Bundesliga nam Ban air BBC ALBA

Bidh geamannan beò bho Bundesliga nam Ban sa Ghearmailt air an craoladh air BBC ALBA ann an aonta sònraichte a bheir seusan nam ban sa Ghearmailt – a tha air ùr thòiseachadh an dèidh lockdown – chun luchd-amhairc gu deireadh seusan 19/20.

’S e seo a’ chiad spòrs beò a bhios air a chraoladh le seanail PSB san Rìoghachd Aonaichte bho lockdown. Chi luchd-amhairc BBC ALBA geamannan eadar clubaichean aig àrd ìre leithid Bayern Munich agus Bayer Leverkusen.

Tha seo a’ togail air àite na seanail mar dhachaigh spòrs nam ban ann an Alba. Tha grunnan chluicheadairean ball coise nam ban ann an Alba air a bhith a’ cluich aig clubaichean Gearmailteach leithid Lisa Evans, a-nis aig Arsenal, ach a bha cuideachd a’ cluich airson Turbine Potsdam agus FC Bayern Munich an dèidh Glasgow City FC. Bha Sophie Howard, a-nis aig Reading, cuideachd a’ cluich airson 1899 Hoffenheim. Chuir COVID-19 stad air na geamannan a bha an dùil a chraoladh air an t-seanail – geamannan Wolfsburg an aghaidh Glasgow City ann an Lìog UEFA nam ban nas tràithe air a’ bhliadhna.

Mar dhachaigh spòrs nam ban, tha BBC ALBA air geamannan leithid Cupa Cruinne FIFA nam ban, Lìog UEFA nam ban, geamannan ro-fharpaiseach EURO UEFA nam bana a thoirt chun luchd-amhairc a thuilleadh air a bhith na chom-pàirtiche craolaidh airson geamannan nam ban san SWPL a chraoladh.

Thuirt Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair MG ALBA agus ceannard spòrs air BBC ALBA Iseabail Nic an t-Sagairt: “Tha sinn air ar dòigh glan fear de phrìomh lìogan nam ban san Roinn Eòrpa a thoirt gu luchd-amhairc BBC ALBA – ann a bhith a’ dèanamh seo tha sinn a’ taisbeanadh sàr-mhathas spòrs nam ban a thuilleadh air a bhith a’ toirt Gàidhlig gu luchd-amhairc nach biodh ga fhaicinn mar chànan beothail san là an-diugh às aonais an t-seòrsa craoladh seo. Tha sinne aig BBC ALBA gu mòr a’ taiceachadh fàs ball-coise nam ban ann an Alba agus le bhith a’ taisbeanadh an FlyerAlarm Frauen-Bundesliga tha sinn a’ lìbhrigeadh spòrs beò aig àrd ìre aig àm far a bheil fios againn gu bheil feum air an luchd-amhairc air agus a’ sealltainn dè tha comasach ann an ball-coise nam ban.”

Tha na geamannan mar a leanas:

Disathairne 30 Cèitean – FC Bayern München v TSG 1899 Hoffenheim, 1200
Dihaoine 5 Ògmhios – TSG 1899 Hoffenheim v Bayer 04 Leverkusen, 1815
Disathairne 13 Ògmhios – SGS Essen v VfL Wolfsburg, 1200
Didòmhnaich 14 Ògmhios – FC Bayern München v FF USV Jena, 1300
Diciadain 17 Ògmhios – VfL Wolfsburg v SC Freiburg 1300

Dh’fhaodadh gum biodh an tuilleadh gheamannan ann a rèir toraidhean mar a thig an t-seusan gu crìoch.

Dràma chloinne BBC ALBA air ainmeachadh airson duais RTS Scotland

Tha BBC ALBA air àite a chosnadh air geàrr-liosta duaisean Royal Television Society (RTS) ALBA 2020 airson an dràma chloinne an-àbhaisteach, Rùn.

’S e sgeulachd anns am faighear togail agus tlachd a th’ ann an Rùn, le saoghal balach òg bodhar a’ sìor atharrachadh ri linn caraid ceithir-chasach ùr a tha a’ toirt dha a’ chlaisneachd nach robh a-riamh aige.

Tha duaisean RTS ALBA a’ comharrachadh sàr-mhathas ann an gnìomhachas telebhisein thar farsaingeachd de ghnèithean phrògraman agus sgilean craolaidh.

Tha am prògram air ainmeachadh ann an roinn na Cloinne, agus tha aodainn aithnichte cleasachd Ghàidhlig a’ nochdadh ann, leithid Carina NicLeòid agus Calum MacFhionghain.

Thèid an dràma goirid a shealltainn ann an Gàidhlig agus BSL (Cànan-Soighnidh Bhreatainn) air feadh na Roinn Eòrpa, mar phàirt de sgeama Aonadh Craolaidh Eòrpach (EBU).

Fhuair am prògram, a bha air a riochdachadh le Sorbier Productions à Glaschu, maoineachadh bhon mhaoin ùr Young Audience Content Fund (YACF), a tha air a stiùireadh le Institiud Film Bhreatainn (BFI).

Thuirt Patsi NicChoinnich, stiùiriche Sorbier Productions;

“Tha Rùn a’ toirt seachad sgeulachd chàirdeas agus ion-ghabhalachd, rudan a tha cudromach ann an gach cultar agus cànan, agus tha e misneachail gu bheil duaisean RTS air aire a thoirt dhan sin, agus dhuinne, a-rithist.”

Tha BBC ALBA air pàirt a ghabhail anns an sgeama dhràma aig an EBU airson grunn bhliadhnaichean, agus bhuannaich an taghadh aca an-uiridh, Buidheagain, a bha cuideachd le Sorbier Productions, an duais airson Prògram Chloinne as Fheàrr aig duaisean RTS Alba 2019.

