Chaidh Camshron Fearghasdan ainmeachadh mar neach-fosglaidh fèis Bhelladrum Tartan Heart na bliadhna-sa, às deidh dha farpais tàlant a bhuannachadh a chaidh a chuir air dòigh ann an co-bhonn le BBC ALBA.
Thàinig BBC ALBA agus Fèis Chiùil Belladrum còmhla gus cuid den tàlant ciùil as fheàrr ann an Alba a lorg air a’ mhìos sa chaidh, le luchd-ealain bho air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ cur a-steach iarrtas leis an obair as fheàrr aca gus slot a bhuannachadh air prìomh àrd-ùrlar Bhelladrum. Às deidh pròiseas breithneachaidh teann gus an gearr-liosta de thàlant ùr a lùghdachadh gu chòignear, chaidh an neach-ciùil is sgrìobhadair a rugadh ann am Baile Dhubhthaich, Camshron Fearghasdan, a thaghadh tro bhòt poblach airson an fhèis fhosgladh san 20mh ceann-bliadhna aice.
Bho dheireadh 2022, tha Camshron (19) a tha stèidhichte ann an Arabella agus an còmhlan aige – Camshron Hill (19) a tha stèidhichte ann an Glaschu, Calum MacDhonnchaidh (19 à Lannraig), Jamie MacAoidh (26) a tha stèidhichte ann an Alanais agus Dàibhidh Bromham (19), a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis – air a’ thighinn a-steach do shaoghal ciùil na h-Alba le brag, an dèidh dhaibh cluich air àrd-ùrlaran cliùiteach, leithid King Tuts ann an Glaschu. Gus crìoch a chuir air 2023, thug Camshron Fearghasdan taic do rionnagan Ghlaschu Declan Welsh and the Decadent West às deidh an cuirm-chiùil Barrowlands aca, nuair a reic iad na tiocaidean air fad.
A’ comharrachadh 20 bliadhna de Belladrum – agus an taic maireannach a tha i air cumail ri luchd-ciùil Albannach – tha am farpais a’ toirt spiorad na fèise teaghlaich beò, le na tàlantan ‘homegrown in the Highlands and Islands’ as fheàrr a-nis a’ faighinn cothrom am prìomh àrd-ùrlar fhosgladh Diardaoin 25 Iuchar, a’ fosgladh deireadh-seachdain làn ciùil is ealain beò.
Mar phàirt den fhèis bhliadhnail tha sàr luchd-ciùil, luchd-comadaidh, cabaret, facal labhairteach, dannsa, drag is carachd, le Camshron a-nis gu bhith air an àrd-ùrlar le rionnagan leithid Deacon Blue, Seumas Arthur, Twin Atlantic agus Sugababes.
Thuirt Camshron Fearghasdan: “Tha ar cridheachan làn leis na tha sinn air fhaighinn de thaic ri linn na bhòt poblach. Tha e air iongnadh mhòr a chur oirnn. Gaol mòr dhan a h-uile duine a thug bhòt dhuinn, cha bhiodh e air a bhith comasach às ur n-aonais. Cuideachd, taing mhòr dha BBC ALBA agus sgioba Belladrum airson an cothrom. Mar neach-ciùil às a’ Ghàidhealtachd, tha mi a’ faireachdainn uabhasach moiteil a bhith a’ fosgladh Àrd-ùrlar Hot House am bliadhna.
“Tha mi-fhìn ‘s an còmhlan air bhioran agus chan urrainn dhomh feitheamh gus roc ‘n’ roll dùthchasach bhon Ghàidhealtachd a thaisbeanadh.”
Bidh cothrom aig Camshron cuideachd seataichean acoustic a chluich ann an stiùidio BBC ALBA a bhios ri fhaicinn air BBC iPlayer mar phàirt de chraoladh na fèise.
