’S e BBC ALBA an rogha sheanail airson Nollaig na bliadhna-sa, le measgachadh de phrògraman dhan teaghlach air fad, agus Cèilidh na Bliadhn’ Ùire mar shalann sa bhrot – aig astar, ach beò, thèid a’ chèilidh cuideachd a chraoladh air Radio nan Gàidheal, agus air feadh an t-saoghail air iPlayer a’ BhBC aig an aon àm.
Thairis air àm na Nollaig, bidh BBC ALBA a’ tabhainn luach de sgeulachdan pearsanta. Ann an NY2SY, bidh an craoladair Niall Iain Dòmhnallach ag innse mun turas fhiadhaich agus chunnartach aige, is e a ag amas air iomradh thairis air a’ Chuan Siar.
Ann an dà phrògram aithriseach sònraichte, Dystonia Beatha air Fhiaradh agus Lipoedema – Sgeulachd Lorna, thèid dà theisteanas tiamhaidh agus làidir innse bho dhithis a tha a’ fulang le tinneasan maireannach le buaidh mhòr air am beatha. Airson faisg air 40 bliadhna, tha DK Mac a’ Phì air a bhith beò le dystonia, a’ fàgail nach urrainn dha a cheann a chur dìreach. Tha seo air buaidh a thoirt air iomadh taobh de bheatha làitheil. Tha Lorna Nic an t-Sagairt, às an Eilean Sgitheanach, air a beatha a chur seachad a’ strì le lipoedema; tinneas cealla-blonaig a dh’fhaodadh a bhith air a chàradh le obair-lannsa a dh’atharraicheas cùrsa a beatha.
Aig an àm-sa den bhliadhna, tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri bhith a’ coimhead nam filmichean as fheàrr leinn, agus an cuideachd Cinema Gadelica, air a lìbhrigeadh le Patsi NicChoinnich, gheibh sinn a-mach tòrr fiosrachadh inntinneach mu na filmeadairean aithnichte a chaidh a tharraing le seallaidhean brèagha na h-Alba, fiù ’s air an dreachadh mar àitichean cian-thìreach ann am filmichean leithid James Bond gu 2001: A Space Odyssey.
Bhon sgrìobhadair aithnichte comadaidh Iain MacLeòid, a bha an sàs leis an t-sreath cliùmhor Chanadianach Trailer Park Boys, tha dà fhilm ghoirid is annasach, na dhà dhiubh air an clàradh ann an Alba Nuadh. Tha An t-Inneal Espresso agus Na Tuinichean Mì-thoilichte a’ dèiligeadh le caractaran agus suidheachaidhean a tha le chèile gu math cearbach.
Bidh BBC ALBA cuideachd a’ sònrachadh sgilean, paiseanan, traidiseanan agus seallaidhean a tha stèidhte agus a tha ceangailte ris a’ Ghàidhealtachd agus ris na h-eileanan gan taisbeanadh, le sùil air iasgairean, poidsearan agus dràibhearan railidh amaitearach, a bharrachd air na Fir Clis a’ faighinn an sgrùdaidh.
Tha tòrr phrògraman a chumas a’ chlann ann an sunnd rim faicinn thairis air na saor làithean cuideachd. A’ tòiseachadh le dealbh-beò cumhachdach agus tiamhaidh, Sol. Air Là na Nollaig fhèin, thèid an dealbh-beò ùr bho Julia Donaldson ris an robh tòrr a’ dèanamh fiughair, Zog, a shealltainn, agus gheibhear cuideachd sgeulachdan dàna Lena, croitear òg anns na Hearadh le miann sònraichte!
Gus crìoch a thoirt air a’ bhliadhna, chithear film air leth brèagha bho Studio Ghibli, ga shealltainn airson a’ chiad turas anns an RA, Ronjia, Nighean a’ Mhèirlich, bho sgrìobhadair Pippi Longstocking air Oidhche Challainn bho 6f.
Nas fhaide air adhart air an fheasgar ud, gabhaidh sinn sùil aoireil air a’ bhliadhna a bh’ ann, le Siud Agad E 2020 agus an uair sin Cèilidh na Bliadhn’ Ùire às a dhèidh. Aig an stiùir bidh Cathy NicDhòmhnaill, ann an Glaschu, is Niall Iain Dòmhnallach, ann an Steòrnabhagh. Nan cuideachd, bidh aoigh eadar-nàiseanta no dhà, a bharrachd air Trail West, Sian, agus Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnain, agus Peat & Diesel a bhios a’ toirt soraidh slàn air a’ bhliadhna agus a’ cur fàilte air an tè ùr san dòigh aca fhèin.
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Craoladh Gàidhlig aig BBC ALBA: “Tha sinn cinnteach gum bi an taghadh sònraichte de phrògraman a th’ againn mar dheagh chuideachd airson nan seachdainean a tha ri thighinn, le stòraidhean inntinneach, tarraingeach agus brosnachail. Bidh àm ann airson coimhead air ais, cuimhneachadh, agus airson comharrachadh aoibhneil, is sinne a’ toirt thugaibh cuireadh a thighinn nar cuideachd airson àm na Nollaig air BBC ALBA”.
Faic barrachd fios mu Chlàr na Nollaig an seo
Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr bho BBC ALBA!
Tha am film beò-dhealbhachaidh – a mhaireas 28 mionaid agus a thèid a shealltainn air BBC ALBA ann an Alba – ag amas air sòlas a thoirt do theaghlaichean le clann òg, agus bliadhna cho doirbh ’s a th’ air a bhith ann ri ar linn a’ tighinn gu crìoch.
Tha Sol na fhilm air leth smaoineachail, a’ leantainn balach òg a’ strì ri call, agus thèid a shealltainn airson a’ chiad uair anns an RA agus Poblachd na h-Eireann air grian-stad a’ gheamhraidh, an oidhche as duirche sa bhliadhna, Diluain 21 Dùbhlachd.
Tha am film a’ leantainn balach, Sol, a dh’fhulaingeas call a sheanmhair chòir, agus a thèid fhàgail ann an dorchadas leis fhèin. Tha am film a’ toirt am follais na diofar dhòighean a thèid dèiligeadh ri call (clisgeadh, ionndrainn, tuathalachd agus fuasgladh) tro shùilean leanaibh.
Ach, tha togail ann an teachdaireachd Sol. Tha e ga chur, gu h-obann, an tòir an t-solais a th’ air smàladh às air feadh an t-saoghail, agus tha an turas dàna seo a’ toirt air aithneachadh gu bheil an gràdh a th’ aige dha sheanmhair nas làidir buileach na tha pian a chall.
