Le clàr làn phrògraman beò dibhearsain agus spòrs air BBC ALBA, barrachd na bha air an t-seanail a-riamh, tha rudeigin ann airson a h-uile duine.
Thàinig luchd-lìbhrigidh Joy Dunlop, Fiona NicChoinnich agus Màiri Anna NicUalraig còmhla gus na prògraman ùra a chomharrachadh.
Dhaibhsan a tha dèidheil air ceòl tha deagh dheireadh-sheachdain air fàire le Joy Dunlop is Brus MacGriogair a’ toirt thugaibh Neach-Ciùil Traidiseanta Òg 2020 BBC Radio Scotland, beò à Talla Bhaile Ghlaschu.
Bidh sianar luchd-ciùil òga a’ cluich beò sa chuairt-deireannach ann am farpais a bhios a’ cuideachadh le crìoch a chuir air Celtic Connections 2020 agus thèid am buannaiche ainmeachadh air an oidhche.
A’ farpais am-bliadhna tha seinneadairean Josie Duncan à Leòdhas agus Cameron Nixon à Obar Dheathain, cuide ri Pàdruig Moireasdan à Uibhist air a’ bhocsa, Ali Levack à Inbhir Pheofharain air an fheadag agus a’ phìob, Mhàiri MacKinnon à Siorrachd Pheairt air an fhidheall agus Calum McIlroy à Siorrachd Obar Dheathain a bhios a’ seinn agus a’ cluich a’ mhandoilin agus a’ ghiotàr.
Bidh BBC Radio Scotland agus BBC ALBA a’ craoladh an tachartais aig an aon àm aig 5.05f air 2 Gearran.
Bha Fiona NicChoinnich a’ lìbhrigeadh a’ phrògraim chòmhraiteach Nochd air BBC ALBA, beò thairis air Celtic Connections, leis an t-sreath fhathast ri fhaicinn air BBC iPlayer. Thèid am prògram mu dheireadh, a’ coimhead air ais air an fhèis, a-mach air Disathairne 1 Gearran.
Tha taghadh ciùil Celtic Connections ri thighinn cuideachd leis an t-sreath Seirm a’ tòiseachadh air Disathairne 8 Gearran. Air a lìbhrigeadh le Màiri Anna NicUalraig, chaidh a chlàradh air beulaibh luchd-amais aig na Arches ann an Glaschu agus chithear ceòl beothail bhon fhèis air fad.
Tha tuilleadh craoladh beò ri thighinn le spòrs agus Sia Nàiseanan nam Ban, air a lìbhrigeadh le Iona Whyte, a’ tòiseachadh air Didòmhnaich 2 Gearran le Èirinn an aghaidh Alba.vBidh Alba an uair sin a’ cluich an aghaidh Sasainn aig Scotsoun air Disathairne 9 Gearran; na h-Eadailt air Didòmhnaich 23 Gearran, an Fhraing air Disathairne 4 Màrt agus a’ Chuimrigh air Didòmhnaich 15 Màrt.
Bidh BBC ALBA cuideachd a’ craoladh an iar-chuairt dheireannach bho Chùpa Dùbhlain an SPFL le Partick Thistle an aghaidh Raith Rovers air 14 Gearran agus Inverness Caledonian Thistle an aghaidh Rangers Colts air Didòmhnaich 16 Gearran, leis a’ chuairt dheireannach ri thighinn aig deireadh a’ Mhàirt.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC:
“Tha BBC ALBA air a bhith cho soirbheachail le bhith a’ craoladh phrògraman beò. Mar eisimpleir tha fèill mhòr air Cèilidh na Bliadhn’ Ùire gach bliadhna agus tha sinn air a bhith a’ sealltainn spòrs beò aig àrd ìre mar Chupa Cruinne nam Ban an-uiridh agus Sia Nàiseanan nam Ban airson dà bhliadhna a-nis. Tha daoine a’ tighinn gu BBC ALBA gu faic iad susbaint nach fhaic iad ann an àite sam bith eile.”