Thuirt Uilleam MacLeòid, Deasaiche Coimiseanaidh MG ALBA, a tha a’ lìbhrigeadh BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC:

“Tha an susbaint chloinne air BBC ALBA dìreach mìorbhaileach, agus on a tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri Sorbier, tha filmichean àlainn air a bhith againn thairis air na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.”

“Tha sinn a’ cruthachadh susbaint a bhuineas do gach seòrsa luchd-amhairc, agus le bhith ag obair còmhla ri buidhnean eadar-nàiseanta agus com-pàirtichean, tha sin a’ ciallachadh gum faod sinn barrachd iomadachd agus seallaidhean ùra a thoirt dhan luchd-amhairc againn fhèin. Bha e air leth cudromach dhuinn a bhith a’ toirt an dà chuid Gàidhlig agus BSL còmhla. Tha e a’ sealltainn sgil an stiùiriche, nan sgrìobhadairean agus nan cleasaichean nach eil bacadh ann bhon mheasgachadh de chànanan idir – ’s e sgeulachd iongantach a th’ ann gu h-iomlan”.

Ri linn suidheachadh a’ Choròna-bhìorais, cha bhi cuirm dhuaisean RTS Alba ann am-bliadhna, ach thèid na buannaichean ainmeachadh air 3 Ògmhios 2020.

Fèis Rois agus BBC ALBA a’ tighinn còmhla

Bidh cuirm-ciùil traidiseanta ga chumail air-loidhne le Fèis Rois oidhche Dhòmhnaich (3 Cèitean), agus ceòladairean aithnichte a’ gabhail pàirt mar chomharra air Fèis Rois nan Inbheach 30 bliadhna a ruigsinn.

Bidh taghadh den luchd-ciùil as aithnichte san t-saoghal thraidiseanta, a ghabh pàirt anns a’ chuirm bho na dachannan aca fhèin, rim faicinn a-rithist oidhche Luain airson clach-mìle na Fèise a chomharrachadh, le prògram sònraichte air BBC ALBA.

Bha Fèis Rois airson cuirm cheart a chur air dòigh le aodainn aithnichte na fèise, ach ri linn suidheachadh a’ Choròna-bhìorais, cha b’ urrainn dha sin tachairt. Na àite, chuir iad romhpa an deireadh-sheachdain seo de cheòl is dibhearsain a chumail air-loidhne.

’S i an t-seinneadair Joy Dunlop a bhios aig stiùir a’ phrògraim air BBC ALBA, a’ toirt thugainn na criomagan as fheàrr bhon chuirm mhòr air-loidhne, a mhaireas trì uairean a thìde.

Bidh ainmean mòra an t-saoghal chiùil thraidiseanta ann an Alba a’ nochdadh sa chuirm; Chithear Dòmhnall Seathach agus Karen NicMhathain; seòid ceòl-dannsa na Gàidhealtachd Iain MacPhàrlain agus Ingrid NicEanruig; seinneadairean Gàidhlig Mischa Nic a’ Phearsain, agus Brian Ó hEadhra agus Fiona NicChoinnich, am measg eile.

Thuirt Ceannard Fèis Rois, Fiona Dalgetty: “Tha sinn air ar dòigh gu bheil BBC ALBA a’ cumail taic ri na tha sinn a’ dèanamh gus 30 bliadhna den fhèis a chomharrachadh a thoirt do luchd-amhairc farsaing, agus cuideachd airson cuid den tàlant mhìorbhaileach a tha Fèis Rois air àiteacheadh thar nam bliadhna a thoirt gu aire an t-sluaigh. Tha e daonnan math barrachd aire a thoirt gu iomairt a tha air a dhol bho neart gu neart thairis air na trì deicheadan mu dheireadh, agus chuireadh sinn fàilte ro dhuine sam bith faighinn an sàs anns na gnothaichean air-loidhne a th’ againn an-dràsta.”

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail aig MG ALBA, a tha a’ lìbhrigeadh BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Tha BBC ALBA a-riamh air a bhith ag amas air iomairtean coimhearsnachd, gu h-àraid anns na h-ealain, a thoirt gu aire dhaoine, agus tha luach gun shamhla air a bhith ann bho bhith ag obair le Fèis Rois air a’ phròiseact seo – tha diofar luchd-amhairc gan toirt còmhla, aig àm nuair a tha e gu math soirbh do dhaoine a bhith a’ faireachdainn air an sgaradh bho chèile”.

Thèid a’ chuirm mhòr 3 uairean a thìde a shealltainn air Facebook Fèis Rois, Didòmhnaich 3 Cèitean bho 8f. Gheibhear barrachd mu dheidhinn Fèis Rois air an làrach aca, www.feisrois.org, agus chithear a’ chuirm beò air an duilleag Facebook aca, an seo: www.facebook.com/feisrois

Thèid Fèis Rois | Bheir Dhomh am Fonn, a tha air a riochdachadh le Bees Nees Media, a chraoladh air BBC ALBA an ath-oidhche, Diluain 4 Cèitean aig 9f agus bidh e ri fhaotainn an uair sin air BBC iPlayer.

MG ALBA a’ cur fàilte air naidheachd Ofcom

Tha Ofcom an-diugh air ainmeachadh gun deach Màiri Kidd ath-shuidheachadh air bòrd MG ALBA.

Chaidh moladh Ofcom airson an ath-shuidheachadh aontachadh le Leas Phrìomh Mhinisteir na h-Alba agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, Iain Swinney, BPA. Tha seo an dèidh pròiseas measaidh a chaidh a stiùireadh le cathraiche MG ALBA agus agallamh ath-shuidheachaidh le Ofcom ann an Alba.