Chaidh am film a chruthachadh mar ghoireas air a bheil cruaidh fheum, gus clann agus teaghlaichean a chuideachadh ann a bhith a’ dèiligeadh ri call, agus tha e gu sònraichte tiamhaidh is e a’ tighinn aig ceann bliadhna a th’ air a bhith cho duilich air feadh na dùthcha.
Thathas an dòchas gun toir an sgeulachd agus na caractaran air tidsearan, pàrantan agus clann òg bruidhinn mu mar as fheàrr a dhèiligeas sinn leis na faireachdainnean a nochdas an dèidh bàs neach-gaoil.
Le aithneachadh air an fheum a th’ aig film cho chuspaireil air feadh na dùthcha, tha iomadh chraoladair TBh air a thighinn còmhla gus Sol a chraoladh thairis air seachd diofar ùrlaran air an aon là.
Air a choimiseanadh le craoladairean ionadail o thùs, mar fhilm nan Cànanan Ceilteach anns a’ Chuimris, Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba, thèid a chraoladh cuideachd le fo-thiotalan Beurla, gus luchd-amhairc nàiseanta a tharraing.
Tha an seinneadair Gàidhlig agus a’ bhana-chleasaiche Anna Mhoireach a’ toirt guth do sheanmhair Sol (fhad ‘s a tha an cleasaiche Èireannach a choisinn duais Emmy, Fionnula Flanagan a’ dèanamh an dreach Beurla) agus an seinneadair Gàidhlig Ellen NicDhòmhnaill a’ toirt guth do mhàthair Sol.
Chaidh Sol a chruthachadh agus a riochdachadh leis a’ chompanaidh riochdachaidh TBh cloinne a tha stèidhte ann am Beul Feairste air a bheil Owl Films. Chaidh an tionndadh Gàidhlig a chruthachadh le Obh! Obh! Studios ann an Steòrnabhagh.
Thuirt Bill MacLeòid, Deasaiche Coimiseanaidh aig MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Tha Sol dha-rìreabh a’ freagairt air an linn sa bheil sinn – ach tha e cuideachd a’ toirt aithne do sheann thraidisean Ceilteach, far a bheil atharrachadh nan ràithean agus tionndadh na bliadhna a’ sònrachadh brìgh dhomhainn. Tha mi cinnteach gun toir am prògram breagha, stòlda seo beagan sholais dhuinn uile.”
Thuirt Stiùiriche Chruthachail Paper Owl, Grainne McGuinnes: “Tha clann feumach, gu h-àraidh a-nis, air sgeulachdan làidir lèirsinneach a chumas taic riutha ann a bhith a’ dèiligeadh ri faireachdainnean nach aithne dhaibh, agus gus slighe air adhart a bhrosnachadh le soirbh-dhùil am pailt.”
Chaidh Sol a choimiseanadh le craoladairean Ceilteach TG4, S4C agus BBC ALBA, agus tha e ga roinn a-mach le Aardman. Fhuair e maoineachadh bho Mhaoin Shusbaint Luchd-amhairc Òg aig Institiud Film na Breatainn, agus bho Mhaoin Craolaidh Gàidhlig na h-Èireann agus Maoin Sgrìn aig Sgrìn Èirinn a Tuath. Chaidh an Albert Calculator agus teisteanas riochdachaidh so-sheasmhach a chleachdadh gus ceum-coise charboin an riochdachaidh a lùghdachadh.
Thuirt Ceannard Maoin Luchd-amhairc Òg aig a’ BhFI, Jackie Edwards: “Tha seo mu dheidhinn a bhith a’ cuimhneachadh, le gràdh air an fheadhainn a chaill sinn, le fios nach eil sinn nar n-aonar agus a bhith a’ brosnachadh theaghlaichean a bhith a’ bruidhinn mun cuid call. Tha fada cus chlann agus dhaoine òga a’ fulang le buaidh a bhith a’ call am bliadhna, agus mar sin bha sinn airson cothrom a chruthachadh stad agus smaointinn, agus gum faigh craoladairean poblach air a thighinn còmhla gus an fhilm sònraichte a co-chraoladh gu uimhir cho mòr ’s a ghabhas de na daoine òga san dùthaich seo, gus taic a thoirt dhaibh an cuid solas a lorg san dorchadas.”
Geàrr-Chunntas an Fhilm:
Tha Sol na bhalach òg a thèid fhàgail san dorchadas, an dèidh dha a sheanmhair, air an robh e cho measail, a chall. ’S e gaisgeach mì-dheònach a tha ann mun sgeulachd aige fhèin – air a chur air turas cudromach gus solas a thoirt air ais gu saoghal a tha a’ sìor fhàs dorcha.
Tha an turas aige ga thoirt tro thìr mòr farsaing a tha làn de chuimhneachain Nonee – dealbhan agus criomagan bho na clàran-deilbh aice air an trusadh còmhla. Gheibh e taic anns an t-saoghal seo, air a threòrachadh le Nonee na nighean bheag aig an toiseach, agus e an uair sin a’ tighinn tarsainn oirre aig diofar amannan na beatha.
Aig deireadh an turais, ruigidh Sol Seann Teampal an t-Solais san Ear, far a bheil a sheanmhair a’ feitheamh. Aithnichidh e gum faod e gabhail ri chuid fhaireachdainnean mu dheidhinn a call, oir tha an gràdh a th’ aige dhi fada nas treasa na tha pian a chall. Tuigidh e gun tàinig feabhas air an t-saoghal, air sàillibh gun robh a sheanmhair mar phàirt dheth, agus gum bi a cuimhne a chaoidh na phàirt dheth fhèin. Chan fhalbh gràdh a chaoidh.
Diluain 21 Dùbhlachd – Clàr craolaidh Sol:
18:30 BEÒ: S4C (anns a’ Chuimris), TG4 (ann an Gàidhlig na h-Èireann), BBC ALBA (ann an Gàidhlig na h-Alba)
19:30 BEÒ: CiTV (le fo-thiotalan Beurla)
19:30 Air-iarrtas: iTV Hub, All 4, My5 (le fo-thiotalan Beurla)
Chaidh an tachartas, a tha gu h-àbhaisteach a’ dol a-mach beò, a chraoladh ann am prògram beòthail a bh’ air a chur ri chèile agus a chur a-mach air BBC ALBA a-mhàin. Le Alistair Heather agus Màiri Anna NicUalraig aig an stiùir, chaidh na buannaichean ainmeachadh a bharrachd air ceòl bho cuid de na ceòladairean traidiseanta as cliùitiche ’s a tha ann, leis an Iona Fyfe Trio, Project Smok, Deirde Ghreumach, Jarlath Henderson & Karen NicMhathain, a thuilleadh air Phil Cunningham agus tòrr a bharrachd.
