacDhòmhnaill agus Lachlan Peel à Dùn Èideann a ghlèidh an duais luach £200 le chèile leis an fhilm le Lachlan, Àrdan is Aineolas: Soidhnichean. Bha Lachlan, a bhuannaich duais an-uiridh, air ainmeachadh anns na roinnean Film as Fheàrr agus Film Oileanach as Fheàrr leis an fhilm, a thug sùil èibhinn air na dh’fhàgas cuid a dhaoine feargach mu shoidhnichean Gàidhlig.
’S i Shannon NicIllEathain à Tobar Mhoire a ghlèidh Film as Fheàrr agus duais luach £1000 leis an fhilm aithriseach, Seònaid, a tha a’ toirt sùil air beatha Sheònaid NicDhòmhnaill a th’ air a beatha a chur seachad a’ brosnachadh na Gàidhlig ann am Muile. Bha Shannon air a h-ainmeachadh anns an roinn Film Dùthchais as Fheàrr cuideachd.
Chaidh an duais Film Oileanach as Fheàrr agus £1000 a bhuannachadh le Joseph Flower à Dùn Bàrr leis an fhilm, Sgiùradh, a tha stèidhichte air sgeul traidiseanta mu bhean-nighe ach tha car san sgeul. Chan eil a’ Ghàidhlig aig Joseph fhathast ach tha Gàidhlig gu leòr aig a phiuthar, Izzy, a chaidh ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson a cuid cleasachd san fhilm.
’S e Hamish MacLeòid à Glaschu a choisinn an duais Stiùiriche as Fheàrr sa Ghnìomhachas leis an fhilm aithriseach àibheiseach, Aig an Oir, a chaidh fhilmeadh air creag ann an Siorrachd Àir agus anns an deach àirde na creige a chlàradh le dròn. Bha Hamish air ainmeachadh anns an roinn Film as fheàrr cuideachd agus bidh an duais Stiùiriche as Fheàrr sa Ghnìomhachas a’ leigeil leis £2,500 a chosg air uidheam film.
Tha Mara Drysdale à Loch Carran air greis-obrach air pròiseact telebhisein tro HIE a bhuannachadh an dèidh dhi an duais Stiùiriche Ùr as Fheàrr a ghleidheadh. Tha am film aithriseach aice, Gualainn ri Gualainn, a’ toirt sùil air eachdraidh sgioba iomain Loch Carran agus cho cudromach ‘s a tha e don choimhearsnachd.
’S i Eilidh NicIain à Inbhir Pheofharain a bhuannaich Film Fòn-làimh as Fheàrr, an dèidh dhi an aon duais a bhuannachadh an-uiridh, an turas seo le Smuaintean an Diabhail, anns am faic sinn boireannach òg air slighe eadar ciall is mì-chiall. Chaidh Eilidh ainmeachadh air geàrr-liosta Cluiche as Fheàrr leis an fhilm seo cuideachd agus tha i air greis-obrach le BBC The Social a bhuannachadh mar dhuais.
’S e Siubhal Gu Sear le Anndra Cuimeanach à Geàrrloch an aon fhilm am-bliadhna a choisinn dà dhuais, Film Aithriseach as Fheàrr agus Duais Ghàidhlig nam Fileantach. Anns an fhilm, chì sinn Anndra a’ siubhal air feadh na h-Alba ann an aon latha air dà roth.
Chaidh Film as Fheàrr an Roinn na h-Òigridh a bhuileachadh air Acadamaidh Chùil Lodair an Inbhir Nis airson an fhilm èibhinn aca, Eilean nam Muc, anns a bheil tuathanach a’ feuchainn ri marag dhubh nas bàidheile a thoirt gu buil.
Choisinn Àrd-sgoil Àird nam Murchan ann an Àth Tharracail dà dhuais airson an dà fhilm aca am-bliadhna. Chaidh an sgoil ainmeachadh ceithir tursan uile gu lèir agus nach iad a bha airidh air an duais Riochdachadh Eadar-nàiseanta FilmG airson Reòite agus Duais Ghàidhlig an Luchd-ionnsachaidh airson An Cuach, na h-Iuchraichean agus an Dron.