Tha Màiri an-dràsta na ball de Chomataidh Sgrùdaidh Bòrd MG ALBA. Tha i cuideachd na Ceannard Litreachais, Cànain agus Foillseachaidh aig Alba Chruthachail. Tòisichidh an dàrna teirm aice air bòrd MG ALBA air 1 Cèitean 2020 agus mairidh e airson ceithir bliadhna.

Mar a chaidh ainmeachadh le Ofcom anns an Dùbhlachd 2019, bidh Ceit-Anna NicLeòid a’ tòiseachadh na ball air bòrd MG ALBA, is i cuideachd gu bhith a’ tòiseachadh 1 Cèitean 2020.

Tha MG ALBA a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air Ceit-Anna, a tha na neach-lagha a thogadh ann an Leòdhas agus aig a bheil a’ Ghàidhlig bho thùs.

Tha MG ALBA a’ fàgail soraidh slàn le Jo NicDhòmhnaill agus Daibhidh Brew, a tha air na dreuchdan aca air a’ bhòrd a leigeil dheth an-diugh (30 Giblean), agus a’ toirt taing dhaibh airson an cuid obrach thairis air na bliadhnaichean. Bha an dithis aca nan cathraichean air comataidhean agus bidh MG ALBA gu mòr ag ionndrainn an cuid eòlais agus sgilean.

Clàran ùra BBC ALBA and Radio nan Gàidheal

Bheir clàran BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal fiosrachadh, taic agus cur-seachad do luchd-amhairc agus do luchd-èisteachd aig an àm neo-àbhaisteach a tha seo. Bidh na seirbhisean a’ lìbhrigeadh prògraman Naidheachd, Foghlaim agus pailteas stuthan Chloinne, Ceòl, Spòrs agus Creideamh thar ùrlaran gus dèanamh cinnteach gu bheil taic is companas aig an luchd-amhairc nuair a dh’fheumas iad e.

Naidheachdan: tha na naidheachdan Gàidhlig, a’ gabhail a-steach air-loidhne agus air na meadhanan sòisealta, air leth cudromach agus tha sgiobaidhean nan naidheachdan ag obair gus dèanamh cinnteach gu lean prògraman agus gu bheil na prìomh theachdaireachdan furasta an lorg agus an co-roinn.

Bho Dhiluain 30 Màrt, an cois naidheachdan An Là bidh fiosrachadh bho choimhearsnachdan a thuilleadh air prògram goirid ùr, thar-ùrlar, A-staigh, a bhios a’ taisbeanadh seallaidhean pearsanta dhaoine bho thall ’s a-bhos mu mar a tha a’ dol leotha le fèin-aonarachd agus a’ fuireach a-staigh.

Air Radio nan Gàidheal, bidh Aithris na Maidne a’ tòiseachadh aig an àm àbhaisteach, 0730 agus a’ dol gu Prògram Choinnich aig 0830 gus leantainn le meòrachadh is deasbad air cuspairean an là.

Foghlam/Clann: tha BBC ALBA a’ trusadh cruinneachadh de phrògraman cur-seachad is foghlaim airson clann a bhios air an t-seanail TBh, air an iPlayer agus air YouTube. A-màireach (31 Màrt) bidh a’ chiad chruinneachadh a’ nochdadh air an iPlayer, le taghadh de dh’obair an sgrìobhaiche ainmeil chloinne, Julia Donaldson. Bidh am fios as ùire mun seo air duilleagan mheadhanan sòisealta MG ALBA agus BBC ALBA sna làithean air thoiseach.

Creideamh: bidh stuthan ùra, a thuilleadh air seirbhisean bhon tasglann, air BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal. Bho 29 Màrt, gach Didòmhnaich bidh uair a thìde de phrògraman creideimh bho 1850-2000 air BBC ALBA. ’S ann bho Àrd-Eaglais na h-Aoidhe san Òban a thàinig a’ chiad seirbheis, leis An Athair Dòmhnall MacAoidh nach maireann aig ceann na seirbheis. Tha sin ri fhaicinn a-nis air an iPlayer.

Spòrs: bidh BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal a’ cumail prògraman spòrs agus dibhearsain sa chlàr. Gach Disathairne bho 4 Giblean aig 1800, bidh sreath ùr le taghadh bho phrògraman spòrs eadar-dhealaichte, a’ tòiseachadh le rugbaidh nam ban. Leanaidh Spòrs na Seachdain air Radio nan Gàidheal, a’ togail deasbad beothail, fiosraichte air iomadh chuspair spòrs gach madainn Disathairne aig 0900. Agus bidh BBC ALBA a’ toirt sùil air ‘geamaichean òir’ bhon tasglann sna seachdainean air thoiseach.

Cultar: bidh sreath ùr a’ tighinn, a’ cleachdadh teicneòlas gus luchd-ciùil an Alba agus air feadh an t-saoghail a thoirt còmhla agus a-steach gu ar dachannan bho na dachannan aca-san. Bidh Robert Robertson cuideachd ma sgaoil agus a’ rùileach san tasglann, gus toirt thugainn an taghadh aige de luchd-ciùil thar nam bliadhna.