Bha còir aig tachartas na bliadhna-sa gabhail àite ann an Talla Chàird Dhùn Dhè, ach le ceòl beò agus tachartasan toirmisgte airson an àm ri teachd, rinn Hands Up for Trad saothair gus taic a thoirt do luchd-ciùil le bhith a’ tabhann ùrlar eadar-dhealaichte, a thàinig am bàrr le dà phrògram sònraichte airson Na Trads air BBC ALBA.
Thug Joy Dunlop inntrigeadh do na buill ùra aig Talla Laoich na Trads oidhche Haoine, leis na Duaisean Ciùil Thraidiseanta Albannach MG ALBA an uair sin air an Disathairne. Thèid na duaisean a shealltainn a-rithist air BBC ALBA aig 9f Disathairne 18 Dùbhlachd 2020 agus bidh iad ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC airson 30 là.
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Stiùiriche Ro-innleachd & Cùisean Thaoibh a-muigh aig prìomh buidheann taic nan duaisean, MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Uair eile, tha na Trads air taisbeanadh sàr-mhathas cruthachalachd is tàlaint na h-Alba air fad. Bu mhath le MG ALBA meal an naidheachd a chur orra a ghabh pàirt ann, iadsan a chaidh ainmeachadh agus na buannaichean, leis gu bheil iad air a bhith mar phàirt de bhliadhna air leth diofraichte far a bheil ceòl air a bhith na rud uabhasach cudromach nar beathannan uile. Tha sinn air ar dòigh gu bheil Hands Up for Trad air a h-uile duine a thoirt cruinn còmhla gus an taghadh as fheàrr de cheòl thraidiseanta a chomharrachadh.”
Thuirt Simon Thoumire, a stèidhich Hands Up For Trad agus a tha na Stiùiriche Cruthachail aca, gun robh e taingeil dhan a h-uile neach a bha an sàs: “Thug Covid-19 oirnn uile atharrachaidhean mòra a dhèanamh, agus thug e iomadh dhiofar bhuaidh oirnn, agus bu mhath leam taing a thoirt do MG ALBA agus ar luchd-taic, na ceòladairean agus an sgioba, agus a h-uile duine a chuir bhòt a-staigh.
“Tha a h-uile duine air obrachadh gun sgur – ag atharrachadh, a’ cumail a’ dol, agus a’ toirt ar prògram ciùil tron bhliadhna air fad gu bith – a’ toirt bliadhna air leth gu crìoch ann am prògram na h-oidhche a-raoir, Na Trads 2020 air BBC ALBA, agus Duaisean Ciùil Thraidiseanta Albannach MG ALBA.”
Taobh a-staigh prògram nan duaisean, chaidh triùir cùl-taicean coimhearsnachd Ceòl Traidiseanta na h-Alba aithneachadh le duaisean sònraichte; Chaidh Duais Seirbhisean don Albais Jane Paisley le taic bho Alba Chruthachail a thoirt gu James Robertson, chaidh Duais Seirbhisean don Ghàidhlig le taic bho Bhòrd na Gàidhlig a thoirt gu John Smith, agus chaidh Duais 2020 Sheumais MhicEanruig airson Seirbhisean gu Ceòl Traidiseanta gu Lisa Whytock.
Le atharrachadh airson a h-uile nì tha an gnìomhachas air a chur air dòigh ri linn Covid-19 ann an 2020, ’s iad buannaichean Duaisean Ciùil Thraidiseanta Albannach MG ALBA:
1. Clàr na Bliadhna, le taic bho Bhirnam CD
The Woods le Hamish Napier
2. Obair Ùr na Bliadhna, le taic bho PRS for Music
Everyday Heroes le Skerryore
3. Pròiseact Ciùil Coimhearsnachd na Bliadhna, le taic bho Ghreentrax Recordings
Tunes in the Hoose
4. Tachartas na Bliadhna le taic bho VisitScotland
BBC Radio Scotland Young Traditional Musician Award 20th Anniversary Concert (Celtic Connections)
5. Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna le taic bho Chomunn Ghàidhealach Lunnainn
Fionnag NicChoinnich (Fiona MacKenzie)
6. Neach-ciùil na Bliadhna, le taic bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean
Tim Edey
7. Cuirm Air-loidhne 2020, le taic bhon Gordon Duncan Memorial Trust
Duncan Chisholm’s Covid Ceilidh
8. Seinneadair Albais Citty Finlayson na Bliadhna, le taic bhon Traditional Music and Song Association (TMSA), do luchd-ciùil a bhios a’ seinn ann an Albais
Siobhan Miller
9. Bhidio Trad na Bliadhna, le taic bho Threads of Sound
Calum Dan’s Transit Van le Peat & Diesel
10. Ceòl Traidiseanta anns na Meadhanan, le taic bho Shabhal Mòr Ostaig
Anna Massie – Black Isle Correspondent
11. Neach-ciùil Gealltanach na Bliadhna, le taic bhon Royal Conservatoire of Scotland
Rebecca Hill
12. Oide Ciùil na Bliadhna, le taic bho Creative Scotland’s Youth Music Initiative
Josie Duncan
Nochdaidh ceòl air leth bho cheòladairean traidiseanta aithnichte ann an Na Trads 2020, agus duaisean bliadhnail cliùiteach a bhios a’ toirt aire do shàr-mhathas; a’ gabhail a-staigh a h-uile taobh de chèol thraidiseanta Albannach, bho seinn ann an Gàidhlig & Albais, gu comas cluiche agus gach nì eile gam measadh.
Bha còir aig tachartas na bliadhna-sa a bhith a’ gabhail àite ann an Talla Chaird Dhùn Dhè, ach tha a’ chomharrachadh bheòthail gu bhith ann fhathast air BBC ALBA, le ceòl a chaidh a chlàradh gu sònraichte air a shon bho chuid de na rionnagan as motha anns an t-saoghal chiùil thraidiseanta, leithid The Iona Fyfe Trio, Project Smok, Deirdre Ghreumach, Jarlath Henderson, Phil Cunningham, Karen NicMhathain agus tòrr a bharrachd.
Le Màiri-Anna NicUalraig agus Alistair Heather aig an stiùir, thèid na duaisean a thoirt seachad air feasgar Disathairne 12 Dùbhlachd ann an cruth ùr trì-chànanach, anns a’ Ghàidhlig, ann an Albais agus Beurla gus farsaingeachd a’ chultair thraidiseanta ann an Alba a chomharrachadh.
Tha Màiri Anna NicUalraig na seinneadair Gàidhlig cliùiteach, a th’ air Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna a choisinn dhi fhèin aig Na Trads ann an 2019, agus a th’ air a bhith a’ lìbhrigeadh nan duaisean bhon a chaidh an craoladh air BBC ALBA an toiseach, ann an 2008.
