Dèan Deiseil airson na Nollaig le BBC ALBA

Rionnagan agus prògraman na Nollaig air fhoillseachadh

Tha Cathy NicDhòmhnaill, Coinneach MacLeòid (The Hebridean Baker) agus Anna NicAilpein am measg an fheadhainn a bhios a’ toirt cuireadh do luchd-amhairc a bhith deiseil airson àm na Nollaig le BBC ALBA agus iad a’ nochdadh clàr sònraichte airson àm na Nollaig agus a’ Bhliadhn’ Ùr 2023.

’S e BBC ALBA am prìomh àite airson na Nollaig a chomharrachadh le rudeigin ann airson a h-uile duine thairis air àm na Nollaig agus a’ Bhliadhn’ Ùr.

Ann an cuideachd rionnagan na Gàidhlig, tha an clàr làn de phrògraman a bhios a’ toirt tlachd don a h-uile duine thairis air na saor-làithean, le measgachadh tarraingeach de sgeulachdan brosnachail, pearsanta, agus prògraman a bhios a’ togail cridhe.  Dè a’ chòrr a dh’iarradh tu!

Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint aig MG ALBA: “Am-bliadhna, chan ann dìreach mu fealla-dhà a tha na prògraman againn; tha iad nan comharrachadh air a h-uile càil a tha aig Alba ri thabhann. Bho sgeulachdan mu dhaoine agus àiteachan àlainn air feadh na dùthcha, tha an clàr làn de phrògraman a tha a’ gealltainn sealladh eadar-mheasgte agus tarraingeach.

“Le rionnagan den tàlant as ainmeil agus iadsan a tha a’ tighinn am bàrr ann an Alba, tha sinn a’ cur fàilte chridheil air an dà chuid luchd-amhairc ùr agus luchd-amhairc a tha a’ tilleadh thugainn a thighinn còmhla ri BBC ALBA gus gabhail ris a’ chultar bheothail againn agus eòlas fhaighinn air ar rionnagan.”

Tha prògram sònraichte Alleluia na Nollaig (24 Dùbhlachd, 11f) air a lìbhrigeadh le Iain MacFhionghain, a’ comharrachadh 100 bliadhna de chraoladh Gàidhlig le leughaidhean, meòrachadh agus laoidhean. Tha seo a’ leantainn Tuath Cheòl (24 Dùbhlachd, 9f) – sreath ùr tasglainn leis an t-seinneadair Ruairidh Gray le prìomh thachartasan bhon t-sreath ainmeil de cheòl dùthchail is Gàidhlig bho na 90an a chaidh a chlàradh aig an Grand Ole Opry; agus Geamannan nan Eilean (23 Dùbhlachd, 7.30f) a bhios a’ toirt sùil air ais air na thachair aig Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean ann an Guernsey am-bliadhna.

Tha Là na Nollaig a’ tabhann dà phrògram shònraichte cùl ri cùl le Bill agus an Spitfire – Bill and the Spitfire (8.30f) a bhios a’ leantainn Bill Innes, aois 90, air an t-slighe aige a’ feuchainn a dhol suas dha na speuran ann an Spitfire; le cuireadh an uair sin aig an luchd-amhairc a thighinn air cùlaibh chùisean le The Hebridean Baker – Bèicear nan Eilean (9f).

Cuideachd air Là na Nollaig, bidh an dràma goirid ùr Cur is Dlùth – Cloe, Warp and Weft (6f) a’ leantainn turas cunnartach aig nighean òg gus aonachd teaghlaich a ruighinn agus àm ri teachd dathach; agus tha Mia, a tha 11 bliadhna a dh’aois, a’ faighinn a miann a bhith a’ marcachd air asal an teaghlaich air tràighean Leòdhais anns an prògram aithriseachd ghoirid, Mia agus Jimmy an t-Asal – Mia and Jimmy the Donkey (6.40f).