Tha riochdairean BBC ALBA ag obair gu dìcheallach a’ deasachadh stuth ùr ann an dòighean ùra cruthachail gus dèanamh cinnteach gus am bi pailteas aig an luchd-amhairc ri fhaicinn agus ri èisteachd ris sna seachdainean agus mìosan air thoiseach.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Craoladh Gàidhlig a’ BhBC: “Ag obair cuide ri ar com-pàirtiche MG ALBA agus le riochdairean air feadh Alba, tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil ar seirbheisean Gàidhlig freagarrach agus sùbailte aig an àm-sa, a’ tairgse raon farsaing de sheirbheisean. Tha e na phrìomhachas gum bi sinn a’ lìbhrigeadh naidheachdan gu cunbhalach agus gu h-èifeachdach; gu bheil sinn a’ tabhann chothroman airson cnuasachadh spioradail; gu bheil goireasan airson daoine òga rim faighinn ann an àiteachan freagarrach agus gu bheil sinn a’ tabhann cuideachd agus cur-seachad fhad ’s a tha sinn a’ fuireach am broinn an taighe.”

Trì Deug Prògraman Gàidhlig Ainmichte air Geàrr-Liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Tha trì deug prògraman Gàidhlig bho BhBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal air an ainmeachadh air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2020.

Am measg prògraman BBC ALBA air a’ gheàrr-liosta bha Cèilidh na Bliadhn’ ÙireFUNC agus Tha thu air Aigeann m’ Inntinn.

Tha BBC Radio nan Gàidheal aon uair eile ainmichte airson duais Stèisean Rèidio na Bliadhna, le prògraman leithid Bailtean fo Bhròn agus Beag air Bheag air a’ gheàrr-liosta.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair aig MG ALBA, am buidheann a tha a’ lìbhrigeadh BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC: “Tha e tlachdmhor a bhith a’ faicinn susbaint Ghàidhlig a bhith a’ faighinn aithne. Tha fios againn gu bheil na prògraman seo air còrdadh gu mòr ri ar luchd-amhairc agus tha an aithne seo cho cudromach dhuinn. Meal-a-naidheachd chun a h-uile duine.”

Thèid Fèis nam Meadhanan Ceilteach a chumail am-bliadhna ann an Quimper sa Bhreatainn Bhig bho 2-4 Ògmhios.

Prògraman BBC ALBA a th’ air geàrr-liosta na bliadhna-sa:

Dealbhachadh-beò

Tha thu air Aigeann m’ Inntinn (Riochdaichte le Am Bocsa)

Ealain

Colin MacLeod, When it Kicks in (Riochdaichte le MacTV)

Prògraman Chloinne

Lòn le Linda (Riochdaichte le BBC Gàidhlig)

Comadaidh

FUNC (Riochdaichte le The Woven Thread)

Dibhearsan

Cèilidh na Bliadhn’ Ùire (Riochdaichte le BBC Gàidhlig)

Eachdraidh

Gaisgich Òga an Dàrna Cogaidh (Riochdaichte le LOOKSFilms + Solus Productions)

A thuilleadh air a bhith ainmichte mar Stèisean Rèidio na Bliadhna, tha grunnan phrògraman BBC Radio nan Gàidheal cuideachd air a’ gheàrr-liosta thar gnèithean rèidio:

Prògram-aithris Rèidio

Bailtean fo Bhròn

Santa Maria III a’ Seòladh Dhachaigh

Prògram Iriseach Rèidio

Beag air Bheag

Prògram Ciùil Rèidio (Beò)

A’ Mire ri Mòr aig a’ Mhòd
Sruth na Maoile

Prògram Spòrs Rèidio

ley Thistle Inbhir Nis aig 25 Spòrs na Seachdain

Tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Tuilleadh maoineachadh eadar-nàiseanta airson pròiseactan BBC ALBA

Tha MG ALBA air foillseachadh an tuilleadh susbaint airson BBC ALBA, nam measg co-riochdachadh Chanèidianach ùr san amharc airson 2021.

Bha MacTV à Steòrnabhagh soirbheachail ann a bhith a’ gleidheadh £28.5k ann am maoineachadh leasachaidh airson pròiseact àrd-amasach eadar-nàiseanta leis an tiotal obrachaidh Secrets in the Peat.

Tha an Canada-Scotland Co-development Incentive for Television and Digital Media Content maoinichte le Maoin Mheadhain Chanada agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (le taic bho Sgrion Alba).

Tha seo a’ leantainn in-ionmhas aig an toiseach de £5k tron Mhaoin Cheilteach Eadar-nàiseanta – air a thaiceachadh le MG ALBA agus TG4 – aig deireadh 2019.

Thuirt Seumas Mac an t-Sagairt, Ceannard Riochdachaidh agus Leasachaidh aig MacTV:

“Tha aontaidhean leithid seo a’ cuideachadh le mòr-mhiann MacTV airson an tuilleadh fàs agus meudachadh a dhèanamh san sgèile de na tha sinn gu ruige seo air a choileanadh tro obrachadh le BBC ALBA agus ar co-obrachadh eadar-nàiseanta soirbheachail a tha a’ sìor fhàs.

“Tha seo a-nis a’ ceadachadh dhuinn tagradh sònraichte agus làidir a chur a-steach airson Secrets in the Peat gus a thoirt don mhargaidh eadar-nàiseanta.”

Cuideachd, dh’fhoillsich MG ALBA, am buidheann a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, gu bheil aontaidhean eadar-nàiseanta air susbaint a bharrachd le luach £8m a chruthachadh airson seanail Ghàidhlig na h-Alba.

Chaidh seo ainmeachadh aig an aon àm ’s a bha Leas-Phrìomh Mhinistear, John Swinney, a’ tadhal air oifis MG ALBA ann an Steòrnabhagh. Thuirt e:

“’S e naidheachd air a bheileas a’ cur fàilte a tha seo agus tha e mar theisteanas air an obair chudromach a tha MG ALBA a’ dèanamh gus taic a chuir ris a’ Ghàidhlig agus airson a brosnachadh.”

