Tha aon de na fiolmadairean as gealltanaiche ann an Alba, Parker Dawes, air a’ chiad choimisean TBh aige fhaighinn le Dà Sgadan – Two Peas in a Pod, a thèid a chraoladh air BBC ALBA air Latha na Nollaig.
An dèidh mòran soirbheachas ann an co-fharpaisean FilmG, tha Parker, a tha 17 bliadhna de dh’aois, air fiolm ùr a sgrìobhadh agus a stiùireadh, a chaidh a choimiseanadh le BBC ALBA mar phàirt den sgeama dràma chloinne aig Aonadh Craolaidh na h-Eòrpa (EBU). Ann an co-bhonn ris an EBU, fhuair Parker an cothrom obrachadh còmhla ri Neville Kidd, an neach camara cliùiteach, a th’ air duaisean Emmy agus BAFTA a bhuannachadh agus a th’ air obrachadh air prògraman leithid The Umbrella Academy, Sherlock agus Outlander.
Ag amas air luchd-amhairc eadar aois 6-9, tha Dà Sgadan – Two Peas in a Pod a’ leantainn Polly, meacanaig, a tha seachd searbh sgìth a bhith a’ coimhead às dèidh a piuthar bheag bhragail, Peigi. Nuair a tha buidhean a’ toirt cothrom do Pholly a dhol còmhla riutha, tha i ag aontachadh gun mòran smaoineachaidh – ach tha na thòisich mar fhealla-dhà agus spòrs a’ fàs dorcha gu grad nuair a tha Polly a’ gabhail brath air a piuthar gus cliù a chosnadh leisa a’ bhuidhinn. Tha e a’ fàs soilleir gu bheil taobh gu math dorcha air Donnie Dan, agus feumaidh Polly roghnachadh dè an t-slighe a ghabhas i.
Chaidh aithne air sgil Parker a bhith a’ cur sgeulachd an cèill a dhèanamh an toiseach aig co-fharpais FilmG ann an 2023 far an do bhuannaich e an roinn airson an fhiolm a b’ fhèarr aig neach fo 18 airson a’ chiad turas. Na bu thràithe am-bliadhna shoirbhich leis a-rithist le duais airson an fhiolm goirid aige, Iomlaineachd (Perfection). Tha an soirbheas seo thar an dà bhliadhna a dh’fhalbh air cuideachadh gus Parker a stèidheachadh mar aon de na fiolmaidearan òga as cliùitiche ann an Alba.
Thuirt Parker Dawes: “Tha mi air iomadach cothrom luachmhòr fhaighinn bho bhith a’ fàs suas an Alba, le ar cultur agus a bhi ag ionnsachadh Gàidhlig. Nuair a bha mi san Àrd-sgoil rinn an class Gàidhlig agam fiolm airson FilmG – co-fharpais a bha a cheart cho mòr ris na h-Oscars dhuinne. Bha an t-airgead a bha ri bhuannachadh agus an cliù a bha na lùib gar brosnachadh gu mòr gus am fiolm a b’ fheàrr a b’ urrainn dhuinn a dhèanamh, agus tha mise air am fiolm agam fhìn a chur a-steach dhan cho-fharpais gach bliadhna bhon uairsin, ’s mi an-còmhnaidh ga mo phutadh fhèin gus fiolm nas fheàrr a dhèanamh gach turas.
“Tha a h-uile fiolm a rinn mi air dùbhlain agus cothroman ionnsachaidh a chruthachadh dhomh, agus bha e an aon rud le Dà Sgadan. Bha a’ cur a-steach airson an sgeama EBU seo, agus an uairsin ag obair air an fhiolm, ga mo chuideachadh gu mòr gus tuigse nas fhèarr fhaighinn mun ghnìomhachas seo agus gus iomadh sgil ùr a thogail a chumas mi orm a’ cleachdadh. Chan urrainn dhomh taing gu leòr a thoirt don a h-uile duine a bha an sàs ann.”
Thuirt Neville Kidd, an neach camara: “Bha e na thlachd a bhith ag obair gu dlùth air an fhiolm goirid seo, agus bha e na urram cuideachd taic a thoirt don ath ghinealach de dh’fhiolmadairean tàlantach à Alba. Abair tàlant a th’ aig Parker!”
Chaidh am fiolm a riochdachadh le Channel X Hopscotch airson BBC ALBA le maoineachadh bho MG ALBA agus Screen Scotland. Bha Parker ag obair leis an riochdaire cliùiteach Carolynne Sinclair Kidd agus le Lana Pheutan mar cho-sgrìobhaiche. Tha Lana, alumnus eile FilmG, na sgrìobhadair Gàidhlig a th’ air obrachadh air pròiseactan airson an EBU roimhe le Dad Sam Bith, agus air an t-sreath comadaidh, Glan Fhèin. Tha i cuideachd an-dràsta a’ gabhail pàirt anns an Sean Connery Talent Lab.
Thuirt Sean Greenhorn bho Screen Scotland: “Tha e sgoinneil gun urrainn dhuinn taic a thoirt do Channel X Hopscotch agus Parker Dawes air a’ choimisein ùir seo airson BBC ALBA. Tha Parker na thàlant anabarrach fhèin math a mhothaich sinn an toiseach leis an fhiolm FilmG aige Iomlaineachd. Tha e an-còmhnaidh tlachdmhor nuair a chithear fiolmadairean òga a’ faighinn toiseach tòiseachaidh agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn a’ mhac-meanmna, a bhlàiths agus a gheur-labhairt a’ tighinn troimhe ann an Dà Sgadan aig àm na Nollaige.”
Thèid am fiolm goirid Gàidhlig 15-mionaid a thaisbeanadh air BBC ALBA air Là na Nollaige. Coimhead air Dà Sgadan – Two Peas in a Pod beò air BBC ALBA air an 25mh latha den Dùbhlachd aig 6.10f, neo air BBC iPlayer: https://www.bbc.co.uk/programmes/m0026ff6
BBC ALBA a’ foillseachadh clàr sgoinneil na Nollaige
Tha BBC ALBA an-diugh (27 Samhain 2024) air clàr na Nollaige fhoillseachadh, le sgeulachdan pearsanta brosnachail agus an ceòl traidiseanta as fheàrr bhon bhliadhna a dh’fhalbh.
Bidh cùisean a’ tòiseachadh a’ fàs beòthail air BBC ALBA thràth san Dùbhlachd, a’ leantainn tron a’ mhìos fìor thrang chun na Bliadhn’ Ùire, le measgachadh tarraingeach de phrògraman ùra a bheir gal is gàire air an luchd-amhairc.