’S i Alice Ghòrdan à Glaschu a choisinn an duais Filmeadair Òg as Fheàrr leis an fhilm inntinneach aice, An Losgann agus An Sgairp, a tha a’ toirt an luchd-amhairc air turas don taobh dhorcha de saoghal nam blogaichean. Chaidh Alice ainmeachadh air geàrr-liosta Cluiche as Fheàrr cuideachd airson a cuid cleasachd san fhilm le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Ar Solas.
Agus ’s e sgoilear eile aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Conor Galbraith, a choisinn an duais Cluiche as Fheàrr mar Detective John Reid anns an dràma poilis, Fo Chasaid Muirt.
Chaidh an duais Riochdachadh as Fheàrr a bhuileachadh air Àrd-sgoil a’ Phluic ann an Siorrachd Rois airson an dràma eucoir aca, An Corp, anns a bheil murt is amharas air an taobh siar.
Ghlèidh Sgoil an Rubha ann an Eilean Leòdhais an duais airson Film as Fheàrr le Buidheann Òigridh le Cuairt Cuimhne anns a bheil sgeul cridheil mu na dòighean as urrainn dhuinn ionnsachadh is taic a chumail ri càch a chèile thar nan ginealaichean.
Thèid prògram cuirm duaisean FilmG aig The Old Fruitmarket ann an Glaschu a chraoladh air BBC ALBA, Dihaoine, 21 An Gearran, aig 9.00f.
Chaidh MG ALBA a-rithist ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an telebhisean, a rèir fear de phrìomh irisean a’ ghnìomhachais.
Airson a’ chòigeamh bliadhna co-leantaileach, tha Broadcast Magazine air a’ phrìomh chom-pàirtiche air cùlaibh BBC ALBA ainmeachadh mar aon de na 30 àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an gnìomhachas telebhisein.
Le dealas a bhith ag aithneachadh an luchd-fastaidh as fheàrr ann an TBh, tha Broadcast a’ measadh chompanaidhean air gach rud bho cheannardas agus planadh gu cultar corporra, àrainneachd obrach, trèanadh agus tuarastal.
Tha MG ALBA air nochdadh air an liosta gach bliadhna bho thòisich e ann an 2016 – a’ co-roinn an urraim sin le dìreach dà chompanaidh eile à Lunnainn – Shine TV agus Dragonfly TV.
Stèidhichte mar cheannard ghnìomhachais, tha am buidheann craolaidh a’ fastadh cha mhòr 40 neach-obrach thar làraich ann an Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Glaschu.
Aithnichte gu sònraichte mar chom-pàirtiche air cùlaibh BBC ALBA, tha am buidheann cuideachd na phrìomh chom-pàiritiche air LearnGaelic, goireas ioma-chùimseach air-loidhne airson a‘ chànain, agus airson FilmG, farpais fhilmichean goirid Gàidhlig a bhios a’ ruith gach bliadhna.
Tha an geàrr-liosta air a chruthachadh tro rannsachadh neo-eisimeileach air a dhèanamh leis an iris, le ceannardan agus luchd-obrach bho chompanaidhean air feadh na RA air iarraidh na beachdan aca a thoirt seachad mun bhuidheann agus an cultar obrach aca fhèin.
Thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA Dòmhnall Caimbeul:
“Tha MG ALBA a-rithist aithnichte mar shamhla de dheagh mhodh-obrach ann an gnìomhachas nam meadhanan an dà chuid ann an Alba agus san RA gu lèir. Tha ar dealas ri slàinte is sunnd ar luchd-obrach agus dha ar luchd-amhairc agus dhan choimhearsnachdan a‘ cruthachadh faireachdainn làidir de chòmhlachas agus cultar a tha a‘ brosnachadh cruthachalachd agus tàlant.
“Tha na meadhanan Gàidhlig a‘ toirt buaidh mhòr eaconomach gu sònraichte air a‘ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus a‘ cruthachadh gu obrachaidhean a tha sàr-amasach. Tha mi cho moiteil gu bheil MG ALBA a-rithist ainmichte mar fhear de na h-àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an telebhisean agus leanaidh sinn le ar saothair gus in-ionmhas a chosnadh airson nam meadhanan Gàidhlig agus airson ar luchd-amais a fhrithealadh.”
Le clàr làn phrògraman beò dibhearsain agus spòrs air BBC ALBA, barrachd na bha air an t-seanail a-riamh, tha rudeigin ann airson a h-uile duine.
Thàinig luchd-lìbhrigidh Joy Dunlop, Fiona NicChoinnich agus Màiri Anna NicUalraig còmhla gus na prògraman ùra a chomharrachadh.