Tha an stuth ùr mar thoradh air grunnan bhliadhnaichean de dh’oidhirp le MG ALBA agus an cuid sholaraichean ann a bhith a’ leasachadh cho-bhanntachdan eadar-nàiseanta stèidhichte air cùmhnantan fad-ùine leis a’ chraoladair.

Airson luchd-amhairc BBC ALBA, tha na h-aontaidhean a’ ciallachadh prògraman ùra a bhiodh do-dhèante an dèanamh bho thaobh ionmhais. Airson riochdairean ùr-ghnàthach BBC ALBA, tha e a’ ciallachadh fàs ann an lìonraidhean eadar-nàiseanta, le cothrom an tuilleadh malairt a dhèanamh sna dùthchannan seo, a thuilleadh air na margaidean dùthchail aca fhèin.

Thuirt Deasaiche Seanail MG ALBA, Mairead Chamshron:

“Tha a bhith ag obair le com-pàirtichean eadar-nàiseanta a’ toirt cothrom a bhith ag ionnsachadh bho chàch a chèile agus a’ ciallachadh gu bheil BBC ALBA uidheamaichte gus a bhith a’ cruthachadh pròiseactan àrd-amasach ùra a bhios gu maith a’ ghnìomhachais air fad agus aig a’ cheann-thall, gu maith ar luchd-amhairc.”

A-nis, bidh MacTV a’ leasachadh Secrets in the Peat còmhla ris a’ chom-pàirtiche riochdachaidh Chanèidianach Cineflix, stèidhichte ann am Montreal, le dùil gun tèid an t-sreath a riochdachadh ann an 2021.

Bidh an t-sreath a’ rannsachadh seann dhìomhaireachdan nam monaidhean agus an dàimh sònraichte a th’ aig coimhearsnachdan riutha.

Seo an t-soirbheas eadar-nàiseanta as ùire airson a’ chompanaidh seo stèidhichte ann an Steòrnabhagh, a chruthaich ann an co-bhanntachd leis a’ chompanaidh riochdachaidh Chuimreach Cwmni Da, an t-sreath An Làn/Tide, mu eachdraidh nàdarrach. Maoinichte le BBC Northern Ireland, S4C, BBC ALBA, TG4 agus LIC China, bhuannaich Tide duais airgid aig na China Dragon Awards san Dàmhair 2019.

San t-Samhain 2019, dh’fhoillsich MacTV agus Cwmni Da cuideachd co-obrachadh leis a’ chraoladair Korean JTV agus bho chom-pàirtean An Làn/Tide gus sreath ùr de phrògraman-aithris a riochdachadh. Thèid Rain Stories a cho-riochdachadh le Below the Radar ann an Beul Feirste le dùil ri ionmhas agus riochdachadh as t-Earrach 2020 agus dùil ri chraoladh air BBC ALBA ann an 2021.

Tha MacTV an ceartuair air sreath a lìbhrigeadh – Thar na Loidhne/Crossing the Line – a’ toirt sùil air cluicheadairean òga, gealltanach à Èirinn agus Alba agus air am fàs tha an spòrs sin air fhaicinn. Air a cho-riochdachadh le Crawford McCann ann an Beul Feirste le maoineachadh bho MG ALBA, TG4 agus an ILBF. Thèid a chraoladh air BBC ALBA bho 2/3/20 aig an àm a bhios Farpaisean Rugbaidh nam Ban nan Sia Nàiseanan a’ dol air adhart.

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Stiùiriche ùr Ro-innleachd & Chùisean Taoibh A-Muigh aig MG ALBA:

“Tha lèirsinn eadar-nàiseanta air a bhith aig MG ALBA airson grunnan bhliadhnaichean mar phàirt de ar ro-innleachd Lèirsinn agus tha an luach seo de £8m de nuadh-shusbaint a’ sealltainn cho soirbheachail ’s a tha sinn air a bhith le sin.”

Gradam Ceoil air BBC ALBA

Tha TG4 toilichte a bhith ag obair le BBC ALBA gus cuirm nan duaisean bliadhnail agus taisbeanadh de cheòl thraidiseanta Èireannach, GRADAM CEOIL TG4, a thoirt beò gu dachannan ann an Alba agus an Rìoghachd Aonaichte airson a’ chiad turas. Thèid Gradam Ceoil a shealltainn beò air an dà chuid TG4 agus BBC ALBA aig 9.30f air oidhche Didòmhnaich, bho thalla Waterfront Beul Feirste agus bidh e cuideachd air BBC iPlayer agus air feadh an t-saoghail air cluicheadair TG4 aig TG4.ie

Chuir Àrd-Stiùiriche TG4, Ailean Esslemont fàilte air a’ cho-obrachadh seo eadar TG4 agus BBC ALBA:
“Mar craoladair phoblach Gaeilge na h-Èireann, tha e na amas do TG4 ruigse susbaint agus cultarail Gaeilge àrdachadh gu luchd-amhairc air feadh an t-saoghail. Tha an co-obrachadh seo le BBC ALBA am-bliadhna a’ toirt cothrom do luchd-amhairc ann an Alba agus an Rìoghachd Aonaichte a bhith a’ comharrachadh an ceòl traidiseanta Èireannach às fheàrr beò air an oidhche.”

Thuirt Deasaiche Seanail BBC ALBA, Mairead Chamshron:
“The co-bhanntachd luachmhor air a bhith ann eadar BBC ALBA agus TG4 air co-riochdachadh thairis air na bliadhnaichean ach seo a’ chiad co-chraoladh de thachartas ciùil beò. Agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart gus oidhche beothail de ceòl traidiseanta na h-Èireann a shealltainn gu luchd-amhairc na Rìoghachd Aonaichte.”