Thuirt Calum McConnell, Ceannard Coimiseanaidh BBC ALBA: “Tha an còmhnaidh ùidh againn ann an tàlant ùr ionadail agus mar sin tha e math cothrom a bhith againn an stoidhle sònraichte de cheòl roc aig Cameron a thaisbeanadh air prìomh àrd-ùrlar Fèis Tartan Heart Belladrum – gu h-àraidh leis an Fhèis a’ comharrachadh 20 bliadhna.
“Tha Belladrum na phrìomh thachartas nar clàr-ama de dh’fhèisean an t-samhraidh, agus tha sinn air bhioran a’ chuid as fheàrr dhen deireadh-sheachdain a thoirt gu luchd-amhairc air feadh na dùthcha, le taic-airgid bho MG ALBA. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ mheasgachadh de cheol agus ealain sgairteil air a bheil Belladrum ainmeil a chomharrachadh, agus a bhith a’ taisbeanadh fèis na bliadhna-sa gu ar luchd-amhairc nàiseanta.”
Thuirt Dougie Brown, riochdaire Fèis Belladrum: ‘Tha sinn air leth toilichte a bhith ann an com-pàirteachas le BBC ALBA le bhith a’ lorg tàlant ùr gus am prìomh àrd-ùrlar fhosgladh agus chan urrainn dhuinn feitheamh gus fàilte a chur air Camshron chun na fèise. Tha a bhith a’ toirt taic don ath ghinealach de luchd-ealain na Gàidhealtachd is nan Eilean aig cridhe Belladrum agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri faicinn mar a thèid dha Cameron!”
Chaidh cuireadh a thoirt do luchd-ciùil tagradh a chur a-steach gu muinntir BBC ALBA is Belladrum le bio agus ceangal ris a’ cheòl aca, le tagraidhean air am breithneachadh le panal de dh’eòlaichean, nam measg Megan NicGill-Fhaolain, preasantair a’ phrògram Rapal air BBC Radio nan Gàidheal agus an seinneadair agus neach-ciùil Julie Fowlis, cuide ri riochdairean Belladrum.
Chaidh a’ gheàrr-liosta an uair sin gu bhòt poblach air làrach-lìn Belladrum, le Camshron a’ dèanamh a’ chùis air na farpaisich eile – Ali MacPhàrlain (seinneadair is sgrìobhadair às an Eilean Sgitheanach), Scotstown Dance Band (buidheann indie-cèilidh à Taobh Siar na Gàidhealtachd), HJEM (còmhlan beòthail a rugadh agus a thogadh Inbhir Nis) agus El Sartel (còmhlan indie Albannach às an Eilean Sgitheanach is Loch Aillse).
Dhaibhsan nach urrainn a bhith an làthair aig Belladrum, bidh BBC ALBA a’ toirt a’ chuid as fheàrr den fhèis gu luchd-amhairc aig an taigh le craoladh beò air an deireadh-sheachdain, ri fhaicinn air BBC ALBA agus BBC iPlayer. Bidh sreath de phrògraman sònraichte a’ dol beò air BBC iPlayer bho Dhihaoine 26 Iuchar, le 33 seataichean beò bho mheasgachadh de luchd-ciùil bho Àrd-ùrlaran a’ Ghàrraidh agus Hot House, a bharrachd air seataichean acoustic dha BBC ALBA.
Coimhead beò no air iPlayer bho Dhiardaoin 25 Iuchar: Belladrum air BBC ALBA.
Thèid An t-Eilean a riochdachadh le Black Camel Pictures
Chaidh a chruthachadh le Nicholas Osborne agus a cho-sgrìobhadh le Patsi NicChoinnich
’S e Tom Sullivan an stiùiriche
Tha BBC ALBA air an t-sreath dràma Gàidhlig as motha agus as cliùitiche ann an eachdraidh na seanail a choimiseanadh.
Le buidseat de chòrr is £1millean gach prògram, ’s e dràma àrd-amasach, ceithir-phàirteach a bheir dràma Gàidhlig air feadh an t-saoghail an th’ anns An t-Eilean. Thàinig an sgeulachd fìor tharraingeach bhon sgrìobhadair/neach-cruthachaidh, Nicholas Osborne (Remember Me agus License to Wed) ag obair cuide ris a’ cho-sgrìobhadair, Patsi NicChoinnich (Buidheagain agus An Clò Mòr).