Dhaibhsan a tha dèidheil air ceòl tha deagh dheireadh-sheachdain air fàire le Joy Dunlop is Brus MacGriogair a’ toirt thugaibh Neach-Ciùil Traidiseanta Òg 2020 BBC Radio Scotland, beò à Talla Bhaile Ghlaschu.
Bidh sianar luchd-ciùil òga a’ cluich beò sa chuairt-deireannach ann am farpais a bhios a’ cuideachadh le crìoch a chuir air Celtic Connections 2020 agus thèid am buannaiche ainmeachadh air an oidhche.
A’ farpais am-bliadhna tha seinneadairean Josie Duncan à Leòdhas agus Cameron Nixon à Obar Dheathain, cuide ri Pàdruig Moireasdan à Uibhist air a’ bhocsa, Ali Levack à Inbhir Pheofharain air an fheadag agus a’ phìob, Mhàiri MacKinnon à Siorrachd Pheairt air an fhidheall agus Calum McIlroy à Siorrachd Obar Dheathain a bhios a’ seinn agus a’ cluich a’ mhandoilin agus a’ ghiotàr.
Bidh BBC Radio Scotland agus BBC ALBA a’ craoladh an tachartais aig an aon àm aig 5.05f air 2 Gearran.
Bha Fiona NicChoinnich a’ lìbhrigeadh a’ phrògraim chòmhraiteach Nochd air BBC ALBA, beò thairis air Celtic Connections, leis an t-sreath fhathast ri fhaicinn air BBC iPlayer. Thèid am prògram mu dheireadh, a’ coimhead air ais air an fhèis, a-mach air Disathairne 1 Gearran.
Tha taghadh ciùil Celtic Connections ri thighinn cuideachd leis an t-sreath Seirm a’ tòiseachadh air Disathairne 8 Gearran. Air a lìbhrigeadh le Màiri Anna NicUalraig, chaidh a chlàradh air beulaibh luchd-amais aig na Arches ann an Glaschu agus chithear ceòl beothail bhon fhèis air fad.
Tha tuilleadh craoladh beò ri thighinn le spòrs agus Sia Nàiseanan nam Ban, air a lìbhrigeadh le Iona Whyte, a’ tòiseachadh air Didòmhnaich 2 Gearran le Èirinn an aghaidh Alba.vBidh Alba an uair sin a’ cluich an aghaidh Sasainn aig Scotsoun air Disathairne 9 Gearran; na h-Eadailt air Didòmhnaich 23 Gearran, an Fhraing air Disathairne 4 Màrt agus a’ Chuimrigh air Didòmhnaich 15 Màrt.
Bidh BBC ALBA cuideachd a’ craoladh an iar-chuairt dheireannach bho Chùpa Dùbhlain an SPFL le Partick Thistle an aghaidh Raith Rovers air 14 Gearran agus Inverness Caledonian Thistle an aghaidh Rangers Colts air Didòmhnaich 16 Gearran, leis a’ chuairt dheireannach ri thighinn aig deireadh a’ Mhàirt.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC:
“Tha BBC ALBA air a bhith cho soirbheachail le bhith a’ craoladh phrògraman beò. Mar eisimpleir tha fèill mhòr air Cèilidh na Bliadhn’ Ùire gach bliadhna agus tha sinn air a bhith a’ sealltainn spòrs beò aig àrd ìre mar Chupa Cruinne nam Ban an-uiridh agus Sia Nàiseanan nam Ban airson dà bhliadhna a-nis. Tha daoine a’ tighinn gu BBC ALBA gu faic iad susbaint nach fhaic iad ann an àite sam bith eile.”
Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) air Ealasaid Dhòmhnallach ainmeachadh mar Stiùiriche Ro-innleachd agus Chùisean Taoibh A-muigh.
Bidh an obair ùr a’ leasachadh dhàimhean chudromach agus ag ùrachadh Lèirsinn (Lèirsinn 5-bliadhna na buidhne) le com-pàirtichean airson saoghal nam meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd. Bidh an obair cuideachd a’ stiùireadh na h-obrach co-cheangailte ri bhith a’ cur air adhart agus a’ lìbhrigeadh ro-innleachdan airson cruth-atharrachadh aig àm làn dùbhlain agus cothroman do MG ALBA agus an cuid chom-pàirtichean sna meadhanan.