’S e Alistair Heather, an sgrìobhadair agus craoladair, a tha na cho-phreasantair ùr, agus e na neach-taic aithnichte don Albais, agus ’s e fhèin a bhios a’ lìbhrigeadh Dhuaisean Bliadhnail na h-Albais.
Air oidhche Haoine, thèid prògram ùr sònraichte a chraoladh air BBC ALBA, airson Talla Laoich na Trads, le Joy Dunlop, seinneadair Gàidhlig agus craoladair ga thoirt seachad.
Le ceòl bho Old Blind Dogs agus an t-seinneadair cliùteach Gàidhlig Maighread Stiùbhairt, bidh Joy ag inntrigeadh nam buill as ùire gu Talla Laoich na Trads.
Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh agus Ceannard Cho-bhanntachdan Chruthachail airson BBC ALBA, “Feumaidh duine sam bith aig a bheil ùidh ann an cultar traidiseanta na h-Alba Na Trads a choimhead agus tha sinn air ar dòigh gum faod sinn seo a thoirt dhan luchd-amhairc againn a-rithist. Tha deagh fhaireachdainn ann mu dheidhinn nan duaisean agus chithear sin uile airson a’ chiad turas sa phrògram.”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Stiùiriche Ro-innleachd agus Chùisean Taoibh A-muigh aig prìomh buidheann taic nan duaisean MG ALBA, “Tha MG ALBA uabhasach fhèin moiteil a bhith a’ cur taic ris na duaisean seo, agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris na prògraman fhaicinn air BBC ALBA. Tha bliadhna air leth dhuillich air a bhith aig gnìomhachas a’ chiùil ann an Alba, agus ’s e sin a tha a’ fàgail aithneachadh an innleachdais agus co-obracadh cho chudromach.”
Coimheadaibh Na Trads 2020 air BBC ALBA no air iPlayer a’ BhBC:
9f Dihaoine 11 Dùbhlachd Na Trads 2020: Talla Laoich nan Trads
9f Disathairne 12 Dùbhlachd Na Trads 2020: Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA
Music Tutor of the Year, sponsored by Creative Scotland’s Youth Music Initiative
• Rua MacMillan
• Rachel Hair
• Josie Duncan
• Lauren MacColl
• Corrina Hewat
• Laura-Beth Salter
• Louise (Mackenzie) Douglas
Gaelic Singer of the Year, sponsored by The Highland Society of London
• Fionnag NicChoinnich (Fiona MacKenzie)
• Joy Dunlop
• Rachel Walker
• Raymond Bremner
Album of The Year, sponsored by Birnam CD
• All Is Not Forgotten by Siobhan Miller
• Banjaxed by Ciaran Ryan
• Bayview by Project Smok
• Eye of the Storm by Tide Lines
• Light My Byre by Peat & Diesel
• Shhh I’m on the phone by Innes Watson
• Steall by Ewen Henderson
• The Ledger by Gillian Frame, Findlay Napier and Mike Vass
• The Roke by Ross Miller
• The Woods by Hamish Napier
Up & Coming artist of the Year, sponsored by Royal Conservatoire of Scotland
• Benedict Morris
• Rebecca Hill
• Malin Makes Music
• Avocet
Community Music Project of the Year, sponsored by Greentrax Recordings
• Campbell’s Ceilidh
• Tunes in the Hoose
• MacGregor’s Live at Five
• Hands Up for Trad Strathspey and Reel Society
• Covid Choir Workshops
• Carry On Streamin
• Comhairle Cèilidhs (Comhairle nan Eilean Siar)
Event of the Year Award sponsored by VisitScotland
• 365 stories + Music (Aidan O’Rourke and James Robertson)
• Virtual Edinburgh International Harp Festival
• Fèis Rois Adult Feis Weekend Online
• Tional Gaelic Online Music Festival
• BBC Radio Scotland Young Traditional Musician Award 20th Anniversary Concert (Celtic Connections)
• Coastal Connections (Celtic Connections)
Citty Finlayson Scots Singer of the Year, sponsored by Traditional Music and Song Association (TMSA)
• Siobhan Miller
• Claire Hastings
• Adam Holmes
• Allan & Rosemary McMillan
Trad Video of the Year, sponsored by Threads of Sound
• Erica’s by Balter
• Calum Dan’s Transit Van by Peat & Diesel
• Deep Dark Beast by Twelfth Day
• Moorlough Shore by ELIR
• Ceòl Mòr Style by Calum MacCrimmon
• Taste the Rain by Tide Lines Choir
Online Performance of 2020, sponsored by Gordon Duncan Memorial Trust
• Sandy on Sunday Show (Sandy Brechin)
• Live from The Lounge with Paul Anderson and Shona Donaldson
• Pete Clark From The Shed
• Tide Lines Virtual World Tour
• Skerryvore Live Across The World
• Duncan Chisholm’s #CovidCeilidh
• Lomond Ceilidh Band’s The Daily Ceilidh
Original Work of the Year, sponsored by PRS for Music
• The Woods by Hamish Napier
• Everyday Heroes by Skerryvore
• Graham Rorie – The Orcadians of Hudson Bay
• Rachel Newton – To the Awe
• Camhanaich (Dawn) by Mhairi Hall
Trad Music in the Media, sponsored by Sabhal Mòr Ostaig
• Marie Martin – Box and Fiddle Magazine
• Ewan Galloway and Derek Hamilton – RadioGH
• Fiona McNeill – Celtic & Folk Fusions Radio Show
• Sruth na Maoile (BBC Radio nan Gàidheal and RTÉ Raidió na Gaeltachta)
• Anna Massie – Black Isle Correspondent
Musician of the Year, sponsored by the University of the Highlands and Islands
• Tim Edey
• Peter Wood
• Anna Massie
• Jenn Butterworth
• Ailie Robertson
• John Carmichael
Tha prògram aithriseach mun chòmhlan chliùiteach folk-rock Peat & Diesel air duais mhòr a bhuannachadh aig fèis film ann an New York.
Choisinn Peat & Diesel: That’s the Way We Do It! an duais airson Prògram Aithriseach Eadar-Nàiseanta As Fheàrr aig Williamsburg International Film & Music Festival, ann am Brooklyn, New York.
Air a riochdachadh le MacTV, lean am prògram an còmhlan à Leòdhas fhad ’s a bha iad a’ dol bho neart gu neart is iad a’ sìor chosnadh cliù dhaibh fhèin air thoiseach air a bhith a’ cur air bhog an dàrna clàr aca, agus cuirm shònraichte ann an talla-chuirm cho ainmeil ’s a tha ann, am Barrowland Ballroom ann an Glaschu.