Air a riochdachadh le Black Camel Pictures, (a riochdaich an t-sreath TBh ainmeil, Annika agus a th’ air duais BAFTA a bhuannachadh) agus air a stiùireadh le Tom Sullivan (aithnichte airson an fhilm Arracht), thèid An t-Eilean a chraoladh gu h-eadar-nàiseanta le taic bho MG ALBA agus bhon bhuidheann-sgaoilidh, All3Media International. Chaidh An t-Eilean a’ leasachadh le taic bho Sgrìn Alba.
’S e sgeulachd eucoir suidhichte ann an Innse Gall a th’ anns An t-Eilean. Tha e a’ leantainn teaghlach tro rannsachadh muirt am màthair a chaidh a lorg marbh ann an caisteal an teaghlaich. Tha a cuid cloinne, a tha a-nis nan inbhich, a’ tilleadh dhachaigh agus an athair fo cheasnachadh mu a bàs.
Thuirt Bill Macleòid, neach-deasachaidh coimiseanaidh aig BBC ALBA: “Bidh An t-Eilean buadhmhor dha BBC ALBA – leis a’ bhuidseat as motha, ’s e an dràma TBh as cliùitiche againn gu ruige seo.”
“Tha sinn an-dràsta a’ taghadh chleasaichean agus àiteachan àlainn airson filmeadh gus an sgeulachd sgoinneil Gàidhlig seo a thoirt beò do luchd-amhairc air feadh na cruinne”.
Tha dùil gun tòisich filmeadh ann an eileanan àlainn nan Eilean Siar as t-Earrach 2024. Thig tuilleadh fiosrachaidh mu na cleasaichean a bhios san t-sreath a dh’aithghearr.
Thuirt Arabella Page Croft, Àrd-Riochdaire aig Black Camel Pictures: “Tha sinn air leth pròiseil a bhith a’ riochdachadh An t-Eilean, sreath dràma TBh àrd-amasach eile bho Black Camel agus a’ chiad sreath dràma Gàidhlig aig fìor àrd ìre a chaidh a dhèanamh ann an Alba!
“Tha e air a bhith na thoileachas agus na bhrosnachadh dhuinn am pròiseact gaoir-sgeul seo a leasachadh còmhla ri BBC ALBA agus tha sinn air bhioran gus an tòisich filmeadh ann an eileanan àlainn Leòdhais agus na Hearadh an ath mhìos.”
’S dòcha gu bheil cuid agaibh a’ coimhead air adhart ri na Baftas agus Oscars, ach tha coimhearsnachdan Gàidhlig trang ag ullachadh airson an oidhche film Gàidhlig as motha den bhliadhna: na Duaisean FilmG.
Tha còrr air 50 film air na geàrr-liostaichean airson Duaisean FilmG; oidhche a bhios a’ comharrachadh nan sgeulaichean agus nam filmeadairean Gàidhlig as fheàrr ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Bidh buannaichean air an crùnadh ann an roinnean leithid an Cluiche as Fheàrr, Coltas as Fheàrr, Sàr-dhuais Teicnigeach agus an duais chliùiteach airson am Film as Fheàrr.
Air thoiseach le ceithir ainmeachaidhean san fharpais -18 tha ‘A Bheil Thu An Sin?’, dràma saidhgeòlach leis a’ bhuidheann neo-eisimeileach ùr, Lost Rollerskate Pictures, bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Anns an fharpais 18+, tha ‘Blàr nan Gàidheal’ aig a’ charthannas Inbhir Nis FC Sonas, a tha ag innse sgeulachd a’ chiad gheama ball-coise oifigeil ann an Gàidhlig, le ceithir ainmeachaidhean, air a leantainn gu dlùth le Tormod MacLeòid, a tha stèidhichte ann an Eilean Leòdhais, ‘An Tiodhlaiceadh’ (le trì ainmeachaidhean).