An latha às dèidh na Nollaig, bidh Hugh Dan (26 Dùbhlachd, 9f) a’ leantainn fear de na craoladairean spòrs as aithnichte ann an Alba. Tha Ùisdean MacIllinnein, fear de na guthan as aithnichte ann

an craoladh spòrs na h-Alba, a’ crochadh a’ mhaicreafòn aige ris an teine às dèidh dà fhichead bliadhna agus tha am prògram a’ comharrachadh beatha-obrach agus beatha phearsanta Hugh Dan MacIllinnein.  Tha Ramsay MacMahon a’ dèanamh gàirdeachas ri gnothaichean Nollaig ann an Vienna ann am Mach à Seo! An Roinn Eòrpa (10f). Bidh Ramsay ag ithe is ag òl na tha ri fhaighinn aig margaidhean na Nollaige agus cafaidhean ionadail fhad ’s a tha e ag ionnsachadh mu sheann thraidiseanan.

Cuideachd, tha rudeigin againn airson an teaghlach air fad le tionndadh ùr Gàidhlig den fhilm ainmeil Creag nam Buthaidean agus na Caraidean Ùra – Puffin Rock and the New Friends (5f) far am bi Oona, Baba is caraidean a’ feuchainn ri ugh a tha a dhìth a thoirt gu sàbhailteachd mus tèid a chall.

A’ coimhead air adhart gu 2024 le fòcas làidir air ceòl, tha Peat & Diesel a’ toirt cuireadh do luchd-amhairc a thighinn còmhla riutha air chuairt thairis air dà phrògram làn ceòl is fealla-dhà (28 Dùbhlachd agus 1 Faoilleach aig 9f); fhad ‘s a tha Fuaim na Fèise – Scotland’s Festivals (30 Dùbhlachd, 9f), a’ toirt sùil chianail air eachdraidh 50 bliadhna fèisean ciùil na h-Alba. A’ sgrùdadh cuid de na tachartasan as fheàrr ann an 2023, bidh an neach-ciùil Iain “Spanish” MacAoidh a’ coinneachadh ris an luchd-ciùil, an luchd-eagrachaidh agus an luchd-leantainn gus faighinn a-mach dè dha-rìribh a tha a’ cur ri blas is faireachdainn fèisean an latha an-diugh.

Thèid fàilte a chur air a’ Bhliadhn’ Ùr le Cèilidh na Bliadhn’ Ùire (31 Dùbhlachd, bho 11.30f), le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach a’ cumail a’ chèilidh a’ dol beò à Seann Talla Bhaile Ghobhainn le ceòl bho Tide Lines, Glenfinnan Cèilidh Band, Raonaid Nic an Fhùcadair, Mischa Nic a’ Phearsain, Darren MacIlleathain, Fionnlagh Dòmhnallach agus Còisir Binneas, air a stiùireadh le John Joe MacNèill.

Tha am pàrtaidh a’ leantainn gu 2024 leis an t-streath ùr den dràma An Clò Mòr (8 Faoilleach, 9f). Tha an dàrna sreath gu bhith a’ soilleireachadh oidhcheannan a’ gheamhraidh, a’ gealltainn barrachd dràma – agus àrd fhasan – an aghaidh cùl-raon eireachdail nan Eilean Siar.

Tha an ceathramh prògram de Dhruthag na Hearadh – A little drop of Harris (31 Dùbhlachd, 8.30f) a’ tadhal air Taigh-staile na Hearadh agus a’ chiad uisge-beatha aca a’ dol air a’ mhargaid, faisg air ochd bliadhna às dèidh a’ chiad spiorad a bhith air a dhèanamh; agus bidh Ceòl Sìth (31 Dùbhlachd, 9f) a’ leantainn turas inntinneach an neach-ciùil Ingrid NicEanraig tro shaoghal draoidheil nan sìthichean agus beul-aithris na h-Alba. Anns a’ chiad fhear ann an sreath ùr de ochd phrògraman suidhichte ann an dùthaich eireachdail na h-Alba, chithear Ramsay MacMahon còmhla ri ochdnar aoighean airson cuairt agus iad a’ meòrachadh air beatha, gaol, nàdar agus call ann an Rathad Ramsay (gach Disathairne aig 8f bho 6 Faoilleach).

