Choinnich cuid de bhuannaichean farpais Vlog a’ Mhòid ann an Glaschu gus an duaisean a thogail bho bhritheamh Hannah McKirdy.
Seo an dàrna bliadhna de dh’fharpais Vlog a’ Mhòid aig MG ALBA – farpais a tha a’ strì airson brosnachadh susbaint Gàidhlig air a chruthachadh le luchd-cleachdaidh. Bhathar ag iarraidh air na farpaisich vlogan goirid mun Mhòd ullachadh. Dh’fhaodadh na vlogan a bhith air an ullachadh le neach-com-pàirteachaidh, neach-amhairc telebhisein, neach-èisteachd rèidio, britheamh no neach-taic a’ Mhòid. Fhuair an neach a bha soirbheachail anns gach roinn duais de chamara GoPro.
Thuirt Hannah McKirdy, aon de na britheamhan airson farpais Vlog a’ Mhòid: “Chanainn gu bheil na bhuannaich am-bliadhna nan deagh eisimpleirean de cho cruthachail ’s as urrainn dhut a bhith ann an Gàidhlig gun a bhith a’ cleachdadh ach fòn-làimh. Sheall iad gu soirbheachail na bha a’ dol air iomall a’ Mhòid ann an Loch Abar am-bliadhna, fiù ’s mu nach d’ fhuair iad ann, ’s thug iad iomadh ghàire oirnne a bha gan coimhead!”
Ann am farpais nan inbheach airson vlog singilte b’ e Ross Wilson à Glaschu a bhuannaich. Aithnichte bhon chòmhlan Tide Lines, rinn Ross bhidio èibhinn taobh a-staigh bùth-àirneis ainmeil ann an Glaschu mu mar a bha e air a’ Mhòd a chall am-bliadhna. A rèir nam britheamhan, b ’e innleachdas Ross an t-adhbhar a dh’fhàg e airidh air an duais. Ann am farpais nan inbheach airson sreath bhidiothan, b’ i Fiona NicChoinnich à Canaigh a shoirbhich. Chan ann a-mhàin gu robh Fiona a’ toirt sealladh air mar a bha i fhèin a deisealachadh airson a’ Mhòid, a’ siubhail chun a’ Mhòid agus a’ farpais; cuideachd bha Fiona a’ toirt iomradh air mar a bha ise a’ faicinn cùisean aig a’ Mhòd.
Bha Fiona a’ faicinn cothroman dhith fhèin agus dha Canaigh san fharsaingeachd le duais an GoPro: “Tha an GoPro a’ ciallachadh gun urrain dhomh vlog seachdaineil a chruthachadh, ‘Canaigh thairis air na Ràithean’. Bithidh seo a’ toirt a-steach Taigh Chanaigh agus an gàrradh, an cladach, na speuran, giomaireachd fo agus os cionn nan tonn agus an stèidheachadh, ma thèid air, de CollieChamChanaigh leis an dà chuilean agam.”
Ann an roinn na h-òigridh airson vlog singilte, b’ e Anndra à Geàrrloch a bhuannaich, leis a’ vlog singilte mu dheidhinn a sheachdain aig a’ Mhòd. Eadar farpaisean-ciùil, seinn, leughaidh agus còmhraidh bha seachdain trang aig Anndra agus abair gun robh sin follaiseach sa bhidio aige. ‘S e Eòin, bràthair Anndra, a bha anns an dàrna àite san fharpais seo.
Ann an roinn sreath vlog na h-òigridh, bhuannaich na bana-charaidean Ceitidh agus Breagha à Inbhir Nis airson an darna bliadhna. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil GoPro an duine aca a-nis, agus cothroman barrachd bhidiothan a dhèanamh. Thug iad dhuinn sreath de vlogan a dh’innis sgeulachd seachdain a’ Mhòid ann an dòigh beothail is spòrsail.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: ‘’S e rud fìor chudromach a th’ ann dha MG ALBA gum bi sinn a’ brosnachadh susbaint chruthaichte le luchd-chleachdaidh agus ’s e Vlog a’ Mhòid aon dòigh dhuinn sin a dh’adhbharachadh. Tha e na thlachd dhuinn a’ faicinn na rudan èibhinn agus earbsach bhon fheadhainn a bha soirbheachail am-bliadhna agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri barrachd de sin an dà chuid tro fharpaisean agus taobh a-muigh na farpaisean.”