Le pailteas phearsachan ainmeil leithid Kathleen NicAonghais, Cathy NicDhòmhnaill agus Pàdruig MacCuidhein, cha bhi dad eile a dhìth air an luchd-amhairc ach seatlaigeadh le clàr na Nollaige air BBC ALBA.
Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint MG ALBA: “Tha clàr sònraichte againn airson àm na Nollaige, le stuth airson gach aois is ùidh agus a’ taisbeanadh a’ chuid as fheàrr de phrògraman Gàidhlig airson luchd-amhairc ann an Alba agus an còrr den dùthaich.
“Tha treatan na Nollaige am pailteas gu bhith againn le prògraman aithrisean is cur-seachad, na cuirmean is tachartasan ciùil as fheàrr tron bhliadhna, agus Cèilidh mòr na Bliadhn’ Ùire, gheibh sibh an taghadh as fhèarr air an TBh air BBC ALBA.”
A’ faighinn na Nollaige gu dol air BBC ALBA, bidh an dealbhaiche Erica Nic a’ Phearsain a’ toirt luchd-amhairc air turas cruthachaidh ann an Rùm gu Rùm na Nollaig (4 Dùbhlachd, 9f). Bidh Erica a’ sireadh bheachdan cruthachail gus tiodhlacan Nollaige shìmplidh a sgeadachadh agus a’ coinneachadh ri luchd-ciùird eile gus molaidhean snasail fhaighinn airson rudan eireachdail airson craobh na Nollaige agus am bòrd-bidh a chruthachadh.
Thèid am pàrtaidh a chuir air a chasan ann an da-rìribh le Hoolie 2024 (8 Dùbhlachd, 9f), an oidhche as motha de cheòl traidiseanta ann an Alba a bhios a’ comharrachadh 100 bliadhna de cheòl Albannach, le rionnagan bho na còmhlain as soirbheachail san dùthaich. Bidh Capercaillie, Skerryvore, Mànran, RURA is Talisk a’ comharrachadh linn de cheòl traidiseanta na h-Alba, le cruinneachadh de shàr-luchd-ciùil eile.
Leis an Nollaig a’ teannadh dlùth, tha Abigail NicÌomhair a’ cruthachadh 12 rudan blasta àlainn ann an sreath de phrògraman goirid ùra a bhios air BBC iPlayer a-mhàin. Seallaidh Nollaig Abigail dhuinn mar a nì sinn 12 mìrean Nollaige, bho bhriosgaidean milis gu deochan na fèille. Bidh an 12 iris uile rim faighinn air 1 Dùbhlachd.
Dha duine sam bith a tha a’ strì a’ cur rudan ri chèile air an Oidhche ron Nollaige, bidh Dùbhlain DIY (Instructions Not Included) (24 Dùbhlachd, 8:30f) a’ tabhann faochadh agus gàireachdainn gu leòr le iris shònraichte na Nollaige le luchd-ciùil traidiseanta Albannach a’ strì gus buannachadh prìomh dhuais Dùbhlain DIY.
Cuideachd air an Oidhche ron Nollaige tha am prògram Dàna | Europe’s Wild Side (24 Dùbhlachd, 9f), a’ taisbeanadh mar a chaidh na sreapan iongantach a rinn iad air feadh na Roinn Eòrpa a ghlacadh air camara.
Faodaidh luchd-amhairc nas òige a thighinn còmhla ri Linda NicLeòid air an Fheasgar ron Nollaige agus i a’ leughadh sgeulachd Paddington – Am Mathan à Peru ann an cuideachd sgoilearan à Bun-sgoil Ghàidhlig Calton (24 Dùbhlachd, 5:05f). Agus air an latha mòr fhèin bidh Linda a’ leughadh Paddington agus an Nollaig (25 Dùbhlachd, 5.05f) le sgoilearan à Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn.
Bidh Dà Sgadan, film goirid air a stiùireadh le fear de na filmeadairean òga as fheàrr ann an Alba, Parker Dawes, air aig 6f air Latha na Nollaige. ‘S e an dràma cloinne seo a’ chiad choimisean mòr airson Parker a tha air ioma duais FilmG a bhuannachadh. Tha an sgeulachd a’ leantainn Polly agus a piuthar bheag Peigi, agus an dàimh aca ann an cunnart nuair a nochdas gràisg ionadail.
Anns a‘ phrògram mu dheireadh de Cù Leis Thu? A Puppy for Pàdruig (25 Dùbhlachd, 8:30f) tha Pàdruig a‘ faighinn a-mach mu na buannachdan a tha an cois a bhith a’ toirt dachaigh do chù teasairginn. Agus às dèidh dha siubhal air feadh Alba ag ionnsachadh mu dhiofar briodan coin tha Pàdraig a‘ faighinn tiodhlac Nollaig air leth.
Thairis air sia sreathan de Dealbhan Fraoich tha Fraoch Nic an Deòir air deilbh a tharraing ann am peant agus ann am facail de mhòran dhaoine inntinneach às gach ceàrnaidh. Ach a-nis an t-àm ann dealbh fhaighinn de Fhraoch fhèin. Sa phrògram sònraichte seo – Dealbh Fraoich – A Portrait of Heather chithear triùir luchd-ealain ag obair le diofar stuthan gus a h-ìomhaigh a chruthachadh fhad ’s a tha iad a’ còmhradh mu a beatha is a h-obair. Aig a cheann thall, tha Fraoch a’ faicinn nam pìosan ealain chrìochnaichte – saoil dè a beachd orra?
Air an là às dèidh na Nollaig, coinnichidh sinn ris An Dr Euan Dòmhnallach às an Eilean Sgitheanach ann an DR NZ (26 Dùbhlachd, 9f). Tha Dr Euan air siubhal gu ospadal Rotorua, ann an Sealainn Nuadh, gus obrachadh am measg aon de na sluaghan Māori as motha san dùthaich. Chi sinn mar a thèid le Euan fhad ’s a dh’ionnsaicheas e barrachd mu cànan, cultar agus cùram-slàinte nam Māori, agus a’ coinneachadh ri Gàidheil eile a tha air an dachaigh a dhèanamh san dùthaich.
Tha Sweeny, air a bhith a’ leantainn ‘Westerns’ bho riamh, agus a-nis tha e a’ faighinn cothrom a dhol air turas à Nis chun an Taoibh Shiair a dh’ionnsachadh mu na Gàidheil a chuir cumadh air Taobh Siar nan Stàitean ann an Wild West Sweeny (30 Dùbhlachd, 9f). Seo a’ chiad turas aig Sweeny anns na Stàitean agus tha e a’ cur eòlas air eich is eachdraidh, rainsean agus rodeo-an na dùthcha.