Tha Ealasaid a’ tòiseachadh san dreuchd air 27 Faoilleach agus bidh i stèidhichte ann an Steòrnabhagh.
Air a togail ann an Èirisgeigh agus Uibhist a Deas, bha Ealasaid aig àm ag obair air poileasaidhean airson Comhairle Shiorrachd Rinn Friù agus tha i air a bhith a’ fuireach agus ag obair air Eilean Leòdhais thar còig bliadhna, ag obair air a ceann fhèin mar neach-comhairle phoileasaidhean agus cùisean-poblach.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha sinn aig àm cruth-atharrachaidh nach fhacar a-riamh. Bidh Ealasaid a’ cur gu mòr ri sgioba àrd-stiùiridh na buidhne agus tha sinn fìor thoilichte gu bheil i a’ tòiseachadh còmhla rinn gus an fheum as fheàrr a dhèanamh de na cothroman a tha air thoiseach air MG ALBA agus roinn nam meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd.”
Àireamh as motha de dh’fhilmichean a-riamh ann an Co-fharpais nam Filmichean Goirid Gàidhlig
Chaidh an àireamh as motha a-riamh de dh’fhilmichean a chur gu Co-fharpais nam Filmichean Goirid Gàidhlig, FilmG, am-bliadhna, ron cheann-latha an t-seachdain sa chaidh agus ’s urrainnear a h-uile film a choimhead air-loidhne a-nis (bho Dhiciadain 18 Dùbhlachd).
Chaidh 103 filmichean a dhèanamh uile gu lèir, agus 23 dhiubh sin anns an roinn fhosgailte, 75 filmichean le daoine òga agus 5 sgriobtaichean.
Tha a’ cho-fharpais stèidhichte ann an sgoiltean agus am measg Ghàidheil is luchd-film air feadh na dùthcha a-nis. Tha bhòtadh airson Duais Roghainn an t-Sluaigh fosgailte gu deireadh an Fhaoillich. Thèid geàrr-liostaichean, a thaghas eòlaichean sna meadhanan, fhoillseachadh san Fhaoilleach agus thèid an fheadhainn a shoirbhicheas a ghairm aig Cuirm nan Duaisean, 14 Gearran 2020.
Bidh FilmG a’ brosnachadh tàlant agus ealain luchd-film ùr a h-uile bliadhna. Am-bliadhna, chaidh iarraidh air muinntir nam filmichean film a dhèanamh stèidhichte air a’ chuspair, “Treòraich.”
Thuirt Eilidh NicFhraing, Manaidsear Pròiseict FilmG:
“Bha e na thlachd a bhith a’ dol tro fhilmichean na bliadhna agus a bhith a’ faicinn nan àireamhan a’ dol am meud a h-uile bliadhna – agus tha sin fhèin a’ sealltainn gu bheil ùidh sa cho-fharpais a’ dol am meud cuideachd.
“’S e cùis misneachd a th’ ann gu bheil liuthad chuspairean ann agus tha na filmichean anns an fharsaingeachd aig ìre glè àrd.
“Tha e math gu bheil aodannan as aithne dhuinn air tilleadh agus gu bheil tàlant ùr ri fhaicinn.”
Bha MG ALBA, a bhios a’ maoineachadh a’ phròiseict, air an dòigh le ìre nam filmichean. Thuirt Manaidsear Conaltraidh MG ALBA, Murchadh MacSuain:
“Tha e fìor mhath gu bheil FilmG a’ dol am feabhas gach bliadhna agus gu bheil susbaint inntinneach, làn dràma is dibhearsain ga chruthachadh ann an Gàidhlig.
“’S e cothrom air leth a th’ ann am FilmG do dhaoine an cuid thàlant a thoirt gu aire an t-sluaigh, agus tha e sgoinneil a bhith a’ faicinn na h-uimhir a’ gabhail pàirt agus a’ leantainn orra gu obraichean sna meadhanan.”vGhabh grunn luchd-film à Glaschu is Dùn Èideann pàirt, a leithid neach-film à Glaschu, Hamish MacLeòid. Lean am film aithriseach leis, Air an Oir, an sreapadair Aillseach, Coinneach MacFhraing, air slighe ainmeil ann an Siorrachd Àir, agus oileanach film, Tommy Hammond, a rinn film aithriseach anns a bheil obair dithis thidsearan bhon t-seann sgoil Ghàidhlig aige ga moladh.