’S e seanail telebhisein Gaeilge le reachdas neo-eisimeileach a th’ ann an TG4 (Teilifís na Gaeilge). Thòisich an t-seanail a’ craoladh ann an 1996. ’S e seanail free-to-air a th’ ann an TG4, le luchd-amhairc ri lorg air feadh na h-Èireann. An-dràsta ’s e an 6mh seanail as motha a tha a’ còrdadh ri daoine ann an Èirinn, air thoiseach air BBC 2 agus Channel 4.

’S e co-bhanntachd eadar MG ALBA agus am BBC a th’ ann am BBC ALBA, seanail Ghàidhlig na h-Alba a thòisich a’ craoladh ann an 2008.

Tha boireannaich a’ gabhail prìomhachas aig duaisean na bliadhna, le ‘Ceòladair na Bliadhna’, ‘Ceòladair Òg na Bliadhna’ agus ‘Sgrìobhaiche-ciùil na Bliadhna’ uile a’ dol gu ceòladairean boireann. ’S e Harper Kelly à Westport, Siorrachd Mayo buannaiche ‘Ceòladair na Bliadhna’ aig TG4, aon de na buannaichean as òige a-riamh. Tha cluicheadair na fìdhle agus an cello, Sharon Howley à Kilfenora, Siorrachd Clare air a taghadh mar ‘Ceòladair Òg na Bliadhna’ 2019, agus i air a bogadh ann an ceòl thraidiseanta bhon a bha i òg am measg teaghlach le dualchas ceòlmhor.

Tha Lillis Ó Laoire, a bhuannaich aon de na prìomh dhuaisean airson seinn sean-nòs dà thuras, Corn Uí Riada ann an 1991 agus 1994 am-bliadhna ainmichte mar Seinneadair na Bliadhna.

Am measg nam buannaichean eile tha Duais Urram Beatha a’ dol gu Séamus Connolly, Duais Sònraichte a’ dol gu Ned Kelly à Nenagh agus tha ‘Sgrìobhaiche Ciùil na Bliadhna’ a’ dol gu Josephine Marsh.

’S e Gradam Ceoil am prìomh sgeama dhuaisean bliadhnail ann an ceòl traidiseanta, le tachartas na bliadhna seo gu bhith air a chraoladh beò air TG4 à Beul Feirste Didòmhnaich 23 Gearran, ri linn taic bhon ILBF. Bidh cuid de phrìomh rionnagan thar ciùil, film, spòrs agus daoine bhon mhòr shluagh cruinn còmhla ann am Beul Feirste air an deireadh sheachdain seo airson duaisean ciùil

Gradam Ceoil 2020, a ghabhas àite ann an Talla Waterfront Didòmhnaich 23 Gearran. Am measg na bhios air an àrd-ùrlar aig na duaisean eadar-nàiseanta bidh aoighean leithid Adrian Dunbar, Jarlath Burns agus Deirdre Hargey. Am measg na bhios air an àrd-ùrlar bidh Beoga, a cho-obraich le Ed Sheeran ann an 2017 air ‘Galway Girl’.

Seo na thuirt Beoga mu bhith a’ seinn aig an tachartas agus mu bhith a’ tilleadh a Bheul Feirste:
“Tha sinn air ar dòigh glan a bhith an sàs san 23mh Gradam Ceoil. Tha sinn pròiseil a bhith an lùib tachartas cho cudromach a tha a’ comharrachadh luchd-ciùil tàlantach à Èirinn agus bho air feadh an t-saoghail agus tha sinn air ghoil gus a bhith air àrd-ùrlar Talla Waterfront Hall air 23 Gearran.

“Le coltas deagh oidhche tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cluich ann am Beul Feirste air an oidhche.”

Airson an tuilleadh fiosrachaidh faic www.gradam.ie no Facebook agus Twitter @GradamCeoil @bbcalba #Gradam

Duaisean FilmG 2020

Tha daoine òga às iomadh ceàrnaidh de na h-Eileanan an Iar a bha an sàs anns na Stailcean Gnàth-shìde a’ nochdadh anns an fhilm AN-DRÀSTA! le Urras Oighreachd Ghabhsainn.

Tha am film stèidhichte air a’ bhuaidh a bheir atharrachadh na gnàth-shìde air na coimhearsnachdan aca fhèin agus air coimhearsnachdan eile air feadh an t-saoghail agus a’ brosnachadh dhaoine a thighinn an sàs ann an iomairtean Atharrachadh na Gnàth-shìde.

Bha Liam Crouse à Uibhist an sàs anns an fhilm. Thuirt Liam: “Tha na h-Eileanan an Iar mar aon de na ciad àiteachan an Alba air an toir atharrachadh sa ghnàth-shìde agus èirigh àirde na mara buaidh. Tha àiteachan leithid Am Bràighe ann an Leòdhas agus Cille Pheadair ann an Uibhist a Deas ann am fìor chunnart ri linn sìde nas gàbhaidh a thig nas trice. Bha AN-DRÀSTA na chuideachadh airson an cunnart seo a shealltainn do luchd-poilitigs, muinntir nan eileanan agus a’ mhòr-shluagh.”

Mar dhuais, gheibh Urras Oighreachd Ghabhsainn – oighreachd ann an taobh an iar-thuath Leòdhais a bhuineas don choimhearsnachd, £1,000 airson a chosg air uidheam film.

Thuirt Louise Senior aig Urras Oighreachd Ghabhsainn: “Tha na daoine òga a chosg an cuid ùine is neart air an fhilm nan adhbhar brosnachaidh dhuinn uile agus tha sinn fhèin cho toilichte gu bheilear ag aithneachadh an cuid dìchill leis an duais seo. ’S e obair sgioba a bh’ ann, mar sin, feumaidh sinn a thighinn cruinn còmhla feuch ciamar a chuireas sinn an t-airgead a bhuannaich sinn gu feum dhuinn uile.”