Tòisichidh prògraman Oidhche Chalainn le Faodail – Found Film (31 Dùbhlachd, bho 8.30f). Tha am prògram a’ taisbeanadh filmichean dhùthchasach clàraichte ann an Innse Gall eadar na 1930an is na 80an, agus a tha a-nis taisgte do ghinealaichean ri teachd.
Mus tig a’ Bhliadhna ùr a-steach, tha prògram luaidh sònraichte do Fergie Dòmhnallach, a’ dol a-mach. Aithnichte airson stoidhle ciùil sònraichte air a’ bhogsa agus airson a phearsa èibhinn, lìon e tallaichean dannsa air feadh Alba thar 60 bliadhna. Tha caraidean, a theaghlach agus luchd-ciùil eile a’ toirt seachad an cuimhneachain air Fergie, The Cèilidh King (31 Dùbhlachd, 9.30f).
Airson pàrtaidh Oidhche Challainn a chuir air a chasan tha Skipinnish aig a’ Chaisteal (31 Dùbhlachd, bho 10.30f). Chi luchd-leantainn criomagan nach fhacas roimhe den chuirm-chiùil airson an 25mh ceann-bliadhna aig a’ chòmhlan aig Caisteal Dhùn Èideinn. Agus airson an dannsa a thòiseachadh dè a b’ fheàrr na, Walking on the Waves, Alive agus The Island.
Bidh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach air BBC ALBA (31 Dùbhlachd, bho 11.30f) a’ toirt a-steach na Bliadhn’ Ùire bho Ionad Coimhearsnachd is Ealain Inbhir Narainn. Bidh Mànran a’ stiùireadh cuirm na h-oidhche còmhla ris an teaghlach Mac a’ Mhaoilein, Seonaidh Beag, Calum Ailig agus Alice. Bidh còmhlan de luchd-ciùil ainmeil fo stiùir Ingrid NicEanraig a’ cumail ceòl den inbhe as àirde riuthasan san talla agus an luchd-coimhid is èisteachd aig an taigh. Thèid an cèilidh a craoladh beò air BBC ALBA agus air feadh an t-saoghail air-loidhne agus air Radio nan Gàidheal.
Tha BBC ALBA a’ tòiseachadh 2025 le prògram aithriseach mu tè de na seinneadairean Gàidhlig as cliùitiche ann an Alba, Kathleen NicAonghais (1 Faoilleach, 9f). Tha am film a’ toirt sùil air a’ cheòl is cleasachd sònraichte aig Kathleen, agus a’ leantainn a sgeulachd beatha bho a h-òige ann an Uibhist a Deas, gu bhith a’ cluich còmhla ri Daibhidh Tennant anns an dealbh chluich MacBheatha san West End ann an Lunnainn. Loma làn neamhnaidean còmhraidh is ciùil prìseil cha ghabhadh na b’ fheàrr na am prògram aithriseach seo air Latha na Bliadhn’ Ùire.
Coimhead ri BBC ALBA agus BBC iPlayer thairis air àm na Nollaige. Coimhead beò no as dèidh làimh: https://www.bbc.co.uk/tv/bbcalba
Tha BBC Scotland agus BBC ALBA gu bhith ag obair còmhla ann an dòigh ùr inntinneach gus susbaint Gàidhlig a nochdas gu didseatach an toiseachd, a mhaoineachadh.
Tha an dòigh co-choimiseanadh seo, nach do thachair a-riamh roimhe, a’ gealltainn £800k thairis air dà bhliadhna – air a mhaoineachadh le MG ALBA agus am BBC – agus tha e ag amas air pròiseactan a chomharrachadh agus a leasachadh a bhios a’ freagairt air luchd-amhairc an Alba air fad agus a’ sùileachadh leasachadh tàlant air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h- Eileanan.
Thathas a’ brosnachadh riochdairean beachdan bho ghnèithean sònraichte a chur a-steach le cuideam làidir air susbaint Gàidhlig a tha a’ nochdadh cultar, sgilean agus tàlant roinn chruthachail na Gàidhealtachd is nan Eilean, an dà chuid air agus far-sgrion.
Bidh a’ chiad chothrom riochdachaidh airson dràma ùr ann an cruth goirid a bhios ag amas air luchd-amhairc nas òige air làraich didseatach. A’ togail air na dràmathan goirid soirbheachail aig BBC Scotland, Float agus Dog Days, bu chòir dha na beachdan dràma didseatach a bhith mar sreath de dh’irisean goirid de mu dheich mionaidean a dh’fhaid ag amas gu sònraichte air BBC iPlayer agus seanail YouTube BBC ALBA.
Às dèidh ùine leasachaidh, bithear ag amas gum bi na pròiseactan soirbheachail air an riochdachadh ann an 2025 le cothroman eile airson beachdan aithriseach is cuir seachad nas fhaide air adhart sa bhliadhna.
Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint MG ALBA: “Tha MG ALBA air leth toilichte a bhith ann com-pàirteachas leis a’ BhBC air an iomairt ùr, inntinneach seo gus susbaint didseatach Gàidhlig a lìbhrigeadh air ùrlaran agus sheanailean BBC ALBA agus BBC Scotland. Tha e riatanach gu bheil sinn a’ dèanamh a h-uile oidhirp gus ùidh an luchd-amhairc a ghlèidheadh aig gach ìre fhad ’s a tha sinn ag adhartachadh ar cànan agus a’ tabhann chothroman do thàlant ùr, agus tàlant a tha nas stèidhichte, bhon a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, aig nach eil an-còmhnaidh na h-aon chothroman leasachaidh agus riochdachaidh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air an soirbheachas a bh’ aig BBC Scotland roimhe le dràmathan goirid ann an riochd didseatach.”
Thuirt Louise Thornton, Ceannard Coimiseanaidh aig BBC Scotland: “Tha mi pròiseil a thaobh obair dearbhaichte BBC Scotland ann a bhith a’ leasachadh agus a’ buileachadh susbaint ghoirid a th’ air duaisean a bhuannachadh agus air a bheil an luchd-amhairc measail, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri sin a leasachadh tron chom-pàirteachas seo le MG ALBA. Tha a bhith a’ cur taic ri sgeulachdan à Alba bunaiteach do dh’obair a’ BhBC agus tha an iomairt seo na fhìor dheagh eisimpleir den sin. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri faicinn na beachdan a thig a-steach thugainn.”
Tha a’ chuairt Coimiseanaidh a-nis fosgailte agus bu chòir do bheachdan a bhith air an cuir a-steach gu gaelicdigitalcommissioning@bbc.co.uk ro 6 Faoilleach 2025.