Coimhead air BBC ALBA agus BBC iPLAYER thairis air na saor-làithean, leis a h-uile prògram ri fhaighinn air làrach-lìn BBC ALBA.

Tha Nollaig air tighinn tràth airson FilmG

Tha Nollaig air tighinn tràth airson FilmG, farpais nam filmichean goirid Gàidhlig, leis an àireamh as motha de dh’iarrtasan bho fhilmeadairean air feadh na h-Alba agus nas fharsainge. 

Gu h-iomlan, chaidh 162 film a chuir a-steach thairis air farpaisean 2023, a’ ciallachadh gu bheil an àireamh as motha de thagraidhean ann on chaidh a stèidheachadh ann an 2008. 

Tha FilmG ag iarraidh air filmeadairean de gach aois filmichean goirid a chruthachadh sa Ghàidhlig stèidhichte air cuspair eadar-dhealaichte gach bliadhna, ’s e ‘Mo Shealladh’ cuspair na bliadhna-sa. Bidh an fharpais, na bùthan-obrach agus na tachartasan aca a’ brosnachadh leasachadh sgeulaichean Gàidhlig, a’ toirt slighe do fhilmeadairean ùra a dhol a-steach do shaoghal nam meadhanan Gàidhlig.  

Thuirt Megan Dale, Manaidsear Pròiseict FilmG: 

’S e seo an dàrna bliadhna a tha Astar air a bhith an sàs ann am FilmG, agus b’ e ar n-amas cothrom a thoirt do dhaoine film goirid Gàidhlig a chruthachadh agus na farpaisean a dhèanamh cho tarraingeach ’s a ghabhas do dhaoine òga. Ag obair còmhla ri eòlaichean gnìomhachais, chuir sinn air dòigh còrr air 50 bùth-obrach FilmG ann an Alba agus nas fhaide air falbh, a’ toirt innealan agus misneachd do choimhearsnachdan agus sgoiltean an sgeulachdan fhèin innse tro na filmichean goirid aca. 

Seo an àireamh as motha de bhùthan-obrach a rinn FilmG a-riamh, agus chì thu a’ bhuaidh a th’ aig na bùthan-obrach seo air càileachd agus àireamh thagraidhean FilmG. Bidh tòrr de luchd-ainmichte agus buannaichean FilmG a’ dol air adhart gu bhith ag obair gu proifeiseanta taobh a-staigh gnìomhachas film agus TBh, agus mar sin tha e na mhisneachd a bhith faicinn a leithid de mhiann airson sgeulachdan Gàidhlig. Tha coltas gu math soilleir air àm ri teachd nam meadhanan Gàidhlig.” 

Thuirt Alison Dhòmhnallach, Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean:    

“Meal an naidheachd air a h-uile filmeadair a chuir iarrtas a-steach airson FilmG am-bliadhna. Tha an ìre fìor àrd agus tha e math tagraidhean fhaicinn bho air feadh na h-Alba. Tha sinn cuideachd air tagraidhean fhaighinn bho Eilean Mhanainn agus Canada, a’ sealltainn gu bheil barrachd ùidh eadar-nàiseanta agus a’ daingneachadh ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig thall thairis. Gun teagamh, ’s e cuirm dhuaisean FilmG16 an tè as motha gu ruige seo agus chan urrainn dhuinn feitheamh gus tàlant nam meadhanan Gàidhlig a chomharrachadh còmhla ri caraidean agus co-obraichean sa Ghearran 2024.” 

Tha sgioba FilmG a’ dol tro na tagraidhean mus bi iad rim faicinn air làrach-lìn FilmG nas fhaide air a’ mhìos. Taghaidh pannal de bhritheamhan neo-eisimeileach an uair sin na geàrr-liostaichean de luchd-ainmichte san Fhaoilleach 2024, le buannaichean gan ainmeachadh aig duaisean FilmG ann an Glaschu air Dihaoine, 23 Gearran 2024.