Sa chòmhlan Peat & Diesel, tha an t-iasgair Calum ‘Boydie’ MacLeòid, an neach-dealain Innes Scott agus an dràibhear-bhana-lìbhrigidh Uilleam ‘Uilly’ MacLeòid, a tha air saoghal ciùil Alba a ghabhail thairis, a’ glacadh aire is aigne na dùthcha len cuid ciùil tarraingeach agus sgeulachdan inntinneach mu bheatha sna h-eileanan.
Bha am prògram air leth soirbheachail air BBC ALBA nuair a chaidh a shealltainn tràth sa Ghiblean, mar pàirt de fheasgar sònraichte Peat & Diesel a’ sealltainn an cuid ceòl agus an sgeulachd beatha. Fhuair na prògraman na h-àireamhan a bu mhotha de luchd-amhairc aig an t-seanail am bliadhna.
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard BBC ALBA, a bha na h-Àrd Riochdaire air a’ phrògram: “Bha beachd againn gun robh am prògram gu bhith soirbheachail le luchd-amhairc BBC ALBA agus gu deimhinne bha. Fhuair sinn tòrr theachdaireachdan bho dhaoine mu cho math ’s a chòrd an dà phrògram riutha, am prògram aithriseach agus cuideachd a’ chuirm iongantach ann an Glaschu. Abair oidhche a bh’ ann air BBC ALBA!
“Tha sinn air ar dòigh gu bheil tàlant an luchd-ciùil agus luchd cruthachaidh phrògraman sna h-eileanan air an aithneachadh mar seo air ùrlar eadar-nàiseanta, fìor theisteanas gu bheil ùidh fharsaing ann an sgeulachdan ionadail.”
Thuirt Stiùiriche/Riochdaire a’ phrògraim, a tha air duais RTS Scotland a chosnadh cheana, Daibhidh Màrtainn: “Chan eil buidheann eile ann coltach ri Peat & Diesel agus bha deagh chraic ann a bhith còmhla riutha air an turas. Tha daoine air am beò-ghlacadh le Peat & Diesel agus tha e sgoinneil a bhith ann rin taobh fhad ’s a tha iad a’ sìor fhàs nas soirbheachaile.
“Tha iad a’ cur an cèill cultar na Gàidhlig agus nan eileanan, a’ measgachadh cuspairean a tha dha-rìreabh a’ buntainn ri daoine le ìomhaigheachd èibhinn, aotram. Cha robh duilgheadas sam bith an còmhlan a chlàradh agus feuchainn ri rudeigin fhaighinn a chòrdadh ris an luchd-amhairc.”
Tha BBC ALBA air mòran soirbheachas eadar-nàiseanta fhaicinn anns na bliadhnaichean mu dheireadh, le co-riochdachaidhean agus duaisean eadar-nàiseanta ann am pailteas, rud a tha na theisteanas do chàileachd agus ealantachd roinn riochdachaidh BBC ALBA.
Chaidh farpais nam filmichean goirid Gàidhlig, FilmG, a chur air bhog le aodann aithnichte bho shaoghal nam meadhanan Gàidhlig, a’ toirt seachad comhairle, cleasan, agus fiosracahdh mu chur a-steach airson farpais na bliadhna-sa ann am prògram a chaidh a shruthadh beò air loidhne.
‘S i neach-lìbhrigidh prògram ath-cleachdaidh BBC ALBA Dreach Ùr Shona Masson a bh’ aig stiùir an tachartais YouTube, anns an robh seisean Q&A bho sgoilearan a tha an dùil pàirt a ghabhail anns a’ cho-fharpais, sùil air ais air an cuid as fheàrr bho FilmG sna bliadhnaichean a chaidh seachad, agus foillseachadh ìomhaighean air leth brèagha airson cuspair na bliadhna-sa.
Tha 2020 air a bhith na bliadhna gun shamhla, agus bha aig cuspair FilmG na bliadhna-sa ri seo a fhreagairt – tha Èirich ag amas air filmeadairean a bhrosnachadh gus iad fhèin a thoirt an àrd a dh’aindheoin dùbhlain nam mìosan a chaidh seachad.
A bharrachd air an fharpais fhèin ga chur air bhog, dh’inns sgioba FilmG mu dheidhinn an t-sreath ùr FoghlamG, a tha na sreath de chlasaichean air leth bho phroifeasantaich a’ ghnìomhachais, a bheir an t-eòlas agus an stiùireadh a tha a dhìth orrasan a tha an dùil pàirt a ghabhail anns a’ cho-fharpais, gun fheum air uidheamhachd proifeasanta. Tha FoghlamG ri fhaotainn air seanail YouTube FilmG.
A bharrachd air seo uile taobh a-staigh fèill mhòr a’ phrògraim beò, thug sgioba FilmG an cothrom dha sgoilearan bho air feadh Alba ceistean a chur air Shona, a bhios cuideachd a’ stiùireadh prògraman air BBC ALBA, mu dheidhinn na Gàidhlig, a’ cruthachadh film, agus na meadhanan san fharsaingeachd.
Thuirt Shona Masson, a tha i fhèin air a bhith an sàs le iomadach film FilmG thar nam bliadhnaichean, an dà chui na h-òige agus na beatha proifeasanta: “Tha deagh fhios againn gu bheil e math dhuinn a bhith a’ cruthachadh agus a’ feuchainn rudan ùra, agus bheir FilmG an cothrom dhan a h-uile duine a dhol an lùib pròiseact cruthachail le bhith dèanamh film goirid. Tha sgeulachd aig a h-uile duine ri innse, mar sin, ma tha ùidh agaibh tha mi ‘n dòchas gum feuch sibh air film a dhèanamh airson FilmG am-bliadhna.”
Tha FilmG air a lìbhrigeadh le MG ALBA agus companaidh riochdachaidh CGS, a tha stèidhte air an Eilean Sgitheanach, gus fàs a bhrosnachadh ann an tàlant Gàidhlig sna meadhanan. Tha a’ cho-fharpais a nise anns an treasamh bhliadhna deug aice, agus tha i air a bhith na ùrlar do mhòran a tha a-nise ag obair taobh a staigh gnìomhachas nam meadhanan Gàidhlig.
Thuirt manaidsear a’ phròseict aig FilmG, Eoghan MacIllEathain: “Tha FilmG na rud cho mòr air mìosachan nan Gìadheal, agus gu h-àraid dh ana sgoiltean leis a bheil sinn an sàs, agus mar sin tha e na thlachd dhuinn gu bheil e air a bhith comasach a leithid a rud a lìbhrigeadh a-rithist ann na 2020.! Tha e cho cudromach do fhilmeadairean òga cruthachail a bhith a’ faicinn cò ris a tha e coltach a bhith ag obair nad phroifeasantach, agus gum bi cothrom aca ceistean a chur orra mun ghnìomhachas.”
Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Conaltraidh aig MG ALBA: “Tha sinn air leth moiteil às a’ bhuaidh maireannaich a th’ aig FilmG ann a bhith a’ piobrachadh is a’ toirt leasachadh air filmeadairean òga gus susbaint Gàidhlig a chruthachadh. Tha FilmG cho cudromach dhuinn agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri toradh na bliadhna-sa, oir tha na filmichean a’ sìor fhàs nas fheàrr gach bliadhna.”
Tha a’ cho-fharpais fosgailte suas gu 11 Dùbhlachd 2020. Faic barrachd aig www.filmg.co.uk agus air na meadhanan sòisealta FilmG.
Tha BBC ALBA air clàr an Fhoghair fhoillseachadh an-diugh le taghadh de phrògraman beairteach agus tarraingeach. (Diciadain 16 Sultain).
Tha an taghadh phrògraman a’ nochdadh dràma làidir trom-chùiseach, prògraman aithriseach cumhachdach, co-riochdachaidhean eadar-nàiseanta maiseach, ceòl air leth agus an cuid as fheàrr ann an spòrs nam ban beò ann an Alba. Agus le tàlant òg aig ceann BBC ALBA, tha rionnagan ùra gu bhith a’ boillsgeadh tro oidhcheannan dorcha an Fhoghair!
Thuirt Ceannard BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach:
“Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ sgaoileadh taghadh air leth de phrògraman as t-Fhoghar, a’ fàgail BBC ALBA mar an rogha sheanail do luchd-amhairc a tha measail air dràma tarraingeach, criomagan ciùil driùiteach, prògraman aithriseach inntinneach agus iomadachd an t-susbaint spòrs againn. Bu mhath leinn nan tigeadh sibh cruinn còmhla gus càrn mòr riochdachaidhean Albannach a choimhead as t-Fhoghar air BBC ALBA.”
Tha Bannan am measg nan rudan ùra inntinneach, le sgeulachdan làidir mu ghaol is briseadh-cridhe, rùintean dìomhair faireachail gan toirt am follais a dh’fhàgas crathadh air Camus, le stòraidhean uile gam fighe le chèile a tha a’ dèiligeadh le trioblaidean duilich is dorch.
Tha Tormod a’ faighinn brath gu bheil e na athair do neach nach robh fios aige mu dheidhinn, agus tha an sgoilear Ceitidh a’ cur dhealbhan neo-iomchaidh gu balach air an eadar-lìon. Ach, chan eil a h-uile nì mar bu chòir, agus tha Ceitidh air a fàgail a’ faireachdainn gu math aonranach. Tha an dràma cuideachd a’ dèiligeadh ri cùisean mòra mar a’ bhuaidh agus an sgrios a nì aillse, agus a h-uile nì a’ ruighinn àirde air latha mòr banais Mhàiri.
Tha BBC ALBA a’ cumail air le fòcas air spòrs nam ban ann an Alba, le tòrr mòr rugbaidh agus ball-coise beò air an t-seusan seo, le geamannan Sgioba Nàiseanta Albannach nam Ban airson nan Euro Qualifiers, barrachd gheamannan na bha ann a-riamh bho lìg na dùthcha nam ban, an SWPL, agus na geamannan aig Alba a tha air fhàgail, beò, bho Farpais nan Sia Dùthchannan nam Ban 2020 air an robh maille. Leanaidh prògram ùr dhidseatach spòrs nam ban air BBC ALBA 360 iad seo uile, agus mòran a bharrachd. Le Iona Ballantyne aig an stiùir, bidh 360 a’ gabhail a-steach agallamhan leis an fheadhainn as ainmeile ann an spòrs nam ban ann an Alba, le criomagan sònraichte agus seallaidhean air leth air cùl nan cùrtairean. Tha am prògram ri fhaotainn an dà chuid air Youtube BBC ALBA agus air bbc.co.uk/alba360.
Tha prògraman aithriseach tarraingeach mar shuaicheantas air clàr BBC ALBA. Tha an t-sreath Trusadh, a tha air duaisean a chosnadh a-cheana, a’ leantainn air le trusadh liriceach mu dheidhinn a’ gheamhraidh anns na h-eileanan, agus tha an craoladair Cathy NicDhòmhnaill a’ tadhal air Earra-Ghàidheal gus sgrùdadh a dhèanamh air teamannan agus samhlachas an nobhail Albannach le Robin Jenkins, ann an Sàr-Sgeòil: The Cone-Gatherers, anns a bheil sgeulachd dhorch is thoinnte mu dà bhràthair a bhios a’ togail dhuircean-ghiuthais airson iomairt coilltearachd an dàrna cogaidh.
’S e co-riochdachadh maiseach is tarraingeach a th’ anns an Taistealaiche / The Far Traveller, air a dhèanamh ann an co-bhann eadar BBC ALBA agus Innis Tìle airson a’ chiad uair. Innsidh am prògram seo sgeulachd an Lochlannaich ghaisgeil, Gudrid, ogha tràill Albannach a chaidh tarsainn a’ chuain shiair 8 tursan agus aig an robh a’ chiad leanabh Eòrpach ann an Ameireaga a Tuath. Le ath-chleasachd dràmatach, tha sgeulachd tè de na boireannaich as aithnichte ann an Sagas Innis Tìle air a toirt beò ri taobh co-theacsa eachdraidheil.
Le gàirdeachas agus innleachdas Mòd gun shamhla, thèid Am Mod Nàiseanta Rìoghail 2020 a chruthachadh agus a sgaoileadh thairis air an t-seachdain a bha an dàn dhan Mhòd san Dàmhair. Tha taisbeanadh ciùil, cuimhneachain agus òrain air a ghealltainn, leis na ceudan de chom-pàirtichean de gach aois a’ gabhail pàirt ann an comharrachadh sònraichte le Cathy NicDhòmhnaill ga lìbhrigeadh gach oidhche.
Faodaidh luchd-amhairc a dhol air turas air feadh Alba a’ leantainn bheataichean fhad ’s a tha iad a’ frithealadh bheathaichean beaga is mòra agus uaireannan fiadhaich ann an Vets: Gach Creutair Beò. Am measg nan stòraidhean, tha pug a tha feumach air obair-lannsa gu math cunnartach, dithis chub-leòmhainn nach eil ach 9 seachdainean a dh’aois a tha a’ faighinn an cuid banachdaichean, agus àm breith nan uan gu math trang.
Gheibh còcairean èasgaidh brosnachadh bho Griogair MacLeòid ann an Fuine is e gan treòrachadh tro thaghadh de reasabaidhean traidiseanta Albannach agus measgaichean ùra inntinneach, bho dhachaigh air eilean Leòdhais.