Ged a tha cuireadh ro chompanaidhean riochdachaidh Albannach beachdan a chuir a-steach, tha e riatanach sealltainn mar a chuireas pròiseactan ri leasachadh tàlant agus riochdachadh air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Bithear a’ toirt prìomhachas do mholaidhean anns a bheil dhà no barrachd de na h-eileamaidean a leanas – sgeulachdan, àiteachan, riochdachadh, no companaidhean stèidhichte – air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.
Gheibhear fiosrachaidh a bharrachd san fharsaingeachd agus mu slatan-tomhais aig:
https://www.bbc.co.uk/aboutthebbc/scotland/commissioning/gaelic/.
Bheir BBC ALBA cuid den luchd-ciùil traidiseanta as aithnichte còmhla ann an àite gu tur ùr gus Oidhche Challainn a chomharrachadh aig a’ chèilidh as fheàrr den bhliadhna, Cèilidh na Bliadhn’ Ùire.
Chaidh an còmhlan cliùiteach, Mànran, a thuilleadh air ceòladairean traidiseanta aithnichte leithid Alice Nic a’ Mhaoilein, a choisinn Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd an Òbain, ainmeachadh am measg na bhios a’ gabhail pàirt ann an cèilidh na bliadhna seo, a thèid a chraoladh airson a’ chiad turas bho Ionad Coimhearsnachd agus Ealain Inbhir Narann.
Thèid Cèilidh na Bliadhn’ Ùire a chraoladh beò air BBC ALBA, air Radio nan Gàidheal agus air feadh an t-saoghail, le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach aig an stiùir.
Ma tha sibh airson a bhith an làthair aig a hòro-gheallaidh, tha beagan thiocaidean ri fhaotainn air làrach-lìn BBC’s Shows and Tours.
Thuirt Iain Macleòid, àrd-riochdaire a’ phrògraim: “Tha an tachartas as motha den bhliadhna aig BBC ALBA air ais le taghadh iongantach de luchd-ciùil traidiseanta Albannach agus tàlant ionadail a chuireas fàilte bhlàth air 2025. Bidh ceòl agus òrain am pailteas, agus plòigh gu leòr aig Cathy agus Niall Iain airson Oidhche Challainn.
“Mar luchd-taic dealasach de dh’òrain Ghàidhlig agus ceòl traidiseanta, tha fadachd air BBC ALBA tàlant ùra leithid Alice Nic a’ Mhaoilein, an sàr sheinneadair à Uibhist a Deas, Màiri Nic Ille Mhaoil, agus ceòladairean ainmeil leithid Mànran a thaisbeanadh air oidhche bheothail, shòlasach do luchd-èisteachd ‘s luchd-amhairc air Oidhche Challainn.
An dèidh soirbheachas a’ chlàr shingilte ùr Standing Still, agus sreath de chuirmean beò air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus na Roinn Eòrpa, ‘s iad Mànran a’ phrìomh chòmhlan aig Cèilidh na Bliadhn’ Ùire, agus cliuchidh iad cuid de na fuinn as eòlaich air a bheil sinn agus de na h-òrain as fheàrr aca.
A’ toirt taic dhan chòmhlan, bidh buill de theaghlach chliùiteach Mhic a’ Mhaoilein, seinneadairean Gàidhlig à Eilean Leòdhais: Seonaidh ‘Beag’ Mac a’ Mhaoilein, Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein agus Alice Nic a’ Mhaoilein, a’ riochdachadh trì ginealaichean den teaghlach. Choisinn am ball as òige, Alice, bonn òir nam ban aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Dàmhair.
Bidh an stiùiriche ciùil tàlantach Ingrid NicEanraig, a’ stiùireadh còmhlan-taighe de shàr-cheòladairean traidiseanta na h-Alba: Anna Massie, Sìleas Nic na Ceàrdaich, Aonghas MacNeacail agus Megan NicEanraig, agus bidh Còisir Ghàidhlig Inbhir Narann cuideachd an làthair.
Thuirt an seinneadair Gàidhlig, Alice Nic a’ Mhaoilein: “Se urram a th’ann pàirt a ghabhail ann an Cèilidh na Bliadhn’ Ùire. Tha mi a’ gabhail fadachd ris a Bhliadhn’ Ùr a thoirt a-steach ann an Inbhir Narann agus a bhith a’ seinn còmhla ri dithis a tha air buaidh cho mòr a thoirt air mo beatha-ciùil – mo sheanair agus m’ uncail Calum.”
Bidh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire ri fhaicinn beò air BBC ALBA, BBC iPlayer agus beò air bbc.co.uk/alba air feadh an t-shaoghail, Dimàirt 31 Dùbhlachd bho 11.30f. Tha beagan thiocaidean a-nis ri fhaotainn aig
https://www.bbc.co.uk/showsandtours/shows/ceilidh-na-bliadhn-uire
Tha trì filmichean goirid Gàidhlig a chaidh a chruthachadh airson FilmG air buannachadh aig Scottish Youth Film Festival (SYFF) na bliadhna-sa, le Iomlaineachd a’ togail duais a bharrachd mar am Film as Fheàrr airson an roinn 13-18 uile gu lèir.
Choisinn Iomlaineachd (Perfection) le Parker Dawes, a bha air am Film as Fheàrr a bhuannachadh aig farpais FilmG na bu thràithe am-bliadhna, an dearbh duais a-rithist aig SYFF. Fhuair am film, a tha a’ cnuasachadh foirfeachd agus bòidhchead neo-fhoirfeachd, am Film Gnìomh Beò as Fheàrr san roinn 13-18 mus deach ainmeachadh mar am Film as Fheàrr. Aig dìreach 17 bliadhna a dh’aois, tha Parker air iomadh duais fhaighinn aig FilmG agus chaidh ainmeachadh mar ‘Rising Star’ leis a’ Chrannchur Nàiseanta aig Fèis Film Lunnainn an-uiridh.
San roinn Aithriseach 13-18, bha trì de na ceithir filmichean air a’ gheàrr-liosta cuideachd nam buannaichean FilmG, le Aillse Sealladh Marsaili le Sgoil Lìonacleit a’ togail duais SYFF. Tha am film seo, a choisinn Duais Roghainn FilmG am-bliadhna, a’ toirt cunntas air an eòlas a th’ aig Marsaili air a bhith a’ strì ri aillse agus i na deugaire anns na h-Eileanan Siar.