’S i Bun-sgoil Stafainn anns an Eilean Sgitheanach a choisinn duais Roghainn an t-Sluaigh ann an co-fharpais theann am-bliadhna. Bha iad air iomairt mhòr air-loidhne a chur an sàs às an d’ fhuair iad 1200 bhòt. Tha an sanas turasachd èibhinn aca, Fàilte don Eilean, a’ toirt seachad comhairle phrataigeach do luchd-turais air mar bu chòir dhaibh an giùlan fhèin nuair a thig iad don eilean.

Thuirt Ceit Fhoirbeis, BPA, a tha na Ministear an Ionmhais Phoblaich agus na h-Eaconamaidh Didseataich, an dèidh dhi an duais a thoirt seachad: “Chòrd duaisean FilmG rium gu mòr air oidhche anns an deach beairteas de thàlant Gàidhlig agus sgilean sgrìobhaidh is film na Gàidhlig a thaisbeanadh. Bha e na adhbhar toileachais dhomh Duais Roghainn an t-Sluaigh a thoirt seachad do Bhun-sgoil Stafainn airson sealladh ùr èibhinn de chomhairle thurasachd a shealltainn dhuinn.”

Tha FilmG air a lìbhrigeadh le MG ALBA agus leis a’ chompanaidh mheadhanan Cànan Graphics Studio, a tha stèidhichte san Eilean Sgitheanach, airson tàlant anns na meadhanan Gàidhlig a bhrosnachadh. Tha FilmG na bhun-stèidh do dh’iomadh duine ann an saoghal film is telebhisein Gàidhlig bhon a chaidh a chur air chois o chionn 12 bhliadhna.

Thuirt am Manaidsear Leasachadh Gnìomhachais aig Cànan Graphics Studio, Garry Noakes: “Bha dùbhlan ro na britheamhan airson nan filmichean a bhuannaich a thaghadh. Meal a naidheachd air a h-uile duine a ghabh pàirt anns na filmichean agus a dh’fhàg FilmG cho soirbheachail.”

Thuirt Murchadh MacSuain, a tha na Mhanaidsear Conaltraidh aig MG ALBA: “Tha buaidh FilmG air a dhol am meud agus filmichean ann air cùisean cudromach ach tha spòrs is dibhearsan rim faicinn an lùib cruthachadh na susbaint Gàidhlig cuideachd. Bha cuirm na bliadhna-sa math dha-rìribh is sinn a’ taisbeanadh na tha romhainn anns na meadhanan Gàidhlig agus tha fadachd orm fhìn ri tuilleadh fhaicinn bhon a h-uile duine a bha an sàs ann.”

Choisinn Meabh NicCoinnich à Uibhist, a tha a’ nochdadh anns an fhilm, àite air geàrr-liosta Cleasaiche As Fheàrr cuideachd ach ‘s iad Euan MacDhòmhnaill agus Lachlan Peel à Dùn Èideann a ghlèidh an duais luach £200 le chèile leis an fhilm le Lachlan, Àrdan is Aineolas: Soidhnichean. Bha Lachlan, a bhuannaich duais an-uiridh, air ainmeachadh anns na roinnean Film as Fheàrr agus Film Oileanach as Fheàrr leis an fhilm, a thug sùil èibhinn air na dh’fhàgas cuid a dhaoine feargach mu shoidhnichean Gàidhlig.

’S i Shannon NicIllEathain à Tobar Mhoire a ghlèidh Film as Fheàrr agus duais luach £1000 leis an fhilm aithriseach, Seònaid, a tha a’ toirt sùil air beatha Sheònaid NicDhòmhnaill a th’ air a beatha a chur seachad a’ brosnachadh na Gàidhlig ann am Muile. Bha Shannon air a h-ainmeachadh anns an roinn Film Dùthchais as Fheàrr cuideachd.

Chaidh an duais Film Oileanach as Fheàrr agus £1000 a bhuannachadh le Joseph Flower à Dùn Bàrr leis an fhilm, Sgiùradh, a tha stèidhichte air sgeul traidiseanta mu bhean-nighe ach tha car san sgeul. Chan eil a’ Ghàidhlig aig Joseph fhathast ach tha Gàidhlig gu leòr aig a phiuthar, Izzy, a chaidh ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson a cuid cleasachd san fhilm.

’S e Hamish MacLeòid à Glaschu a choisinn an duais Stiùiriche as Fheàrr sa Ghnìomhachas leis an fhilm aithriseach àibheiseach, Aig an Oir, a chaidh fhilmeadh air creag ann an Siorrachd Àir agus anns an deach àirde na creige a chlàradh le dròn. Bha Hamish air ainmeachadh anns an roinn Film as fheàrr cuideachd agus bidh an duais Stiùiriche as Fheàrr sa Ghnìomhachas a’ leigeil leis £2,500 a chosg air uidheam film.

Tha Mara Drysdale à Loch Carran air greis-obrach air pròiseact telebhisein tro HIE a bhuannachadh an dèidh dhi an duais Stiùiriche Ùr as Fheàrr a ghleidheadh. Tha am film aithriseach aice, Gualainn ri Gualainn, a’ toirt sùil air eachdraidh sgioba iomain Loch Carran agus cho cudromach ‘s a tha e don choimhearsnachd.

’S i Eilidh NicIain à Inbhir Pheofharain a bhuannaich Film Fòn-làimh as Fheàrr, an dèidh dhi an aon duais a bhuannachadh an-uiridh, an turas seo le Smuaintean an Diabhail, anns am faic sinn boireannach òg air slighe eadar ciall is mì-chiall. Chaidh Eilidh ainmeachadh air geàrr-liosta Cluiche as Fheàrr leis an fhilm seo cuideachd agus tha i air greis-obrach le BBC The Social a bhuannachadh mar dhuais.