Sheall bun-sgoiltean Ghlaschu ùidh cuideachd, le inntrigidhean bho sgoiltean Chondobrait agus Bheinn Chamshroin. Bha club film a’ ruith aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail air taobh deas a’ bhaile, far an do rinn iad film dràma goirid, An Coidse.
Fhuaireadh filmichean gu leòr à Dùn Èideann cuideachd anns na roinnean òigridh is fosgailte. Tha film le oileanach QMU, Cara Turner, a’ sgrùdadh saoghal far a bheil stiùireadh ri fhaighinn air cùisean mòra an latha an-diugh le bhith a’ bruthadh putan. Rinn oileanach Napier, Joseph Flower, film mu bhean-nighe a tha a’ toirt taic seach nigheadaireachd a-mhàin dha na nàbaidhean aice gun fhiosta dhaibh. Rinn sgoilearan aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig film mar phàirt de sgeama Bhùithtean-obrach FilmG agus fhuaireadh dà fhilm neo-eisimeileach agus film èibhinn mu cho-fharpais na tì nam measg.
Bha filmichean èibhinn às a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan pailt am-bliadhna. Rinn Club Dràma Chille Mhoire an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich tionndadh den dealbh-chluich, Bùth nan Èisg, a tha a’ leantainn reiceadair air a bheil ainm àit’ agus luchd-obrach is luchd-ceannaich na bùtha.
Chì sinn ann am film le sgoilearan S2 Àrd-sgoil MhicNeacail, Holiday Inn-tinneach, luchd-turais a’ ruigsinn taigh-òsta ann an Leòdhas a tha car coltach ri Fawlty Towers agus rinn luchd-ionnsachaidh Acadamaidh Chùil Lodair film mu bhodach a tha air fuasgladh àraid a lorg nuair a tha a’ mharag-dhubh gann.
Tha cuid de na h-àrd-sgoiltean air taobh os-nàdarra no eachdraidheil de chuspair na co-fharpais a thaisbeanadh, a leithid fileantaich Àrd-sgoil Àird nam Murchan a rinn am film Reòite!, anns a bheil eòlaiche saidheans, John, air inneal a dhèanamh a bhios a’ reothadh tìm ach tha cuideigin carach air greim fhaighinn air an inneal. Chì sinn daoine mòra ann an eachdraidh na h-Alba ann an dràma le Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus tha Àrd-sgoil Citadel ann an Halafacs, Ceap Breatainn, Alba Nuadh, air pàirt a ghabhail airson a’ chiad uair le film stèidhichte air seann sgeul à Ceap Breatainn.
Bha fèill mhòr air an duais ùir, Film Aithriseach as Fheàrr, ann an roinn na h-òigridh cuideachd. Tha am film Tìr a’ Gheallaidh le fileantaich Àrd-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil ag innse sgeul na luinge, Annie Jane, a chaidh às an rathad far cladach Bhatarsaigh ann an 1853 agus 450 de luchd-siubhail air bòrd, agus a’ mhòr-chuid dhiubh sin nan eilthirich.
Tha luchd-film neo-eisimeileach air measgachadh de chuspairean a thaisbeanadh nan cuid fhilmichean aithriseach, cho math ri dràma, comadaidh agus beò-dhealbhadh.
Tha filmichean na bliadhna rim faicinn aig www.filmg.co.uk
Bidh sinn air bhioran air Oidhche Challainn is sinn a’ cuir fàilte mhòr air a’ chòmhlan Peat & Diesel is aoidhean sònraichte eile aig Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air BBC ALBA, beò à Tobar na Màthar.
’S ann à Steòrnabhagh a tha an còmhlan a choisinn cliù airson an cuid chiùil air feadh na Gàidhealtachd am-bliadhna, bliadhna shoirbheachail le fiùs cosnadh an duais airson cluich beò aig Duaisean Ceòl Thraidiseanta Albannach MG ALBA 2019.
Chan eil tiocaid air fhàgail son a’ chuirm mhòr aca ‘sna Barrowlands ann an Glaschu san Fhaoilleach, agus tha iad air innse gun till iad don àite chliùiteach son an dàrna cuirm-chiùil, a thuilleadh air cuairt air feadh Bhreatainn agus Èirinn ann an 2020. ’S gann gun gabh a chreidsinn le na balaich a bha nas cleachdte a bhi cluich ann an cidsinean, sabhail agus taighean-seinnse ‘s na h-eileanan.
