Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Sreath ùr DIY air BBC ALBA

30 Giblean 2024

Coinnich ri farpaisich Dùbhlain DIY (Instructions Not Included)

Dèan deiseil airson taisbeanadh DIY as t-earrach agus amaitearean Albannach a’ dol aghaidh-ri-aghaidh ann an sreath dùbhlain TBh ùr, Dùbhlain DIY (Instructions Not Included).

Air a chraoladh gach Diluain aig 8.30f bho 6 Cèitean, bidh an t-sreath còig-phàirteach air BBC ALBA a’ leantainn sia paidhrichean – air a dhèanamh an àrda bho chàraidean pòsta, buill teachlaich agus caraidean – agus iad a’ farpais airson duais airgid £2000 agus ainm neach-DIY as fheàrr.

A’ brosnachadh na dùthcha gu bhith a’ deanamh DIY, le seasmhachd aig a’ chridhe, chì sinn na paidhrichean a’ sabaid ann an sreath de ghnìomhan ùrachadh dachaigh – le rudan ris nach robh dùil.  Às aonais stiùireadh sam bith ri leantainn, feumaidh na càraidean na neartan eadar-dhealaichte agus na tàlantan cruthachail aca a thoirt chun cho-fharpais gus faicinn cò a bhuannaicheas.

Bidh cuid a’ soirbheachadh agus bidh cuid ann nach eil a’ faighinn air adhart cho math ach is fhiach a’ cho-fharpais, le aon chàraid air a chuir às an fharpais gach seachdain, a’ cur an sgilean – agus an dàimhean – gu deuchainn.

A’ tighinn bho air feadh na h-Alba, tha farpaisich Dùbhlain DIY (Instructions Not Included) a’ toirt a-steach:

  • Caraidean à Eilean Leòdhais agus BBC Radio nan Gàidheal, an cleasaiche Marisa NicDhòmhnaill agus croitear bho An Lot, Dòmhnall “Sweeny” MacSuain;
  • Peathraichean à Càrlabhagh, Iseabail NicLeòid, neach-lagha a tha a-nis stèidhichte ann an Steòrnabhagh, agus buannaiche Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, Tormod MacLeòid;
  • Dithis pòsta a tha a’ fuireach ann an Leòdhas, Marie Duke (às an Eilean Sgitheanach bho thùs) agus an duine aice, neach-deasachaidh film, Pòl (à Bail’ Ùr an t-Slèibh bho thùs);
  • Caraidean à Glaschu, an seinneadair Josie Duncan (à Lacasdail, Leòdhas) agus neach-ealain is neach cruthachaidh susbaint, Choirstaidh Iona NicArtair (à Grianaig);
  • Càraid pheathraichean à Eilean Leòdhais, Donna Barden agus Mina NicNeacail; agus;
  • Co-oghaichean à Uibhist a Deas ag ionnsachadh ann an Glaschu, Alasdair Caimbeul agus Calum Mac a’ Mhaoilein (a thogadh ann am Bornais)

Bho àirneis flat-pack gu na cruthaichaidhean aca fhèin air a dhèanamh le stuthan ath-chuairtichte, bidh feum aca am mac-meanmna a chleachdadh.

Thuirt farpaiseach Dùbhlain DIY, Tormod MacLeòid: “Bidh mi uaireannan a’ feuchainn mo làmh air DIY. Tha mi air flat-packs a chur ri chèile mar a h-uile duine eile agus tha mi air feannag no dhà a thogail airson mo ghàradh. Bidh mi a’ feuchainn ri rudan a cheartachadh nuair a bhios feum orra cuideachd, ach gu cinnteach chan e neach-proifeasanta a th’ annam.”

Le dòchas beagan ionnsachadh air an t-slighe, thuirt a phiuthar, neach-lagha, Iseabail NicLeòid: “Dh’ionnsaich mi tòrr bho m’ aithair – ‘s e iasgair, saor agus neach-togail a bh’ ann agus b’ urrainn dha a làmh a chuir gu rud sam bith. Bhithinn tric a’ cur seachad ùine ga chuideachadh a’ dèanamh agus a’ càradh rudan ach b’ fheàrr leam gu robh mi air barrachd ionnsachadh! Bidh mi an-còmhnaidh a’ feuchainn ri rudan a chàradh timcheall an taighe oir cha toil leam cho caitheach ’s a tha cùisean air a dhol. Chan eil mi cinnteach dè cho math ’s a tha mi air cuid a rudan ach is fhiach feuchainn an-còmhnaidh!”

Bidh an t-sreath air a lìbhrigeadh leis a’ phreasantair TBh agus rèidio Derek “Pluto” Moireach, còmhla ris a’ phrìomh bhritheamh – neach-ciùil agus saor sgileil Iain “Spanish” MacAoidh agus bidh an dithis aca a’ dèanamh cinnteach gum bi gàire gu leòr ann air an t-slighe. A’ faighinn taic bho bhritheamh eòlach gach seachdain, faodaidh luch-amhairc a dhol còmhla ris an fhealla-dhà fhad ’s a tha na càraidean a’ farpais airson an tiotail.

Thuirt am preasantair Derek “Pluto” Moireach: “Dèan deiseil airson an deuchainn seo air cruthachalachd, innleachdas agus sgil leis a’ cho-fharpais DIY ùr againn, le dùbhlain ach às aonais stiùireadh – mar nach biodh togail àirneis flat-pack stressful gu leòr! Ged a tha dìth stiùiridh aig na farpaisich, tha iad air leth math ann an dealas is craic.”

Thuirt am breitheamh Iain “Spanish” MacAoidh: “Bidh am prògram seo a’ comharrachadh cultar DIY na dùthcha – ge bith an e neach a tha dèidheil air DIY a th’ annad no nach e, bheir Dùbhlain DIY rudeigin do luchd-amhairc. Fhad ‘s a  tha sinn a’ tabhann deagh chraic, tha sinn an dòchas gum brosnaich e iadsan aig an taigh pròiseact ùr aca fhèin a thòiseachadh.”

Ach cò bhuainneachas Dùbhlain DIY agus am bi iad fhathast nan caraidean?

Na shreath cho-phròiseact eadar Demus agus Seaglass Productions, bidh Dùbhlain DIY (Instructions Not Included) a’ nochdadh an toiseach air BBC ALBA agus BBC iPlayer Diluain 6 Cèitean aig 8.30f (ann an Gàidhlig le fo-thiotalan Beurla), le prògraman seachdaineil rim faighinn gach oidhche Luain.