’S e Siubhal Gu Sear le Anndra Cuimeanach à Geàrrloch an aon fhilm am-bliadhna a choisinn dà dhuais, Film Aithriseach as Fheàrr agus Duais Ghàidhlig nam Fileantach. Anns an fhilm, chì sinn Anndra a’ siubhal air feadh na h-Alba ann an aon latha air dà roth.

Chaidh Film as Fheàrr an Roinn na h-Òigridh a bhuileachadh air Acadamaidh Chùil Lodair an Inbhir Nis airson an fhilm èibhinn aca, Eilean nam Muc, anns a bheil tuathanach a’ feuchainn ri marag dhubh nas bàidheile a thoirt gu buil.

Choisinn Àrd-sgoil Àird nam Murchan ann an Àth Tharracail dà dhuais airson an dà fhilm aca am-bliadhna. Chaidh an sgoil ainmeachadh ceithir tursan uile gu lèir agus nach iad a bha airidh air an duais Riochdachadh Eadar-nàiseanta FilmG airson Reòite agus Duais Ghàidhlig an Luchd-ionnsachaidh airson An Cuach, na h-Iuchraichean agus an Dron.

’S i Alice Ghòrdan à Glaschu a choisinn an duais Filmeadair Òg as Fheàrr leis an fhilm inntinneach aice, An Losgann agus An Sgairp, a tha a’ toirt an luchd-amhairc air turas don taobh dhorcha de saoghal nam blogaichean. Chaidh Alice ainmeachadh air geàrr-liosta Cluiche as Fheàrr cuideachd airson a cuid cleasachd san fhilm le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Ar Solas.

Agus ’s e sgoilear eile aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Conor Galbraith, a choisinn an duais Cluiche as Fheàrr mar Detective John Reid anns an dràma poilis, Fo Chasaid Muirt.

Chaidh an duais Riochdachadh as Fheàrr a bhuileachadh air Àrd-sgoil a’ Phluic ann an Siorrachd Rois airson an dràma eucoir aca, An Corp, anns a bheil murt is amharas air an taobh siar.

Ghlèidh Sgoil an Rubha ann an Eilean Leòdhais an duais airson Film as Fheàrr le Buidheann Òigridh le Cuairt Cuimhne anns a bheil sgeul cridheil mu na dòighean as urrainn dhuinn ionnsachadh is taic a chumail ri càch a chèile thar nan ginealaichean.

Thèid prògram cuirm duaisean FilmG aig The Old Fruitmarket ann an Glaschu a chraoladh air BBC ALBA, Dihaoine, 21 An Gearran, aig 9.00f.

MG ALBA ainmichte mar aon de na h-àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an TBh

Chaidh MG ALBA a-rithist ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an telebhisean, a rèir fear de phrìomh irisean a’ ghnìomhachais.

Airson a’ chòigeamh bliadhna co-leantaileach, tha Broadcast Magazine air a’ phrìomh chom-pàirtiche air cùlaibh BBC ALBA ainmeachadh mar aon de na 30 àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an gnìomhachas telebhisein.

Le dealas a bhith ag aithneachadh an luchd-fastaidh as fheàrr ann an TBh, tha Broadcast a’ measadh chompanaidhean air gach rud bho cheannardas agus planadh gu cultar corporra, àrainneachd obrach, trèanadh agus tuarastal.

Tha MG ALBA air nochdadh air an liosta gach bliadhna bho thòisich e ann an 2016 – a’ co-roinn an urraim sin le dìreach dà chompanaidh eile à Lunnainn – Shine TV agus Dragonfly TV.

Stèidhichte mar cheannard ghnìomhachais, tha am buidheann craolaidh a’ fastadh cha mhòr 40 neach-obrach thar làraich ann an Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Glaschu.

Aithnichte gu sònraichte mar chom-pàirtiche air cùlaibh BBC ALBA, tha am buidheann cuideachd na phrìomh chom-pàiritiche air LearnGaelic, goireas ioma-chùimseach air-loidhne airson a‘ chànain, agus airson FilmG, farpais fhilmichean goirid Gàidhlig a bhios a’ ruith gach bliadhna.

Tha an geàrr-liosta air a chruthachadh tro rannsachadh neo-eisimeileach air a dhèanamh leis an iris, le ceannardan agus luchd-obrach bho chompanaidhean air feadh na RA air iarraidh na beachdan aca a thoirt seachad mun bhuidheann agus an cultar obrach aca fhèin.

Thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA Dòmhnall Caimbeul:

“Tha MG ALBA a-rithist aithnichte mar shamhla de dheagh mhodh-obrach ann an gnìomhachas nam meadhanan an dà chuid ann an Alba agus san RA gu lèir. Tha ar dealas ri slàinte is sunnd ar luchd-obrach agus dha ar luchd-amhairc agus dhan choimhearsnachdan a‘ cruthachadh faireachdainn làidir de chòmhlachas agus cultar a tha a‘ brosnachadh cruthachalachd agus tàlant.

“Tha na meadhanan Gàidhlig a‘ toirt buaidh mhòr eaconomach gu sònraichte air a‘ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus a‘ cruthachadh gu obrachaidhean a tha sàr-amasach. Tha mi cho moiteil gu bheil MG ALBA a-rithist ainmichte mar fhear de na h-àiteachan as fheàrr a bhith ag obair ann an telebhisean agus leanaidh sinn le ar saothair gus in-ionmhas a chosnadh airson nam meadhanan Gàidhlig agus airson ar luchd-amais a fhrithealadh.”