Bidh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air a chraoladh beò o Thalla Thobar na Màthar ann an Siorrachd Lannraig, le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach a’ cur fàilte oirnn uile.
’S ann o fhreumh Gàidhlig a thàinig ainm a’ bhaile. ’S e seann tobar a bh’ ann an Tobar na Màthar agus tha ceangal làidir fhathast eadar Siorrachd Lannraig agus a’ Ghàidhlig far a bheil foghlam Gàidhlig o sgoil-àraich gu ruige àrd-sgoil ri fhaotainn, agus bu mhinig a choisinn Còisir Gàidhlig Comar nan Allt duaisean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Air Oidhche Challainn bidh beartas de sheinneadairean is luchd-ciùil Gàidhlig mar chompanaich do ar luchd-coimhid air BBC ALBA is luchd-èisteachd air BBC Radio nan Gaidheal tro na mionaidean mu dheireadh de 2019 agus a-steach do 2020.
Bidh an còmhlan Mànran, aig am bi 10mh ceann-bliadhna ann an 2020, a’ gabhail pàirt, le Kim Carnie, an seinneadair ùr aca, a’ nochdadh cuide riutha airson a’ chiad uair air TBh.
Chithear cuideachd an Glenfinnan Ceilidh Band, Maighread Stiùbhart agus Coisir Alba a sheinn aig farpais Eurovision nas tràithe air a’ bhliadhna, fo stiùir chinntich Joy Dunlop.
’S iad Cathy agus Niall Iain a bhios os cionn na cuirme, dithis air a bheil sinn eòlach bhon cuid obair craolaidh. Bidh Cathy a’ cur fàilt’ is furan air an t-sluagh gu prògraman a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus gu a prògraman fhèin air rèidio. Bha Niall Iain agus BhBC ALBA aig fèis TRNSMT na bliadhna-sa, agus aig fèis Belladrum fo bhratach BBC ALBA agus BBC Scotland – air an dà seanail air an aon oidhche!
Thuirt Niall Iain: “Tha sinn a’ toirt fiughair ris, glainne a thogail agus fàilte a chur air a’ Bhliadhn’ Ùir ann an cuideachd luchd-coimhid BBC ALBA agus luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal. Bheir sinn a’ Bhliadhn’ Ùr a-steach gu sunndach.”
“’S fìor thoil leamsa is le Cathy a bhith ann an teis-mheadhan a’ ghnothaich, agus ’s gann gun cuimhnich sinn gur e seo obair agus chan e gu bheil sinn dìreach ann a dhannsa còmhla ri càch.”
“’S i sàr-oidhche a bhios againn ann an Tobar na Màthar, agus tha sinn air bhioran gus an tòisich e.
“Feuch gun cuir sibh air an cèilidh aig an taigh agus gun tog sibh glainne còmhla rinn nuair a dh’fhàgas sin soraidh aig an t-seann bhliadhna agus a ghuidheas sinn slàinte air a’ Bhliadhn’ Ùir.”
Tha Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal bho 11.30f air Oidhche Challainn, agus cuideachd air iPlayer a’ BhBC agus air feadh na cruinne-cè air bbc.co.uk/alba
Tha prògram ùr air BBC ALBA a’ cuimhneachadh air beatha Chailein Mhicleòid a bha aithnichte mar neach-glèidhteachais a chuir iomadh bliadhna seachad a’ strì gus aire dhaoine a thogail gu maith na h-àrainneachd tro na 90an.
Aig an àm sna 90an, cha robh guth air leithid Greta Thunberg ach bha Cailean aig muinntir Ghlaschu.
Chaidh a thogail ann am Pollok, sgìre far an robh trioblaidean aig mòran ri linn deoch agus drugaichean. Fear de Ghàidheil Ghlaschu, chleachd e freumhan a dhualchais airson Stàite neo-eisimeileach Pollok a stèidheachadh agus guth a thoirt do mhuinntir na sgìre.
Anns a’ phrògram, chithear deilbh agus criomagan bhidio nach fhacas roimhe a thug Gehan, bean Chailein, agus a dhlùth charaidean seachad.
Tha sgeulachd Chailein a’ tòiseachadh tràth sna 90an nuair a chuir e naoi latha seachad shuas ann an craobh air Oighreachd Pollok ag iomairt an aghaidh leudachadh mòr rathad an M77 tron phàirce.