Tha rudan ann dhan fheadhainn bheaga cuideachd, le dealbhan-beò uamhraidh snog Port Pàipeir agus Rita is Crogall a’ tighinn gu BBC ALBA airson a’ chiad uair. Tha Port Pàipeir a’ cleachdadh cleasan ùra ‘papermotion’ agus ’s e nighean òg a th’ ann an Rita le caraid a tha eagalach fhèin acrach, Crogall an crogall, a tha fuireach, tomhais càite…? Anns an amar-nighe!
Tha prògraman BBC ALBA uile rim faicinn beò air iPlayer a’ BhBC agus às dèidh làimh airson 30 làithean. Air na meadhanan sòisealta, tha BBC ALBA a’ cumail air a’ fàs a thaobh luchd-amhairc, a’ toirt susbaint ùr dha luchd-amhairc ùr a tha an sàs nas motha na bha a-riamh air Facebook, Twitter agus Instagram, agus air a chur air bhog am bliadhna, an seanail Youtube, a tha làn susbaint anabarrach math, sean is ùr.
Tòisichidh prògraman foghair BBC ALBA Diardaoin, 17 Sultain.
Thèid boireannaich spòrs na h-Alba agus an cuid sgeulachdan cumhachdach a thaisbeanadh anns a’ phrògram, agus bidh e ri fhaotainn an dà chuid air YouTube BBC ALBA agus air làrach-lìn a’ BhBC.
Tha BBC ALBA ga shònrachadh fhèin mar dhachaigh spòrs nam ban ann an Alba, agus tha am prògram, 360, a’ riochdachadh tuilleadh ion-ionmhas luachmhor a thaobh craoladh spòrs nam ban ann an Alba.
Tha am fiosrachadh seo a’ tighinn goirid às dèidh dhan t-sianal aontachadh dùblachadh a dhèanamh air na bhios ri fhaicinn de lìog bhall-coise nàiseanta nam ban ann an Alba, ann an aonta le Scottish Women’s Football.
Thèid a’ chiad earrann den t-sreath ùr a chur air bhog air Diardaoin, 20 Lùnastal aig 8f.
’S i Iona Ballantyne a bhios aig stiùir a’ phrògraim, agus ’s ann air prìomh spòrs BBC ALBA – ball-coise, rugbaidh, agus iomain as motha a bhios am prògram a’ coimhead.
Thuirt Iona (26) à Glaschu; “Tha e air leth math a bhith an sàs sa phrògram ùr adhartach seo bho BBC ALBA, a’ chiad phrògram de leithid ann an Alba.
“Bhiodh m’ athair gam thoirt fhèin is mo phiuthar gu geamannan ball-coise nuair a bha sinn na b’ òige, agus mar sin tha mi a-riamh air a bhith dèidheil air spòrs.
“B’ àbhaist dha bhith gam thogail shuas gus suidhe air an rèile, agus bha triop ann nuair a thug cluicheadair dhomh am bàla gus a bhualadh air ais thuca le mo cheann, agus mar sin tha cuimhneachan snog agam bho m’ òige. Tha cuimhne ’am air dealas m’ athar do spòrs, agus chan fhàg sin mi gu bràth.
“Tha mi ’n dòchas gun toir 360 breab dha spòrs nam ban ann an Alba, gum faigh e an ùrlar air a bheil e airidh. Tha atharrachaidhean a’ gabhail àite an-dràsta gun teagamh, agus tha e mìorbhaileach a bhith mar phàirt den sin.”
Bidh 360 a’ comharrachadh an tàlant anabarrach a tha ann an Alba agus nas fhaide air falbh, agus a’ togail air cùisean an latha an-diugh.
An lùib a’ phrògraim, bidh agallamhan ann leis na h-ainmean as motha ann an saoghal spòrs nam ban Albannach, criomagan sònraichte agus sùil air cùl nan cùirtearan.
Anns a’ chiad earrann de 360, gheibhear sùil air Glasgow City agus an gèam a tha air thoiseach orra an aghaidh Wolfsburg anns a’ chairteal-chuairt dheireannach den UEFA Women’s Champions League. Thèid an geama sin a shealltainn beò air BBC ALBA Dihaoine 21 Lùnastal – an latha às dèidh a’ chiad earrann de 360.
Gheibh an luchd-amhairc facal bho Angel City, an sgioba ùr National Women’s Soccer League (NWSL) ann an Los Angeles, agus an sgiobair à Afraga a Deas Janine Van Wyk.
Aig baile ge-tà, gheibh Iona a-mach mar a tha clubaichean SWPL air a bhith ag ullachadh gus faighinn air ais a chluich agus còmhla rithe san stiùdio bithidh Gemma Fay, a bha na cluicheadair-gleidhidh do dh’Alba agus a tha a-nise os cionn boireannaich agus caileagan aig Scottish Rugby.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair MG ALBA, a tha na chom-pàirtiche air an t-sianail: “Tha sinn moiteil a bhith a’ neartachadh ar cuid susbaint a thaobh spòrs nam ban ann an Alba le 360.
“Cuiridh am prògram seo taobh beairteach eile a fhreagras air an t-susbaint fharsaing a thaobh geamannan beò na seanail, agus tha sinn gu mòr airson ’s gum bi daoine air an tàladh thuige.
“Tha àireamhan luchd-amhairc a tha a’ cleachdadh ùrlaran didseatach a’ sìor dhol am meud, a’ gabhail a-staigh YouTube, agus tha sinn gu math toilichte a bhith a’ priobrachadh barrachd susbaint spòrs nam ban anns an riochd seo.
“Tha 360 a’ toirt dhuinn cothrom inbhe spòrs nam ban àrdachadh, agus dearbhadh gu bheil susbaint BBC ALBA air ùrlaran didseatach, le stuth iomchaidh aig sàr ìre.”
Tha 360 ri fhaicinn air YouTube (YouTube.com/bbcalba) agus air làrach-lìn a’ BhBC aig bbc.co.uk/alba360.
’S dòcha nach eil sinn ag ullachadh ar teantaichean agus ar n-aodach-fèise ach tha BBC ALBA a’ dèanamh cinnteach gum bi ceòl gu leòr againn thairis air an t-samhradh.
Le fèisean agus cuirmean-ciùil toirmisgte, tha BBC ALBA gu bhith a’ tabhainn taghadh air leth de phrògraman-ciùil ùra airson nan oidhcheannan fada samhraidh.
A bharrachd air ceòl ùr sònraichte, thèid na criomagan as fheàrr bho thaghadh fhèisean thar nam bliadhnaichean a shealltainn.
