Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

BBC Radio nan Gàidheal air dà dhuais a bhuannachadh aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2016

27 Giblean 2016

GÀIRDEACHAS RADIO NAN GÀIDHEAL AIR DUAISEAN FÈIS NAM MEADHANAN CEILTEACH

Tha BBC Radio nan Gàidheal air dà dhuais a bhuannachadh aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2016, a thàinig gu crìoch ann an Dùngàrbhan air an deireadh sheachdain a chaidh.

Bhuannaich am prògram Spòrs na Seachdain, a tha ga chraoladh gach seachdain, an duais airson Prògram Spòrs as Fheàrr, le Mire ri Mòir a’ buannachadh an duais Prògram Ciùil Radio As Fheàrr airson a’ chèilidh a chaidh a chraoladh air an là mu dheireadh de Mhòd 2015 san Òbain.

Thuirt Marion NicFhionghain Stiùiriche Deasachaidh BBC Gàidhlig: “Tha sinn gu math toilichte an dà dhuais seo a bhuannachadh a bhios a’ toirt aithne do na preseantairean agus na sgiobaidhean agus cho cruthachail agus dìcheallach ’s a tha iad agus cuideachd cho làidir ’s a tha na ceanglaichean eadar iad agus na coimhearsnachdan.”

Chaidh barrachd air 500 iarrtas a chur a-steach airson fèis na bliadhna-sa, bho na diofair dhùthchannan Ceilteach agus thèid Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2017 a chumail airson a’ chiad uair a-riamh air Eilean Mhanainn.