Le obair nam britheamhan a-nis deiseil, ‘s e Duaisean Roghainn FilmG na h-aon roinnean fhathast ri cho-dhùnadh, le bhòt phoblach airson nan roinnean sin fhathast fosgailte gu meadhan oidhche, 2 Gearran. Faodar bhòtaichean a chuir a-steach air-loidhne leis a’ phoball aig www.FilmG.co.uk.
Thuirt Rachel Kennedy, Britheamh FilmG agus rionnag an t-sreath dràma ainmeil An Clò Mòr air BBC ALBA:
“’S e bliadhna air leth a th’ air a bhith ann airson FilmG, le còrr air 160 tagradh – an àireamh as àirde de fhilmichean bho thòisich an fharpais. Tha am miann airson na farpais sgoinneil, ach tha e a’ fàgail ar n-obair mar bhritheamhan uabhasach duilich leis gu bheil uimhir de thàlant ann. Thathas air beachdachadh gu faiceallach air a’ gheàrr-liosta againn agus tha e a’ taisbeanadh nam filmeadairean Gàidhlig as fheàrr a tha stèidhichte air riochdachadh, comas teicnigeach, agus seanchas. Bho sàr-sgilean beò-dhealbhaidh gu prògraman aithriseach faireachail; tha an ìre àrd de thàlant, cruthachaileachd, agus oidhirp air a bhith follaiseach anns a h-uile film air a’ gheàrr-liosta agus tha iad uile airidh air a bhith sa chuairt dheireannaich.”
Thuirt Megan Dale, Manaidsear Pròiseict FilmG:
“B’ e ‘Mo Shealladh’ cuspair na bliadhna-sa agus ghabh a h-uile duine seo tro bhith a’ taisbeanadh nan diofar sheallaidhean aca. Tha na filmichean air a’ gheàrr-liosta a’ nochdadh tuigse dhomhainn air sealladh agus cho cudromach ‘s a tha e èisteachd ri iomadach guth na h-Alba. Tha an luchd-ainmichte fhèin a’ riochdachadh diofar sheallaidhean bho air feadh na h-Alba, a’ gabhail a-steach Inbhir Theòrsa, Port Rìgh, Glaschu, Na Hearadh, Leòdhas, Dùn Omhain, agus Inbhir Nis. Gu tric, nuair a smaoinicheas sinn air gnìomhachas nam film, bidh sinn a’ smaoineachadh air Lunnainn no Glaschu, ach tha FilmG a’ sealltainn gu bheil beairteas de thàlant ri lorg anns gach ceàrnaidh de dh’Alba (agus nas fhaide air falbh) agus gu bheil e cudromach na guthan sin a bhrosnachadh gu bhith air an cluinntinn.”
Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Manaidsear Clàr-phrògraman aig MG ALBA:
“Meal an naidheachd air a h-uile neach-ainmichte am-bliadhna – tha e mìorbhaileach a bhith faicinn taghadh cho eadar-mheasgte de sgeulachdan agus a bhith ag aithneachadh an sgil, an tàlant, agus an oidhirp mhòr theicnigeach a bheir e gus an toirt beò. Tha oidhche nan Duaisean na àite far an tèid an tàlant seo aithneachadh agus tha mi air bhioran faicinn cò a thèid a chrùnadh mar bhuannaichean FilmG air 23 Gearran. Airson a’ chiad uair a-riamh, tha filmeadairean à Eilean Mhanainn agus Canada air a’ gheàrr-liosta, a’ sealltainn ruigsinneachd eadar-nàiseanta farpais nam film Gàidhlig. Tha sinn an dòchas leantainn air adhart a’ leasachadh ceanglaichean thar-nàiseanta FilmG agus a’ toirt taic do fhilmeadairean tàlantach a tha a’ nochdadh air feadh Alba.”
Thèid Duaisean FilmG a chumail air 23 Gearran ann an Audrium Laomainn, SEC ann an Glaschu. Thèid na duaisean a chraoladh beò air YouTube le prògram gu bhith air a chraoladh dà latha às dèidh sin air BBC ALBA (Didòmhnaich 25 Gearran.)