Tha BBC ALBA air a bhith aig an fhìor thoiseach a thaobh a bhith ag atharrachadh susbaint gus freagradh air na suidheachaidhean neo-àbhaisteach seo, agus air a bhith ag obair gu sgiobalta gus cuirmean ciùil ‘virtual’ a chur air dòigh bhon taigh, agus chan e a-mhàin le luchd-ciùil Albannach, ach luchd-ciùil bho air feadh an t-saoghail.
Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail aig MG ALBA: “Nuair a bha fios againn nach robh e gu bhith comasach dhuinn a bhith a’ craoladh beò bho fhèisean ciùil agus cuirmean, ghluais sinn gu sgiobalta gus meòrachadh air dòighean a leigeadh leinn leantainn air adhart ann a bhith a’ toirt fealla-dha agus ceòl fèise don luchd-amhairc againn.
“Bha sinn airson prògraman-ciùil a chruthachadh a bhiodh fhathast a dh’fhaodadh an luchd-amhairc a choimhead bhon dachaigh, ach leis an spiorad choimhearsnachd agus co-eòlas a gheibhear aig tachartasan beò.”
’S iad dithis a tha aithnichte aig fèisean ciùil air BBC ALBA, Fiona NicChoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach a bhios a’ toirt faireachdainnean na fèise dhan luchd-amhairc, is iad ann an cofhurtachd gàrradh Fiona.
Ann am Belladrum 2020: Air Chuairt, bidh measgachadh de cheòl ùr agus ceòl bhon tasglann air a thaisbeanadh, le program sònraichte nas tràithe air an fheasgar, a’ sgrùdadh na tha a’ dèanamh na fèise sin cho sònraichte.
Chithear clàraidhean sònraichte de Edwyn Collins, Julie Fowlis, Mànran, Rachel Sermanni, Peat & Diesel, The East Pointers agus KT Tunstall, agus cuid de na prìomh chluicheadairean bho Fhèis Belladrum thar nam bliadhnaichean.
Nochdaidh Fèis Chiùil Thiriodh 2020: Air Chuairt ceòl ùr bho Skerryvore, Be Charlotte agus Callum Beattie, a bharrachd air taghadh-ciùil bhon tasglann, ceòladairean Thirisdeach agus na pìosan as fheàrr bho na fèisean.
Bidh Fiona agus Niall Iain cuideachd aig stiùir prògram fèise sònraichte aig Tide Lines, le ‘cuirm’ às aonais luchd-amhairc aig SWG3 agus ceòl eile air a dhèanamh aig astar sòisealta sna dachannan aca fhèin.
Tha an còmhlan-ciùil folk-rock-pop Tide Lines air soirbheachas a choisinn o chionn ghoirid leis an dàrna chlàr aca a’ nochdadh sna UK Album Charts agus a’ ruigsinn a’ chiad àite ann an clàr oifigeil Albannach.
A’ cur crìoch air samhradh chiùil BhBC ALBA tha cruinneachadh prògraman-ciùil le tarraing farsaing.
Bheir Ceòlas | A’ Chèilidh Mhòr an luchd-amhairc air turas a dh’Uibhist gus nochdadh aig cèilidh ‘virtual’ le cuid den phrìomh chluicheadairean agus oidean aig an fhèis cultural ceòlmhor ann an Uibhist a Deas.
Bidh cothrom eile ann cuideachd prògraman mìorbhaileach Peat & Diesel a bh’ air an craoladh na bu thràithe air a’ bhliadhna, agus program eile sònraichte de phrìomh thachartasan a chlàradh thairis air bliadhna le aon de na tàlantan as gealltanaiche ann an saoghal ciùil na h-Alba, Cailean MacLeòid, bho bhith a’ toirt taic do Robert Plant aig an 02 gu fèis ciùil SXSW ann an Texas. Tha samhradh ciùil BBC ALBA air thòiseachadh mar-thà, le sreath de ochd prògraman Ceòl Dùthchasach/Ken Burns’s Country Music a bhios a’ sgrùdadh cò às a thàinig ceòl dùthchasach, le Johnny Cash, Willie Nelson, Dolly Parton, Emmylou Harris agus Garth Brooks a’ nochdadh ann, am measg tòrr eile.
Ceòl Dùthchasach/Ken Burns’s Country Music – a’ tòiseachadh Dihaoine 3 Iuchar, 9f
Fèis Chiùil Thiriodh 2020: Air Chuairt – Disathairne 11 Iuchar, 9f
Colin MacLeod – An Ceòl – Diardaoin 16 Iuchar, 10f
Ceòlas| A’ Chèilidh Mhòr – Dihaoine 17 Iuchar, 8f
Peat & Diesel: That’s the Way we do it! – Disathairne, 18 Iuchar, 9f
Peat & Diesel: From the Barrow to the Barrowlands – Disathairne 18 Iuchar, 10.30f
Tide Lines: Air Chuairt – Disathairne 25 Iuchar, 9f
Belladrum 2020: Air Chuairt – Disathairne 1 Lùnastal, 9f
Tha MG ALBA agus am BBC air ainmeachadh gun tabhann BBC ALBA cruinneachadh de phrògraman às aonais fo-thiotalan air iPlayer a’ BhBC, a’ leantainn soirbheachas greisean deuchainn.
Ann an 2019 chaidh an t-sreath dràma aithnichte Bannan air fad a chuir air an iPlayer san dreach seo, agus tro Covid-19 tha goireasan foghlaim na seanail air a bhith rim faotainn san dòigh seo cuideachd. Togaidh a’ cho-bhanntachd air sin gus tuilleadh phrògraman gun fo-thiotalan a chur air an iPlayer.
Bidh seo a’ tabhann barrachd roghainnean do luchd-amhairc BBC ALBA fhad ’s a tha a’ cho-bhanntachd cuideachd a’ gabhail cheumannan a dh’ionnsaigh fo-thiotalan roghainneil tro ghoireasan teicnigeach, iPlayer a’ BhBC nam measg.
Thuirt Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt: “Tha sinn a’ sireadh fuasglaidhean air an iPlayer do luchd-coimhid gus a bheil roghainn aca fo-thiotalan a chur dheth an sin. San eadar-ama, faodaidh sinn iPlayer a’ BhBC a chleachdadh airson cruinneachadh de phrògraman gus barrachd roghainn a thoirt chun luchd-amhairc. Thathas ga chleachdadh aig an àm seo airson stuthan Foghlaim gus taic a thoirt do theaghlaichean tro Covid-19 ach bidh sinn ga chleachdadh airson stuthan eile às aonais fo-thiotalan cho luath ’s a ghabhas, mar a rinn sinn le sreath iomlan Bannan ann an 2019.”