Chaidh An Glaoine Nan Draoidh (The Druid’s Stone) le Sophie Nic a’ Ghobhainn às a’ Ghàidhealtachd aithneachadh mar bhuannaiche san roinn Beò-Dhealbhachaidh 13-18. Thug Sophie, a chaidh ainmeachadh airson Duais Rionnag FilmG na bliadhna-sa, buaidh mhòr air na britheamhan leis na sgilean cruthachail aice ann an aithris sgeulachdan agus beòthalachd. Bha seo a’ ciallachadh gun do choisinn filmichean FilmG gach duais anns na roinnean 13-18 aig SYFF.
Thuirt Murchadh MacSuain, Stiùiriche Pròiseict FilmG: “Uaireannan faodaidh filmichean Gàidhlig a bhith a’ faireachdainn mar gu bheil iad a’ suidhe leotha fhèin, air iomall a’ ghnìomhachais. Tha a bhith a’ faicinn filmichean a chruthaich daoine òga sa Ghàidhlig air an aithneachadh gu nàiseanta am measg gheàrr-liostaichean de fhilmichean Beurla air leth brosnachail agus tha a h-uile duine aig FilmG moiteil à Parker, Sophie agus an sgioba aig Sgoil Lìonacleit.”
Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint MG ALBA: “Bha e na thoileachas mòr filmichean goirid Gàidhlig fhaicinn, gach cuid air geàrr-liostaichean agus a’ cosnadh dhuaisean. Tha feum againn air riochdairean òga le Gàidhlig a tha àrd-amasach agus tha FilmG air a bhith na àrd-ùrlair air leth don a thaobh seo”.
Chaidh na filmichean a bhreithneachadh le Comhairle Comhairleachaidh Òigridh Into Film agus chaidh na buannaichean fhoillseachadh aig an 10mh Scottish Youth Film Festival, a chaidh a chumail aig Acadamaidh Armadail, Lodainn an Iar, air 4 agus 5 Dàmhair, 2024. Gheibh sibh tuilleadh a-mach mu Scottish Youth Film Festival aig www.syff.scot/festival
Tha trì filmichean goirid Gàidhlig a chaidh a chruthachadh airson FilmG air buannachadh aig Scottish Youth Film Festival (SYFF) na bliadhna-sa, le Iomlaineachd a’ togail duais a bharrachd mar am Film as Fheàrr airson an roinn 13-18 uile gu lèir.
Choisinn Iomlaineachd (Perfection) le Parker Dawes, a bha air am Film as Fheàrr a bhuannachadh aig farpais FilmG na bu thràithe am-bliadhna, an dearbh duais a-rithist aig SYFF. Fhuair am film, a tha a’ cnuasachadh foirfeachd agus bòidhchead neo-fhoirfeachd, am Film Gnìomh Beò as Fheàrr san roinn 13-18 mus deach ainmeachadh mar am Film as Fheàrr. Aig dìreach 17 bliadhna a dh’aois, tha Parker air iomadh duais fhaighinn aig FilmG agus chaidh ainmeachadh mar ‘Rising Star’ leis a’ Chrannchur Nàiseanta aig Fèis Film Lunnainn an-uiridh.
San roinn Aithriseach 13-18, bha trì de na ceithir filmichean air a’ gheàrr-liosta cuideachd nam buannaichean FilmG, le Aillse Sealladh Marsaili le Sgoil Lìonacleit a’ togail duais SYFF. Tha am film seo, a choisinn Duais Roghainn FilmG am-bliadhna, a’ toirt cunntas air an eòlas a th’ aig Marsaili air a bhith a’ strì ri aillse agus i na deugaire anns na h-Eileanan Siar.
Chaidh An Glaoine Nan Draoidh (The Druid’s Stone) le Sophie Nic a’ Ghobhainn às a’ Ghàidhealtachd aithneachadh mar bhuannaiche san roinn Beò-Dhealbhachaidh 13-18. Thug Sophie, a chaidh ainmeachadh airson Duais Rionnag FilmG na bliadhna-sa, buaidh mhòr air na britheamhan leis na sgilean cruthachail aice ann an aithris sgeulachdan agus beòthalachd. Bha seo a’ ciallachadh gun do choisinn filmichean FilmG gach duais anns na roinnean 13-18 aig SYFF.
Thuirt Murchadh MacSuain, Stiùiriche Pròiseict FilmG: “Uaireannan faodaidh filmichean Gàidhlig a bhith a’ faireachdainn mar gu bheil iad a’ suidhe leotha fhèin, air iomall a’ ghnìomhachais. Tha a bhith a’ faicinn filmichean a chruthaich daoine òga sa Ghàidhlig air an aithneachadh gu nàiseanta am measg gheàrr-liostaichean de fhilmichean Beurla air leth brosnachail agus tha a h-uile duine aig FilmG moiteil à Parker, Sophie agus an sgioba aig Sgoil Lìonacleit.”
Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint MG ALBA: “Bha e na thoileachas mòr filmichean goirid Gàidhlig fhaicinn, gach cuid air geàrr-liostaichean agus a’ cosnadh dhuaisean. Tha feum againn air riochdairean òga le Gàidhlig a tha àrd-amasach agus tha FilmG air a bhith na àrd-ùrlair air leth don a thaobh seo”.
Chaidh na filmichean a bhreithneachadh le Comhairle Comhairleachaidh Òigridh Into Film agus chaidh na buannaichean fhoillseachadh aig an 10mh Scottish Youth Film Festival, a chaidh a chumail aig Acadamaidh Armadail, Lodainn an Iar, air 4 agus 5 Dàmhair, 2024. Gheibh sibh tuilleadh a-mach mu Scottish Youth Film Festival aig www.syff.scot/festival
Tha aon às gach 100 bàs air feadh an t-saoghail ceangailte ri daoine a’ cur làmh nam beatha fhèin. Ann an Alba, tha sin a’ gabhail a-steach còrr air 700 neach sa bhliadhna agus tha trì chairteal dhiubh sin nam fir.
Thèid prògram aithriseach ùr BBC ALBA Trusadh, Big Boys Don’t Cry, a chraoladh ann an Seachdain Nàiseanta Mothachaidh a’ cur làmh nam beatha fhèin air Diluain 9 Sultain aig 9f le Derek ‘Pluto’ Moireach a’ coinneachadh ri daoine air an tug trioblaidean slàinte inntinn agus a bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin buaidh.