Rionnagan agus prògraman na Nollaig air fhoillseachadh
Tha Cathy NicDhòmhnaill, Coinneach MacLeòid (The Hebridean Baker) agus Anna NicAilpein am measg an fheadhainn a bhios a’ toirt cuireadh do luchd-amhairc a bhith deiseil airson àm na Nollaig le BBC ALBA agus iad a’ nochdadh clàr sònraichte airson àm na Nollaig agus a’ Bhliadhn’ Ùr 2023.
’S e BBC ALBA am prìomh àite airson na Nollaig a chomharrachadh le rudeigin ann airson a h-uile duine thairis air àm na Nollaig agus a’ Bhliadhn’ Ùr.
Ann an cuideachd rionnagan na Gàidhlig, tha an clàr làn de phrògraman a bhios a’ toirt tlachd don a h-uile duine thairis air na saor-làithean, le measgachadh tarraingeach de sgeulachdan brosnachail, pearsanta, agus prògraman a bhios a’ togail cridhe. Dè a’ chòrr a dh’iarradh tu!
Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint aig MG ALBA: “Am-bliadhna, chan ann dìreach mu fealla-dhà a tha na prògraman againn; tha iad nan comharrachadh air a h-uile càil a tha aig Alba ri thabhann. Bho sgeulachdan mu dhaoine agus àiteachan àlainn air feadh na dùthcha, tha an clàr làn de phrògraman a tha a’ gealltainn sealladh eadar-mheasgte agus tarraingeach.
“Le rionnagan den tàlant as ainmeil agus iadsan a tha a’ tighinn am bàrr ann an Alba, tha sinn a’ cur fàilte chridheil air an dà chuid luchd-amhairc ùr agus luchd-amhairc a tha a’ tilleadh thugainn a thighinn còmhla ri BBC ALBA gus gabhail ris a’ chultar bheothail againn agus eòlas fhaighinn air ar rionnagan.”
Tha prògram sònraichte Alleluia na Nollaig (24 Dùbhlachd, 11f) air a lìbhrigeadh le Iain MacFhionghain, a’ comharrachadh 100 bliadhna de chraoladh Gàidhlig le leughaidhean, meòrachadh agus laoidhean. Tha seo a’ leantainn Tuath Cheòl (24 Dùbhlachd, 9f) – sreath ùr tasglainn leis an t-seinneadair Ruairidh Gray le prìomh thachartasan bhon t-sreath ainmeil de cheòl dùthchail is Gàidhlig bho na 90an a chaidh a chlàradh aig an Grand Ole Opry; agus Geamannan nan Eilean (23 Dùbhlachd, 7.30f) a bhios a’ toirt sùil air ais air na thachair aig Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean ann an Guernsey am-bliadhna.
Tha Là na Nollaig a’ tabhann dà phrògram shònraichte cùl ri cùl le Bill agus an Spitfire – Bill and the Spitfire (8.30f) a bhios a’ leantainn Bill Innes, aois 90, air an t-slighe aige a’ feuchainn a dhol suas dha na speuran ann an Spitfire; le cuireadh an uair sin aig an luchd-amhairc a thighinn air cùlaibh chùisean le The Hebridean Baker – Bèicear nan Eilean (9f).
Cuideachd air Là na Nollaig, bidh an dràma goirid ùr Cur is Dlùth – Cloe, Warp and Weft (6f) a’ leantainn turas cunnartach aig nighean òg gus aonachd teaghlaich a ruighinn agus àm ri teachd dathach; agus tha Mia, a tha 11 bliadhna a dh’aois, a’ faighinn a miann a bhith a’ marcachd air asal an teaghlaich air tràighean Leòdhais anns an prògram aithriseachd ghoirid, Mia agus Jimmy an t-Asal – Mia and Jimmy the Donkey (6.40f).