Chaidh a’ phàirce a thoirt do mhuinntir baile Ghlaschu mar ghibht agus bha Cailean gu mòr den bheachd gur ann le na daoine a bha an àrainneachd phrìseil a bha seo.
Le uallach gu robhas dol a chall àite a bha leotha fhèin, chaidh cuid de chlann-sgoile na sgìre a-mach air stailc, chuir luchd-iomairt bacadh air rathaidean agus bha na mìltean a’ caismeachd tro shràidean baile Ghlaschu gus seasamh an aghaidh na bha a’ tachairt.
A’ bruidhinn mu Chailein, thuirt a dheagh charaid Alastair MacIntosh gur e ceann-cinnidh a bh’ ann, gun cheist, agus gun bhris e a chridhe a’ strì gus sgìrean a’ bhaile a thoirt a-mach à bochdainn.
Cluinnear cuideachd anns a’ phrògram bho athair Chailein, Donnie, caraidean mar Babs NicGhriogair, a bhean Gehan, a charaid am fear-glèidhteachais Alasdair MacIntosh, Rosie Kane McGarvey a bha uair na BPA agus Darren McGarvey a sgrìobh an leabhar a choisinn Duais Orwell, “Poverty Safari”.
A’ bruidhinn mu Chailein anns a’ phrògram, thuirt Darren McGarvey gur e duine a bh’ ann a bha tarraingeach agus gur e fìor cheannard a bh’ ann.
Aig a’ cheann thall, chaidh mòr rathad an M77 a leudachadh ach lean Cailean air ag obair agus a’ strì às leth muinntir Ghlaschu, agus a’ stèidheachadh GalGael.
Nuair a bhàsaich Cailean ann an 2005 aig aois 39, bha sràidean Bhaile Ghobhainn nan tàmh le 600 duine a’ fàgail na h-eaglaise agus a’ coiseachd tron sgìre.
Thuirt riochdaire agus stiùiriche a’ phrògram, Nina Torrance gun robh tòrr de na bha a’ tachairt san latha th’ ann ri fhaicinn san obair ionmholta a rinn Cailean bho chionn faisg air trichead bliadhna.
Chithear The Birdman of Pollok / Curaidh na Coille air BBC ALBA Diluain 30 Dùbhlachd aig 9f agus air BBC iPlayer.
Tha MG ALBA fìor thoilichte gu bheil Ofcom air innse an-diugh gun deach ceathrar bhall ùra a shuidheachadh air bòrd MG ALBA.
Tòisichidh Lisa Annette, Rhoda NicDhòmhnaill agus Iain Mac a’ Mhaolain air 1 Faoilleach 2020 agus Ceit-Anna NicLeòid air 1 Cèitean 2020. Bidh gach neach suidhichte airson ceithir bliadhna.
Tha fiosrachadh-beatha nam ball ùra ri fhaotainn san fhios-labhairt aig Ofcom.
Chuir cathraiche MG ALBA Ailean Dòmhnullach fàilte air an naidheachd:
“Tha mi air leth toilichte fàilte a chur air a’ cheathrar sàr-thàlantach seo gu Bòrd MG ALBA a’ tòiseachadh sa Bhliadhn’ Ùir. Mar sgioba tha dùbhlain romhainn sa chòig bliadhna air thoiseach mu thimcheall maoineachaidh, teicneòlais agus sgaoilidh a thuilleadh air cnapan-starraidh eile an lùib craoladh.
“’S e àm mòr-dhùbhlain agus mòr-atharrachaidh a th’ ann agus sinn a’ teannadh dlùth ri 100 bliadhna de chraoladh Gàidhlig ann an 2023, agus ’s e ar n-obair dèanamh cinnteach gu bheil susbaint ioma-ùrlair de dh’àrd-chàileachd air a sgaoileadh ann an co-obrachadh le ar com-pàirtichean am BBC.
“Feumaidh sinn a bhith mothachail nach robh dùilean dhaoine òga a-riamh cho àrd ’s a tha iad a-nis.
“Cuidichidh ar buill ùra ann a bhith a’ sireadh nam freagairtean air a bheil feum gus faighinn seachad air na dùbhlain agus na riosgan a tha mu choinneimh nam meadhanan Gàidhlig. Bidh pàirt mhòr acasan – mar a th’ aig a h-uile duine againn – ri choileanadh”.