Tha an t-Ollamh Rory O’Connor bho Oilthigh Ghlaschu na Àrd-ollamh air Eòlas-inntinn Slàinte agus na Stiùiriche air an ‘Suicidal Behaviour Research Laboratory’, agus tha e os cionn rannsachadh air a bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin agus fèin-chron. A’ bruidhinn mun taic a tha ri fhaotainn, tha an t-Ollamh O’Connor ag ràdh: “Rinn sinn beagan obrach o chionn ghoirid a’ feuchainn ri làmh a chur nam beatha fhèin a-measg fir a thuigsinn gu sònraichte agus b’ e aon de na teachdaireachdan a thàinig air ais uair is uair a-rithist nach eil na seirbheisean agus an taic a tha ann freagarrach dhaibh. Tha am modail traidiseanta a th’ againn an dùil gun tèid fir gu seirbheisean clionaigeach; Uill, is dòcha gun obraich sin dha cuid de dhaoine, ach dè mu dheidhinn a dhol gu àiteachan far am bi fir? Carson nach tèid sinn gu àiteachan mar clubaichean ball-coise, clubaichean rugbaidh, an club iomain, ge bith dè a th’ ann, agus sin a chleachdadh mar dhòighean taic.”
Tha seo gu sònraichte cudromach ann an suidheachaidhean dùthchail. Tha an t-Ollamh O’Connor ag radh: “Tha sinn a’ feuchainn ri ciall a dhèanamh mu carson a tha ìrean de fhireannaich a’ cur làmh nam beatha fhèin gu sònraichte àrd an sin. Tha pàirt dheth sin co-cheangailte ris a’ chothrom a th’ aca air seirbheisean, agus tha pàirt dhen sin co-cheangailte ri feadhainn a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan dùthchail agus coltas ann gum bi thu buileach aonranach gu sòisealta. Tha am beachd seo ann cuideachd a bhios daoine a’ bruidhinn air a bhith ‘a’ fuireach ann am bobhla èisg’, nach eil thu cho dualtach bruidhinn mu na faireachdainnean agad, no ma tha duilgheadasan a’ dol nad bheatha leis gu bheil dragh ort mu na bhios do nàbaidhean no do charaidean a’ smaoineachadh.
“’S e comharra air neart a th’ ann a bhith a’ faighneachd airson taic, chan e comharra air laigse a th’ ann idir, agus mar sin feumaidh sinn sin a dhèanamh soilleir dhan òigridh. Ach feumaidh sinn cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil na seirbheisean agus an taic a tha ri fhaighinn air an dèanamh freagarrach dha na fir sin.”
Tha Pàdraig Mullery bhon ‘James Support Group’ a’ mìneachadh: “Bidh sinn a’ tabhann taic – coinneamhan mìosail ann an diofar àiteachan. Tha deich ann, bho Inbhir Theòrsa sìos chun a’ Ghearasdain, a-null gu Eilginn, Inbhir Nis agus tòrr àiteachan eatarra. ’S e cruinneachadh a th’ ann a tha gu sònraichte dhaibhsan a tha air daoine a chall ri linn làmh a chur nam beatha fhèin ach cuideachd airson daoine aig a bheil smuaintean co-cheangailte ris. Bheir sinn an dà sheòrsa còmhla airson taic agus tuigse dha chèile – thathar an dòchas gum faic daoine aig a bheil smuaintean mu bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin an sgrios a tha air fhàgail às dèidh làimh agus an dòchas stad a chur orra agus ceumannan eile a ghabhail. Gus toirt orra fuireach còmhla rinn agus tuigsinn gu bheil gaol aig daoine orra agus gum biodh iad gan ionndrainn.
“Tha faireachdainnean againn uile agus feumaidh sinn an stiogma mu dhroch shlàinte inntinn agus làmh a chur nam beatha fhèin a bhriseadh. Faodaidh balaich caoineadh agus is e sin an rud as fheàrr dèanamh dhut fhèin, ma tha thu ann an droch àite, bruidhinn mu dheidhinn. Gu mì-fhortanach, tha a bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin na fhuasgladh maireannach air duilgheadas sa gheàrr-ùine.”
Ann an Glaschu thadhal Derek air a’ charthannas ‘Men Matter Scotland’ a tha stèidhichte ann an Druim a’ Chaibeil gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu na dòighean-obrach aca a thaobh a bhith a’ tabhann taic agus mar a tha iad air àite sàbhailte a chruthachadh dha fir. Bho ruigsinneachd air na sràidean gu na goireasan a tha rim faighinn aig an ionad fàilteachail, tha an sgioba an dòchas modal fèin-sheasmhach agus tèarainte a thogail a ghabhas a roinn le àiteachan eile an Alba.
Thuirt Iar-chathraiche a charthannais D I MacIlleDhuinn: “ Se an rud as cudromaiche gum bruidhinn daoine. Mura tòisich daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn seo, bidh e falaichte agus bàsachaidh barrachd fhir le bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin. Chanainn gum feum daoine a bhith fosgailte.”
Thuirt an t-Ollamh O’Connor: “Gu mì-fhortanach tha daoine fhathast a’ creidsinn ma dh’fhaighnicheas tu do chuideigin mu bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin, no ma bhruidhneas tu mu dheidhinn, gum bi thu nas dualtaiche gun cuir thu a bheachd ann an ceann cuideigin. Chan eil fianais sam bith ann airson sin. Gu dearbh, tha an fhianais a’ dol an-aghaidh sin- ’s e gnothaich a h-uile duine tha seo – agus tha mi a’ ciallachadh sin ann an dha-rìribh.
“Tha àite againn uile ann a bhith a’ casg dhaoine bho a bhith a’ cur làmh nam beatha fhèin. Rud sam bith as urrainn dhuinn a dhèanamh, ge bith dè cho mòr no cho beag – teachdaireachd WhatsApp, teachdaireachd teacsa, fòn a chur gu cuideigin – rud sam bith a ruigeas cuideigin a dh’fhaodadh a bhith a’ fulang, dh’fhaodadh e bhith gum b’ urrainn dhan a’ cheangal sin beatha a shàbhaladh. Bhithinn a’ brosnachadh a h-uile duine, ma tha dragh ort mu neach a tha faisg ort, caraid, co-obraiche, feuch an cuir thu fios thuca… Dh’fhaodadh sin beatha a shàbhaladh.”
Air a chlàradh agus air a riochdachadh le MacTV a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh, bidh Big Boys Don’t Cry a’ nochdadh airson a’ chiad uair air BBC ALBA agus BBC iPlayer air Diluain 9 Sultain aig 9f. Coimhead beò no aig àm eile: https://www.bbc.co.uk/programmes/m0022vyn
Tha na ceudan de fhilmeadairean bho air feadh na h-Alba trang a’ dealbhadh agus a’ sgrìobhadh nan tagraidhean aca airson FilmG agus an fharpais bhliadhnail a’ fosgladha-rithist.