An latha às dèidh na Nollaig, bidh Hugh Dan (26 Dùbhlachd, 9f) a’ leantainn fear de na craoladairean spòrs as aithnichte ann an Alba. Tha Ùisdean MacIllinnein, fear de na guthan as aithnichte ann
an craoladh spòrs na h-Alba, a’ crochadh a’ mhaicreafòn aige ris an teine às dèidh dà fhichead bliadhna agus tha am prògram a’ comharrachadh beatha-obrach agus beatha phearsanta Hugh Dan MacIllinnein. Tha Ramsay MacMahon a’ dèanamh gàirdeachas ri gnothaichean Nollaig ann an Vienna ann am Mach à Seo! An Roinn Eòrpa (10f). Bidh Ramsay ag ithe is ag òl na tha ri fhaighinn aig margaidhean na Nollaige agus cafaidhean ionadail fhad ’s a tha e ag ionnsachadh mu sheann thraidiseanan.
Cuideachd, tha rudeigin againn airson an teaghlach air fad le tionndadh ùr Gàidhlig den fhilm ainmeil Creag nam Buthaidean agus na Caraidean Ùra – Puffin Rock and the New Friends (5f) far am bi Oona, Baba is caraidean a’ feuchainn ri ugh a tha a dhìth a thoirt gu sàbhailteachd mus tèid a chall.
A’ coimhead air adhart gu 2024 le fòcas làidir air ceòl, tha Peat & Diesel a’ toirt cuireadh do luchd-amhairc a thighinn còmhla riutha air chuairt thairis air dà phrògram làn ceòl is fealla-dhà (28 Dùbhlachd agus 1 Faoilleach aig 9f); fhad ‘s a tha Fuaim na Fèise – Scotland’s Festivals (30 Dùbhlachd, 9f), a’ toirt sùil chianail air eachdraidh 50 bliadhna fèisean ciùil na h-Alba. A’ sgrùdadh cuid de na tachartasan as fheàrr ann an 2023, bidh an neach-ciùil Iain “Spanish” MacAoidh a’ coinneachadh ris an luchd-ciùil, an luchd-eagrachaidh agus an luchd-leantainn gus faighinn a-mach dè dha-rìribh a tha a’ cur ri blas is faireachdainn fèisean an latha an-diugh.
Thèid fàilte a chur air a’ Bhliadhn’ Ùr le Cèilidh na Bliadhn’ Ùire (31 Dùbhlachd, bho 11.30f), le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach a’ cumail a’ chèilidh a’ dol beò à Seann Talla Bhaile Ghobhainn le ceòl bho Tide Lines, Glenfinnan Cèilidh Band, Raonaid Nic an Fhùcadair, Mischa Nic a’ Phearsain, Darren MacIlleathain, Fionnlagh Dòmhnallach agus Còisir Binneas, air a stiùireadh le John Joe MacNèill.
Tha am pàrtaidh a’ leantainn gu 2024 leis an t-streath ùr den dràma An Clò Mòr (8 Faoilleach, 9f). Tha an dàrna sreath gu bhith a’ soilleireachadh oidhcheannan a’ gheamhraidh, a’ gealltainn barrachd dràma – agus àrd fhasan – an aghaidh cùl-raon eireachdail nan Eilean Siar.
Tha an ceathramh prògram de Dhruthag na Hearadh – A little drop of Harris (31 Dùbhlachd, 8.30f) a’ tadhal air Taigh-staile na Hearadh agus a’ chiad uisge-beatha aca a’ dol air a’ mhargaid, faisg air ochd bliadhna às dèidh a’ chiad spiorad a bhith air a dhèanamh; agus bidh Ceòl Sìth (31 Dùbhlachd, 9f) a’ leantainn turas inntinneach an neach-ciùil Ingrid NicEanraig tro shaoghal draoidheil nan sìthichean agus beul-aithris na h-Alba. Anns a’ chiad fhear ann an sreath ùr de ochd phrògraman suidhichte ann an dùthaich eireachdail na h-Alba, chithear Ramsay MacMahon còmhla ri ochdnar aoighean airson cuairt agus iad a’ meòrachadh air beatha, gaol, nàdar agus call ann an Rathad Ramsay (gach Disathairne aig 8f bho 6 Faoilleach).