Le co-fharpaisean sònraichte do dhaoine fo aois 18 agus nas sine na 18, thathar a’ toirtdùbhlan do chom-pàirtichean filmichean Gàidhlig a chruthachadh nas lugha na còigmionaidean de dh’fhaid, ri chuir a-steach ron cheann-latha air 9 Dùbhlachd 2024.
A rèir bun-smuain na bliadhna-sa, Crathadh, tha an fharpais air tòiseachadh le atharraichean.
Chan eilear ag iarraidh filmichean stèidhichte air cuspair sònraichte – an àite sin thainntrigidhean fosgailte do chuspair sam bith.
Thuirt Murchadh MacSuain, Stiùiriche Pròiseict FilmG: “Tha sinn air èisteachd ri fios air ais bho fhilmeadairean agus tha sinn air co-dhùnadh cùisean a chrathadh le bhith a’ fàgailcuspair FilmG fosgailte airson a’ chiad uair ann an eachdraidh na farpais.
“Tha sinn cuideachd a’ roghnachadh gun a bhith a’ foillseachadh nan roinnean gus a’ bhliadhna ùr, a’ toirt cothrom dhuinn roinnean farpaiseach a chur an cèill gus an iomadachdagus cruthachalachd a thaisbeanadh san dòigh as fheàrr.”
Tha àrd-sgoiltean air feadh na h-Alba an-dràsta a’ planadh nam bùthan-obrach aca, air an lìbhrigeadh le luchd-oide FilmG, agus tòisichidh conaltradh le luchd-inntrigidh le sgiobaFilmG a’ frithealadh tachartasan freshers Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.
Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Manaidsear Clàr-phrograman MG ALBA: “B’ e ceumeile air adhart a bh’ ann an-uiridh do FilmG agus nì na h-atharrachaidhean feum ann a bhith a lorg tàlant cruthachail Gàidhlig.
“’S e àrd-ùrlar a th’ ann am FilmG airson cruthachalachd, co-obrachadh agus, aig a’ cheannthall, leasachadh agus mar sin tha sinn air bhioran faicinn dè tha romhainn ann am bliadhna17 den phròiseact sgoinneil seo.”
Chaidh FilmG a stèidheachadh mus deach BBC ALBA a chur air bhog ann an 2008 agus thaan t-uabhas ‘luchd-ceumnachaidh’ FilmG air gluasad a-steach do ghnìomhachas nammeadhanan ann an Alba, le luchd-inntrigidh a bh’ ann roimhe a’ toirt a-steach an t-seinneadair Katie Gregson-NicLeòid, agus a’ bhana-chleasaiche chliùiteach Sorcha Groundsell, am prìomh chleasaichte sa phrògram ùr àrd-amasach An t-Eilean, a bhios a’ tighinn gu BBC ALBA a dh’aithghearr.
Tha na filmichean a bhuannaich an-uiridh uile rim faicinn air liosta-cluiche YouTube BBC ALBA.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu FilmG, tadhail air https://www.filmg.co.uk/, agusfaodaidh filmeadairean no buidheann sam bith a tha airson tòiseachadh fios a chuir gusgioba FilmG airson taic.
Chaidh Camshron Fearghasdan ainmeachadh mar neach-fosglaidh fèis Bhelladrum Tartan Heart na bliadhna-sa, às deidh dha farpais tàlant a bhuannachadh a chaidh a chuir air dòigh ann an co-bhonn le BBC ALBA.
Thàinig BBC ALBA agus Fèis Chiùil Belladrum còmhla gus cuid den tàlant ciùil as fheàrr ann an Alba a lorg air a’ mhìos sa chaidh, le luchd-ealain bho air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ cur a-steach iarrtas leis an obair as fheàrr aca gus slot a bhuannachadh air prìomh àrd-ùrlar Bhelladrum. Às deidh pròiseas breithneachaidh teann gus an gearr-liosta de thàlant ùr a lùghdachadh gu chòignear, chaidh an neach-ciùil is sgrìobhadair a rugadh ann am Baile Dhubhthaich, Camshron Fearghasdan, a thaghadh tro bhòt poblach airson an fhèis fhosgladh san 20mh ceann-bliadhna aice.
Bho dheireadh 2022, tha Camshron (19) a tha stèidhichte ann an Arabella agus an còmhlan aige – Camshron Hill (19) a tha stèidhichte ann an Glaschu, Calum MacDhonnchaidh (19 à Lannraig), Jamie MacAoidh (26) a tha stèidhichte ann an Alanais agus Dàibhidh Bromham (19), a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis – air a’ thighinn a-steach do shaoghal ciùil na h-Alba le brag, an dèidh dhaibh cluich air àrd-ùrlaran cliùiteach, leithid King Tuts ann an Glaschu. Gus crìoch a chuir air 2023, thug Camshron Fearghasdan taic do rionnagan Ghlaschu Declan Welsh and the Decadent West às deidh an cuirm-chiùil Barrowlands aca, nuair a reic iad na tiocaidean air fad.
A’ comharrachadh 20 bliadhna de Belladrum – agus an taic maireannach a tha i air cumail ri luchd-ciùil Albannach – tha am farpais a’ toirt spiorad na fèise teaghlaich beò, le na tàlantan ‘homegrown in the Highlands and Islands’ as fheàrr a-nis a’ faighinn cothrom am prìomh àrd-ùrlar fhosgladh Diardaoin 25 Iuchar, a’ fosgladh deireadh-seachdain làn ciùil is ealain beò.
Mar phàirt den fhèis bhliadhnail tha sàr luchd-ciùil, luchd-comadaidh, cabaret, facal labhairteach, dannsa, drag is carachd, le Camshron a-nis gu bhith air an àrd-ùrlar le rionnagan leithid Deacon Blue, Seumas Arthur, Twin Atlantic agus Sugababes.
Thuirt Camshron Fearghasdan: “Tha ar cridheachan làn leis na tha sinn air fhaighinn de thaic ri linn na bhòt poblach. Tha e air iongnadh mhòr a chur oirnn. Gaol mòr dhan a h-uile duine a thug bhòt dhuinn, cha bhiodh e air a bhith comasach às ur n-aonais. Cuideachd, taing mhòr dha BBC ALBA agus sgioba Belladrum airson an cothrom. Mar neach-ciùil às a’ Ghàidhealtachd, tha mi a’ faireachdainn uabhasach moiteil a bhith a’ fosgladh Àrd-ùrlar Hot House am bliadhna.
“Tha mi-fhìn ‘s an còmhlan air bhioran agus chan urrainn dhomh feitheamh gus roc ‘n’ roll dùthchasach bhon Ghàidhealtachd a thaisbeanadh.”