Coimhead air BBC ALBA agus BBC iPLAYER thairis air na saor-làithean, leis a h-uile prògram ri fhaighinn air làrach-lìn BBC ALBA.
Tha Nollaig air tighinn tràth airson FilmG, farpais nam filmichean goirid Gàidhlig, leis an àireamh as motha de dh’iarrtasan bho fhilmeadairean air feadh na h-Alba agus nas fharsainge.
Gu h-iomlan, chaidh 162 film a chuir a-steach thairis air farpaisean 2023, a’ ciallachadh gu bheil an àireamh as motha de thagraidhean ann on chaidh a stèidheachadh ann an 2008.
Tha FilmG ag iarraidh air filmeadairean de gach aois filmichean goirid a chruthachadh sa Ghàidhlig stèidhichte air cuspair eadar-dhealaichte gach bliadhna, ’s e ‘Mo Shealladh’ cuspair na bliadhna-sa. Bidh an fharpais, na bùthan-obrach agus na tachartasan aca a’ brosnachadh leasachadh sgeulaichean Gàidhlig, a’ toirt slighe do fhilmeadairean ùra a dhol a-steach do shaoghal nam meadhanan Gàidhlig.
Thuirt Megan Dale, Manaidsear Pròiseict FilmG:
“’S e seo an dàrna bliadhna a tha Astar air a bhith an sàs ann am FilmG, agus b’ e ar n-amas cothrom a thoirt do dhaoine film goirid Gàidhlig a chruthachadh agus na farpaisean a dhèanamh cho tarraingeach ’s a ghabhas do dhaoine òga. Ag obair còmhla ri eòlaichean gnìomhachais, chuir sinn air dòigh còrr air 50 bùth-obrach FilmG ann an Alba agus nas fhaide air falbh, a’ toirt innealan agus misneachd do choimhearsnachdan agus sgoiltean an sgeulachdan fhèin innse tro na filmichean goirid aca.
Seo an àireamh as motha de bhùthan-obrach a rinn FilmG a-riamh, agus chì thu a’ bhuaidh a th’ aig na bùthan-obrach seo air càileachd agus àireamh thagraidhean FilmG. Bidh tòrr de luchd-ainmichte agus buannaichean FilmG a’ dol air adhart gu bhith ag obair gu proifeiseanta taobh a-staigh gnìomhachas film agus TBh, agus mar sin tha e na mhisneachd a bhith faicinn a leithid de mhiann airson sgeulachdan Gàidhlig. Tha coltas gu math soilleir air àm ri teachd nam meadhanan Gàidhlig.”
Thuirt Alison Dhòmhnallach, Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean:
“Meal an naidheachd air a h-uile filmeadair a chuir iarrtas a-steach airson FilmG am-bliadhna. Tha an ìre fìor àrd agus tha e math tagraidhean fhaicinn bho air feadh na h-Alba. Tha sinn cuideachd air tagraidhean fhaighinn bho Eilean Mhanainn agus Canada, a’ sealltainn gu bheil barrachd ùidh eadar-nàiseanta agus a’ daingneachadh ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig thall thairis. Gun teagamh, ’s e cuirm dhuaisean FilmG16 an tè as motha gu ruige seo agus chan urrainn dhuinn feitheamh gus tàlant nam meadhanan Gàidhlig a chomharrachadh còmhla ri caraidean agus co-obraichean sa Ghearran 2024.”
Tha sgioba FilmG a’ dol tro na tagraidhean mus bi iad rim faicinn air làrach-lìn FilmG nas fhaide air a’ mhìos. Taghaidh pannal de bhritheamhan neo-eisimeileach an uair sin na geàrr-liostaichean de luchd-ainmichte san Fhaoilleach 2024, le buannaichean gan ainmeachadh aig duaisean FilmG ann an Glaschu air Dihaoine, 23 Gearran 2024.