Bidh cothrom aig Camshron cuideachd seataichean acoustic a chluich ann an stiùidio BBC ALBA a bhios ri fhaicinn air BBC iPlayer mar phàirt de chraoladh na fèise.
Thuirt Calum McConnell, Ceannard Coimiseanaidh BBC ALBA: “Tha an còmhnaidh ùidh againn ann an tàlant ùr ionadail agus mar sin tha e math cothrom a bhith againn an stoidhle sònraichte de cheòl roc aig Cameron a thaisbeanadh air prìomh àrd-ùrlar Fèis Tartan Heart Belladrum – gu h-àraidh leis an Fhèis a’ comharrachadh 20 bliadhna.
“Tha Belladrum na phrìomh thachartas nar clàr-ama de dh’fhèisean an t-samhraidh, agus tha sinn air bhioran a’ chuid as fheàrr dhen deireadh-sheachdain a thoirt gu luchd-amhairc air feadh na dùthcha, le taic-airgid bho MG ALBA. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ mheasgachadh de cheol agus ealain sgairteil air a bheil Belladrum ainmeil a chomharrachadh, agus a bhith a’ taisbeanadh fèis na bliadhna-sa gu ar luchd-amhairc nàiseanta.”
Thuirt Dougie Brown, riochdaire Fèis Belladrum: ‘Tha sinn air leth toilichte a bhith ann an com-pàirteachas le BBC ALBA le bhith a’ lorg tàlant ùr gus am prìomh àrd-ùrlar fhosgladh agus chan urrainn dhuinn feitheamh gus fàilte a chur air Camshron chun na fèise. Tha a bhith a’ toirt taic don ath ghinealach de luchd-ealain na Gàidhealtachd is nan Eilean aig cridhe Belladrum agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri faicinn mar a thèid dha Cameron!”
Chaidh cuireadh a thoirt do luchd-ciùil tagradh a chur a-steach gu muinntir BBC ALBA is Belladrum le bio agus ceangal ris a’ cheòl aca, le tagraidhean air am breithneachadh le panal de dh’eòlaichean, nam measg Megan NicGill-Fhaolain, preasantair a’ phrògram Rapal air BBC Radio nan Gàidheal agus an seinneadair agus neach-ciùil Julie Fowlis, cuide ri riochdairean Belladrum.
Chaidh a’ gheàrr-liosta an uair sin gu bhòt poblach air làrach-lìn Belladrum, le Camshron a’ dèanamh a’ chùis air na farpaisich eile – Ali MacPhàrlain (seinneadair is sgrìobhadair às an Eilean Sgitheanach), Scotstown Dance Band (buidheann indie-cèilidh à Taobh Siar na Gàidhealtachd), HJEM (còmhlan beòthail a rugadh agus a thogadh Inbhir Nis) agus El Sartel (còmhlan indie Albannach às an Eilean Sgitheanach is Loch Aillse).
Dhaibhsan nach urrainn a bhith an làthair aig Belladrum, bidh BBC ALBA a’ toirt a’ chuid as fheàrr den fhèis gu luchd-amhairc aig an taigh le craoladh beò air an deireadh-sheachdain, ri fhaicinn air BBC ALBA agus BBC iPlayer. Bidh sreath de phrògraman sònraichte a’ dol beò air BBC iPlayer bho Dhihaoine 26 Iuchar, le 33 seataichean beò bho mheasgachadh de luchd-ciùil bho Àrd-ùrlaran a’ Ghàrraidh agus Hot House, a bharrachd air seataichean acoustic dha BBC ALBA.
Coimhead beò no air iPlayer bho Dhiardaoin 25 Iuchar: Belladrum air BBC ALBA.
Tha BBC ALBA air còig ainmeachaidhean a chosnadh air geàrr-liostaichean Duaisean RTS Scotland na bliadhna-sa, tachartas cliùiteach a tha a’ toirt aithne do thàlant, sgilean agus cruthachas air leth ann an riochdachadh TBh Albannach. Thathar den bheachd gu bheil na duaisean seo nan slat-tomhais airson tàlant àrd-ìre ann an saoghal telebhisein.
Tha na h-ainmeachaidhean seo thairis air còig ghnèithean: Tachartas Beò, Aithriseachd agus Prògram Aithriseach agus Fìrinn Spèisealta: Ealain & Eachdraidh, Camara, Clann agus Neach-naidheachd Òg air a thaisbeanadh mar chuimhneachan air Seòras Mac na Ceàrdaich.
Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint MG ALBA:
“Tha e na theisteanas air inbhe àrd is cunbhalach de phrògraman a chaidh a chruthachadh airson BBC ALBA gun deach còig tagraidhean bho ghnèithean eadar-dhealaichteainmeachadh air geàrr-liostaichean airson Duaisean RTS Scotland am-bliadhna. Tha e gu sònraichte brosnachail a bhith a’ faicinn tàlant òga gan aithneachadh, le ainmeachaidheanairson an dà chuid, Hamish MacLeòid agus Ailean Peutan anns na raointean aca fhèin. A bharrachd air sin, tha sinn air leth toilichte gu bheilear ag aithneachadh ceòl beò agus prògraman chloinne air BBC ALBA mar fhianais den t-susbaint àrd-ìre a th’ againn air an t-seanail. Meal-a-naidheachd air a h-uile duine is buidheann a chaidh ainmeachadh air geàrr-liosta Duaisean RTS Scotland 2024. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faighinn a-mach na toraidhean sna seachdainean a tha romhainn.”
Seo an liosta slàn de phrògraman BBC ALBA air geàrr-liostaichean Duaisean RTS Scotland:
• Tachartas Beò | Cuirm @ Celtic : Celtic Connections aig 30 | Stiùidio Beezr
• Prògram Aithriseach agus Fìrinn Spèisealta: Ealain & Eachdraidh: Bill agus an Spitfire | Corcadal Productions
• Camara | Hamish MacLeòid | Dàna: Scotland’s Wild Side | Solus Productions
• Clann | An Sgoil: Series 1 | Jamie Kieran, Sarah NicFhionghain, Calum MacDhòmhnaill, Ellen NicDhòmhnaill | BBC Scotland Productions
• Neach-naidheachd òg air a thaisbeanadh mar chuimhneachan air Seòras Mac na Ceàrdaich | Ailean Peutan
Gheibhear liosta slàn nan ainmeachaidhean an seo.
Thèid na buannaichean ainmeachadh aig cuirm dhuaisean le Shereen Cutkelvin agus Sanjeev Kohli aig an stiùir, air Diardaoin 13mh den t-Ògmhios, aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu.